[81]

CAIBIDIL XIII.

AN CRUINNEACHADH ANN AN DUNEIDEANN.

NUAIR a chuala cùirt Rìgh Seòras an Lunnainn ma ghnàthachadh aPhrionnsa ann an Albainn thòisich iad air gabhail eagail agus air tògail dhaoine gu feachd laidir a chuir na aghaidh; agus ma dheireadh dara mìos an Fhogair dh-òrduich rìgh-Seòras iomadh réiseamaid do shaighdearan coise, agus marc-shluagh a dhol dìreach de dh-Alba fo chomannda Mharasgail Bhade, agus ràinig iad so cho fad air an aghaidh ris aChaisteal-Nogha air an naoidheamh latha fichead de mhìos dheireannach an Fhoghair. Bha Tearlach mun àm so a deanamh deas gu Sasuinn a ruighinn le fheachd féin.[Chuir Marasgal Bhade gairm air feadh na h-Alba. Gach duine a cho-éignich na h-uachdaranan gu eiridh leis aPhrionnsa gan an-toil gum faigheadh iad mathanas bho Dheòrsa nam be is gum pilleadh iad dhachaigh ron dara latha diag de chiad mìos a Gheamhraidh. ]

Air cluinntinn dhaibh ann an Sasuinn gun robh anabharra sluaigh air éiridh le Tearlach air feagh gach àite de dhAlbainn: thàinig fosnear dhaibh gun robh feachd Mharasgail Bhade tuileadh as lag air son coinneamh a thoirt do dhfheachd nan Gàël. Air ball thòisich rìgh Seòras air togail dhaoine anns gach baile mòr an Sasuinn, agus dh-òrduich e dhachaigh cuideachda lion-


[82] mhor dheth a chuid saighdearan ionnsaichte a bha mun àm sin a cogadh ris na Fràngaich ann am Flànrais. Thàinig iad so a nall gun stad agus Diùc Uilleam dara Mac Rìgh Seòras féin air an ceann. Mun àm so bhasa meas gum be Diùc Uilleam seanalair cogaidh cho math sabhaann am Breatuinn mhòr gu léir; agus bha e cheanan deigh mòr chliù a chosnadh, agus a sheòltachd air stiùradh airm a dhearbhadh ann an căth iomraiteach Fontonoi. A thuileadh orra so, bha trì réiseamaidean gu bhi air an togail air chosg mhathaibh agus dhaoin’ -uaisle Shasuinn a chum còmhnadh le Deòrsa, agus a chums gum bfhearr a chuirte gach cùis air aghaidh thug iad dha 700,000 pund-Sasunnach an iosad.

An deigh blàr Sliabh a Chlamhain. Dhfhan Tearlach fad shia seachduinean ann an Lùchairt rioghail Dhunéideinn, agus a chum coinneamh a chumail ris an fheachd lionmhor a dhainmich mi a bhasa gullachadh air a chinn ann an Sasuinn, chuir e deagh shùrd air daoine thional anns gach àite den dùthaich, araon air Machair as Gàëldachd. Aig an àm cheunda bha Foirbeiseach Chuil-fhodair an deigh cuid dheth na Fineachan Gàëlach a thogail ann an aobhar Dhòrsa, agus gu dearbha, faodaidh mi aithris nach bann de dhiù nam fineachan (an àm gàbhaidh) a bha uidhir dhiu sinsa dheirich leis, agus nimin so an ainmeachadh: —Na Duimhnich,[Na Caim-beulaich. ] na Cataich,[Tuath Mhorair Cat. ] na Rodhaich, na Granndaich, na Leòdaich Dòmhnullaich an Eilein-Sgiathanaich, agus iomadaidh eile air nach dfhuar mi ainm.

