[77]

CAIBIDIL XII.

NA GAEIL ANN AN DUNEIDEANN AN DEIGH A’ BHLAIR.

’S GANN a bha e trì uairean an déigh abhlàirnuair a chunnacas na Cam-Shrònaich atighinn a staigh do Dhunéideann len cuid pìobairean acluich agus na brataichean a thug iad bho thrùpairean Iain Chopaca sgaoilte rin crannaibh, acuir an céill do mhuinntir a bhaile gum bu leò féin buaidh na teugbhail’. Ach cha tàinig a mhòr-fheachd do Dhunéideann gus an ath latha, agus be sin Di-dòmhnaich. Thàinig na Fineachan n-an aon reang fhada an deigh a chéile a steach aig geat iochdrach a bhaile, le pìoban as brataichean, as iolaichean buaidh-chaithream, bha na brataichean a thug iad, bhon àrm-dhearg sgaoilte aca ri taobh an cuid brataichean féin, bha na ghlac iad mar phriòsanaich den àrm-dhearg ag imeachd as an deighe, agus bha iad ma thuaiream a leth cho lion-mhor riu féin. Bha air an fhìor dheireadh achobhartach a ghlac iad air an nàmhaid; agus na daoine leòinte gan giùlan air cairtean Cha tàinig Tearlach féin còladh ris amhòr-fheachd, ach thàinig e ma fheasgar a chum lùchairt Rioghail Dhunéideinn, agus rinn mòran de mhuinntir abhaile fhàilteachadh leis gach suaicheantas éibhneis agus meoghail.


[78]

Aig an àm so ghiulan an Prionnsa e féin gu suairc, air an fheasgar sin [a be di-Sathurn,] chuir e fios a chum gach Pears-Eaglais sabhaile dheth gach seòrsaidmheil agus Creud, gach fear dhiu a thaigh-aoraidh féin a thoirt air; ach an deigh sin cha deach a h-aon de na h-Eaglaisean suighichtfhosgladh air an t-Shăbaid, bha na ministearan air teicheadh as abhaile leis an eagal air feasgar di-Sathurn, a thaobh am Prionnsa bhi air leo, de chreideimh an t-Shagairt. ’Nuair a chualam Prionnsa so, air an ath dhi-Sathurn, chur e mach an ath ghairm, anns na briathran so:— “Tham Prionnsag iarraidh air a phobull dheth gach aidmheil agus Creud an ionadan aoraidh fa-leth a thoirt orrair an Dònach so tighinn, chan eil e na thlachd no na bhuannachd dhasan, iad a dhfhantainn asda. Tha e mar an ceudna air son a dheanamh aithnaichte, nach ann air son ioma-ruagadh as leth creideimh a thog echlaidheamh ach air son a chòir dhligheach, shaoghalta féin.” ’Nuair a chuala na ministearan so chuir iad teachdaire thun aPhrionnsa dhfheòraich am faodadh iad Rìgh Seòras a chuimhneachadhn-an ùrnaighean. Chuir am Prionnsa fios thuca, gum biodh òrdugh a thoirt dhaibh sin a dheanamh an aghaidh an aobhair mun do tharruinn e a chlaidheamh, ach a dhainean sin, gun robh e toirt gach dearbhachd dhaibh nach mothaicheadh iad géibhinn sam bith bhuaidhe-san air son briathran, mi-iomchaidh a dhfhaodadh iad a gnàthachadh. Ach a dhaindeoin gach còmhdaich dhan dhfhuair an luchd-cràbhaidh so bho Thearlach, cha do dhìrich duine dhiù cùbaid fadsa dhfhan am Prionnsa sabhaile ach aon Mhinistear dam bainm Mac-a- Bhiocair, chaidh esan a shearmonachadh air an ath Shàbaid. An deigh dha an ùrnaigh ghnàthaichta


[79] chuir suas air son Righ Deòrsa, chuir en ath achanaich suas as leth a Phrionnsanns na briathran so,— “Agus air son an òganaich so a thàinign-ar measg a dhiarraidh crùin talmhaidh, deònaich Thusa bho tfhàbhor tròcaireach dha crùn nèamhaidh.” Ged do bha iomadaidh dheth na Gàëils an Eaglais ag eisdeach a mhinistear eudmhoir so, agus ged do thuig iad brìgh na labhair e ma Thearlach math gu leòr cha dubhairt iad facal ma dhéibhinn, agus tha mi a làn chreidsinn nach chanadh am Prionnsa féin, ged do bhiodh e ga éisdeachd. Air madainn di-luain, an treas latha fichead den mhìos, thug am Prionnsa mun airidh a ghairm gun robh an t-shlighe réith eadar Dunéideann agus gach àite den dŭthaich, agus gun robh e-san a toirt a chòmhdaich dhaibh gum biodh iad féin agus an cuid sàbhailt.

An deigh so, fhuair na Gàëil òrdugh, iad a dhol a rannsachadh air son àrmachd air feadh abhaile agus na dùthcha mun cuairt . Thug so cothrom do shlaightearan bradacha, diamhanach, a bha fuireach air sgàth Dhunéideinn, an eadhlain féin a ghnàthachadh le mòr bhuannachd agus thearuinnteachdrinn gach fear dheth na baobhan bradacha so deiseachan Gàëlach dhaibh féin, gus am biodh iad coltach ri feachd nan Gàël, agus thòisich iad air togail cìse bho mhuinntir na dùthcha ann an ainm aPhrionnsa, agus a toirt caoiteasan sgrìobhta ann an ainm cuid dheth na h-oifigich Ghàëlach, do cho liughas bhon dhfhuair iad airgead, agus a mhuinntir aig nach robh airgead-laimhe gu thoirt dhaibh, thug iad uapa luacha-peighinn dheth gach ni a bfhearr na chéile a fhuaras aca, air uairean ghabhadh iad an t-ìms an càise, acantainn aig an àm cheudna gun dòrduich am Prionnsa dhaibh na h-uile


[80] neach aig nach robh airgead-ullamh a ghnàthachadh air an t-sheòl ud. —Choisinn dol a mach na gràisge so mi-chliù agus gamhlas do na Gàëil air feadh nan dùchanan ud gus an lathan diughfaodaidh mi aithris mar a bha na Gàëil a triall air an aghaidh gun robh iad a fosgladh gach prìosain agus a cuir nan ceannairceach agus gach luchd -bheairt eile fa-sgaoil, agus biad so a cheart bhuidheann a bha goid agus a spùileadh ann an ainm agus ann an riochd Ghàël.

Co-dhiù, thàinig air Tearlach gum béiginn da cìs a thogail, thug e air muinntir Dhunéideinn mìle pàileann agus sìa mìle daothainn bhròg a dheanamh dha air son feum na feachda. Thàinig a chàin so cho trom as gum bfheudar leth-chrun a chuir air aphund-Shasunnach mhàil air gach teaghlach chum na cosgais a phàigheadh. Bho mhuinntir Ghlasacho, thog e 5500 Pund-Sasunnach. —Ghlac e gach ionbhas a bhann an taighean Cuspainn Lìbhte agus Bhorostoness agus gach àiteile mun cuairt, agus chaidh a reic air son airgeid ris na smugaileirean, bhon drinn na gàidsearan agus luchd nan taighean Chuspainn a thabhairt.

titleCaibidil XII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page