VII.
NAIGHEACHDAN.
CHA’N ’eil naigheachdan coitchionn na rìoghachd aig an àm ro thaitneach. Faodar a ràdh air chinnt gu’m bheil nèul dorch’ os ar ceann, agus breitheanais Dhé, an iomad dòigh, amach air ar tìr. Tha aon aobhar taingealachd gu’m bheil sìth eadar na rìoghachdan, a’s nach eil comh-strì, no cogadh eadar Breatunn a’s aon chearn’ eile de’n t-shaoghal. Cia co fhad ’sa bhitheas e mar so tha e doirbh a ràdh. Tha na Frangaich guineach mar a bha iad riàmh na’r n’ aghaidh, agus nam bitheadh an leithsgeul’ bu lugh’ aca bhitheadh iad n’ ar badaibh gun dàil. Ach tha ’n sean rìgh Louis Phillippe, a tha nis dlùth air ceithir fichead bliadhn’ a dh’aois, na dhuine sìthcheal, smachdail, agus ro sheòlta. Fhad ’sa chaomhainear esan tha dòchas nach teid briseadh air sìth na Roinn Eòrpa:
Tha cogadh eadar Staidean America, agus dùthaich Mhecsico a tha luidhe ri taobh deas agus an Iar-dheas de na Staidean—dùthaich a bhuineadh aon uair do’n Spàinnd: ach a tha ’nis a seasamh air a buinn féin, agus anns am bheil dlùth air deich muilleinean sluaigh. —Se America a thòisich air an iorghuill so, agus tha buaidh nam blàr leatha. Chuir a h-armailtean an rùaig air muinntir Mhecsico anns gach cath; ach cha tug iad an dùthaich fathasd fo chìs: agus an déigh mòran dhaoine, agus maoin a chall cha’n fhaic sinn gu’n do bhuannaich i bheag de mhaith. Cia mar a chriochnaicheas an cogadh ro fhuileachdach agus mortail so cha’n urrainn duin’ air bith a ràdh.
Cha robh malairt, a’s marsandachd riamh ann an staid a b’ ìlse n’ ar rìoghachd féin na tha i aig an àm. Thainig briseadh air na tighean marsandachd a b’ ainmeile bha anns an dùthaich. Dh’ fhàilnich cuid dhiubhsan aig an robh an creideas a b’ àirde: agus mòran diubh ann an suim airgid a tha spleaghach r’a ainmeachadh—cuid an trì, an ceithir, an cùig céud mìle—agus feadhain os a cheann so: agus tha mòran dhiubh nach dìol crùn, no leth-chrùn féin ’sa phunnd Shasunnach. Thug na marsandan mòra sgaoth de dh’ fheadhain eile gu làr leo: agus feudar a ràdh gu’m bheil leth nam bailte mòra gu léir mar gu’m b’eadh air an uilinn. Ghabh luchd malairt an airgid (Bankers) an t eagal, ’s an fheadhain aig an robh òr ghlais iad a suas e: agus cha robh airgiod r’a fhaotainn an iasad, no air chreideas gun àrdachadh ro mhòr air riadh, agus gun a leithid de dh’urras s’ nach b’ urrainn ach fior chorra dhuine ’thoirt seachad. Bha so deuchainneach air luchd malairt de gach seòrsa—air na dròbhairean am measg chàich. Thug e tilleadh mòr air margaidhean, agus air cosnadh. Dhùineadh a suas muillean Cotain, agus oibrichean Iaruinn. Is iomad simealar mòr as an robh smùid a chìte na mìltean air astar a tha nis air a smàladh as, agus gleadhraich am builg-shéididh nan tosd. Ach se cuid is truaighe gu’m bheil, an lorg so, anabarr de luchd-oibre air am paigheadh dheth agus iad féin ’s an teaghlaich a nis ann am bochduinn ’s ann an cruaidh-chàs. Tha eagal oirnn nach bi a chùis ni ’s fearr car ùine bhig: ach ’s eiginn dhuinn a bhi beò ann an deagh dhòchas.
Tha Ard-chomhairle, no Parlamaid, na rìoghachd an déigh cruinneachadh, agus da rìreadh ’s ann gun tuisge ’s gun mhothachadh a tha ’n duine sin nach guidh air Dia an sdiùradh a chum nan nithean sin a tha gu fìor mhaith na dùthcha chur air aghaidh. ’S e ’n gearan mòr a tha ’m measg dhaoine gu’m bheil an t-òr gann; ’s da rìreadh cha n’ iongantach ged a robh. Chaidh anabarr dheth a mach as an dùthaich do rìoghachdan eile ’cheannach lòin, an lorg na gainne ’thainig air an dùthaich ’sa bhliadhna ’chaidh seachad. Ann an cuig mìosa déug thugadh an t-shuim so a tha duilich eadhon a chunntas £33,563,476—trì muillinean déug thar
Ach mòr mar a tha ’n t-òr a chaidh a mach as an rìoghachd, agus a thug lomadh, agus gainne air an dùthaich cha’n ’eil e ach suarrach an coimeas ris na chosd na slighean iarruinn sin (no railroads) a tha toirt a leithid de dh’atharrachadh mòr air aghaidh na tìre. Air a bhliadhn’ a chaidh seachad chosdadh còrr a’s ceithir fichead muillein ’s a deich de phuinnd Shasunnach £90,000,000—air na h-oibribh so. Agus ged nach eil an t-shùim so air a call cha’n’ eil i aig an àm ach mar phòr fo ’n fhòid a bheir bàrr pailt seachad ri ùine, tha sinn an dòchas, ach cha n’ ann gus an téid an t-Earrach, ’s an Samhradh seachad. Chuireadh bacadh air mòran de na h-oibrichean so an tràs’ —air do’n luchd-riaghlaidh a bhi ’m beachd nach deanadh an cur air an aghaidh ach tuille éiginn a’s brisidh a thogail air feadh na dùthcha. Is furasd fhaicinn gu’m féum mòran de na cosnaichean a bha ’g obair air na railroads so mata a nis an aran a chall. Tha na mìltean diubh air am pàigheadh dheth; agus is duilich leinn gu’m bheil mòran diubh a bha ann an làth a phailteis ri struighe ’s ri anacaitheadh am biadh, ’s an deoch, a dh’fhaireas a nis cia ro amaideach ’s a tha e an sùilean a dhùnadh air an la maireach, no a dhì-chuimhneachadh sa ’n làth gheal ghrianach gu’m bheil an latha fliuch fuar a feitheamh orra.
Ann an aithris naigheachdan na rìoghachd cha tig dìchuimhn a dheanamh air an nìth sin mu’m bheil a Phàrlamaid a smaoineachadh ’s a labhairt gach aon làth bho’n a chaidh iad cruinn. ’Se sin cor na h-Eirionn. Tha’n cor so truagh, agus uamhasach thar cainnt, no smuaint. Tha ganntar, agus gort eagallach air feadh mòran de’n tìr; agus na céudan a dol bàs. Ni’s measa, tha mì-riaghalt, slaid, agus mort a dol air an aghaidh gach làth. Tha cuid de na daoin’ is fearr ann san dùthaich air an tilgeadh, mar
“Gu dearbh tha cobhair dlùth do’n dream,
A dh’earbas as gu fior.”
Bheir sinn cunntas nis mine air Eirinn san ath-àireamh.
title | VII |
internal date | 1848.0 |
display date | 1848 |
publication date | 1848 |
level | |
reference template | Fear-tathaich nam Beann I %p |
parent text | Number 1 |