CAIBIDIL XVII.
PILLEADH NAN GAEL A’ SASUINN.
FHUAIR am Prionnsa fios ann an Derbie gun tàinig Morair Iain Drumainn, bràthair Dhiùc Pheairt, air tìr ann am Montròse le feachd lionmhor as an Fhràing a chum còir a’ chumail ri Tearlach an aghaidh Shasuinn. Air an treas latha fichead de mhìos dheireannach an fhoghair ràinig Coirneil O’ Brian, Marcus D’ Argenson, a bha mu’n àm sin a’ chònaidh ann a’ Fontainbleau, baile beag màrgaidh a tha ma thuaiream deich mìle fichead bho Phàrais, [priomh bhaile mòr na Fràinge,] an Rìgh Fràngach, agus dh’ aslaich se air comhnadh le Tearlach Stiùbhart Prionns’ Alba, an aghaidh a dhearg nàmhaid, Impire Hanobher.[Rìgh Seòras. ] Thuirt an Rìgh gur h-e bha deònach, agus chuireadh seòl gun dàil air feachd a chuir cruinn agus thaghadh brod nan daoine as na réiseamaidean Fràngach agus Eireannach, agus ma mheadhon ciad mhìos a’ gheamhraidh sheòl 1000 fear bho Dhunkirk am Flanras le pailteas àrmachd agus goireasan eile. Thàinig iad so gu léir air tìr sàbhailt ann am Montròse air fir dheireadh ciad mhìos a’ gheamhraidh, ach ma thuaiream ceud fear a ghlac long bheag Shasunnach.
Cho luath sa’ dh’ fhàg Morair Drumuinn an Fhràing thòisich luchd-riaghlaidh agus àrd uaislean na rìoghachd sin le òrdugh an rìgh air togail feachd ro laidir a bha iad gu chuir air tìr air oirthire deas Shasuinn, chaidh dheich mìle fear a chuir cruinn ann an ùin ro ghearr a chum na crìche sin, agus chaidh Prionns’ Eannraig Stiùbhart, bràthair a b’ ôige Thearlaich, a thoirt á Pàrais a chum Sasuinn a ruidhinn air cheann an airm Fhràngaich; chaidh gach goireas a chuir ann an deagh òrdugh a chum na còmhraig, agus ghabh an Rìgh Fràngach a chead dheth na Prionns òg, ag ràdh ris gu’n gabhadh e dhinnear maille ris, le sìth a’s sàmhchair ann an Lunnainn air an naoidheamh latha fichead de mhìos mheadhonach a’ gheamhraidh. ’Nuair a bha’n cabhlach Fràngach deas gu dhol fa-sgaoil, thàinig fios á Sasunn gun robh na Gàëil air gabhail an teichidh do dh’ Abainn. N’an robh na Gàëil air gabhail air an aghaidh bha ’n fheachd Fhràngach, trà gu leòir ann an Lunnainn gu còmhnadh leo; agus a réir gach coltais bhiodh sliochd nan rìghrean dùthasach air an cur an dàil an còrach le ro bheag spàirne.
Moch sa’mhadainn, air an chuigeamh latha de’n mhìos, ràinig am Prionnsa Derbie, air chath-chrith gu dhol air aghaidh le dòchas gun tugadh an fheachd Fhràngach coinneamh dhaibh faisg air Lunnainn. Bha ’n àrmailt gu léir ann an deagh mhisneach agus “mar choin air éill” air son a bhi gha ’n cumail bho thòiseachadh air feachd Dhiùc Uilleam; bha iad gu léir an dùil gun robh iad gu toiseachadh air am arm-dhearg ás a’s ás; agus thoisich cuid dhiù air bleth an claidheannan anns na ceardaichean, agus cuid eil air gabhail Sàcramaid Suipeir an Tighearn’ anns na h-eaglaisean, a thaobh gur h-e bàs no
