[[18]]
[18]

ATH-SHAILLEADH AN SGADAIN.

Féumaidh gach uile sgadan a bhi airath-shailleadh, chum gun gléidh e ann an dùchannaibh teth, agus chum gum féudar a chur as an Roinn-Eòrpa[[19]]


[19] do thìribh eile. Mun tòisichear air an ath-shailleadh, féumaidh ùine chuig déug dol seachad on àmsan do ghlacadh, agus an do shailleadh an toiseach e. Chum na crìche so, féumaidh an sgadan a thaomadh a mach as gach baraill anns an do shailleadh an toiseach e, ann an dabhaich, no ann am ballan mòr, air a lìonadh le h-uisge glan, far an nighear agus an glanar o gach truaillidheachd e. An déigh sin, cuirear ann an cléibh e, chum gun ruith an t-uisge trompa, agus air da a bhisileadh mar sin tamuill, cothromaichear air amheidh e, agus bheirear chéud punnd cudthruim éisg do gach fear-saillidh fa chomhair gach baraille. Than t-ìasg, an sin, air a dheanamh suas gu riàghailteach anns na baraillibh céudna, agus tha salann garbh Liverpool air a chrathadh air gach sreath a leagar, gus mar so an ath-lìonar am baraill. An sin, léumaidh am fear-saillidh le uile chudthrom air uachdar an éisg, chum a gheinneadh sios; agus mar lìon an tomhas éisg a fhuair e, am baraill, gheibh e tuilleadh. An sin, tham baraill air a dhùnadh, air a dhìonachadh, agus air a theannachadh. Cuirear na cearcaill gu gramail air an cheann, agus daingnichear iad le cearcall làidir ìaruinn, òirleach air léud, a chur air gach ceann. Tha na cearcaill-eàrra, an sin, air an tàirneadh, agus le sin criòchnaichear làn-cheangladh nam baraillean. Leagar an sin, ’n an sreathaibh iad ri taobh a chéile, —tollar gach aonsa mheadhon, —lìonar suas e le piceal làidir air a dheanamh do shalann glan, agus dùnar gu teann e. Tha na baraillean, an sin, deas gu bhi air am féuchainn, gu bhi air an comharrachadh le ìaruinn aBhùird, agus gu bhi air an cur air muir dhìonnsuidh àite sam bith a mach as an Roinn-Eòrpa.

Tha sgadan ann nacheil idir airath-shailleadh air an dòigh so. Chan ath-shaillear e, an uair a chuirear air luing e, goirid an déigh dha a bhi air a ghlacadh, agus air a shailleadh, chum a bhi air thoiseach anns amhàrgadh, chum grad fhéum a dheanamh dheth, agus chum luach mòr fhaotuinn air a shon. An uair a tha baraillean sgadain gun a bhi air an ath-lìonadh, air an sailleadh air soithichibh iàsgaich, no air an cur air bòrd gu bhi air an giùlan dhìonnsuidh àitean eile, tha iad ealamh air am piceal a chàll, mar bi na breithean ìochdarach air an socrachadh gu cùramach ann an grùnnd na luinge; agus mar bi na baraillean air an teannachadh agus air an deagh dhàingneachadh le cearcallaibh. Mu dhfhàgar fad anns an staid sin iad, gheibhear iad, ’n àm a bhigan cur gu tìr, air an trùailleadh, agus afàs buidhe. Cha tachair so, gidheadh, mu bheirear faiceall a thaobh nan nithe so; [[20]]


[20] ach an àite sin, théid an sgadan am feabhas leis achùan-thuras, do bhrìgh nach bi e gu mi-chothromach air a bhruthadh anns na baraillibh, agus do bhrìgh gum faighear e, ’n àm a bhifosgladh nam baraillean, air a dheagh chòmhdachadh leis aphiceal. Co aca tha no nacheil na baraillean sgadain air an deasachadh chum a bhi air an comharrachadh le h-iaruinn Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich, bu chòir an cumail an còmhnuidh làn picil; —agus far am faicear -dion ann an aon air bith dhiubh, bu chòir am baraill sin a theannachadh, no an t-ìasg a thoirt as, agus a shailleadh ann am baraill dìonach. Bu chòir leth char a thoirt do na baraillibh gach seachduin mun cuirear air bòrd soithich iad. Féumaidh an sgadan a bhi air a shailleadh cùig déug mun iarrar ìarunn aBhùird chum a chomharrachadh. Mus math leis an fhear-gréidhidh an sgadan aige fhaotuinn air a chomharrachadh, féumaidh e fios air sin a thoirt don Oifigeach, acur an céill gum bheil a rùn air, uiread so do bharaillibh fhaotuinn air an comharrachadh, aig àm agus aig àite sònraichte; ’se sin, na h-uiread bharaillean do sgadan glan, no do sgadan salach, mar a dhfhéudas achùis a bhi; an sin, ni an t-Oifigeach gun teagamh a dhleasnas fein. Anns achéud àite, than t-Oifigeach asealltuinn am bheil àinm sealbhadair an sgadain, maille ris an àit, agus abhliàdhna anns an do shailleadh e, air an gearradh air na baraillibh, nithe bu chòir a bhi déunta mun tig an t-Oifigeach idir. Air don Oifigeach am fear-gréidhidh a chur air fhocal, a réir nan riàghailtean, agus air da na baraillean a thomhas, agus fhaicinn gun cùm gach aon diubh, mar bu chòir da a dheanamh, ghalan dhéug thar fhichead don tomhas fìona Shasunnach, théid e, an sin, air aghaidh a dhfhéuchainn staid nam baraillean agus an éisg. Chum na crìche so, bheir e òrdugh na h-uiread do na baraillibh fhosgladh, le bhitoirt nan ceann agus nam màs asda mun seach, chum e fein a dheanamh cìnnteach mun comharraich e iad, gum bheil an sgadan gu léir, anns gach àite fa leth do na baraillibh, mar bu chòir da a bhi.

Bu chòir cùbair a bhi do ghnàth afrithealadh air gach soitheach, ’n àm a bhicur an sgadain air bòrd, chum gach cearcall no eàrr briste a chàradh; chum gach dochunn eile a dheanamh suas a dhfhéudadh na baraillean fhaotuinn, le bhigan giùlan air chairtibh; agus chum na cearcaill-eàrra a thàirneadh, mar drinneadh sin roimh làimh. Bu chòir toirt air gach sgiobair soithich na baraillean a thogail gu bòrd le bùill chòrcaich a cheangal umpa, agus chan ann le cromagaibh-gramachaidh, [[21]]


[21] leis am féudar na h-eàrran a bhriseadh; agus a rìs, bu chòir na baraillean a leagadh gu socrach ann am broinn an t-soithich, le tùill nan àrcan os an ceann, gun fhéum a chur air geimhleig.

Tha feabhas an sgadain a ghréidhear leis na Dùidsich, gu h-àraidh ag éiridh, o bhitoirt géill air mhodh ro chùramach do na rìaghailtibh sin air fad, air an tugadh ìomradh anns an leabhar bheag so; agus mar an céudna ann an tomhas mòr, o bhiga shailleadh a mhàin le salann Lisboin no St. Ube, ann an clàraibh daraich; an uair a ta an sgadan againne, air an làimh eile, air a shailleadh le salann Liverpool, agus air a dheanamh suas ann an clàraibh beithe, no feàrna.

Air da a bhina ni ro ìomchuidh, agus chum mòr bhuannachd do na h-ìasgairibh, agus do gach cuideachd aig am bheil gnothuch ri ìasgach an sgadain, cùl a chur ri cleachdadh a bhiglacadh Sìl an sgadain, no amheanbh-sgadain; bu chòir do gach ìasgair fhaicinnna dhleasnas dha fein, còmhnadh a dheanamh le Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich, chum so a dheanamh. Than cleachdadh mìllteach so air a leantuinn fon leisgeul, a bhiglacadh an éisg ris an abrar an Gearr-sgadan. Tha e, air an aobhar sin, ’na ni cudthromach, gum biodh na comharan eadar-dhealachaidh a ta eadar Sìol an sgadain, agus an Gearr-sgadan, air an deanamh co aithnichte is gum bi fios cìnnteach aig na h-uile mun timchioll. Thugadh cunntas air na comharaibh sin, leis an duine fhòghluimte Mr. Séumas Wilson ann an Woodville, ann an litir a chuir e dhìonnsuidh Rùn-chléirich aBhùird, as an tugadh na nithe a leanas.

I. Aite. Is e achéud chomhar air an ìarrainn beachd a ghabhail, aon a tha co furasd aithneachadh, an chuid le faireachadh nam mèur, agus le sealladh nan sùl, is gum biodh ena ni soirbh an ghnè éisg sin a chur air leth eadhon anns an dòrchadas, ged bhiodh iad air am masgadh am measg a chéile ann an aon tòrr. Is e an comhar a ta agamsan amharc, an fhoir bhiorach no stobach, a gheibhear air iomall ìochdarach aGhearr-sgadain, gu h-inbh bhig na slighe eadar an sgòrnan agus an t-earbull. Is gànn a mhothuichear an comhar so idir anns an fhìor sgadan. Mothuichear e ann an tomhas beag ann an sìol an sgadain, ach chan fhad a mhaireas e. Ach anns aGhearr-sgadan, air an làimhe eile, chithear an comhar so an còmhnuidh; oir fàsaidh e lefhàs, agus gheibhear[[22]]


[22] e ’na shreath co cruaidh, agus co fiaclach air fad bléin an éisg, is mur beirear gu teann air thaobh an éisg, eadar achorag agus an òrdag, gun sgiolc e mach as an làimh le neart nam bior, an uair a shùathar mèur na làimheile nan aghaidh, air tàrr an éisg, on earbull gu ruig an sgòrnan.

II. Aite. Tha sùil an Sgadain ann an coimeas nis modha ann am mèud na sùil aGhearr-sgadain, air chor is ma chuirear meanbh-sgadan ri taobh Gearr-sgadain nis modha na e fein, chithear gum bi an t-sùil aige nis mòdha na sùil aGhearr-sgadain; agus ma bhios na h-ìasgan iad fein co-ionann ann am mèud, chithear an sin barrachd atharrachaidh ann am mèud nan sùl aca.

III. Aite. Chaneil an treas comhar co soilleir ris an dithis a dhàinmicheadh, gus an gabhar fior bheachd air, ach tha e ceart co cudthromach, air dha a bhi co-ionann seasmhach mar chomhar eadar-dhealachaidh. Ma bheachdaichear air suidheachadh na h-ite-dhroma aig an sgadan, agus ma tharruingear sgrìoch dìreach tarsuing air an ìasg, on fhoir as fhaide air thoiseach don ite-dhroma dhìonnsuidh abhléin, (mar anns na dealbhaibh a leanas) chithear gun tuit an sgrìoch sin an còmhnuidh air thoiseach air an ite-bhléin. Ach ma nithear sgrìoch air an dòigh chéudna, on fhoir as fhaide air thoiseach don ite-dhroma aig aGhearr-sgadan, tuitidh an sgrioch sin, an còmhnuidh air dheireadh air an ite-bhléin.

IV. Aite. Than ceathramh comhar ag éiridh on chomhar a dhainmicheadh mu dheireadh. Tha astar nis giorra, agus tha na sgrìochan dealachaidh nis lugha ann an àireamh anns aGhearr-sgadan, eadar an ite-bhroillich agus an ite-bhléin, na tha iad anns an fhìor Sgadan, air chor is gum bheil leth-toisich aGhearr-sgadain nis giorra.

V. Aite. Tha na h-earrainnean-dealachaidh a gheibhear air abhlìan eadar an ite-bhroillich agus an ite-bhléin nis modha ann am mèud, agus nis lugha ann an àireamh anns aGhearr-sgadan na anns an fhior Sgadan, oir chaneil ach mu chuig déug do na h-earrannaibh sin anns aGhearr-sgadan, an uair a tha mu fhichead anns an fhior Sgadan. A réir achomhair so[[23]]


[23] on leth a muigh, tha eadar-dhealachadh ann an àireamh nan aisnean aig an ìasg so; oir than àireamh sin nis lugha anns aGhearr-sgadan na anns an fhior Sgadan.

Ghabh daoine fòghluimte beachd air iomadh comhar beag eadar-dhealachaidh eile, eadar an ghnè éisg so; ach tha mi ameas gum foghainn na dhainmicheadh, air son achuspair a tasan amharc; ’se sin, gum féud an t-atharrachadh a ta eadar an Gearr-sgadan agus am fior Sgadan, a bhi air fhaotuinn a mach gu furasd agus gu cìnnteach leo-san uile leis am mìann sin a dheanamh. Chuir mi sios an so dealbh aGhearr-sgadain, agus mar an céudna dealbh an t-Sìl sgadain, chum na cuig comharan sin a nochdadh, air an drinneadh iomradh a cheana.

Air ìarrtas na Cuideachd Urramaich. TOMAS DIC LAUDER. Rùn-chléireach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich.

AN TIGH-SUIDHEACHADH RIÒGHAIL. 26mh Mios meadhoin an t-Sámhraidh, 1845.

Gearr-Sgadan.

Ite-dhroma.

Ite-bhroillich.

Ite-bhléin.

Sìol-Sgadain.

Ite-bhroillich.

Ite-bhléin.

title7
internal date1846.0
display date1846
publication date1846
level
reference template

Seòl %p

parent text1
<< please select a word
<< please select a page