Thug tighearna Chuil-fhodair mar an ceunda air Iarla-Shì-Phort ionnsaidh a thoirt air na Sàilich, na


[83] Leòghasaich, agus a chuid eile do Chlann-Choinnich a thogail ann aobhar Righ Deòrsa, agus a thaobh gun robh fios aige nach tigeadh a h-aon diubh air àilleas gu dhol a chobhair Dheòrsa, chuir e fios a Leóghas agus do Chinn-tàile iad a chruinneachadh air a lethid so do latha aig Caisteal-Bhradhainn, a chum dol a thogail creach bho Mhac-Shimidh na h-Aird, a bha mun àm sin an droch rùin do Mhac-Choinnich. Ach air dhaibh an caisteal a ruidhinn chaidh innseadh dhaibh gur ann gu còmhnadh leis an Rìgh a bhasa gan iarraidh,— “Ciod an Rìgh?” arsa fear dhiu, “Rìgh Seòrasars a Mac-Coinnich. Labhair iad an sin mar aon duine, nach cualiad riabh iomradh air rìgh ach an aon Rìgh dligheach,[Rìgh Seumas athair a Phrionnsa. ] agus mar a faigeadh iad a chead-san gu dhol a chogadh na aobhar nach rachadh iad a dhortadh am fala an aobhar coigrich sam bithco dhiu a bhiod e na rìgh no na ridir.” Air dhaibh an rùn a thaisbeanadh mar so, phill iad, dhachaigh.

A Dunéideann chuir ann Prionnsa an ath-theachdaireachd gu Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte agus gu Mac-Leòid Dhùn-bheagain, ag ràdh, nan eireadh iad leis aig an àm so, nach cuimhnicheadh e gu bràch dhaibh iad ga dhiùltadh achiad uair a dhiarr e orréiridh, ach chan éireadh na daoin’ -uaisle sin le Tearlach air chumha sam bith. Dhinnis mi air tùs na h-Eachdraidh gum be Tighearna Chuil-fhodair bu choireach iad a dhfhantainn air ais.

Chuir am Prionnsa an ath theachdaire gu Morair Sìm, Mac-Shimidh na h-Airde ceann-cinnidh nam Frisealach, agus bhan duin’ -uasal sin greis eadar dha bharail,


[84] co dhiù thogadh no nach togadh e chuid daoine ann an aobhar Thearlaich. Bha dearbh-chinnt aige nan rachadh an aghaidh aPhrionnsair a cheann ma dheireadh, gun cailleadh e chuid as oighreachd, agus a bheatha, mar an ceudna, nan rachadh e idirs an eidriginn agus a chum gean math na Pàrlamaid Shasunnaich a chosnadh, dhiùlt e Tearlach ăs is ăs, nam bfhior. Ach cho luath sa dhfhàg an duin’ -uasal a bhair teachdaireachd aPhrionnsa caisteal Dhùn-Shìth. Thug Mac-Shimidh air Frisealach Ghort-taobhlaic muinntir na h-Airde agus fearann eile Mhic-Shimidh a thogail fos-n- iosal mar gun bann gun fhios do Mhorair Sìm féin, agus cho luathsa fhuaradh cruinn iad, chur Mac-Shimidh fios air a mac bu sheine nach robh mun àm so ach ma ochd bliadhna diag e dhaois, agus a bha anns an sgoil ann an Oil-taigh Chille-Ribhinn, e thighinn dhachaigh gu grad, agus air dha thighinn, tha cuid a cumail a mach gun do cho-éignich athair e gu falbh air cheann nan daoine mar gum beadh a dhain-deoin athar, nach burrainn le aois as anmhuinneachd an éis bu lughachuir air a mhac cheannairceach so! Dhfhalbh an t-òigear so agus na Frisealaich a chum Dunéideann a ruidhinn, ach bham Prionns air falbh do Shasuinn seachduin mun dràinig iad, agus cha deachiad na bfhaidair an turas sin.

Co dhiubh, bhan cruinneachadh sluaigh a thàinig gu bratach Thearlaich ann an Dunéideann, mar nach bolc, agus ben chiad fhear dheth na h-uaislean (Gallda, no Macrach) a thàinig da h-ionnsaidh Morair Ogilbhie mac Iarl Airlie, a thàinig don bhaile air an treas latha de mhìos dheireannach an Fhoghair le feachd shia ceud fear, bha chuid mhòr den na daoine so dheth a


[85] chinneadh féin, agus do mhuinntir Shiorramachd Fhorfhair. Air an lathair-na-mhàireach thainig Gòrdonach Ghlinne-Bucaid le ceithir cheud fear á braighe Shiorramachd Obaireadhain. Air an naoidheamh latha thàinig Morair Phitsligo le còmhlan liommhor dhaoin’ -uaisle bho Shiorramachdan Obaireadhain agus Bhainbh. Air an t-sia-amh latha diag, thàinig Morair Luthais Gòrdon, bràthair Dhìuc Gòrdon, le feachd lionmhor; agus iomadaidh eile air nach dfhuair mi ainm. Air dhaibh a dhol gu léir cuideachd bha ma thuaiream sia mìle fear-feachd aig Tearlach cruinn!

Nuair a chuala Rìgh Seumas air tùs gun dhfhalbh am Prionnsa do dhAlba air a dhol a chogadh ri Rìgh Deòrsa, ged a bha e faicinn na cùise mi-choltach, rinn e gach ni bha na chomas, mar bu nadurach do dhathair tlŭsmhor agus eudmhor a dheanamh as leth mic. A chum còmhnadh le Tearlach ann an cosgais chogaidh; chuir an Rìgh sùim 200,000 francs[8750 Pund-Sasunnach. ] gu Mr OBrian fear-riaghlaidh a ghnòthaichean ann am Pàrais a chum nam fiach a bair aPhrionns anns abhaile sin a dhioladh, agus chuir e mar an cianda 50,000 francs[2187 Pund-Sasunnach. ] gu Mr Bhaters a bha na Bhancair ann am Pàrais a chum a chuir an déigh Thearlaich do dhAlbainn; tacan an deigh sin chuir e 80,000 crùn Ròmanach thun a Bhancair chianda, agealltainn 28 crùn Ròmanach a chuir thuige rithist ann an beagan ùine; thuird an rìgh gun dhfhàg na bha sin a dhairgead a thoirt seachad a sporan glé aodrum. A thuileadh air sin chuir e litir gu rìgh na Fràinge acruaidh sparradh air feachd laidir dheth a chuid daoine chuir a dhAlbainn gu còmhnadh le Tearlach.


[86]

Coirid an deigh Dunéideann a ghlacadh chuir am Prionnsa féin Mr Kelly don Fhràing a dhinnse cho math sabha e tighinn air aghaigh ann an Alba, a chum misneach a thoirt do Rìgh na Fràinga chuid dhaoine chuir a nall. Tacan an déigh sin chuir e Sir Seumas Stiùbhart don Fhràing mar thosgaire dionnsaidh an Rìgh a chum naigheadh Mr Kelly a dhaingneachadh. Agus ràinig Flath cumhachdach eile mhuinntir na Fràinge, an Duìc de Bouillion (companach dealaidh a bhaig aPhrionnsa féinnuair a bha e san Rioghachd sin) an Rìgh a chum iompaidh a chuir air còmhadh le Tearlach.

Ma thoiseach mìos dheireannach an Fhoghair thàinig caochladh luingeis Fràngach gu Montròse, agus gu Cala-nan-Clach: agus aon long gu Dhùthaich Mhic-Aoidh. Thug an luingeas so a nall gunnaidhean gu leòr, fùdar as peileireann; Anns achiad luing dhiù so thainig 5000 pund-Sasunnach de dhairgead-ullamh, 2500 àrm: agus an Tosgaire Fràngach don goirtem Marcus DEguilles. Thàinig na bhan so sàbhailt gu làmhan a Phrìonnsair an deich-amh latha den mhìos. Ach ghlac na Cataich le foill an long a thàinig do Dhùthaich Mhic-Aoidh. Goirid an deigh so thàinig long bheag Fhràngach eile, a thug a nall beagan airgeid agus oifigeich Fhràngach, agus Eireannach maille ri sia gunnaidhean mòra.

Mun àm so chuir am Prionnsa gairm air feagh gach dùcha mun cuairt, gun robh e cur mar chìs air gach tuathanach, (gach fear a réir a chomais) fodar, fiar, agus sìol a chuir gu ruige Dunéideann, air a lethid so do latha, air son innlinn da chuid each-cogaidh, agus aon sam dith dhiu nach biodh umhail don ghairm, bha


[87] feachd gu ruidhinn a chùm na cìse so a thoirt dheth le lamhachas-laidirach cha tàinig orra sin a dheanamh, thàinig fodar, fiar, as sìol gu leòr a steach don bhaile air an latha shonraichte. na h-ùine dhfhan Tearlach sabhaile bha mòd ceartais asuidhe gu breth, agus chaidh caochladh luchd-reubainn as droch-bheirt a dhìteadh, agus achrochadh.

titleCaibidil XIII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page