Air madainn a’ chuigeamh latha de’n mhìos chaidh na h-uaislean do dh’ ionad ar leth a chuir an comhairle cuideachd, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Thuirt Morair Seòras Moireach agus a’ chuid mhòr dheth na h-uaislean gun robh iad am barail gum b’e gnothach bu ghlic an armailt a theicheadh gun dàil do dh’ -Alba, a thaobh gun robh iad gu bhi air an cuartachadh le trì armailtean laidir dheth na naimhdean; ’nuair a rachadh iad so cuideachd bha iad ma thuaiream 30,000 fear. Na’m be ’s gun tigeadh iad an àite buille do dh’aon de na h-armailtean so, agus buaidh na làrach a chall, cha’n fhaigheadh duine dhiù ás le’m bheatha. Mar a tuiteadh am Prionnsa féin sa’ chath, rachadh a’ ghlacadh leis na nàimhdean agus a cheann a sgaradh gun tròcair dheth a mhuineal. Thuirt Tearlach féin nach robh e meas gach cunnard dhiù sin ach mar ni gun diù; agus dh’ aslaich e gu dion air na Fineachan iad a dhol air an aghaidh. Thuirt e gum faodadh gaoid a bhi anns an arm-dhearg a bheireadh air cuid dhiù éiridh leis-san. ’Nuair a chunnaic Diùc Pheairt gun robh am Prionnsa cho tìtheach air a dhol air aghaidh thug e aonta gum bu chòir sin a dheanamh. ’Nuair a chunnaic Tearlach gun robh iad gu léir ach Dùic Pheairt, aindeonach air a’ dhol air an aghaidh, thuirt e gum b’ fhearr leis na pilleadh rathad Charlisle, a dhol do Wales, ach thuirt na h-uaislean gu léir, gum b’ fhearr dhaibh teicheadh. ’Nuair a chuala Tearlach so bha chràdh cridhe cho mòr is nach do labhair e smid ri iosal no uasal fad chairteal na h-uarach an deigh sin. Sgaoil an luchd-comhairle
Air do Thearlach a dhol a steach air tùs do shasuinn sheachainn a mheud dheth na Sasunnaich ’sa bha’ann an deagh rùn da aobhar comunn no còmhradh, a dh’ aon chuid, a bhi aca ris féin no ris na Gàëil, a thaobh nach robh iad a faicinn coltas sam bith gun tugadh feachd cho lag buaidh air armailt lionmhor rìgh Deòrsa, agus nan tarladh dhaibh a dhol san eidriginn, bha iad a faicinn nach robh n’a b’ fhearr no ’m bàs a feitheamh orra air son an saoithreach, —ach fa-dheoigh air dhaibh a bhi faicinn cho misneachail sa’ bha na Gàëil a dol air an aghaidh, agus fathunn a bhi dol mu’n cuairt gun robh feachd Rìgh na Fràinge gu thighinn ann an ùin ghearr thar chuan, dh’ eirich iomadh dhiù, agus bha iad air an turas gu feachd nan Gàël a ruidhinn an uair a chual iad gun robh an t-àrm air teicheadh do dh-Alba. Dh-éirich àireamh lionmhor ann a Wales, Gàëldachd Shasuinn, chum Tearlaich a chòmhnadh, agus choisich iad ma leth cheud mìle dh’uidhe chum a thighinn fo ’bhrataich, ach air dhaibh a’ chluinntinn gun do ghabh àrmailt an ratreat phill iad gu léir dhachaigh. Is meòir dheth an aon chraoibh na Welsich agus na Gàëil againne, agus a thaobh cruadail, gaisge, agus misnich, is iad de shluagh a chruinne as faisg a théid air na Gàëil Albannach anns gach euchd agus fearra-ghniomh. N’an robh iad so agus na Fràngaich air tighinn ann an ceann an airm Ghàëlaich bhiodh eachdraidh eile ri innse ma “Bhliadhna Thearlaich.”
