[125] CAIBIDIL XIX.
BLAR NA H-EAGLAISE BRICE.
BHA’N ùine nìs’ a’ teannadh dlù do cheithir uairean ’s an fheasgar sa’ mharcachd-shìne sgaoileadh doilleireachd, cho math ri dubhar an anmoich ’nuair thug Seanalair Hawley òrdugh dha thrùpairean ionnsaidh thoirt air na nàimhdean. Bha sùil aig Hawley mar chaidh chean aithris, nach cumadh na Gàëil an aodann ri aon mharcach cogaidh, no idir ri réiseamaid thrì cheud diag trùpair!
Dh’fhan na trùpairean so nan stad-sheasamh fa chomhair nan Gàëil căr cairteal na h-uarach, —a feitheamh gus an loisgeadh na Gàëil a’ chiad làdach le dùil, an uair a bhiodh an gunnaidhean falamh gun rachadh ac’ air an saltairt sìos fo chasan an cuid each, agus an lot le rinn am pìcean, —cha robh làmh dheas an airm Ghàëlich féin fathast an ro gheall air a dhol an dàil nan trùpairean a thaobh nach d’ fhuair an làmh chlì an òrdugh catha. Air do’n dà arm a thighinn a nise gu cothromach ri uchd bualaidh, ghreas na trùpairean dearga ’n cuideachd gu ionad urchair daga do laimh dheis an àirm Ghàëlaich. An sin thug Morair Seòras òrdugh do na Gàëil losgadh, agus rinn iad sin le cuimse
[126] cho cinnteach ’
s gun bhrist iad reang nan trùpairean leis a’
chiad làdach.
[Chualas Wade féin gu tric ag innse ann an Sasuinn, ged a bha e gu tric ri aghaidh teine nach fac e riamh cuspaireachd cho cinnteach ris a’ chiad làdach a loisg lamh dheas an àirm Ghàëlich air a chuid trùpairean latha Sliabh na h-Eaglais. ] Air ball theich trùpairean Ligoneir agh Hamilton,
na gealtairean sin air na chuir na Gàëil an ruaig latha Sliabh a Chlamhain.
Air dhaibh so a bhi teicheadh bharr na h-
àraich shaltair iad sios saighdearan coise laimh chlì an airm aca féin fo chasan an cuid each!
ag éigheach ri’
n còmpanaich mar bha iad a ruith air falbh. “
A bhràithrean gaoil bi’
dh sinn gu léir air ar mort an diugh!”
Cha d’
rinn trùpairean Chobhain dad n’
a b’
fhearr,
ruith iad sios a’
ghlaic a faotainn fras pheileir bho na Gàëil mar bha iad a triall.
Bha cuspaireachd nan Gàël cho ro chinnteach air an latha so is gur gann a chuir iad dusan pheileir ’
san fhraoch,
dheth na thilg iad,
air chor is gun tug iad “
iomadh fear mòr a nios.”
Co-
dhiùbh,
chaidh an réiseamaid each a bha fo chomannda Chorneileir Whitney air thapadh, ’
nuair bha réiseamaid a’
dhol aig a h-
aghaidh chunnaic Whitney féin Iain Ruadh Stiùbhart,
air an robh e roimhe eolach,
ma choinneamh thall a measg nan Gàël,
agus ghlaodh e, “
A!
am beil thus an sin Iain Ruaidh?
Cha ’
n fhada gus am bi mise suas riut!” ’
S e do bheatha ’
nuair thig thu ars Iain,
agus,
mu’
n gann a labhairt Iain Ruadh na facail so,
bhuail Peileir Whitney a thug air ball a nuas e gu’
n deò a bharr an eich.
Air faicinn sin da chuid daoine ruith iad an cuid each air muin Chlann-
Raonuill (
a bha mu’
n àm sin mu’
n coinneamh)
ga saltairt sios fo chasan nan each ann an priobadh nan sùl;
[127] ach cha b’
ann air mi-
thapadh a chaidh Clann-
Raonaill’
ged a bha ’
n cùl ri talamh,
thòisich iad air bruanadh nan each mu na tarran le ’
n cuid biodagan,
rinn cuid eile gréim air earbaill nan casagan dearg’
aig na trùpairean ga ’
n tarruinn a bharr nan each agus ga’
m fagail gun deò le aon bhruan de ’
n bhiodaig!
Cho luath sa theich trùpairean Whitny air falbh thug a’ chuid eile dheth an arm-dhearg an ionnsaidh air na réiseamaidean a bha nan seasamh eadar làmh dheas agus chlì an àirm Ghàëilich, b’iad sin Clann-Chătainn, Clann-Mhuirich, na Cam-Shronaich agus Stiùbhartaich na h-Apunn, loisg iad so aon làdach air an arm-dhearg bho cheann gu ceann, agus an deigh sin a dheanamh leum iad nam badabh le’n claidheannan rùiste gus na theich iad fa-dheoigh le breislich bharr na h-àraich, mu’n àm chianda bha na Dòmhnullaich air brùchdadh sios air laimh chlì an airm-dheirg a bh’air an deanamh suas de dha réiseamaid Ghallda maille ri Caimbeulaich Earra-Ghàël. B’ ann an cuideach na feaghnach so a bha Donnachadh Bàn nan òran, a thubhairt:—
“Mar gu’n rachadh cù ri caoirich,
’S iad nan ruith air aodann glinne,
’S ann mar sin a ghabh iad sgaoileadh
Air an taobh air an robh sinne!”
Chaidh na réiseamaidean so nan tŭr bhreisleich, araon le ceò an fhŭdair agus an t-sion, a bha bras dhortadh na’n aodainn, air chor is gun theich iad sios do’n Eaghlais-Bhric, gun amharc aon uair as an deigh no air gach taobh, ach an t-sligh’ a bha roi’n srôin a ghabhail co-dhiu bu mhìn no gàrbh:—
“Nuair a bhuail iad air a chéile,
’S ard a leumamaid a pilleadh,
’S ghabh sinn a mach air an abhainn
Dol g’ar n’ -amhaich anns an linne!”
[128] Air ball an deigh so sguab osag threun ghaoithe ceò an fhùdair dheth lòm na h-àraich is cha’n fhaca na Gàëil trùpair no fear cota deirg ’nan sealladh, agus air dhaibh a bhi fathast an teagamh nach bu leo féin a bhuaidh-làraich, ach gur ann a chuir an nàmhaid car ma chnoc dhiu chum a thighinn orra le foill a thaobh an cùl, thòisich iad air farraid ri chéile:— “C’ àit’ am beil na daoine? C’àit’ an deach iad?” Air do na Gàëil a bhi tacan nan seasamh air an àraich ’san imcheist so, co dhiu a choisinn no nach so choisinn iad buaidh na teugbhail, a bhrì gun robh am feasgar ro dhoirbh thuirt cuid de na h-oifigich gum b’ fhearr dhaibh triall gu fasgath Dhun-Nipaic, gus am faigheadh iad fios cia mar chaidh dha na nàimhdean, ach thuirt Morair Seòras gu’m b’ fhearr dhaibh an Eaglais Bhreac a thoirt orra air eagal gun cuireadh an t-arm dearg an òidhche seachad sa’ bhaile is gun biodh iad ùr fuaslaidh a chum an ath ionnsaidh a thoirt air na Gàëil sa’ mhadainn Thuìrt am Prionnsa mar an cianda gur e ’n Eaglais Bhreac a ruidhinn a réir a bheachd-sa’ bu bhuannachdail, ach thuirt e gu’m fanadh e-féin ann an aon de thaighean na tuatha ri uchd an t-sléibhe, gus an cluinneadh e cia mar chaidh dha na nàimhdean. Thàinig an sin fios as an Eaglais-Bhric gun do theich Senalair Hawley (as deigh dha òrduchadh a Phàilinn a chuir r’a theine) rathad Dhunéideinn. ’Nuair chuala na Gàëil so, dh’ fhag iad an Sliabh nan trì cuideachdan fo chomannda Mhorair Drumuinn, Loch-iall agus Mhorair Seòras, agus chaidh gach cuideach a steach do’n bhaile air slighe fa-leth.
Cha do ràinig an Eaglais-Bhreac air an òidhche sin. ach ma chuig ceud diag dheth na Gàëil. Chaidh cuid eile chum taobh siar an t-Sléibhe a shirreadh fasgaith rè
[129] na h-
òidhche,
chaidh mòran dheth na daoine,
nan tŭr bhreisleich:
theich cuid ac’
air falbh le dùil gun deach’
an armailt a léir-
sgrios no ghlacadh leis na nàimhdean,
ràinig Morair Luthais Gòrdon agus caochladh dheth na fineachan taigh Dhun-
Nipaic,
gun fhios sam bith aca,
cia mar chaidh an latha,
no ciod a thainig ri pàirt dheth an cuid daoine féin.
Fa-
dheoigh ma ochd uairean a dh’
òidhche,
chaidh fuasgladh air imcheist nan daoine so,
le Dòmhnullach Locha-
Garraidh a thighinn da’
n ionnsaidh bho’
n Eaglais-
Bhric le teachdaireachd bho ’
n Phrionns’
ag iarraidh orra an cuid daoine chur air an aghaidh do’
n bhaile sin,
air fìr thoiseach na maidne.
Bha iad a nis’
air creidsinn gur ann aca féin a bha chuid a b’
fhearr de’
n latha.
Air an òidhche sin féin chuir am Prionnsa àireamh mhath dheth a’ chuid daoine a réiteach na h-àraich agus a thrusadh na creich’. Dh’ fhag Hawley gach trealaich a bha ’n cois an airm-dheirg as a dheigh ’nuair theich e, a’ meas gach seud gun bhrìgh an coimeis r’a bheatha. Air an aobhar sin fhuair na Gàëil sealbh air an urrad so de chuid ri Deòrsa: —Seachd gunnaidhean mòra, sia ceud mosg, da-fhichead ceud pund fùdair, iomadh dheth an cuid brataichean &c. An deigh sin chaidh an earradh a thoirt dheth na mairbh, agus am fagail an òidhche sin ’nan sìneadh an’ suain a bhàis air an àraich.[Bha fìr sheann duine nach d’ rinn ach caochladh bho cheann beagan bhliadhnachan ag ràdh, gu’n deach e air a mhadainn an deigh a’ bhlàir a dh-amharc na h-àraich, agus gun robh i air a glanadh cho ro lom leis na Gàeil, is nach fac e dad ach eich mharbha, cuifeannan leth loiste, agus cuirp nam marbh; a bha na laidhe glè dhlù air a chéile. Agus a thaobh gu’n robh iad uile ruiste, shamhlaich se iad ri treud lionmhor de chaoirich bhàna nan laidhe air uchd cnuic! ]
Cha deach a mharbhadh air taobh nan Gàël féin ach
[130] dà fhear dheug ’
ar fhichead agus ma shia fichead fear a leòn,
chaill an t-
arm-
dearg,
eadar na chaidh a leòn s’
a mharbhadh,
ma dha cheud a’
s ceithir fichead fear.
B’
e ’
n urra b’
ainmeile dhiu sin,
Sir Rob Munro Tighearna Fòluis,
diùlanach cho math agus saighdear cho treun sa dheanadh Alba mhòr gu léir an latha sin.
Bha e air cheann a’
chuid daoine féin (
na Rodhaich)
air laimh chlì an airm-
dhéirg maille ri Caim-
beulaich Earraghàël,
agus ged do dhearbh nan Rodhaich iad-
féin “
mar bheathraichean geura nan cath”
latha Fontenoi ghabh iad an ruaig air an latha so gu cas,
a’
fàgail a’
ghaisgich bu cheann orra fo mheachainn a nàimhdean.
[Tha cuid de mhuinntir a’ cumail a mach nach robh na Rodhaich air son bualadh air na Gàëil eile latha Sliabh na h-Eaglais, gu’n robh iad air son leigeil eadair iad fein ’s na Sasunnaich. Ach mar a leughair an deigh so. ’Nuair a chunnaic iad gun do thuit an ceann-feadhna sa chath, bha ’n càs ro mhòr, agus bha iad a cuir rompa gun dioladh iad a bhàs air a’ chiad chothrom, agus chaidh ac’ air a’ sin a dheanamh latha Chuil-Fhodair. ] Air ball an deigh sin thàinig sianar fhear chum an uasail so a ghlacadh,
agus ann an toirt ionnsaidh air e féin a dhion mharbh e dithis diu sa’
chonnstri,
ach a thaobh gun robh fios aig a’
cheathrar eile gun b’
e Fear Fòlais bu roghnaiche leo na mharbhadh a thoirt mar phrìosanach,
ach ma’
s do thàr iad a ghlacadh,
thàinig caraid do dh’
fhear de an dithis a mharbh e agus chuir e peileir ann ma iochdar a chuirp agus bha e marbh air ball.
