CAIBIDIL XIV.
TURAS NAN GAEL DO SHASUINN.
AIR an treas latha de mhìos dheireannach an Fhoghair 1745, bha àrmailte Thearlaich bho 5000 gu 6000 fear-feachda le claidheanan agus gunnaidhean am pailteas, fùdair agus luaidhe do réir sin, agus beagan ghunnaidhean-mòra, maille ris gach treachlaich chath eile bhiodh feumail ri uchd còmhraig. A thuileadh air so, bha iomadaidh eile dheth na Gàëil air ’eiridh nach tàinig fathast air an aghaidh, b’ann diù so feachd Mhic-Shimidh na h-Airde. Aig a’ cheart àm bha anabarra sluaigh ag éiridh na aghaidh anns gach àite de Shasuinn, agus ann an Siorramachd Earra-Ghàël agus Chat-taobh.
Bha Tearlach am beachd mar a b’ fhaisg’ a rachadh e air cathair Rìgh Deòrsa gur ann bu ro fhearr a’ chùis, agus bha e cuir roimhe gu’n gabhadh e gach slighe bu réithe agus a b’ aithghearra gu Lunnainn a ruidhinn, air an aobhar sin leig e ris da luchd-comhairle gu’n robh e air tì màrsail do’n Chaisteal-Nogha los cath a chuir ri Marasgal Bhade, a bha e cinnteach a theicheadh roi’ na Gàĕil, “mar ghearr ro chonabh.” Thuirt a luchd-chomhairle ris, gum biodh sin na ghnothach ro mhi-choltach ’s an àm, gur mòr a b’ fhearr dhaibh màrsail gu mall thun na Crìche Sasunnaich a chum ùin’
Chaidh a nise gairm a mach, an t-àrm Gàëlach gu léir a chruinneachadh ri chéile; ás gach àite de’n dùthaich anns an robh iad air fòrlach, agus air dhaibh a thighinn gu léir air aon lòm ghabh am Prionnsa beachd air an coltas, agus chunntadh an àireamh air an tràigh ghainmheich a tha eadar Lìbht’ agus Baile-nam-Fiasgan.
Ma shia uairean air feasgar dir-daoin an tri-amh latha diag thar fhichead de mhìos dheireannach an Fhoghair, dh’ -fhàg Tearlach gu tŭr lùchairt rìoghail a shinnsir an Albainn, agus mharcaich e féin agus a fhreiceadan diona gu taigh-Phincie far an dh’ fhan e rè na h-òidhche sin; ma thra-nòine ’n ath latha, mharcaich e gu ruige Dail-Ché, far an tug e òrdugh, màrsail do’n àrm. A chum ’s nach biodh fios cinnteach aig Marasgal Bhade ciod an t-slighe air an robh sùil aig na Gàëil triall a Shasuinn, chuir am Prionnsa fios a dh’ fhios gach baile eadar Dunéideann as Bĕr-Uig cairtealan a bhi aca deis air chinn an airm, agus chuir e cuideachdan beaga dhe an armailt air caochladh ròidean eile, agus a chum Marasgal Bhade, agus an t-arm-dearg, (a bha sa ’n àm n-an laidhe sa Chaisteal-Nogha) a sheachnadh, ghabh mòr-fheachd an airm Ghàëlich an rathad a tha treòrachadh air taobh siar na Crìche Sasunnaich gu ruige Lunnainn. Bha Tearlach an dòchas gun eireadh na h-urraid de ’n na Gall-Albannaich, agus de’n na Sasunnaich féin leis, anns gach àite, mar bhiodh e gabhail air aghaidh, —chuir e m’an àm so air leth daoin’ -uaisle ’bha gu stiùradh an airm a ghabhail os-laimh: —Diuc Pheairt agus Morair Seòras Moireach mar sheanaileirean, Morair Elecho mar chorneileir air freiceadan diona a’ Phrionnsa féin;
Cuiridh mi nise sìos an so, fior àireamh agus ainmeanan nam Fineachan Gàëlach a dh’eirich a mach gu cogadh an aghaidh Rìgh Seòras “Bliadhna Thearlaich.” Tha’ chunntas so air a tabhairt bho “Leabhar-Eachdraidh beatha Dhuic Uilleam” a chuireadh a mach ann an Lunnainn sa’ bhliadhna 1767.
REISEAMAIDEAN MAM FINEACHAN GAELACH,
Stiùbhartaich na h-Apunn—Stubhartach Aird-Seile, 200
Na Cam-Shronaich—Loch-Iall, 700
Clann-Raonuill—Tighearna Chlann-Raonuill, 300
Clann-Dòmhnuill na Ceapaich—Fear na Ceapaich, 200
Dòmhnullaich Mhùideart—Tighearna Chinn Loch-Mùideart, 100
Dòmhnullaich Ghlinne-Comhann. Mac-Iain Ghline-Comhann, 120
Chlann-Ionmhuinn—Mac-Ionmhuinn an t-Sratha, 120
Clann-Mhuirich Bhàideanach—Cluainidh Mac-a- Phearson, 120
Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh—Mac- ’Ic-Alasdair, 300
Gòrdonaich Ghlinne-Bucaid—Gòrdonach Ghlinne-Bucaid, 300
Clann-Lachuinn—Mac-Lachluinn, 200
Clann-Dònnachaidh—Thighearna Sruthain, 200
Granndaich Ghlinne-Moiriston—Mac-Phàdruig, 100
Na h-Abhallaich—Morair Seòras Moireach, 600
Aireamh nan Gàël, — —3560
NA REISEAMAIDEAN MACRACH.
Muinntir Siorramachd-Aonghais—Morair Ogilbhi, 900
Muinntir Pheairt—Duic Pheairt, 700
Muinntir Narainn—Morair Narainn, 200
Muinntir Dhunéideinn—Iain Ruadh Stiùbhart, 450
Aireamh nan Gall, — —2250
NA REISEAMAIDEAN EACH.
Marc-shluagh Mhorair Elecho agus MhorairBhaile-Morino, 120
Marc-shluadh Mhorair Phitsligo, 80
Iarla Chill-Marnoc, 60
Aireamh a Mharc-shluaidh, — —260
Aireamh na h-armailt’ gu léir, 6070
Bha gach aon de réiseamaidean nam Fineachan fo chomannda an Ceann-cinnidh féin, agus càirdean bu dìllse nan Ceann-cinnidh na’n oifigich, agus an comh-dhaltan anns na dreuchdan a b’fhaisge dha sin. Bha na daoin’ -uaisle air toiseach nan réiseamaidean, agus bha tastan an fhir aca mar thuarasdal, ’nuair nach robh aig na h-ìslean ach sia-sgillinn, bha leth-chrun thuarasdail aig gach Caiptin agus dà thasdan aig gach oifigeach, agus ochd-sgillinn-diag aig gach fear-brataich. Bha na daoin’ -uaisl’ air toiseach nan Réiseamaidean, air an éideadh na’n làn-dheiseachan Gàëlach, sia slatan-diag breacain, eadar bhreacan-guaile ’s èileadh, (sin an t-uidheam ris an abradh na Gàëil bho shean, breacan an éilidh.) Bha bonaid beag gorm, biorach, orra mar cheann-aodach, cha robh ac’ air son phòcaidean ach na sporanan bruic. Bha gach gaisgeach dhiù so air armadh le gunna-glaic’ claidheamh mòr, agus paidhear dhagachan, biodag le sgian agus gobhlag-fheola na duile; a thuileadh air an sgithinn so, bha sgian dubh ’san ŏsan, targaid, no mar their cuid sgiath, air a’ ghàirdean clì. Bha clann na tuath’ air deireadh: an àite nam breacanan éilidh ’se bh’ air cuid aca feile-beag, no preasach, no ma theireir ann an cuid de dh-àitean féile-cuaich: bha iad so air an armadh le “mosg mhòr a’ pheileir Shasunnaich,” claidheamh agus biodag; b’ aineamh fear dhiù aig an robh sgiath. Air feasgar di-haoine a’ chiad latha de’n Gheamhradh, ghabh cuideachda mhòr dhe’n àrm a bha fo chomannda Mhorair Deòrsa Moireach an t-slige gu Peebles le rùn Carlisle a ruidhinn rathad Mhoffat. Dh’ fhag a’ chuid eile de’n àrm Dail-Ché air an treas latha de’n Gheamhradh ’s am Prionnsa féin air an toiseach, a’ giùlan a thargaid air a ghualainn.
Ghabh a chuideachda so an t-slighe bu dhìriche gu deas air tì coinneamh a thoirt do Mharasgal Bhade aig a Chaisteal-Nogha. Air dhaibh a bhi gabhail na slighe moch sa’ mhadainn so, seachad air dorus Phreston-hall fhuair am Prionnsa e chiad-lungaidh (no bhracbhaist) bho bhan-tighearna Dhiùc Gòrdon a bha chomhnaidh ’san taigh sin: cha bu bhuannach do’n mhnaoi uasail chòir ud, an fhialachd so, cho luath sa’ chuala cùirt Righ Seòras gun do nochd i an urrad ud dheth a caoimhneas do’n Phrionnsa, chaill i 1000 pund-Sasunnach sa’ bhliadhna ris; sùim airgeid a rinn pàrlamaid Shasuinn suas d’i ma choineamh na bliadhna, mar dhuais air son a cuid cloinne thogail suas anns a chreideamh Phrostanach.
Air gabhail do’n Phrionnsa agus d’a armailt thar Chnoc-Shoutra stad iad an òidhche sin aig Laudar agus chuir e suas a chairtealan ann an Caisteal Thirlstane tàmhach Iarla Dhail-Laudeir. Air an ath mhadainn do bhrìgh tuaraisgeul breugach a chual’ e gun robh réiseamaid laidir thrùpairean a’ tighinn na chòdhail air an t-slighe so, phill e air ais rathad Channelkirk a chum is gun tigeadh cuid dheth an arm a dh’ fhan sa’ bhaile sin rè na h-òidhche suas ris a mhòr-fheachd, ràinig e’n latha sin (a be ’n ceathramh latha de’n Gheamhradh) cho fad air aghaidh ri Kelso a’ coiseachd gach ceum de’n t-slighe gun each, gun chàrbad, a chum misneachd nan daoine chumail suas. Chaidh cuideachd eile dheth an arm air an agaidh rathad Ghall-Seile, Shelkirk, Hauig, agus Mhosspauil.
A chuideachd de’n an arm a ghabh slighe an taobh siar, a bha ’g iomchair nan cannon agus trealaich eil’ an àirm, ràinig iad Peebels air feasgar di-sathurn an
An deigh do’n chuideachd so de’n arm Ghàëlach, latha no dha a chaitheamh ann am Peebles, dhìrich iad Monadh-Thuaid gu Moffat, agus an sin ghabh iad an t-slighe sios gu Anadail agus chaidh iad a steach do Shasuinn fagus do Changton.
Dh’ fhan Tearlach féin ann an Kelso bho ’n Di-luain a chaidh e steach gu Di-ciadain, gun a rùnachd a leigeadh ri duine sam bith de mhuinntir a’ bhaile sin,
Chuir am Prionns’ an òidhche sin seachad ann an taigh am meadhon Iedborgh, agus air dha eiridh moch sa’ mhadainn an ath latha chaidh e thar a bhealach gu taobh na h-airde-n’ earra-dheas do dh-Uisge-Ruidhle, agus air dha imeachd ma astar chùig mìle fichead, chaidil e ’n òidhche sin ann a’ Hagihaugh ri taobh Uisge-Lith-dail, chaidil cuid dheth an armailt air na raointean, agus cuid eile ann an taighean na tuatha mu’n cuairt do’n àite. Air an ath mhadainn (Di-haoine an t-ochdamh latha de chiad mhìos a Gheamhraidh.) Ghluais an t-arm sios Uisge-Lith-dail agus a’ chuideachd a thriall rathad Shelkirk, agus sios Dail-Iue thàinig iad an ceann na cuid eile de’n fheachd ma cheithir mìle fo iochdar Langholm. ’Nuair a fhuair an t-arm gu léir air taobh thall na Crìche Sasunnaich thog iad iolach bhuaidh-chaithream, agus tharruinn gach fear a chlaidheamh a thruaill: ach chaochaill cuid aca snuadh, air dhaibh fhaicinn gun ghearr Loch-Iall a mhiar, air dha a bhi rùsgadh a chlaidheamh, a cantainn gu’n robh e na chomharradh air diom-buaidh no turas mi shealbhach.
Ri linn dhaibh a bhi air an turas so, ruith mòran dheth na daone air falbh mar fhiùdmhailich, bha ròidean mòra Shiorramachd Lannraig agus Shruidhleadh air an dùmhlachadh leis na gealtairean so a theich, agus tha mi’n dòchas nach miste leibh a’ chluinntinn gu’m bu Ghall-Albannaich no Machraich a’ chuid bu liugha dhiubh.
title | Caibidil XIV |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |