An sèol air an còir an Trosg, an Langa, an Traille, agus am Falmair a Ghréidheadh, Fliuch, no ann am Piceal.
Is sèol gréidhidh so, trìd an deanar an t-ìasg ’na bhathar ro luàchmhor air son dhùchannan eile, agus trid an deasuichear e, chum féum mòr a dheanamh dheth aig an tigh. ’Nan rachadh an sèol gréidhidh so a chleachdadh ni’s farsuinge, bhiodh e ’na chuspair ro ion-mhiannaichte chum leas na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich a mhèudachadh. Tha’n dòigh a’s fearr chum an sèol gréidhidh so a ghìulan air aghaidh, mar a leanas:
Air do’n ìasg a bhi gu freagarrach air a sgoltadh, air a ghlanadh, agus a nigheadh, bu chòir an sin, a shailleadh ann am ballanaibh mòra, no ann am bocsaibh ceithir-chearnach. air an deanamh dìonach chum am piceal a chumail, agus gu cùramach air an còmhduchadh o’n ghréin agus o’n uisge. Air dhà a bhi dà fhichead uair ’sa h-ochd ann an salann, féudar an sin a nigheadh ann an uisge glan ùr; agus féumaidh craicionn gach éisg a bhi gu math air a sgùradh le sguaib bhig fhraoich, no le bruis-làimhe, mar a ta cuid a’ cleachdadh. An uair a ghlanar na ronnan gu buileach air falbh, agus a shruthailear e gu maith ann an uisge fuar ùr, tha e air a dheanamh suas ’na thòrr, chum cead silidh a thoirt da, agus an sin air a leagadh ann am baraillibh, le salann glan. Ann an deanamh so, cumar taobh a’ chraicinn do’n ìasg ri ìochdar a’ bharaille, agus mar sin lìonar suas e, a’ cur iomchuidheachd salainn eadar gach breath do’n ìasg, agus ’ga chumail co còmhnard ’sa dh’ fhéudar, agus co dlùth ’sa ghabhas e càradh ri clàraibh a bharaille. Tha e iomchuidh an t-ìasg a chruinneachadh agus a shèorsachadh ’na thri, no na cheithir earrannaibh, a réir a mhèud; agus bu chòir gach earrann a bhi air a shailleadh ann am baraillibh air leth.
[[33]]Ma chuireadh an t-ìasg gu daingean anns na baraillibh, agus ma dh’ fhàgadh iad sin rè oidhche air an cìnn, agus air an còmhduchadh gu freagarrach mu’n do theannaicheadh iad, an sin, cha bhi féum sam bith air léumadh orra leis na cosaibh. Tha’n t-iasg a’s àirde, no’n t-iasg ùachdarach anns a’ bharaille, an sin, air a chàradh leis a’ chraicionn an ùachdar, agus tha salann air a sgaoileadh thairis air. Féumar an sin na baraillean a dhùnadh, a theannachadh, a leagadh sios, a chur ’nan sreathaibh, a tholladh air an taobh, agus a lionadh suas le piceal. Bu chòir am piceal a bhi an còmhnuidh air a dheanamh le salann glan; agus an uair a bhios féum air, bu chòir am bàrr a thoirt dheth, do bhrìgh gu’m mìll salachar sam bith anns a’ phiceal gilead an éisg.
Féumar an sin, àireamh agus gnè an éisg anns gach baraill fa leth, a bhi air an sgrìobhadh air taobh a’ bharaille, agus mar an céudna, an là de’n mhios air an do lìonadh e mu dheireadh. Ma gheibhear le géur-amharc gu’m bi na clàran agus an t-ìasg air gach dòigh a réir an lagha, agus a réir rìaghailtean a’ Bhùird, féudar an sin na baraillean a chomharrachadh le iaruinn Oifigich na h-Iasgaireachd.
Air iàrrtas na Cuideachd Urramaich. TOMAS DIC LAUDER. Rùn-chléireach Bùird na h-Iasgaireachd Bhreatuinnich.
AN TIGH-SUIDHEACHADH RIÒGHAIL. 26mh Mios meadhoin an t-Sàmhraidh, 1845.
title | 3 |
internal date | 1846.0 |
display date | 1846 |
publication date | 1846 |
level | |
reference template | Seòl %p |
parent text | An Seòl air an Glacar agus an Gréidhear an Sgadan |