[Be ainm an duin’ a chuir am peileir bàis ann am Fear Fòlais, Calum Mac-Ghriogair, fear do dhaoine Glinn-Goill. Theirte ris mar leas-ainm Calum na Ciabhaig. Theagamh na robh siunnailt do Dhiùc Uilleam an Albainn ann am brùidealachd ’san cruas cridhe ach Calum na Ciabhaig. Ann am blàr Sliabh a Chlamhain cha robh aon
[131] chuid gunna no claidheamh aig an duin’ uaraidh so, ach seann speal le dòrn math coise de cheathramh innsinn. Leis an arm òilteil so bha e leagail mionach nan each-cogaidh ri talamh air a’ chiad bhuille, agus a meadhadh dhòrn a’s chnuac dheth na naimhdean air gach taobh dheth. Ged do bha na dearganaich bhochda dol air an glùinean roimhe ag iarraidh trocair, bha e deanamh spealadh nan dialtag orra. ’Nuair a thug an Prionns’ an aghaidh dha an deigh a bhlàir air son a bhi cho beag iochd, ghabh Calum còir a leisgeul féin le radh nach robh e tuigsinn le cion na Bheurla co dhiu bha iad ag iarraidh sìth no còmhrag. ]
Cha robh na Gàëil a’ caoidh duine dheth na nàimhdean a thuit an latha so ach Fear Fòlais na aonar, bha mhòr euchdan latha Fhontenoi nan cliù, cha’n ann a mhàin do
[131] gach Gàël,
ach do shluadh Bhreatainn gu léir,
cha ruigear a leas cliù an latha sin ainmeachadh an so;
tha i chean’
iomraiteach ann an seannachas gach rioghachd leis am miann “
uirsgeul nan cath.”
A thaobh a mhòr spéis a bh’
aig Fear na Ceapaich do dh’
Fhear Fòlàis fhuair a ciste-
laidhe duin’ -
uasail air a deanamh dha san Eaglais-
Bhric:
agus an uair a chaidh na h-
oifigich dhearg’
a thilgeadh air muin a chéil’
ann an tuill gun fiù lein’
an anard far na thuit iad;
chaidh Fear-
Fòlais a ghiùlan air ghuaillean Chlann-
Dòmhnuill gus na leag iad sios e ri taobh an dà ghaisgeich iomraitich sin,
an Greamach agus an Stiùbhartach a thuit ann sa chath ghailbheach,
a chuireadh,
air Sliabh na h-
Eaglais aireamh bhliadhnachan roimhe sin,
agus a bha air an tiodhlaiceadh ann an clagh,
na h-
Eaglaise-
Bric.
Feagh a bha Fear Fòlais ga ghiùlan a chum na h-
uaige,
bha dà chlaidheamh air an cuir tarsuinn air a chéile air clar-
uachdair na ciste,
agus targaid ’
nan glaic.
Bha cinn-
feadhna nam finneachan gu léir an deigh a’
ghiùlain,
agus siathnar phìobairean a cluich “
Cumha Fir Fòluis”
cha’
n fhada bho’
n a chaochail seana bhean a mhuinntir na h-
Eaglaise-
Bric aig an robh cuimhn’
air tiodhlaiceadh an fhiùidh so.
Mu’n dh’ fhàg Seanaileir Hawley Dunéideann, chum tachairt ri armailt a’ Phrionnsa, thog e dà chroich air
[132] Margait an fheòir,
air an robh dùil aige mheud sa’
tharadh e ghlacadh dheth na Gàëil an deigh a bhlàir a chrochadh.
Ach air dha an àrach fhàgail mar ghealtaire gun cliù,
gun mhisneach,
thòisich e air crochadh a chuid daoine fein air na dearbh chroichean sin a thog e air son nan Gàël.
Ge be ciod a choire fhuair e do na truaghanan bochda sin cha chuala mi.
Dh’
fhàg e ’
n cuirp an slaodadh ris na croichean bho mhadainn gu dol fodha na gréine;
agus chan fhaca muinntir Dhunéideinn a lethid sin do latha bho’
bhliadhna 1681,
anns na chroch Pàrlamaid Alba siathnar mhinistearan ceannairceach ann am Margait an fheòir!
Bha na Gàëil cho deigheil air iad féin a chur ri uchd gabhaidh ann an aobhar Thearlaich is gun aithris mi ann an so sgeula beag a chum sin a chòmhdach. Bha Gill’ òg d’am b’ainn Rŏb Stiùbhart de Theaghlach Bhonnsgaid ann an Abhall na shaighear an geard a’ bhaile ann an Dunéideann. Latha ro’ bhlàr Sliabh na h-Eaglais, dh’iarr e fòrlach dha latha air Caiptin a Gheaird. Air dha sin fhaotainn thug e ás le ghun’ air a ghualainn agus cha da stad e gus an deach e fo bhratach nan Stiùbhartach an armailt Thearlaich, agus chog e maille ris a’ chuid eile dheth fhine an aghaidh rìgh Deòrs’ air Sliabh na h-Eaglais; agus bha e ann an Dunéideann air an ath mhadainn an deigh a’ bhlàir, agus sin trà gu leòir gu ionad a sheasamh air an fhreiceadan. Bha fios aig caiptin a gheaird gu fìr mhath an turas a thug Rob Stiùbhart air falbh, ach an àite chrochadh ri croich mar dheanadh Hawley ’s ann a rinn an t-Albannach fiùghantach glag mór gàire.