[[10]]
[10]

LUCHD-GRÉIDHIDH.

Mu tha an toil aig an luchd-gréidhidh bu chòir a bhi aca, chum a thoirt orrasan a tag ìasgach air an son, an sgadan a làimhseachadh gu cùramach on àm anns an glacar e, gus an toirear seachad e, bu chòir doibh an dìchioll a dheanamh chum deagh eiseimpleir a chur rompa, le bhi faiceallach gun deanar gach ni gu pòngail agus gu dligheach air an taobh fein. Mu dhfhàgas iad an sgadan, an deighfhaotuinn, anns na soithichibh-gréidhidh, rùisgte ris aghréin agus an uisge, chaneil e coslach gum bi a bheag do chumhachd aca chum ìmpidh a chur air na h-ìasgairibh an sgadan a chrathadh as na lìontaibhn àm a bhig an tarruing, no a bhi faiceallach air sheòl sam bith mu thearuinteachd an éisg, do bhrìgh gum biodh gach cùram mar sin gun fhéum, nam biodh am fear-gréidhidh dearmadach mun sgadan an déighfhaotuinn. Is e gnothuch an fhir-gréidhidh, uime sin, a bhi faiceallach gum bi na soithichean, no na ballain-cumail air an còmhdachadh gu cùramach le brataibh-dùbhraidh, agus mar an céudna, gum bi na baraillean, an déigh an lìonadh, gu freagarrach air an còmhdachadh, agus air an dìonadh on ghréin agus on uisge. Tha mòran aig an aire a bheirear do na h-earailibh so ra dheanamh, a thaobh deagh-àinm’, no droch-ainman sgadain a ghréidhear ann am Breatunn, oir ma dhearmadar iad, bithidh an t-ìasg, a réir coslais, air mhodh do-leigheas air a thruailleadh. Mar as luàithe a chuirear salann air an sgadan, is ann as fearr an gnothuch, do bhrìgh gun daingnich e na lannan, ni a ta ro chudthromach air son seallaidh an éisg an deigh laìmh. Chum na crìche so, bu chòir salann a chrathadh thairis air, an uair a thaomar e, a chuid is a chuid asoitheach-tomhais aChrainn anns an t-soitheach-cutaidh. Bu chòir don sgadan a bhi an còmhnuidh air a chutadh, [[11]]


[11] air a shailleadh, agus air a phacadh, air an an glacar e. Mar gabh so deanamh, cha bu chòir da a bhi air a shailleadh mar sgadan air a chutadh. Féudar, gidheadh, a ghréidheadh mar sgadan gun chutadh, no mar sgadan dearg.

title3
internal date1846.0
display date1846
publication date1846
level
reference template

Seòl %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page