[32]

OTAGO, NEW ZEALAND.

BHON sheòl longaibh á Thames agus á Cluaidh chum na Tuinneachaidh Albannaich Otago, ann aNew Zealand, le buidheana mora de luchd-imrich agus a bha iomadh nach dfhuair air falbh leò a chion rùim, a rinn deas airson falbh, tha e leis aso air innse gun teid longaibh eilechur air falbh cho luath sa theid na tha air iarraidh leis na riaghailtean den fhearann a chreic.

Iadsan air am bheil a mhiann fearann a cheannach gheibh iad gum bi e nam fàbhar tighinn air an aghaidh gun dàil, agus an £12 10s a chur an lamhan a chomuinn airson gach Staid a thamhiann orracheannach; agus bhon tha mòran de dhainmeanan atighinn a stigh, agus muinntircheanafastadh an leapaichean maraonsa Chabin agussa Steerage, tha e air a dhìan mholadh gun tigeadh, araon muinntir shìngilte agus teaghlaichean, air am bheil a mhiann seòladh leis na ciad longaibh air an adhairt gun dàil, air eagal gun tachair a leithid de thapaig a rithis.

Tham fearann a tha ra chreic, den t-seòrsis fearr, air a thaghadhs air a thomhas le luchd sgile tha eolach agus cliùiteach. Do thaobh staid nan sìontaine (climate) ann aNew Zealand chaneil nas falaine air an t-saoghal do neach a thogadh am Breatunn, agus tha arbhar agus luibhean-gàraidh na cha ainmeil. Tha i, cuideachd, comharraichtairson cruibhus chaorach, agus thamachsa stigh de chrìochaibh Otago farsuingeachd mhòr de raon toirteil airson ionaltraidh, a chuireas dheth, a réir beachd dhaoine, olainn co math ri olainn Australiaféin.

Tha na cothraman so, ’nuair a chumar, ’s an àm cheudna, ’s an amharc suidheachadh sonraicht’, agus biùthas na Tuinneachaidh, a thagabhail a steach gun teid ministirean an t-soisgeul, agus maighistirean scoilechur leis an t-sluagh, ga fhàgail àrd-airidh air roghainn agus smaoin muinntir air am bheil a mhiann an dùthaich fhagail.

Gheibhear gach fiosrachadh feumail mu na cùmhnantan air am faighear fearann, mu airgiod aisig, mu aiseag anasgaidh, agus mu nithe mionaideach eile, aig seòmraichean comuinn Otago, Aireamh 5, George Street,Duneidin, J. M‘Glashan, Secretary;agus aig Aireamh 3, West Nile Street,Glascho, Dr Aldcorn, Secretary.

A’ cheud mhìos, 1848.

Printed and Published at 145 Argyle Street, Glasgow, by WILLIAM GILCHRIST, residing at 22 Centre Street, Tradeston.

title[coda]
internal date1848.0
display date1848
publication date1848
level
reference template

Fear-tathaich nam Beann I %p

parent textNumber 1
<< please select a word
<< please select a page