[133]

CAIBIDIL XX.

TIGHINN DHIUC UILLEAM DO DH-ALBA.

AIR an latha anns an dràinig sgeula mar chaidh do Sheanalair Hawley ann am blàr Sliabh na h-Eaglaise Lunnainn, bha cùirt Righ Sheòras cruinn anns a mhùr Rioghail, ri fleaghachas agus ri sùgradh, agus air don litir a thug naigheachd a bhlàir a Albabhi air a leughadh ann an éisdeachd nam maithean, chaochail a mheoghail ghreadhnach rìoghail gu bròn, agus dhatharaich gach gnùis an tala na féile crŭth, ach aogais Shir Iain Chope agus Iarla Stair. Mheas a chùirt a nisiomchaidh gum bfheumail an Seanalair cogaidh a bainmeile agus a bfhòghluimte ann am feachd an Rìgh a chur an aghaidh nan naimhdean, agus be sin Diùic Uilleam, mac an Righ féin a lean na Gàëil an uair a bha iad ann an Sasuinn cho fad air aghaidh ri Carlisle. Cha do chaill an Diùc a bheag do dhùingun òrdugh athar a fhreagairt agus ràinig e Dunéideann, an ceann cheithir latha an deighe dha Lunnainn fhàgail.

Bha Diùc Uilleam man aon aois ri Tearlach féin, ma chùig bliadhna fichead, ach cha robh e na mhacan-maise cho dealbhach ri Tearlach, bha e anabarrach bronnach agus dùmhail, a ghnàs agus a chòmhradh


[134] garbh agus mi-thaitneach, agus a bhrì nach do dh-Albannach sam bith a chliù a chur an céill gun chlaon-bhreth, faodaidh e bhi cho iomchaidh an alla fhuair e bho fhear dùthcha fein, Morair Mathon, a chuir sios an so:—

Bha e na dhuine ris an robh iomadh subhailc fuaighte, onarach na rùn, a cumail ri ghealladh, dàimheil ri chàirdean, na mhac dleiseil, mar shaighdear deigheil air a bhi air feachd, agus air dòighean an àirm fhòghlum, agus mar fhear stiùraidh airm dhfhaoite mholadhsan linn anns an robh Sasuinn fad air dheireadh ann an seòltachd cogaidh. Choisneadh a leannmhuinn gun sgìos agus a misneach cliù dha aig àm sam bith mar shaighdear, ach bha bhreathanas fo; smachd aig a nadur brais a bha mar bu trice droch-mhiùnte agus do-cheannsaighte. An aghaidh a nàimhdean ann an rioghachdan céin, cha do gnàthaich e cainnt gharbh sam bith; agus do chuid saighdearan nochdadh e air uairean iochd. Cho luath sa ràinig e Dunéidean ghnàthaich e na doighean ceusaidh cruaidh-chridheach a bhaig Hawley agus bu tric a ghearan achuid saighearan féin air e bhi na dhaormunn gun iochd: agus air sonreubaltacha thachradh ris ghnàthaicheadh se e le cho beag trocair sa ghnàthaicheadh e madadh-allaidh. Riamh cha do thachair nàmhaid ra eascaraid cho an-iochdar ris an duine so. Bho na gniomhan fuileachdach a rinneadh an Albainn le òrdugh féin, agus acheadaich e do dhaoineil a dheanamh, thug a mhuinntir sin a bha beò ri linn, an ainisge sgainnealach so mar ainm airAM FEÒLADAIR!! agus am fear-eachdraidh nach urrainn a ghlanadh bhon sgainneal feumaidh e an t-ainm sin a dhainneachadh agus aithris!”


[135]

Air dha thighinn gu -chairt rìoghail Dhunéideinn, chaidh e gun dàil gu leabaidhanns acheart leabaidh-stàta anns na chaidil Tearlach cheithir mìosan roimhe. An deigh dha fois dha uaire ghabhail, dheirich e, agus thòisich e air cur a ghnothaichean air dòigh, gu dhol an deighe nan Gàël. Roiochd uairean, agus mun do ghabh ebhiadh-maidne, bha e gu dicheallach a cumadh innleachdan maille ri Seanaileir Hawley, Husk, agus ard oifigeich eile, a chum feachd aPhrionnsa sgrios. Mun àm sin bha cluig-chiùil aBhaile acluich mar onair agus mar shòlas ri theachd. Bhan t-arm-dearg air fàs mòran na bu lionmhoire agus na bu mhisneachail na bha iad an uair a theich iad á Sliabh na h-Eaglais, —bha iad deas air son ath theine thoirt air na Gàëil, agus bha iad air triall nan daìl beagan laithean mun tàinig an Diùc.

