[68]

CAIBIDIL XI.

BLAR SLIABH A CHLAMHAIN.

DH’EIRICH an t-arm Gàëlach samhadainn trì uairean roeiridh na gréine (di-sathurn an dara latha tha fhichead de dhara mìos an Fhoghair,) ghluais iad gu mìn mall a chum na h-àraich, gach laoch na bhalbh thost, ach na cinn-feadhnabha toirt dhaibh an òrduigh. Bha dallabhrat na h-òidhche dhan cumail fathast afradharc an airm-dhéirg, agus air don latha bhi tighinn a staigh bha ceò dùmhail dan cleth. Air dhaibh am boglach a ruidhinn, thuirt gillòg dam bainm Rob Mac-Aindrea, (mac fear de thuathanaich machair Loudai, a lean na Gàëil á Dunéideann,) gum baithne dhasan cruadhlach a bha tarsuinn air ionad àraid den bhoglach air am faigheadh an t-àrm a null na bu tearruinnte, nan t-àitair an robh a rùn orra dhol tharais, ’nuair a chualam Prionnsa so dhaontaich en t-àite so a ruidhinn, agus ghluais an t-àrm da ionnsaidh agus Rob Mac-Aindrea air an toiseach adeanamh an iùil. ’Nuair a rainig an t-àrm iomal abhoglaich, ghlaodh trùpairean Iain Chope a bhasan àite so air freiceadan,— “Co tha sin?” Cha


[69] tug na Gàëil freagairt sam bith dhaibh, ach thriall iad air an aghaidh, agus cha bfhada gus na thuig na trùpairean co bhaann, agus chuir gach fear dhiu urachair á ghunna gu caismeachd a thoirt don chuid eile den arm gun robh na Gàëil a dlùthachadh orra!

Chaidh an t-arm Gàëlach a chuir ann an òrdugh catha mar so: —Siol-Chuinn cheud-chathaich (no Clann-Dòmhnuill) air an laimh dheis, a thaobh reachd a rinn Rob Brus latha Allt-a- Bhonaich, gum bu le Clann-Dòmhnuill urram na làimhe deise, agus anns gach blàr a thug na Fineachan bhon uair sin, chum na Dòmhnullaich an t-urram gu latha Cath-Gairiach. [Be Siol Leòid a bhair an laimh dheis sabhlàr sin, ge be ciod a choisinn an onair sin daibh cha chuala mi.] Bha na Cama-Shronaich agus Stiùbhartaich na h-Apunn air an laimh chlì, Réiseamaid Dhiùc Pheairt agus Clann-Ghriogair samheadhon. Bha Diùc Pheairt féin na sheanaileir air an làimh dheis agus Morair Seòras Moireach na sheanaileir air an làimh chlì.

Chaidh achiad chuideachd a chuir anns an òrdugh a dhainmich mi, —sheas an ath chuideachd ma thuaiream leth-cheud slat uapa air an t-Sliabh, —na h-Abhallaich, —Clann-Donnachaidh, —Clann-Iain (no Dòmhnullaich Ghlinne-Comhann) —agus Clann-Lachuinn. Sheas Tearlach féin eadar an chuideachd le geard cheud fear ma thimchioll. Bhan t-arm Gàëlach gu léir ma thuaiream 2400 fear.[Cha robh aig Iain Cope air an t-Sliabh ach ma thuaiream 2100 fear, agus a thaobh nach tug a chuid mhòr de réiseamaid Dhiùc Pheairt claidheamh á truaill; bha man aon àireamh air gach taobh. ]

Nuair a thàinig iad gu math faisg air an arm-dhearg, thug am Prionnsa féin deann beag air aghaidh agus


[70] labhair e mar so:— “Leanaibh mi, leanaibh mi, a dhaoinuaisle, agus le beannachaDhé, ni misair an lathan diugh sibhn-ar buidheann shaor agus shona!”

Bhan ghrian mun àm so anochdadh agnùis san ear, agus bhan smùidean ceathaich a teicheadh rofianais bharr lom an raoin gu ard an t-sléibhe; cha robh a niseadar iadsan t-arm-dearg ach iomaire còmhnard asbhuain, ach fathast, cha robh e cho soilleirs gum bu léir don armailt a chéile. Cha chluinnte facal no fuaim sam bith a measg nan Gàëlach fathrum na connlaich fo bhonnabh an căs mar bha iad atriall tron asbhuain. Aig an arm-dhearg chluinnte druman dràstas a rithist, a thaobh gur h-ann le a bhasa stiùradh an àirm.

