[[14]]
[14] LUCHD-SAILLIDH.
Bu chòir tòiseachadh air an ìasg a shailleadh leis an ealamhachd leis am bheil e air a chutadh; agus chum an gnothuch a bhi ceart, bu chòir do’n dà obair a bhi air an gìulan air an aghaidh còmhladh, le dithis a bhi ’cutadh mu choinneamh gach aoin a bhios a’ sailleadh. Co luath ’sa chutar a’ chéud sgadan, toisicheadh an sailleadh air ball. Bithidh an tuairmeis salainn a dh’ fhéumar, mòr no beag, a réir an ama do’n bhliàdhna, agus nàduir an sgadain, co math is a réir a’ mhàrgaidh chum am bheil e air a shonruchadh. Tha na Dùidsich a’ crathadh aoin bharaille do shalann mìn na Spàinn, no Phortugail air gach aon bharaill déug sgadain, chum gu’m bi e ni’s usa an làimhseachadh, agus tha iad a’ gnàthachadh aoin bharaille do shalann gàrbh, chum seachd gu leth, no ochd baraillean sgadain a dheanamh suas air son margaidh na h-Eòrpa. Mu gheibhear gu’m bi an tomhas salainn so leth-char beag, an sin, ath-leasaichear e le làn mèis a bharrachd a bhuileachadh air gach baraille. Tha e air a dheanamh mach gu’n gabh gach baraill sgadain beagan ni’s lugha n’an treas cuid do’n bharaill, do’n t-salann gharbh Spàinneach. Féumar a thoirt fa’near, gidheadh, ged a dh’ fhéudas an sailleadh Dùidseach a bhi freagarrach ni’s leoir chum sgadan a ghréidheadh gu blasda, air son am féuma fein, nach dean e an gnothuch idir, chum a leithid do sgadan a ghréidheadh air son a’ mhàrgaidh ’sa chòirdeas ris na ceannaichibh ann am Breatunn, no air tìr-mòr na h-Eòrpa. Ach an déigh so uile, féumaidh e bhi, gur iad a’ mhuinntir sin a ta air an cleachdadh ri sailleadh, na breitheamhna a’s fearr air an tomhas salainn is còir a bhi air a ghnàthachadh air son nam màrgaidhean sin fa leth, dh’ ìonnsuidh am bheil an t-iasg air a shònrachadh. A thuilleadh air sin, cha’n ’eil e soirbh rìaghailtean eagnuidh a thoirt seachad mu’n chùis so, do bhrìgh gu’m bheil iomadh gnè do’n t-salann-iasgaich ann an Liverpool, nach ’eil co-ionann ann an neart. Tha mòran luchd-gréidhidh ann, nach ’eil a’ gnàthachadh ach aon seòrsa salainn a mhain, an uair a ta mòran eile a’ gnàthachadh seòrsa na dhà feadh a chéile. Tha e gu tric a’ tachairt, gu’m bheil salann Lisboin agus Liverpool air an cur feadh a chéile, [[15]]
[15] chum sgadan an aoin bharaille a shailleadh.
An uair a bhios an t-
iasg glan agus saor o ronnaibh,
agus air a shailleadh fo chòmhdach moch ’
sa mhaduinn,
cha bhi an tomhas salainn a dh’
fhòghnas dha an sin,
idir ni’
s leòir air son an éisg a ta air a thruailleadh le ronnaibh,
agus a ta air fhàgail gu’
n shailleadh gu feasgar,
gu sònraichte ma bhios an aimsir bog na bruicheil.
Féumar,
gidheadh,
a chùimhneachadh mu ghnàthaichear salann na Spàinne,
no Phortugail,
gu’
n deanar gréidheadh ni’
s fearr leis,
na ghabhas deanamh le salann Liverpool.
Tha an sgadan an sin air a thoirt a dh’
ìonnsuidh nan dabhacha-
masgaidh,
far am faigh e a’
chéud chuid do’
n ghréidheadh; ’
se sin,
far an oibrichear e gu maith,
air ais agus air adhairt feadh an t-
salainn. ’
Nàm a bhi’
deanamh so,
bu chòir do’
n luchd-
saillidh tomhas freagarrach salainn a thilgeadh am measg an éisg,
an uair a thaomar e anns na dabhachaibh-
masgaidh,
agus bu chòir doibh a bhi sìr charuchadh an éisg,
gus an tuit a chòir fein do’
n t-
salann air gach sgadan fa leth.
Air do so a bhi air a dheanamh,
bu chòir rud beag salainn a chrathadh air màs gach baraille,
agus bu chòir do’
n fhear-
saillidh toiseachadh le bhi ’
leagadh an sgadain anns a’
bharaill ’
na bhreathaibh rìaghailteach.
Deanar suas gach breath,
le bhi’
leagadh an sgadain gu dìreach tarsuing air a’
bharaill;
ach féumar cùram a ghabhail,
gu’
n càraichear na cìnn dlùth ris na clàraibh air gach taobh,
leis na h-
earbuill a stigh,
agus gu’
n deanar suas am meadhon gu cothromach a réir sin.
Féumar a bhi cùramach gu’
n crathar salann air na cìnn; —
an sin,
biodh an sgadan cìnn air a chàradh suas, ’
se sin,
an sgadan a chuirear tarsuing air cìnn nan sgadan leis an d’
rinneadh suas a’
bhreath a leagadh a cheana,
agus faigheadh e crathadh beag salainn,
a ruigeas a stigh gu meadhon na breith.
Is còir an dàrna breath a shuidheachadh ceart mar a rinneadh a’
chéud bhreath,
ach is còir di a bhi air a leagadh gu dìreach tarsuing air a’
chéud aon,
mar so,
bithidh sgadan gach breith fa leth tarsuing air a chéile.
Bu chòir tomhas riaghailteach salainn a sgaoileadh thar gach breath,
agus air son so,
tha roghainn ’
ga deanamh do shalann St.
Ube,
no Lisboin.
An uair a bhios am baraill làn[[16]]
[16] bu chòir beagan a bharrachd salainn a chur air a’
bhreath-
mullaich.
Bu chòir do’
n sgadan a ta air a shònrachadh air son mòr-
thìr na h-
Eòrpa,
a bhi air a leagadh air a dhrùim;
ach air son a’
mhargaidh Eirionnaich,
nithear roghainn deth,
an uair a leagar còmhnard e,
no leth-
char air a thaobh.
Bu chòir do’
n ìasg anns gach baraill a bhi gu léir do’
n aon seòrsa agus gnè.
Tha’
n cleachdadh ro olc sin,
trìd an cuirear droch sgadan am meadhon a’
bharaille,
agus sgadan maith an ùachdar,
air’
fhaotuinn a mach luath no màll,
chum nàir agus mi-
chliu don fhear a ta ’
ga ghréidheadh.
Bu chòir na baraillean a lìonadh os ceann an eàrra,
agus am fàgail ’
nan seasamh mar sin gus an ath là,
no eadhon ni’
s faide.
Mar a leaghas an salann,
tuitidh an sgadan sios,
air chor is gu’
m féumar na baraillean a bhi air an lìonadh suas a rìs.
Air bàll,
an uair a bhios na baraillean làn,
bu chòir doibh a bhi gu h-
iomchuidh air an còmhduchadh,
chum nach ruig gathan na gréin,
no’
n t-
uisge air an ìasg.
Bu chòir do na soithichibh sin uile,
a ta air an sònruchadh air son saillidh an sgadain air na tràighibh,
no air na cladaichibh fosgailte,
a bhi air an uigheamachadh le seann siùil,
no le nithibh freagarrach eile,
chum an t-
ìasg a dhìonadh o’
n ghréin agus o’
n uisge;
oir ma sgaoilear air a’
chladach e,
gu’
n a leithid sin do chòmhdach millear e gu cìnnteach.