[120]

CAIBIDIL XVIII.

ULLACHADH RO’ BHLAR NA H-EAGLAISE BRICE.

AIR do Thearlach agus da fheachd ochd latha chur seachad ann an Glasacho gan cur féin ann an uidheam agus aleagail an sgìos, thriall iad air an treas latha de mhìos dheireannach agheamhraidhnan chuideachd, chaidh aon chuideachd rathad Chill-Saoidh agus achuideachd eile rathad Chumbernauld.

Bha stiùradh an airm-dheirg man àm so, an earbsa ri Seanaileir Hawley, an dearbh dhuine aig an robh riaghladh lamh dheas an àirm dheirg latha Sliabh an t-Siorram, agus a thaobh gun chuir en ruaig an latha sin air na Gàëil le réiseamaid lionmhor thrùpairean, cha robh teagamh sam bith aige nach deanadh en cleas ciandair feach aPhrionnsa cho luath sarachadh e na dàil, agus chluinnte e gu tric ri sgĕigsamăgagh air Sir Iain Cope agus air na bha coladh ris air Sliabh a Chlamhain.

A chùm na h-ùine chuir seachad gus an tigeadh achuid eile dheth na Fineachan Gàëlach as an Taobh-


[121] tuath, thug Tearlach ionnsaidh air Sruidhleadh a ghlacadh, agus air di-dòmhnaich an cuigeamh latha den mhìos bham baile air iadhadh mun cuairt leis na Gàëil. Air madainn di-luain thog iad Bateri ma uidhe urchair gunna don bhaile: air faicinn so don ard-bhàili dh-aslaich e orra fantuinn air an ais gu deich uairean samhadainn a maireach, thug Tearlach an dàil sin , agus ma thrì uairean an deigh mheadhon latha leigeadh an t-arm gu léir a steach don bhaile gun urachair a chuir a gunna, no claidheamh a thoirt a truaill. Air an ath mhadainn thàinig àireamh lionmhor dheth na Frisealaich, agus ceithir cheud de Chlann-Chătainn a thog Baintighearna Mhic-an-Tòisich na Mòidhe gu Sriudhleadh, a chòmhnadh Thearlaich.

Air acheart latha a chaidh na Gàëil a steach do Shruidhleadh bha Seanaileir Hawley an deigh an t-arm-dearg fhaotainn ri chéile ann an Dunéideann, bha fheachd ma thuaiream ochd mìle fear agus bha trì cheud diù nam marc-shluadh. Air an treas latha diag dhfhàg iad Dunéideann a chum tachairt ris na Gàëil, agus chàmpaich iad air feasgar an t--amh latha diag air an t-sliabh air taobh na h-airde n-iar-thuath den Eaglais bhric. Moch air madainn an ath latha thàinig Iain-Caimbeul a Mhàim Mhòr le mìle fear dheth achuid Caimbeulach féin an ceann an airm-dhéirg.

Air amhadainn so cha do mheas Seanaileir Hawley iomchaidh a dhol an codhail nan Gàël; a thaobh gun deach innse dha gun robh iad féin adol a thoirt coinneamh dhasan; oir a cheart cho luath sachuala Tearlach gun robh an t-arm-dearg air tighinn dlù do làimh chuir e roimhe gun rachadh e leth na slighe nan còdhail, agus chàmpaich na Gàëil an òidhche sin ma dhă mhìle air


[122] an taobh sear do dhAllt a Bhonaich, agus ma sheachd mìle bhon Eaglais BhricNuair a bha an t-arm-dearg nan laidhe air raointean na h-Eaglaise Brice agus na Gàëil air sliabh Phlean bha solus an chàmpann am fradharc a chéile.

Bha gaisge nan Găël cho suarach ann am beachd Sheanaileir Hawleys nach robh ullachadh air son a chathacuir air ach ro bheag cùraim bhan en duil, gun cuireadh an t-arm dearg fhaicinn mun coinneamh, ann an òrdugh catha, maoim air a nàimhdean. Air madainn latha bhlàir bha e ga fhaicinn féin cho sàbhailt is gun deach eghabhail a mhocharain maille ri bana-mhorair Chille-Màrnoc, do thaigh Chala-Sraid, ged a bha dearbh chinnt aige gum bann air taobh a phrionnsa bha dùrachd na bainn-tighearna sin, a rinn na h-uile dhichioll air a dheanamh subhach agus a chunnard a chuir air chùl, ni a chaidh aicair a dheanamhBhagheilbhinn uasal ud cho mhodhail na giùlan agus cho sgiamhach na maise, air chor is gum bu mhòr bu mhi-chuisiche leis an t-seann Seanaileir liath féinBriodal binn a beoil, seach tòirm searbh nan cath.” Thasag ràdh gun dhfhan Hawley ann am fochar na baintighearna so na bfhaide na bu chòir do dhfhear adreuchda ris an robh gnothach cho cudthromach an earbsa, agus a thaobh gun robh pailteas fiona ann an taigh Chaladair cha bann falamh a dhfhalbh e.

