[[11]]
[11]

LUCHD-CUTAIDH.

Bu chòir tòiseachadh air an sgadan a chutadh agus a phacadh air bàll an déigh don chéud chrann a bhi air a thoirt seachad; ach than cleachdadh so tuilleadhs mòr air a dhearmad, gu h-àraidh air na làithibh anns nach do ghlacadh ach beagan, no an uair nach ceaduich an sèol-mara, an t-ìasg a bhi air a thoirt gu rìaghailteach seachad. Ged a tha na h-uiread don luchd-cutaidh a làthair, gidheadh, cha tòisich iad, gus am faighear uiread don ìasg is a bheir obair chunbhalach dhoibh air fad. Mar so, tha moille gun fhéum atachairt, agus air don ìasg a bhi air a leagadh ris, tha e an cunnart a bhi air a mhilleadh. Dhfhéudadh cùisean a bhi air shèol eile, agus abhuidheann air fad a bhi air an rìarachadh, le roinn chothromach a dheanamh eatorra fein uile, don duàis a gheibhear air làithibh mar sin, air son àireimh nam baraillean gu léir, a chaidh a chutadh agus a phacadh. Tha e ro fhéumail a bhi faiceallach gun cuirear an sgadan do gach gnè air leth, ’se sin, gun roinnear ena Sgadan glan, na Sgadan salach, agus na Sgadan ruithte; agus bu chòir sin a dheanamhn àm a bhiga chutadh, le soithichibh no le cléibh a bhi deiseil air son gach seòrsa fa leth. Chum nach tuitear ann am mearachd an déigh làimh, bu chòir do na baraillibh anns am bheil gach seòrsa éisg air a shailleadh fa leth, a bhi air an losgadh air bàll le ìarunn-comharaidh, leis na litrichibh G— —, S— —, R— —, mar chomharaibh aithghear air Glan, —Salach, —agus Ruithte. Bu chòir doibh-san a ta mar so, alàimhseachadh an éisg a bhi ro chùramach gun cùm iad an sgadan sin uile air leth, a chàill na cìnn, co math ris an sgadan a bhriseadh, a bhruthadh, no a réubadhsa bhròinn, chum gun saillear e ann an àit leis fein.

Tha droch cutadh, agus réubadh an éisg as achéile, gu tric atachairt ma bhitheas na sgeinean màol. Chum so ath-leasachadh, bu chòir na sgeinean-cutaidh a bhi air an cur uile cuideachd, agus a bhi air an toirt[[12]]


[12] gach feasgar do aon do na cùbairibh, agus bu chòir dàsan an aire a thoirt gum bi iad uile air an géurachadh gu cùramach air cloich mhìn, agus air an liubhairt a rìs anns amhaduinn don luchd-cutaidh. Chaneil teagamh, le sùim a ghabhail do so, nach bi an obair nis snasmhoire air a deanamh; —gearrar na cnàmhan, agus chan fhagar ris iad, agus cha bhi an coslas béubanaichte, briste sin air an ìasg, leis am bheil co minic mi-mhaisega cur air. Co aca than t-ìasg air a chutadh air son amhàrgaidh ann am mòr-thìr na h-Eòrpa, no air son dhùchannan an céin, bu chòir don fhosgladh a dhfhàgar aig sgòrnan an éisg a bhi co beagsa dhfhéudas, agus bu chòir a bhi cùramach nach réubar sios am broilleach, air chor is gun leigear ris na cnàmhan. Bu chòir do ghearradh na sgeine a bhi air a dheanamh anns an sgòrnan a stigh dhionnsuidh achnàimh-droma; an sin, rachadh car a chur don sgìan leis an làimh, agus rachadh a tarruing suas fo na h-itibh-broillich, agus chan ann sios air broinn an éisg, oir le sin, bhiodh am fosgladh tuilleadhs mòr, agus bhiodh an iuchair agus amhealag air an leagadh ris.

Féumar, chan e mhàin am mionach a thoirt as an ìasg, ach mar an céudna an grùan, aghoile, agus na gìurain. Air do na gìuranaibh a bhi làn fola, tha fios, mar toirear air falbh iad, gum malc iad an t-ìasg ann an ùine ghoirid an déigh dha a bhi air a ghlacadh. Bu chòir do ghearradh na sgeine a bhi air a dheanamh a stigh dhìonnsuidh achnaimh-droma, chum cead a thoirt don fhuil ruith gu sàor amòr-chuisle an éisg, ni a ta ro fhéumail chum an t-ìasg a ghleidheadh tearuinte an déigh làimh.

Chum an seòl Dùidseach air cutadh an sgadain a thuigsinn, féumar a thoirt fanear gum bheil an sgadan air a chumail ann an glaic na làimh chlì lebhròinn an ùachdar. Is còir don cheann agus do na gùaillibh a bhidol mun cuairt do dhòirleach a mach air achoraig agus an òrdaig. Glacar an sin, an sgìan-chutaidh anns an làimh dheas, agus biodh gréim aig achoraig agus an òrdaig air a duilleig mar òirleach don ròinn. An sin, sàthar an sgian ann an sgòrnan an éisg, air taobh na làimhe deise, gus an ruig i an cnàimh-droma, [[13]]


[13] agus gus am faicear an ròinn aice air dol troimh air an taobh eile. Lùbar an sin, achorag thairis air ceann an éisg, agus cuirear dìreach fo roinn na sgeine i, air an taobh eile, agus air an àm chéudna, biodh aghaidh na h-òrdaig air a leagadh air itibh-broillich an éisg, agus air a cur gu teann ri taobh leathann na sgeine. Is còir an sin, an greallach a ghlùasad gu socarach, agus gréim a ghabhail don mhionach, agus do na h-itibh-broillich eadar uilt na coraig agus amheoir-meadhoin, agus le spìonadh grad fàgar am mionach an crochadh a mach as an ìasg, agus tuitidh na giùrain, na h-ite-toisich, an cridhe, an grùan, agus gach ni eile, a stigh ann an glaic na làimh. ’Se so an seòl cutaidh a ta air a ghnàthachadh leis na Dùidsich, mu thimchioll an toirear fanear, nacheil féum ach air aon spìonadh, an uair a nithear an gnothuch gu ceart, chum gach ni a thoirt air falbh a chì iad freagarrach. Anns an t-seòl cutaidh Bhreatunnaich, chaneil ach a mhàin an càochladh so, gum féumar draghadh a thoirt air amhionach ùair, agus air amannaibh tri, agus ceithir uairean, mun toirear air falbh gach ni ann an taobh a stigh an éisg. Air an doìgh so, tha bliàn an éisg gu ro mhinic air a réubadh, do bhrìgh gum bheil an luchd-cutaidh atoirt an spìonaidh sios rathad an earbuill, an àit a thoirt suas rathad achìnn. Bu chòir don luchd-gréidhidh, uime sin, sparradh teann a thoirt don luchd-cutaidh, an spìonadh a dheanamh sùas rathad achìnn, agus chan ann sìos rathad an earbuill, chum am fosgladh a bhi co beagsa dhfhéudas e bhith, agus chum nach réubar broilleach an éisg. Than seòl cutaidh sin, leis am bheil am mionach air fhàgail, ro fhreagarrach air son amhàrgaidh air tìr-mòr na h-Eòrpa, far am bheil iadsa bharail gum bheil buaidh ro mhòr aig amhionach chum blas an éisg ath-leasachadh, agus far am bheil iad acumail a mach, mu bheirear air falbh e, gum bi coslas an sgadain gu mòr air a mhilleadh.

title4
internal date1846.0
display date1846
publication date1846
level
reference template

Seòl %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page