[[1]]
[1]

AN SEÒL AIR AN CÒIR AN SGADAN

A GHLACADH AGUS A GHRÉIDHEADH.

Air a chlòdh-bhùaladh, agus air a chraobh-sgaoileadh, le Cuideachd Urramaich Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich.

THA Sgadan ùr, an uair a bhitheas e ann an deagh chuladh, ’na bhiadh saor, blasda, agus fallain, agus tha e luachmhor mar theachd-an-tìr, an uair a bhitheas e gu h-ealamh agus gu ceart air a ghréidheadh. Ach tha luach an Sgadain do thaobh so, gu h-iomlan an crochadh ri staid an éisg an uair a ghlacar e, agus ris an ealamhachd agus achùram a ghnàthaichearn àm a bhig a ghréidheadh.

Féudar an Sgadan, do thaobh a staid, a ròinnna thri seòrsaibh; ’se sin ri ràdh, An Sgadan glan, —An Sgadan salach, —agus An Sgadan ruithte. Is e An Sgadan glan an sgadan sin anns am bheil an iuchair agus amhealag gu riochdail air an dealbhadh; gidheadh, ann an tomhas gun a bhi mòr. Tha e ceart a thuigsinn, gur i so an staid anns am fearr am bheil an t-ìasg air son lòin, agus anns am freagarraiche gu mòr do thaobh blas agus beathachaidh. Ged nacheil esan staid so, co mòr ann an tomad is an uair a bhios e salach, gidheadh, tha e da rìreadh mòran nis reàmhra, oir tha mèud na h-iucharach agus na mealaig acur tomaid mealltach dhen ìasg shalach, an uair a tan t-ìasg fein, [[2]]


[2] a réir sin air a lughdachadh. Tha gidheadh, am barrachd déigh air an Sgadan shalach, air sgàth amhargaidh do thaobh a bharrachd mèud. Is e An Sgadan ruithte, an sgadan sin a ta leis achlaidh air a thoirt gu staid thruagh, chaol, agus bhochd, agus mar sin air a dheanamh neo-bhlasda, agus ann an tomhas mòr no beag mi-fhallain mar bhiadh an uair a ta e ùr, agus ann an tomhas nis na sin, an uair a shaillear e. Mar is luaithe a ghlacar e an déigh achlaidh, is ann is miosa e, agus mar is fhaide an ùine a théid seachad an déigh dha cladhachadh, is ann is blasda agus is fallaine a bhitheas e. Achse is fearr an còmhnuidh gun an Sgadan a ghlacadh, agus gun fhéum a dheanamh dheth, air chor sam bith, gus am bi làn ùine aige gu brotuchadh, agus gu culadh a ghabhail, an déigh mar a chlaoidheadh e leis achlaidh.

Is iad na h-Iàsgairean, —An Luchd-gréidhidh, —An Luchd-cutaidh, —An Luchd-saillidh, —agus Na Cùbairean, amhuinntir sin fa leth aig am bheil e mar cheaird, am bathar-malairt sin a dheanamh suas, ris an abrar Sgadan saillte no Sgadan piceilte. Mar dean gach buidheann dhiubh so gu ceart, an earrann sin don obair a bhuineas gu h-àraidh dhoibh fein, an sin, féudaidh uile luach an éisg a bhi air a lughdachadh co mòr, is nach gabh e a chaoidh reiceadh. Bu chòir do gach buidheann, uime sin, an dleasnas fein a dheanamh gu cùramach agus gu sèolta, a chum, air do shùil nan uile a bhi air an aon chuspair, gum féud iad, len dìchioll fein maraon, ruigheachd air an ro ìomlanachd gréidhidh sin a ta idir comusach. Ma bhitheas na h-Iàsgairean co mi-churamach ann an làimhseachadh an éisg, is gum mìll iad e air shèol sam bith, chan urrainn an Luchd-gréidhidh an cron ath-leasachadh; agus ma thig an Luchd-gréidhidh gearr air an dleasnas fein, cha bhi dìchioll an Luchd-cutaidh agus an Luchd-saillidh chum féum sam bith, air son am mi-chùraim-san. Agus ged a dheanadh iad so uile an gnothuch fein gu maith, ma bhitheas na Cùbairean mi-fhaiceallach mun dleasnas shònraichte fein, than t-ìasg air fheabhass gun gréidhear e, an cunnart a bhi air a mhilleadh.

[[3]]
[3]

Air an aobhar sin, fèumar a bhig amharc gu géur thairis air an luchd-ceaird so fa leth; , nacheil chum mòr-chosdais ma nithear gu ceart e; ach , aig am bheil abhuannachd so, gun dean e cìnnteach gum bi an Sgadan air a dheagh-ghréidheadh, agus gum faigh e féill ealamh; agus gun àrduich e cliù na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich fathast nis àirde ann an dùchannaibh an céin.

title1
internal date1846.0
display date1846
publication date1846
level
reference template

Seòl %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page