Nuair a ràinig na Gàëil uchd-catha thug iad gu léir an cuid bonaid a bharr an cinn, sin thog iad an sùilean ri nèamh agus chuir iad suas ùrnaigh ghearr thosdach. Bha na h-uaislean air thoiseach, agus chum iad an cuid targaidean eadar an aghaidheansnan nâimhdean, agus chrom siad iad-féin beagan ris an talamh, marbha iad a dol air aghaidh a chum teine nan Gall a sheachnadh: bhan cuid targaidean cho leathan as gun dionadh iad na h-uile mìr dheth an colainnean, ach an căsan a mhàin. Bhachuid dhiu aig nach robh targaidean a fuireach air cul-thaobh chàich mar dhion. Bha na h-uile cheann-feadnna ann am meadhon a dhaoine féin, agus a châirdean bu dìllse air gach taobh dheth’, —gach aon diù ullamh gu dhol eadar es an fhuar-bhuille, nam faiceadh iad i tighinn da ionnsaidh.

Fa-dheoigh, chunnaic an t-arm-dearg na Gàëil tro liath cheò fann na maidne, a bruchadh dan ionnsaidh air mhire chatha; agus an dùil ra cumail áionad


[71] tharruinn lannloisg iad cùig gunnaidhean mòra air feachd na laimhe clìthe, agus chaidh làdach ghunnaidhean caola bho ceann gu ceann dheth an arm-dhearg ann an aodainn nan Gàël mar bha iad a dlùthachadh ri aghaidh an nàmhaid. Ach cha tug sin airna laoich gun tioma, dhol á àite buille bhualadh,” —Thòisich an casradh, agus biad na Cam-shrònaich a chaidh an toiseach am badaibh nan nàmh, agus cha robh na Dòmhnullaich fad air déireadh. ’Nuair a thàinig iad an imisg dusan slat don arm-dhearg, leag gach fear urchair á ghunna agus thilg e bhuaidh i mar shlacan-ònaid gun mhath. Air ball bhaclaidheamh ann an deas-lamh gach laoich, targaid air a ghàirdean chlì agus biodag san dòrn. Mar so air àrmadh, thuit gach duinair a ghlùn toisgeal agusnuairthainig na dearganaich orra len cuid béigeileidean! ghlac gach fearr a rinn air a thargaid agusle aon bhuille dheth na chlaidheamh-mhòrbhan dearganach gun anail.” Thòisich na Gàëil gu léir air casradh, ’s air beumadh air an t-sheòl so, le biodag, le claidheamh, is le sgiath, agus bu tric a thug aon Ghàël dithis dheth nan nàimhdean còladh gu talamh. Cha do chùm an t-arm-dearg an aghaidh ri cruadal ach ma chùig mionaidean:—

Nuair a sguabh na Gàëil luchd nan canons nam mŏsg mar so dheth an àraich; thainig réiseamaid each Chorneileir Whitnie ran aodainn, ach cha do loisg na Gàëil ach leth-dŭsan ŭrchair, ’nuair a thug na claghairean gealtach iad féin ás. Thainig an sin Corneileir Gàrnaileir thun na faiche le chuid trùpairean féin; ’nuair a chunnacas atighinn iad, ghlaodh Loch Iall ris na Cam-Shronaich, mar so,— “Thugaibh achiad bhuille do na h-eich ma na srònan agus cha bhi e doirbh an


[72] ath thoirt don mharcaich. ”[ “Buail am balach air a chàrbad, Each, as balgair, air an t-sròin.” ] Ach cha tàinig iad cho faisg air na Cam-Shrònaich is gun do tharr iad sin a dheanamh. ’Nuair chunnaic iad gleòis luchd nam breacan ghlac ìad maoim, air chor is gun robh iad a saltairt nan saighdearan coisaca féin fo chasan an cuid each mar bha iad a teicheadh a bharr na h-àraich:—

Na coisichean, ’s na marcaichean,
S na bhaca shluagh gu léir,
Dol turraichean air tharraichean,
S cha shealladh iad nan déigh! !”