Bhan soirbheas a nis air tionndai bhon aird an iar-dheas, agus ghluas na Gàëil gu uchdach a bhair taobh na gaoithe agus deas air càmpa Hawley. ’Nuair a chunnaic an t-arm-dearg gun robh na Gàëil gu léir air gluasad chuir iad fios a dhionnsaidh an t-seanalair a bha fathast gun taigh Chala-Sraid fhagail. Cho luath sa


[123] rainig an teachdaire leum an seanalair na dhìollaid, agus mharcaich e le cruinn-leum gus an dràinig en àrmailt, ceann-ruiste, gun ăd gun phiorbhŭic coltach ri fior dhàimheach air ùr éiridh bho chlàr man fleagh. Bhan latha a bhair tùs na maidne ciùin agus soilleir a nis air fàs gruamach agus ro choltach ri seideadh doireinn. Bha Tearlach mun àm sin a sior ghreasad a dhaoine gu àrd Sliabh na h-Eaglais a bha ma dha mhìle dhuidhe deas air càmp an airm-dhéirg.

Nuair a chunnaic Hawley gun robh na Gàëil an geall air cothrom na bruthaich a bhi aca féin, thòisich e air gabhail eagail gun eireadh dha dìreadh mar thachair do dhIain Cope latha Sliabh a Chlamhain, agus dhiarr e air achuid marcaichean, ionnsaidh a thoirt air séilbh fhaotainn air an uchdaich mun ruigeadh na Gàëil suas. Cho luath sa thug en t-òrduchaidh na trùpairean nan teann-ruith, agus ruith na coisichean as an déighe, bha na gunnaidhean mòra gan giùlan le cairtearan a mhuinntir na h-Eaglaise-Brice, agus do bhrìgh gur ann a dhaindeoin a thugadh na daoine so bho na bhaile, cha do dhearbh iad a bhi nan seirbheisich ro dhìleas, chuir iad na h-eich a mach tro bhoglach càthair as nach burrainn na brùidean truaghan căsan a thoirt, agus air dhaibh na gunnaidhean fhagail anns an fhéithe sin, ghearr iad iallan beairte nan each agus mharcaich iad dhachaigh cho luath sadhfhaod iad. Mar bhan t-àrm-dearg a dìreadh na h-uchdaich, bhan t-sion ghailbheach gheamhraidh a brais dhortadh nan aghaidh, a cuir maillair an leirsinn as air an imeachd agus mun deach iad na bfhaidair an adhart chunnaic iad an t-àrm Gàëlach (a ghabh rathad mòran na baithghearra) gu h-ard air bràidhe na h-uchdaich.


[124]

Bha trì réiseamaidean Chlann-Dòmhnuill (a bhrì seana chòir shioll Chuinn) gu bhi air an latha so air deas lamh an àirm, ach anns an réis ruithe a bheadar na Gàëil gu léirs na trùpairean dearga, le strì co aca e bhuannaicheadh an uchdach, be Clann-Ghriogair Ghlinne-Càrnaig bu luaithe rainig am mulach, agus dhfhagadh san ionad sin iad an latha, agus chaidh achuid eile dheth na Finneachan an òrdugh catha anns an t-suidheachadh so; bho dheas gu tuath: —Clann-Ghriogair, —Dòmhnullaich na Ceapaich, —Clann-Raonaill, —Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh, —Stiùbhartach na h-Apunn, —Na Cam-Shronaich, —Na Frisealaich, —Na h-Abhallaich, —Clann-Ogilbhi, —Clann-Fhearchair, —Feachd Iarla Chrompa, —Na Fràngaich. Sheas am Prionnsa féin air fàireadh ag amharc gluasad an armailt agus prasgan beag mar gheard air.

Sheas an t-àrm-dearg ma choinneamh nan Gàël, anns an òrdugh so bho thuath gu deas: —Wolfe, —Cholmondley, —An fheach rìoghail Albannach, —Price, —Ligomeir, —Blancney, —Fear-Chul-chàrn, —Fleming, —Barrell, —Battereau, —Réiseamaid Ghlasacho, —Howard, —Iain Caimbeul a Mhàim-Mhòir. Ann an àireamh, bha na Gàëils an t-arm dearg mun aon lionmhorachd, 8000 fear air gach taobh, agus a thaobh nach robh gunnaidhean mòra, a dhaon chuid, aig an arm Ghàëlach no Ghallda, ’s doigh leam gun robhcothrom na Féineeadar na Gaill as luchd nam breacan.

titleCaibidil XVIII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page