CAIBIDIL XV.
GLACADH BAILE CHARLISLE.
AIR an naoidheamh latha de’n Gheamhradh fhuair am Prionnsa fheachd cruinn agus dh’imich iad gus an d’ ràinig iad fa-chomhair Charlisle, baile bha uairiginn air a mheas na dhion do Shasuinn bho ainneart Alba. Air an latha sin chaidh prasgan de thrùpairean a’ Phrionnsa gu uchdanan Stan-Uig a’ ghabhail beachd air a’ bhaile tro ghlaineachan-amhairc, ach chaidh beagan urchraichean a losgadh orra bho dhaighneach a’ bhaile agus b’ éiginn daibh teicheadh: air an ath latha chaidh an t-arm a null air caochladh àthan de dh’ Abhainn Eidin agus bhruchd iad timchioll a’ bhail’ air gach taobh, agus sgrìobh am Prionnsa litir gu ard-cheannard na daighneich ag iarraidh air, an armailt a leigeadh do’n bhaile le sìth, a chum calldachd agus dortadh fala ’sheachnadh, ni air nach robh e idir an geall, cho fad sa b’ urrainn e a sheachnadh, ged thubhairt e, gum b’eiginn da sin a dheanamh n’an diultadh iad ùmhlachd dha àinte—Goirid an deigh so thàinig naigheachd a dh’ionnsaidh a’ Phrionnsa’ gun robh Marasgal Bhade agus an t-arm-dearg air an turas as a Chaisteal-Nogha a chum furtachd air teanndachd Charlisle, agus mheas e iomchaidh gum bu chòir dha’n àrmailt Carlisle fhagail
Air dhaibh phailteas fiodha air son fhàraidhean a bhuain ann an Coille-Chorbaidh agus mòran fàil a ghearradh ann am pàirceachan Uaruig, ghiùlan iad am fiodh agus am fàl sin fa-chomhair a’ bhaile air an tri-amh latha diag de’n mhìos, agus thòisich iad air togail dùn cloiche ’s fàil (nì ris an can na Gaill Bateri) a chum na gunnaidhean mòra thoirt an àite teine do bhalla ’bhaile. Thog iad na dùin so an imisg dà-fhichead aitheamh bho ’na bhalla. Bha Diùc-Pheart agus Morair Seòras ag obair ás an léintean ’san dìge a’ gearradh fàil agus a’ togail chlach, a chum misneach nan daoine chumail suas; agus ged a bha’n gearasdan a dion logadh ghunnaidhean mòra orra fad na h-uine— ’s gann gun d’eirmis iad ach fear no dhithis de’n luchd-obair, agus lean na Gàëil mar so air cladhach, ’s air bùrach, ’s air togail an dùin gu solus na h-ath mhaidne, agus an uair a chunnaic muinntir a’ bhaile agus am freiceadan an obair a rinn na fir ghasta, ann an ùin cho gearr, ghabh crith, a’s eagal, a’s gairsinn, greim air an aignidhean anmhuinn, agus cho luath sa’ chunnaic iad na Gàëil a’ socrachadh nan gunnaidhean mòra air na sorrachanan thog iad a bhratach bhàn ri crann, mar chomharradh
Mu’n do chuir an t-arm Gàëlach căs air fearann Shasuinn thàinig a’ chuid mhòr dheth an arm-dhearg air tìr ann an Lunnainn á Flànrais: agus am feadh a bha ’m Prionnsa na stad ann an Carlisle thainig àireamh 10,000 saighdear ionnsaichte gu Siorramachd Stafford a chum coinneamh a thoirt do’n arm Ghàëlach. Bha muinntir Shasuinn a’ saoilsinn gum biodh e na ghnothach ro mhi-ghlic do’n Phrionnsa feuchainn ri dùbhlan a thoirt do’n fheachd lionmhor so, agus gu dearbha, bha na Gàëil féin, a dh’ aindeoin feobhas a misnich, a’ smaointeach nach biodh e ach na ghniomh cuthaich ionnsaidh thoirt air armailt cho laidir, agus cho acuinneach, —agus a bharr orra so, chaidh feachd eile thogail ann an Sasuinn a chum Lunnainn a dhion,
Beagan lathaichean an deigh dhaibh Carlisle a ghlacadh, chuir am Prionnsa agus cinn-feaghna nam finneachan an comhairle cuideachd, ciod bu chòir a dheanamh. Thuirt cuid gu’m bu chòir dhaibh an Caisteal-Nagha a ruidhinn agus latha catha fheuchainn ri feachd Mharasgail Bhade; thuirt cuid eile, gum b’ fhearr dhaibh triall do Lunnainn rathad Shioramachd Lanca agus latha blàir a chumail ris an fheachd lionmhoir a bh’air cruinneachadh ’nan aghaidh ann an Siorramachd Staffoird: thuirt an treas luchd-comhairle gum b’ fhearr dhaibh pilleadh air an ais do dh-Alba, ’thaobh nach robh iad a faicinn coltas sa’m bith air gun eireadh feachd a b’ fhiù ’nan aobhar ann an Sasuinn, agus nach mò bha choltas air gun tigeadh cobhair do’n ionnsaidh as an Fhràing.
