CAIBIDIL X.
TURAS NAN GAEL GU SLIABH A CHLAMHAIN.
BHA na Gàëil a nis’ an deigh trì laithean a’ chaitheamh ann an Dunéideann air dheagh châradh leis gach biadh a’s deoch a b’ fhearr na chéile, air chor is gun robh iad gu mòr air am beothachadh araon ann am pearsa ’s an inntinn. Air dhaibh a chluinntinn gun tàinig an t-arm-dearg air tìr aig Dunbarr, agus e nise’ bhi tighinn ’n-an codhail a chum catha, shonraich iad falbh air an ath mhadainn agus an codhlachadh ma leth na slighe. Dh’ fharraid am Prionnsa dheth na cinn-feadhna, cia mar a bha iad an dùil a ghnàthaicheadh na Gàëil iad féin ri aghaidh shaighdearan ionnsaichte? Dh’ iarr a’ chuid eile dheth na cinn-feadhna air Fear-na-Ceapaich a cheist sin a fhreagairt; a thaobh e bhi na oifigeach roimhe sin anns an àrm Fhràngach, agus mar an cianda; eolach air gnàths nan Gàël. Thuirt Fear-na-Ceapaich ris a Phrionnsa gun robh e dearbhta gun biodh na h-uaislean gun stad ann am buillsgean an nàmhaid agus gu’n faiceadh e nach biodh na h-ìslean fad’ air dheireadh. ’Nuair a chual’ am Prionnsa so thuirt e gum be e-fein a chiad fhear a bhuaileadh an t-eas-caraid. Thuirt na cinn-feadhna nach biodh sin na ghniomh glic, gur
Air madainn di-haoine air an fhicheadamh latha de dhara mìos an Fhoghair; am feadh a thòisich an t-àrm-dearg air màrsail á Haddington ghluais na Gàëil á Diddingston, (baile beag a tha ma thuaiream mìle á Dunéideann,) a chum an codhlachadh, agus, cha b’ fhad a chaidh iad air an aghaidh, ’nuair a thachair fear-siubhail riu a dh’innis daibh gun robh an t-àrm-dearg air Sliabh a’ Chlamhain agus a’ gleidheadh cothrom na bruthach air taobh deas an t-Sléibhe, —Thuirt Morair Seòras Moireach nach deanadh na Gàëil euchd san bith mar faigheadh iad os-ceann an nàmhaid, agus air ball dh’ òrduich e na Gàëil a dhol bharr an rathaid, agus ghearr iad aithghearra talbhainn tro na rointean a thaobh na laimhe deise de ’n t-slighe air an robh Morair Seòras tŭr eolach. ’Nuair a choisich iad tacan air aghaidh le sùrd ràinig iad mulach a’bhearraidh fagus do’n Fhasaid. Mhàrsail iad an sin gu mall, gus an tàinig an fheachd a bha m’an àm so sgaoilte gu chéile. Thàinig iad a nise gu thuigsinn gun robh an t-arm-dearg air laraich-chatha cho math ’s bu mhiann leo: ghreas na Gàëil an sin air an aghaidh, agus mu chairteal na h-uarach thàinig an dà arm ann am fradharc a chéile.
’Nuair a chunnaic an t-àrm-dearg a chiad sealladh de dh’ armailt a’ Phrionnsa thog iad iolach àrd-labhrach mar sgĕig air na Gàëil. Thog na Gàëil an cath-ghairm bu dual d’an sinnsir féin “an àm a dhol sios.” Bha’n
title | Caibidil X |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |