VIII.
CHLOROFORM.
Tha fiabhruis càil-eigin n ’is eutruime ann an Glascho na bha iad air a mhìos a chaidh seachad, ’nuair a bha barrachd air dà cheud deug anns na tighean fiabhruis a mhàin, a thuillidh air na bha tinn nan tighean féin. Fhuaradh innleachd chiatach a mach bho cheann bheagan sheachdainean, le Doctair Simson ann an Dùnéidean, ris an canar Chloroform. Tha e soilleir mar uisge, milis na bhlas, agus cùbhraidh na fhàile. Ma shilear mu leth làn spàine bhig (Spàine Thì), air neapaigin, agus ma chomhdaichear am béul, agus cuinneanan na sròine leis so air chor agus gu ’n tàirnear an anail troimhe, grad thuitidh an urradh ann am platha’ anns am fuirich e co fad’ agus a dh’ fhàgar an neapaigin air a bheul.
Tha casan agus làmhan g’an gearradh do na h-euslain, ann an Tighean-eiridinn Rìoghail Ghlascho, agus Dhùnéidin, gach dara latha, gun phéin, agus gun fhios a bhi aca gu’n robh carbhaireachd sam bith ga dheanadh orra.
Nach aidichear gu ’r mòr an t-sochair so, ’n uair a dh’ innsear dhuibh gun fhocal bréige, gu’r h-iomadh bean ri saothair cloinne a chuireadh ann am plagha’ leis a Chloroform, agus a thug a sliochd dhachaidh, gun phéin no gun fhios a bhi aice ciod a bha dol air aghaidh, gus an d’thugadh bho ’béul an naipigin, agus gus an cual i sgreachail an leinibh. —Rob Ruadh.
Feuchaidh sinn tuille ’thoirt air aghaidh na dheoghain so, mu thimchioll a’ ghnothaich so. Cha’n aithne dhuinn gu ’n d’ fhuaradh a mach ’n ar latha no ri ’r linn, ìnnleachd, ma dh’fheudar ìnnleachd a ràdh ris, is iongantaiche na ’nì so air am bheil Rob Ruadh a labhairt, agus air an tug daoine mar ainm Chloroform! Tha dearbhadh
title | VIII |
internal date | 1848.0 |
display date | 1848 |
publication date | 1848 |
level | |
reference template | Fear-tathaich nam Beann I %p |
parent text | Number 1 |