Mu’n deach’ am Prionns’ n’a b’ fhaid’ air aghaidh chuir e Mac-Lachuinn ceann-cinnidh Chlann-Lachuinn air ais do dh’ -Alba le litir gu Tighearna Shrath-Ailein ard-cheannard na feachd ann an Albainn a’ dh’ iarraidh air na chruinnich e de dhaoine ’chuir air falbh gun stad gus an ruigeadh iad a’ mhòr-fheachd ann an Sasuinn. Mu’n àm so fhuair am Prionnsa naigheachd á Albainn, a thug dha fìor bheag misnich; bha mòran sluaigh a bh’air éirich leis ann an Dunéideann, am Peairt, agus
Chruinnich Tearlach a nise na b’aige ann an Sasuinn dheth an armailt ri chéile, agus air dha an àireamh, cha robh aige ach ma thuaiream 4500 fear, ruith làn mhìle dhiu air falbh air an turas eadar Carlisle agus Dunéideann; gidheadh, cha robh teagamh aig Tearlach nach cruinnicheadh lionmhorachd dheth na Sasunnaich fo bhrataich. Air an dara latha fichead de’n mhìos bha’n chiad chuideachd dhe’n arm air an deanamh suas de chuig dheth na réiseamaidean Macrach agus marc-shluagh Eilecho, fo chomannda Mhorair Deòrsa Moireach, agus ghluais iad gu ruige Penruith, baile tha ma thuaiream da cheud ceithir-fichead a’s ceithir mìle dh’ -uidhe air an taobh so do Lunnainn.
Air an ath latha ghluais réiseamaidean nam Fineachan Gàëlach gu ruige Penrith, a’ fàgail ceud gu’n leth fear ann an gearasdan Charlisle. A chum misneach an t-sluaigh a chumail suas bha’m Prionnsa féin a’ falbh ri’n taobh gun each gun ghille, air dha bhi gabhail thar sliabh aonarnach eadar Penrith agus Sap, bha e air a theirbeirt le sgìos agus cion cadail cho mòr as gum b’eiginn da greim a dheanamh air crios-guaile fear dheth na daoine, chum a chumail bho thuiteam, agus choisich e mar so iomadh mìle eadar a bhi na chadal ’s na dhùisg. Fathast bha na bha iad a faicinn de shluagh Shasuinn ag amharc orra le beag meas agus dù-ghrain, bha’n éideadh agus an cainnt a sgaoileadh uabhais rompa mar bha iad a’ triall; anns gach àite anns an robh iad a dol a steach bha’n luchd-àitichidh a’ gabhail iongantais nach robh iad a stăd agus a spùileadh gach bùth a bha ri taobh na slighe air an robh iad a’ falbh, agus cha’n
Air an turas sgìth àngharach so, bha na Gàël ag éiridh ro bhristeadh an latha, gun ghnè sam bith de theachd-an-tìr ach beagan de mhin choirc a bha na h-uile fear ac’ a giùlan air a mhuin ann am pŏca beag cainbe, agus dheth nach robh iad a dh’aon chuid a’ deanamh lite, brochan, no aran, ach stăpag (no mar their cuid, fuarag) air uisge fuar an lodain, bho thaobh an rathaid, be sin mar bu trice bu lòn daibh, ach air uairean bha iad a faotainn biatachd anns na taighean anns an robh iad a’ cur suas air an òidhche. Bha na Sasunnaich a’ gabhail mòr iongnadh gu ’n robh daoine bha tighinn beò air beatha cho suarach so; comasach air coiseachd bho fhichead gu deich thar fhichead mìle san latha fhuar gheamhraidh, fo mheachainn gach sion a’s doirinn, le sléisnean rùiste, agus ged do bha iad beagan uairean gach òidhche fo fhasgath taighe, bha iad daonnan air an cois roi’ ghuth an eoin; a’ gabhail fà air solus na gealaich air deireadh na h-òidhche.
Ràinig iad a nise baile beag margaidh ris an canair Preston, dh’ fhàilticheadh iad le rudaiginn faoilte sa’ bhaile sin: Cho luath sa dh’ inndrinn iad an ceann a’ bhaile thòisich na cluig air séirm agus dh’ eirich cuid de mhuinntir a’ bhaile leo. Anns a’ bhaile so thàinig duin’ -uasal dam b’ ainm Mr Townley de chreideamh an t-Sagairt fo’ bhratach Thearlaich: b’e so a’ chiad duin’ -uasal an Sasuinn aig a robh a bheag sam bith de chumhachd a dh’ eirich leis. Thuirt am Prionnsa nis’ gu ’n robh e ro dheònach a dhol air aghaidh gun mhaille rathad Lunnainn, gun robh e làn-chinnteach gun éireadh
title | Caibidil XV |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |