AN SÈOL AIR AN CÒIR AN TROSG, AN LANGA, AN TRAILLE, AGUS AM FALAMAIR, A GHRÉIDHEADH.
Air a chlòdh-bhùaladh, agus air a chraobh-sgaoileadh, le Cuideachd Urramaich Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich.
MU’N toirear fa’near gréidheadh an Truisg, na Langa, na Traille agus an Fhalmair, tha e ìomchuidh ainmeachadh, gu’m bu chòir soithichean le tobraichibh annta, a bhi air an gnàthachadh far am bheil e goireasach sin a dheanamh ann an glacadh an eísg. Anns na soithichibh sin, tha comus aig na h-ìasgairibh, cha’n e mhàin na bidhannan agus na magharan aca a ghléidheadh ann an deagh òrdugh; ach mar an céudna, an t-iasg a ghlanadh agus a shailleadh le cothrom agus buannachd, mar a ghlacar e. Ach co aca a nithear an t-ìasgach mar so, no le bàtaichibh, bu chòir a bhi ro chùramach nach fàgar na lìn uine co fada fodha, is gu’m bàsuich an t-ìasg orra. Ma ghnàthaichear bàtaichean, bu chòir doibh an tìr a thoirt a mach leis an ìasg co luath ’sa dh’fhéudas iad an déigh a thogail; agus cha bu chòir do’n ìasg a ghlacar air làithibh fa leth, a bhi air a chur feadh a chéile.
Tha e na ni cìnnteach gu’n dean atharrachadh gréidhidh air ìasg, atharrachadh mòr ’na luach anns a’ mhàrgadh. Tha e soilleir, uime sin, gu’m bheil, cha’n e mhàin an t-èolas, ach mar an céudna an cleachdadh air an t-sèol gréidhidh a’s fearr, ’nan nithibh ro chudthromach, an da chuid do’n luchd-gréidhidh fein, agus d’on dùthaich as am bheil an t-ìasg ’ga chur a mach. Agus gu cìnnteach an uair a thuigear nach e barrachd cosdais, [[25]]
Tha’n sèol gréidhidh a’s fearr, féudaidh e bhi, air a chleachdadh ann an Siorramachd York, far am bheil an luchd-gréidhidh a’ deanamh an dìchill chum an t-ìasg a dheasachadh air a mhodh a’s fearr air son a’ mhàrgaidh Spàinnich. Do bhrìgh gu’m faighear an lùach a’s mò air son éisg anns a’ mhàrgadh sin, bu chòir do’n luchd-gréidhidh, air son am buannachd fein, gach dìchioll ’nan comus a dheanamh, chum ruigheachd air an fheabhas gréidhidh sin, a ni cìnnteach iad air féill mhaith fhaotuinn d’an ìasg anns an Spàinn. Chum a dhearbhadh gu’m bheil so airidh air an rogha cùraim, tha’n luchd-gréidhidh aig Eyemouth,le bhi ’sgrìobhadh gu caol dìreach dh’ ìonnsuidh nam priomh-cheannaichean Spàinneach ann an Lunainn, a’ faotuinn mu thuairmeis tri puinnd Shasunnach ni’s àirde air an tunna do’n trosg air a chomharrachadh, na fhuair iad rìamh roimhe. Tha cothrom aig fear-gréidhidh ann an cearnadh sam bith, air sgrìobhadh air an dòigh chéudna, le a chomhairle a chur ri Mr. Caimbeul, prìomh oifigeach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich ann an Lunainn, duine a bhitheas ro dhèonach air ainmean gach Comuinn fa leth, anns na tighibh Spàinneach, ìnnseadh dhoibhsan a dh’ ìarras sin air. Ach féudar a thoirt fanear, nach ruig neach sam bith a leas sin a dheanamh, aig nach ’eil ìasg a bhios co math is gu’n toill e an comharadh dligheach, agus gus an cuirear an comharadh sin air an ìasg, le oifigeach na h-ìasgaireachd anns an àite.
Is còir an fhuil a leigeadh as an ìasg air bàll an uair a bheirear de’n dubhan e. Féudar so a dheanamh leis an neach aig am bheil mar obair a bhi ’ga thoirt bhàrr an dubhain. An sin, féumar an ceann a thoirt de’n ìasg, a sgoltadh suas, agus am mionach a thoirt as; ach ’n àm a bhi’ deanamh sin, bu chòir cùram a ghabhail do’n mhealag-snàmhaidh[[26]]
Mar ’eil ìnnleachd air na nithe so uile a dheanamh air an t-soitheach-iasgaich gu’n dàil an déigh do’n ìasg a bhi air a ghlacadh, bu chòir cùram a ghabhail deth le ’chur ann an àite tearuinte. An uair a bheirear bhàrr an dubhain e, agus a leigear an fhuil as, nithe a dh’fhéumar air gach cor a dheanamh, bu chòir a chur ann am bocsaibh, no ann an àitibh freagarrach eile, chum nach millear e leis an àile, agus nach bruthar leis na cosaibh e. Ach cumar air chùimhne, mar a’s mò a gheibh e do’n ghiullachd a dh’ àinmicheadh, air bàll an déigh a ghlacaidh, gur ann a’s fearr a bhios e. Tha e chum mòr bhùannachd an sailleadh a dheanamh air an t-soitheach, ma tha sin idir comusach; oir mar is luaithe a leagar anns an t-salann e, an déigh a thoirt as a’ mhuir, ’sann is cìnntich’ a bhios a’ chùis gu’m bi e air a dheagh ghréidheadh. Ach cia aca a ghréidhear air muir no air tìr e, cha bu chòir ’fhàgail, air chor sam bith, [[27]]
Tha cuid do’n luchd-gréidhidh ’sa bharail, an àit an t-ìasg a leagadh ’san t-salann gu’n dàil an uair a nighear e, gu’m bu chòir ’fhàgail a’m bogadh ann an uisge, rè dà ùair dhéug a dh’ùine, no a thilgeadh rè na h-ùine sin ann an tòrr mu’n saillear e. Rinneadh so le mòran le bhi’ saoilsinn gu’n toir e air an ìasg, an uair a ghréidhear ann am piceal e, sealltuinn tiugh agus taiceil anns a’ mhàrgadh. Tha iad so ’sa bharail, mar an céudna, gu’n toirear air falbh ronnan an éisg ni’s usa air an dòigh so, do bhrìgh, an uair a nithear suas, agus a thiormaichear an t-ìasg, an déigh na giullachd so fhaotuinn, gu’m bheil na ronnan a’ fàs tiugh air a’ chraicionn, agus gu’m bheil iad mar sin ni’s usa an glanadh dheth, no ’n uair a shaillear an t-ìasg aig an àm anns an nighear e. Ach ’si ’chùis gu’m bheil atadh an éisg air an dòigh so, agus na ronnan a ta gu tiugh aìr a’ chraicionn, a’ nochdadh gu’m bheil an t-ìasg a’ breothadh: tha e uime sin soilleir, an uair a dh’fhàgar e gu’n sailleadh, rè dà uair dhéug a dh’ùine gu’m bheil am piceal mar sin, a’ fàs ni’s luaithe goirt, air chor is nach urrainn gu’n chron a bhi air a dheanamh do’n ìasg. Ged is mèith an t-ìasg an sgadan seach an trosg, gidheadh, cha’n fhàgar am bogadh ann an uisge e mu’n saillear e; ni mò a cheaduichear da a bhi uairean dh’ùine gu’n salann, an déigh am mionach a thoirt as; ach tha a ghiullachd calg-dhìreach an aghaidh sin. Air an dòigh chéudna, uime sin, mar a’s luaithe a shaillear an trosg, an langa, an traille, agus am falmair, an déigh dhoibh a bhi gu buileach air an nigheadh, is ann a’s fearr a bhios an gréidheadh, agus an t-ìasg fein, agus is ann a’s lugha a dh’ fhéumar do’n t-salann. Bu chòir an sailleadh a bhi ’n còmhnuidh air a dheanamh ann an dabhachaibh, no ann am ballanaibh mòra, le còmhdachaibh freagarrach. Ach co dhiùbh a shaillear an t-iasg air an dòigh so, no a shaillear ann an tòrr e, dòigh nach ’eil idir co ìomchuidh, féumar a chur gu rìaghailteach air muin a chéile ’na shreathaibh, leis an drùim an ìochdar, agus an t-aon dìreach os ceann aoin eile. Féumar an sin, gu leòir do shalann a chrathadh air gach sreath. Tha dà fhichead agus cuig, no leth-chéud punnd do shalann Liverpool, ni’s leòir chum céud punnd cudthroim éisg tiormaichte a shailleadh. Far nach ’eil e deiseil uiread so do’n t-salann a bhuileachadh, féudaidh e bhi gu’m féum an t-ìasg a bhi air fhàgail là no dhà ni’s faide ’s an t-salann; ach féumar fhàgail mar sin gu’n teagamh mu shaillear ann an tòrr e. Tha barrachd saillidh gu minic air a chleachdadh[[28]]
Air do’n ìasg a bhi air a thoirt as na dabhachaibh, no as na ballanaibh, bu chòir a dheagh nigheadh, agus am piceal fhàsgadh as anns a’ mhuir, no ann an sàl. An sin togar suas e ’na chruaich fhada air mol a’ chladaich, a’ toirt aire gu’n càraichear gach ìasg le leathad, ’se sin, le ’cheann ni’s àirde na ’earbull, chum cead a thoirt do’n t-sàl sileadh gu buileach a mach as. Féudar fhàgail air an dòigh so là na dhà, mu’n sgaoilear a mach e air son tiormachaidh.
Is e an dòigh a’s fearr gu mòr chum an t-ìasg a thiormachadh an dòigh a ta ’ga ghnàthachadh[[29]]
Tha’n sèol air an caoinichear an t-ìasg agus air an cuirear fallus deth, ’na earrann ro chudthromach do’n ghréidheadh, d’am féum aire ro shònraichte a thabhairt, oir mar cuirear fallus deth gu ceart, mu’n cuirear chum an tigh-thasgaidh e, fàsaidh e gu h-ealamh breòite, ronnach, neo-dhreachail, agus neo-fhreagarrach air son a’ mhàrgaidh. Féumaidh an t-ìasg a dheasuichear air son a’ mhàrgaidh Spàinnich a bhi gu h-éutrom air a shailleadh, gu buileach soilleir, gu fior-ghlan uaine ann an dath, agus gu ro chruaidh air a thiormachadh. An uair a chuirear fallus deth air shèol iomchuidh, [[31]]
An uair a ghleidhear ann an salann ìasg a ghlacar anns a’ gheamhradh, gus an tig tiormachd na bliadhna a stigh, féumaidh e beagan a bharrachd salainn; ach ma ghléidhear ann an tòrr e, is còir a chòmhdachadh gu cùramach le brataibh-luachrach, no le éudachaibh-cainbe, ’ga chumail glan, agus chum nach càill e a dhreach.
An uair a tha’n t-ìasg gu bhi air a ghréidheadh ann am piceal, féudar ’fhàgail air a shailleadh ann an dabhachaibh, gus an deanar suas a rìs ann am baraillibh e. ’Nàm a bhi ’ga ghluàsad, bu chòir a dheagh ghlanadh, agus a nigheadh le h-uisge glan, agus na ronnan a sgrìobadh gu buileach leis an sgian bhàrr a’ chraicinn agus nan itibh-droma. Féudar an sin, an t-ìasg a dheanamh suas a rìs ann am baraillibh, agus a dheasachadh air son a’ mhàrgaidh. Bu chòir àireamh an éisg anns gach baraill fa leth a chomharrachadh air an taobh a muigh dheth. Tha ceithir fichead is ceithir puinnd salainn ni’s leòir chum gach baraill a ghréidheadh, agus a dheanamh suas air son a mhàrgaidh aig an tigh; ach féumaidh e céud punnd cudthroim salainn, ma chuirear a mach as an rìoghachd e.
Air ìarrtas na Cuideachd Urramaich. TOMAS DIC LAUDER, Rún-chléireach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich.
AN TIGH-SUIDHEACHADH RIÒGHAIL. 26mh Mios meadhoin an t-Sámhraidh, 1845.
title | 2 |
internal date | 1846.0 |
display date | 1846 |
publication date | 1846 |
level | |
reference template | Seòl %p |
parent text | An Seòl air an Glacar agus an Gréidhear an Sgadan |