Bha nisa rùn air an Diùc triall air an ath mhadainn leis an arm-dhearg a chum latha blàir fheuchainn ris na Gàëil, agus é féin air ceann na feachd a chum am beothachadh, agus am misneach a chmail suas. Dhfhàg e-féins an t-arm Dunéideann air an tri-amh latha diag thar fhichead de mhìos dheireannach aGheamhraidh.

Chuir Diùc Uilleam an òidhche sin seachad ann an Gleann-Iuch, an làn dòchas gun robh e gu chothrom féin fhaotainn air feachd aPhrionnsan ath latha, —Moch samhadainn dhfhàg an àrmailt Gleann-Iuch agus an Diùc féin amàrsail air tùs na réiseamaide ris an cainntAn fheach Rìoghail Albannach, abrosnachadh nan daoine le dion bhriathran, iad an ceum a luathachadh, a chum tarruinn suas ris na Gàëil, a chaidh innse dhabha nise teicheadh le deifir don taobh-


[136] tuath. Dhfhan en òidhche sin anns an Eaglais-Bhric far an dfhuair e beagan cruinn de dhfheachd aPhrionns’, achuir e air ball mar phriosanaich a dhionnsaidh Chaisteil Dhunéideinn.

Bha na Gàëil a nise cuir rompa triall gu tuath agus machair nan Gall fhàgail; ged a bha iad beagan laidhean roimhe so air son an ath choinneamh a dheanamh ris an arm-dhearg air Sliabh na h-Eaglais: air an aobhar sin dhàireamadh an fheach air faich Allt-a- bhonaich. Air an ochdamh latha fichead den mhìos, ’nuair a chualas, gu robh Diùc Uilleam atighinn do dh-Alba chum comanndan airm-dheirg a ghabhail, bha na Gàëilsan aon inntinn, agus bhan dòigh anns an robh iad gu seasamh ann an òrdugh catha air a tharruinn suas le Morair Seòras Moireach. Ach a nise cha robh dheth an arm Ghàëlach cruinn ach ma chùig mìle fear, bha cuid acair dol dachaigh; agus cuid eile air fàrsan feadh na dùthcha mun cuairt don Eaglais-Bhric. Bha cinn-feadhna nam Fineachan a nise cinnteach nach bu chomasach dhaibh barrachd air cùig mìle fear a thoirt a chum na h-àraich an aghaidh feachd lionmhor an Diùc a bha mun àm sin ma dheich mìle fear. Air an aobhar sin chaidh Morair Seòras Moireach, Loch-iall, Fear-na-Ceapaich, Tighearna Chlann-Raonuill, Fear-Aird-Seile, Dòmhnullach Locha-Garraidh, Fear-Sgotais, Oighre Mhorair Sìm, agus sgriobh iad litir a cuir na cùise so an céill do na Phrionns’, agus ag aontachadh gu h-aon-sgeulach, gum be teicheadh gu tuath bu ghlice dhaibh, na iad-féin a chuir ri uchd gabhaidh, anns nach bion daibh sùil a bhi acri na bfhearr na tŭr léir-sgrios. Air an làimh eile bhiodh an t-àrm agheamhraidh acruinneachadh neartanns an taobh-tuath, agus cha bu


[137] spàirn orriad féin a dhion bho fheachd lionmhor an Diùc nan tàradh iad aon uair air feadh nan Garbh-Chrioch. Osbarr, bha iad dearbhta roithùs an Earraich, gum biodh iad comasach air deich mìle fear-feachd a thoirt thun na h-àraich, gun luaidh idir air achobhair ris an robh dùil aca bho rìgh na Fràinge.

Chaidh a shonrachadh air an òidhche sin, gun trialladh na Gàëil don taobh-tuath ma naoiuairean an ath madainn. Ghlac maoim iomadaidh dheth na daoine, agus cha dfhan iad ris an uair shuidhichte a shonraich am Prionnsa gu triall, ach dheirich iad mu sgarachdain nan trà, air madainn achiad latha de chiad mhìos an Earraich, agus dhfhalbh iad nan iomadh cuideachd sgaipte gun fhuireach ri òrdugh nan oifigeach. Leis achabhaig so anns an robh iad ateicheadh, ghabh ma thuaiream leth cheud baraille dheth an cuid fùdair, a bhacan tasgaidh ann an Eaglais Naoimh Niniain, teine, agus mharbh e deichnear de mhuinntir an àite, agus cuid dheth na Gàëil féin, a cuir na h-Eaglais na smùid san iormailt; agus bu chaol a thearainn am Prionnsa féin oir chaidh cuid de chlachan agus de sgliat na h-Eaglais seachad ra thaobh.

titleCaibidil XX
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page