Chaidh an t-àrm-dearg gu léir gu claghaireachd, thilg gach fear a ghunna bhuaidhe, chums gur ann a bfhearr a dhfhaodadh e teicheadh air falbh le bheatha; thuit cuid eil air an glùinean gu dìblidh ag iarraidh treòcair. Ghabh aon phrasgan beag de dhaoine Choirneileir Gàrnaileir (annuair, theich a chuid trùpairean) orra de dhànadas an aghaidh a chumail ris na Gàëil, ach bu bheag a thar ás diù lem beatha, agus thuit an t-uasal treun sin bu cheann orra sachath. Ged a thuit, cha bann, gus an dhfhàg e cuid mhath dheth a nàimhdean marbh air gach taobh dheth, ged a bha en droch shlaintagus air ùr eiridh á tinneas.

Bu cho lòm a sgrios na Gàëil an t-àrm-dearg rompas nach dfhuair an dara cuideachd a bha ma leth-cheud slat an deigh chàich ach cuirp gun anail agus leòinte nan naimhdean rompair an àraich. Tha cuid ag innse nach do mhair an cath ach ceithir mineidean, ged do mharbh na Găëil barrachd as ceithir cheud fear den àrm-dhearg.

Bha prasgan beag de Chlann-Ghriogair aig nach robh


[73] de dhàrmachd ach seann spealan len luirgnean air an dìreadh agus air an sàthadh ann an casan fadinnsinn: bha iad leis na h-airm uabhasach so a sgŏltadh chlaignean gu ruige na guailean: a cuir chasan dheth na h-eich as cheann far mhuineal air a chiad sràc. Air uairean eile bha iad a gearradh dhaoine nan earrainn le aon bhuille. Bha luchd nan claidheanan mar an ceunda a deanamh euchdan anabarrach: bha cinn as casan da sgathadh de dheichs de dhaoine le faobhar a chlaidheimh is le neart ghàirdean! Chuir aon duin’ -uasal Gàëlach an gàirdean agus leth taobh a chinn de shaighdear dearg le aon bhuille!!

Nuair a thaisbean na Gàëil am misneach agus an treun ghniomh mar so, bhachuid mhòr dheth na bha còladh riu do mhuinntir machair Alba [’S iad ’tha mi ciallachadh an so, na Gall-Albannaich Mhachrach aig nach robh a Gàëlig mar Chànan. ] cho gealtach agus mòran ni bu lugha stà na na saighdearan dearga féin. ’Nuair a chunnaic tuath Dhiùc Pheairt an cath a tòiseachadh, tha e air aithris le fear a bha lathair gunstad iad ag amharc a bhlàir mar bhaide dhamh.” Bann den réiseamaid leibidich so a bhuineadh Griogairich nan speal! agus an uair a chunnaic iad nach robhcholtas air an nàbaidhean mòran a chosnadh de chliù na teugbhaileach, thearb siad iad féin ás an comunn, agus ruith iad tro fhras pheileirean an airm-dhéirg gus an dràinig iad achuid eile de Chlann-Ghriogair a bha fo chomannda Mhic-Ghriogair Ghlinne-Càrnaig, an ceann-cinnidh. Ged nach robh an t-shligha bha eadar iad as bratach uaine Chlann-Ghrogair ach ghearr, mun do thăr iad a ruidhinn, chaidh diùlanach tapaidh, Calum Mac-Ghriogair, an duin’ -uasal a bha mar cheann orra, mharbhadh an àm dhaibh


[74] a bhi dol tharais, agus ged nach robh na bu lugha na cùig peileirean air dol na cholainn, dheirich e air uilinn agus ghlaodh e:— “ ’Seallaibhse so Fhearabh, chan eil mi màrbh fathast, —chì mise mar a deann na h-uill fear-agaibh an diugh a dhleasanas!”

Chaidh mar a dhinnis mi roimhe ceithir cheud saighdear coise dheth an arm-dhearg a ghlan mharbhadh, seachd ceud a ghlacadh, mar phrìosanaich, agus thàr ceud as trì ficheadsa deich ás. Theich Iain Cope féin agus ceithir-cheud trùpair còladh ris, agus is gann gun leig iad fuarachadh dacasan gus an dràinig iad Beruig a tuath air a chrìch Shasunnaich.