A thaobh nach cuala na saighdearan, no na h-oifigich Ghàëlach an òidhche sin gun b’e rùn nan uaislean teicheadh, ’nuair a ghluais iad air fìr thùs na madainn’
Bha teicheadh, no ratreut, an airm aig an àm so air a stiùradh le diomhaireachd, seòltachd, agus sgil, air alt is gu’n robh iad mar bu tric’ astar dha latha air thoiseach air an arm-dhearg mu’m bu chomasach do Dhiùc Uilleam a mheasrachadh ciod i ’n t-slighe a leanadh e air an ruaig, ach air dha brath cinnteach fhaotainn air an taobh a theich iad, chuir e mìle fear dheth na saighdearan coise air muin each as an dheigh agus e f in air an toiseach, ghabh e rathad Chonventry tro fhìr dhroch ròidean a tha treòrachadh tre Ultoxester agus Cheadle agus thàinig e gu Macclesfield air feasgar an deicheamh latha de’n mhìos, da latha an deigh do na Gàëil am baile sin
Feadh sa’ bha na Gàëil a’ triall air an ruaig bha iad a siubhal cho riaghailteach agus cho beag fiamh ’s ged nach biodh an tòir orr’ idir, agus cha mhò a leig iad leis an nàmhaid an cothrom bu lugh’ fhaotainn orra féin no air an cuid trealaich, ged a bha iad a siubhal da’n cois agus an t-àrm-dearg air eachabh chum iad a ghnà uighe mhath astair an ceann orra, gun bhuille gun urchair fhaotainn fad dà latha dhiag, agus da’ latha dhiù sin a chur seachad na’n stad ann am Preston agus ann an Lancaster. Air an dara làtha diag de’n mhìos thàinig marc-shluagh Sheanalair Wade ann an ceann feachd Dhiùc Uilleam. Bha’n t-àrm dearg a bha nis an tòir air na Gàël ma thuaiream da-fhichead ceud marcach, agus chum iad air an astar bho Phreston tro ròidean a bh’air fàs ro olc le flichead na h-àimsir. Cuir Diùc Uilleam m’an àm so gairm a dh’ionnsaidh gach luchd-dùthcha mu’n cuairt, iad a mhilleadh nan ràidean mòra, agus gach drochaid a bh’air gach slighe a bha na Gàëil gu ghabhail a bhristeadh sios: ach ged do chaidh sin a dheanamh, cho luath sa fhuaradh an t-òrdugh; cha mhòr maille chuir e air “fir threubhach nan Garbh-chrioch,” ach ’s ann a thionndaidh an t-olc a chaidh a chumadh dhaibh leis an Diùc chum am buannachd. Bha ’n rathad cho olc aig marc-shluagh an Diùc féin an uair a thàinig iad an deigh nan Gàël, is gun deach an astar am maillead cho luath sa ràinig iad e, air chor is gun d’ fhuair na Gàëil gu’m math an ceann orra.
Ràinig an Prionnsa agus a’ chuid mhòr dheth an àrm
Bha’ chuideachd dheiridh air a deanamh suas de Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh, fo’ chomannda Iain Ruaidh Stiùbhairt, a bha ma thuaiream dà cheud fear an àireamh, ach m’an àm so thàinig, Stiùbhartaich na h-Apunn, agus na Bàideanaich, réiseamaid Chluainidh, ’nan ceann, bha iad an sin ma thuaiream mìle fear. An earalas gun tugadh an t-arm-dearg an ath ionnsaidh orra, chuir Morair Seòras Iain Ruadh Stiùbhart air aghaidh gu Penrith a dh’iarraidh mìle fear a thighinn gun dàil a chòmhnadh leis a chuideachd dheiridh. Ma dhol fodha na gréine thàinig feachd Dhiùc Uilleam, [ma thuaiream dà fhichead mìle marcach] am fradharc na’n dà chuideachd m’a astar mìle ’nan deighe.
A chùm a thoirt a’ chreidsinn air an arm-dhearg gun robh feachd nan Gàël n’a bu lionmhoire na bha iad, thug Morair Seòras air cuid dheth na fir bhrataich a dhol air cùl garadh fada sgithich a bha faisg orra, agus an cuid brataichean a sgaoileadh a chum gu’n saoileadh Diùc-Uilleam gu’n robh feachd lionmhor air cùl a’ ghàraidh. Chaidh Morair Seòras an sin air cheann nam Bàideanach, agus Cluainidh r’a thaobh. Dh’iath dallabhrat
Air an naoidheamh latha diag de mhios mheadhonach a’ gheamhraidh stad an t-àrm Gàëlach gu léir ann an Carlisle agus dh’ fhàg iad ann an gearasdan a’ bhaile sin mar fhriceadan Réiseamaid Mhanchester agus àireamh àraidh dheth na réiseamaidean, Macrach, beagan Fhràngach, agus Eireannach bha ’n àireamh shluaigh a dh’ fhàg iad gu léir anns a’ ghearasdan ma thrì cheud fear. Air madainn an fhicheadamh latha de’n mhìos thàinig mòr-fheachd nan Gàël ma choineamh a’ ghearasdain a toirt slàn leis a mhuinntir a dh’ fhag iad ann; thàinig am Prionnsa féin dlù do’n bhalla thoirt
Ma dha uair an deighe mheadhon latha ràinig am Prionns’ agus an t-àrm abhainn Esg a ta roinn na crìche eadar Albainn ’s Sasuinn, bha’n abhainn so leis bu ghnà a bhi glé thana nis’ air fàs na linne dhomhainn le dòrtadh nan sion, agus a thaobh gun robh eagal orra gun deanadh dìle na h-òidhche sin na bu ro dhaoimhn’ i, smaointich iad gu’m b’ fhearr dhaibh a dhol tharais gun mhaille. Rinn iad an sin innleachd air an àth a chur—Chaidh am marc-shluadh a mach beagan os-ceann na h-àtha a chum neart a bhuinne bhristeadh; agus chaidh na coisichean ann an reang deichneir an guailean a’ chéile chum gun seasadh iad n’a b’ fhearr san t-sruth. Chaidh marcaich a chur mar an ciadna tacan sios bho ’na bhial-àth’ chùm nì, no neach a rachadh leis an t-sruth a thogail suas. Mar so fhuair iad gu léir a null sàbhailt, agus dh’ fhad iad teineachan mòra connaidh air bruaich na h-aibhne gu iad féin a thiormachadh agus a’ gharadh—an sin thog iad luath-gair éibhneis air son gun dh’ fhuair iad am buinn a’ rithist air fraoch Alba! a’ cur air chùl gu tŭr, gach dosgainn agus alabhan a thàinig nan caramh air an turas sgìth sin!
Chaidh crìoch a nis’ a chuir air an turas so, —Theagamh, a thaobh seòltachd, cruadal agus gaisge nach
Air faicinn do Dhiùc Uilleam gun do theich na Gàëil á Sasuinn gu tŭr mheas e iomchaidh Lunnainn a ruidhinn a chum coinneamh a thoirt do’n arm Fhràngach a bha e ’n dùil a bha gu thighinn air tìr air taobh deas Shasainn, agus dh’ fhag e’n t-arm-dearg fo chomannda Sheanaileir Wade, agus Hawley. Dh’ fhan Wade le cuid dheth an arm anns an Chaisteal-Nogha agus chaidh Hawley do dh’ Albainn leis an earainn eile.
Ri taobh Abhainn Esg roinn am Prionns’ an armailt na dà chuideachd. Chaidh aon chuideachd dhiu rathad
Air madainn an tri-amh latha fichead de’n mhìos chaidh am Prionns’ agus a’ chuid eile dheth an àrm suas gu Nithsdale agus chuir e ’n òidhche sin seachad ann an Druim-Lannraig an taigh Dhiùc Queensberry chaidil am Prionnsa féin anns an leabhaidh stàta; agus laidh iomadaidh dheth na daoine air seidean connlaich air ùrlar cuid de sheòmraichean an taighe.
Air an ath mhadainn dh’ fhàg am Prionnsa Druim-Lanraig agus ghabh e-féin ’s an t-àrm an t-slighe gharbh thar Dala-bhinn gu Dail-Chluaidh le rùn triall do Ghlasacho, chuir e’n òidhche sin seachad ann an lùchairt Dhiùc Hamilton, chaith e’ chuid mhor dheth an ath latha ri sealg ann am pàirceachan séilg an duin’ -uasail sin.
Air madainn an ath latha ghabh an t-arm tro bhaile beag ris an canair Lesmahàgo sios gu Glasacho agus b’ann air eiginn a chùm am Prionnsa na Gàëil bho thenie
Thriall iad an sin gun stad do Ghlasacho, be muinntir a’ bhaile sin a b’ fhaide sheas a mach an aghaidh Thearlaich a bha ’n Albainn gu léir. Am feadh ’sa bha ’n t-arm Gàëlach ann an Sasuinn thog muinntir Ghlasacho dà cheud diag fear gu seirbheis Dheòrsa. Air latha Nollaig dh’ inndrinn a’ chiad chuideachd dheth na Gàëil baile Ghlasacho, agus air an lathairn-a- mhàireach thàinig am Prionnsa féin a steach leis a’ chuid eile dheth an armailt. Bha na Gàëil mu’n am so an deigh astar chùig ceud agus cheitheir fichead mìle a dh’uidhe a choiseachd ann an ùin dha-fhichead latha ’sa sia-diag, ged a bha iad iomadh latha dhiù sin n’an stad.
Bha’n armailt mu’n àm so air dol gu tŭr á uidheam, bha nise dà mhìos bho’n a dh’ fhàg iad “Tìr nam
title | Caibidil XVII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |