NA CÙBAIREAN.
’Se dleas’nas a’ chùbair a bhi faicilleach gu bheil a bharaillean gu léir air an deanamh gu ceart, agus gu bheil iad do’n mhèudachd laghail. Tha e anabarrach féumail g’um faigheadh e mach am bheil iad dìonach ni’s leoir chum a’ chéud phiceal a ghleidheadh, do bhrìgh mu chailleas iad e, nach ’eil ìnnleachd air ath-leasachadh a dheanamh air son an dòigh air am millear an t-ìasg. Bu chòir do na baraillibh a bhi air an deanamh a dh’ fhiodh air a dheagh chaoineachadh, agus bu chòir aire a thoirt gu’n deanar dìonach iad aig an eàrr, agus eadar na clàran, leis an luibh-uisge sin ris an abrar an gàll-sheilisdeir, no an luachair-mhòr, a chum gu’n gléidhear a’ chéud phiceal, ge b’e ciod a thachaireas. Aig àm an t-saillidh, bu chòir do’n chùbair, [[17]]
Mar a dh’ ainmicheadh a cheana, bu chòir do’n chùbair a bhios a lathair, a bhi faicilleach gu’m faigh an luchd-cutaidh sgeinean géura gach maduinn. Féumaidh e a bhi cùramach gu’n crathar salann am measg an sgadain ’n àm a bhi ’ga thaomadh anns na soithichibh-cutaidh. Bu chòir da a bhi furachair gu’n dean an luchd-cutaidh an obair fein gu ceart, agus aire a thoirt gu’m bi an sgadan air a roinn ’na sheòrsaibh a réir a ghnè, agus gu’n cuirear air leth esan uile a bhriseadh agus a mhilleadh; agus an sin, gu’n cuirear gu ro mhaith air feadh a chéile e, anns an dabhaich-mhasgaidh. Féumaidh e, an sin, a bhi cìnnteach gu’m bi gach baraill air a dheagh bhogachadh le h-uisge, agus gu’m bi na cearcaill air an cur gu freagarrach, mu’n toirear iad do’n luchd-saillidh. Bu chòir da, mar an ceúdna, sùil a chumail air an luchd-saillidh, a dh’ fhaicinn gu’m bi na breathan sgadain air an leagadh, agus air an sailleadh gu rìaghailteach, agus gu’n cuirear còmhdach air gach baraill air bàll, an déigh dha bhi air a lìonadh suas. Bu chòir do’n chùbair àinm an fhir-saillidh a sgrìobhadh le cailc-dheirg, no le gùal-dubh, air màs, no air taobh gach baraille, an uair a bheirear seachad e, agus mar an céudna, an là air an do shailleadh e, agus na litrichean G— —, S— —, no R— —, mar chomharadh co aca is e sgadan glan, salach, no ruithte, a ta anns gach baraill fa leth. Far am bheil an rìaghailt ghasda so air a cleachdadh, gheibhear gu’m bi i ’na bacadh air droch thaghadh air an iasg, [[18]]
An uair a thugadh cead sìolaidh do’n sgadan rè aoin, dhà, no a’ chuid a’s faide rè thri làithean, bu chòir na baraillean a lìonadh suas le sgadan a ghlacadh agus a shailleadh aig an aon àm, agus do’n aon seòrsa ris an sgadan a ta anns na baraillibh a cheana, agus bu chòir an aire a thoirt nach dòirtear a bheag do’n phiceal, agus nach deanar mòran bruthaidh air an ìasg. Bu chòir an sin, na cìnn a chur anns na baraillibh, an teannachadh anns na cearcallaibh, agus an cuir ’nan luidh air an taobh. Rachadh so a dheanamh an còmhnuidh fo chòmhdach, chum an dìonadh o ghathaibh na grèin, a ta ro mhillteach do’n iasg. Tha e freagarrach an sin, leth char a chur diùbh, gach dàrna agus treas là, gus an ath-lìonar iad. Bu chòir na baraillean ath-lìonadh air an taobh a stigh do chuig là déug o’n àm ’san do ghlacadh an sgadan; agus na biodh e air a dheanamh ni’s luaithe no’n uine sin, mu’s miànn leis an fhear-gréidhidh comharadh dligheach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich fhaotuinn aig àm an ath-lìonaidh. An uair a bhios ni’s leòir do’n phiceal air a tharruing deth, bu chòir glacaid salainn a chrathadh ceithir thimchioll a’ bharaill air an taobh a stigh, ’se sin ma chithear féum air; agus bu chòir an sgadan a dhlùthadh gu teann ris na clàraibh, agus am baraill a dheanamh suas le sgadan do’n aon seòrsa agus sailleadh, gus am bi e air a dheagh lìonadh. Air do so a bhi air a dheanamh, féumaidh am baraill a bhi air a dhùnadh, air a dhìonachadh, air a theannachadh, air a shéideadh suas, agus air a chomharrachadh air an taobh le comharraibh a’ ghréidhidh. Féudar an sin, am piceal a thaomadh a stigh, agus am baraill fadheoidh a dhùnadh suas gu h-ìomlan.
title | 6 |
internal date | 1846.0 |
display date | 1846 |
publication date | 1846 |
level | |
reference template | Seòl %p |
parent text | 1 |