Ma leth uair an deigh a bhlàir, fhuair muinntir Dhunéideinn fios cia mar chaidh an latha. Chunnaic iad dusan thrùpairean len cuid each, a marcachd n-an cruinn-leum acuir teinás na clachan a dol suas an t-sràid ard, agus aon mharcach de luchd nam breacan dan dion ruagadh le claidheamh lom na dhòrn! ghabh na trùpairean so a lethid de ghiorraigs nach do sheall iad as an déigh gus an deach iad a steach air geat a chaisteils gun dhùin iad an dorus! ’Nuair a fhuair am fear tòrachd an geata dùinte roimhe, leis an reachd a ghabh e nach do thàr e breith orra, sparr e achlaidheamh air a cheann anns an chòmhla, agus dhfhàg es an t-sàs sin e mar chomharradh air a bhuaidh.

Mharbh Gàël eile nach robh ach ma shia-bliadhna diag a dhaois, trì diag dheth nan nàimhdeanChaidh so innse don Phrionnsa, agus air dha an t-òganach a ghairm da ionnsaidh, labhair e ris mar so:— “Am beil sud a thasag innse dhomh fior, gun do mharbh thusa tri-fir dhiag an air Sliabh a Chlamhain?” “Cha do rinn mi cus sealltain (ars an t-ògan) co dhiù a bha iad


[75] marbh no nach robh, ach tha fios agam air a so, co dhiù, gun chuir mi tri-diag diù ri talamh lem chlaidheamh.” “A laochain thapaidh (ars am Prionnsa) ’s e sin a bha bhuam, is math a choisinn thu do phàigheadh-latha agus ma bhios mise fada beò gheibh thu sin.”

Thug Gàël eile deich saighdearan dearga dhionnsaidh a Phrionnsa mar phrìosanaich. Air dha bhi gan ruagadh eadar ghàradh, a bha tacan a null bhon àraich bhuail em fear a bhair deireadh dhiu lechlaidheamh agus leag se ea cantainn, mar bhuail e bhuille.— “Sios le tàrm!” ’nuair a chuala iadsan a bhair thoiseach so thilg iad gu léir bhuapan àrmachd; gun fhuireach ri sealltainn cia lion a bhan tòir orra; agus le daganns an dara làimh, agus claidheamh anns an làimh eile, dhiomain an Gàël na daoine so gach taobh a bàill leis mar gun iomaineadh e baide chaorach roimhe gu crò!

Dheth na Gàëil féin cha do mharbhadh ach deich thar fhichead, (agus bha triùir dhiu sinn-an oifigich,) agus bho thrì gu ceithir fichead fear a leòn. Chaidh na fir leòintdheth gach taobh (se sin eadar muinntir Dheòrsa saPhrionnsa) a ghiùlain gu taigh Chorneileir Ghàrnaileir, nach robh ach uidhe ghearr bhon àraich, agus chitir gus an lathan diugh làraichean nan gaisgeach sin air an ùrlar dharaich air an robh iadn-an sìneadhn-an trusganan fuilteach.

Nuair a chaidh gabhail ma thimchioll na h-aiteam leointesathòisicheadh air glanadh na h-àraich: bha na Gàëil a trusadh gach òr as airgead a bha iad a faotainn air na cuirp mharbha. Thug aon diùlanach tapaidh a mhuinntir Bharra an t-uaireadair òir de thrùpair Sasunnach a thug e gu làr le aon bhuille dheth a chlaidheamh, agus reic se ra chompanach-leapair an ath mhadainn


[76] air son daga. Thuirt nàbaidh dha a bhanns an làthair gum bamaideach, an cùnradh a rinn e, gum bfhiach an t-uaireadair fichead daga. “Tha mi coma,” ars am Barrach, “is math leam gun dhfhuair min rùd mosach dheth mo làimh, bhàsaich en raoir!” Thuirt e so, a chionn an t-uaireadair a bhi air ruith a mach, a thaobh nach deach a chuidhleadh suas air an òidhche mar bu chòir.

titleCaibidil XI
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page