CAIBIDIL XXI.
MARSAIL NAN GAEL DO’N TAOBH-TUATH.
AIR a’ chiad latha de chiad Mhìos an Earraich, ghluais Tearlach agus mòr-fheachd an àirm Ghàëlich gu tuath agus stad iad ma òidhch’ aig Dunblathain, ach thriall Prionns’ beagan air aghaidh, agus dh’ fhan e rè na h-òidhche sin ann an Caisteal Dhrumainn tàimheach Dhiùc Pheairt. Air an ath mhadainn fhuair iad na’n ròidean cho olc is gum b’ eiginn daibh pàirt dheth an cuid trealaich fhàgail as an deighe. Ràinig iad an òidhche sin cho fad air an aghaidh ri Cruidh’ agus chaidil am Prionns’ ann an taigh Mhorair Iain Drumainn am Baile-Ranaich.
Air an lathairne-mhàireach, a b’ e ’n treas latha de’n mhìos, chunnt Tearlach an àrmailt, agus fhuair e nach do theich urrad dheth na daoin’ air falbh sa’ bha e ’m barail. Chaidh an sin a shonrachadh gu’n trialladh iad gu tuath n-an dà chuideachd.[Be’n t-aobhar mu’n d’rinn iad sin, eagal nach faigheadh iad teachd-an-tìr no cairtealan òidhche nam biodh iad uile còdhladh, do-bhrìgh gun robh biadh agus treŏdhaire tuilleadh as gann r’a fhaotainn, a nasgaidh no chionn pàighidh, air aon slighe d’an gabhadh iad. ] Mhàrsail na Fineachan Gàëlach agus am Prionnsa féin an rathad-mòr dìreach gu Inbheirneis, agus ghabh na réiseamaidean Machrach
An uair a b’ eiginn do’n Diùc fantainn rè latha a’ càradh drochaid ma’s faigheadh e féin agus armailt thar an abhainn, chuir am Prionns’ agus fheachd, iomadh bial-àth, agus dhìrich a’s thearainn iad iomadh tulach a’s bealach, g’un umhail de dh’ fhuachd no dhoireann, a’ triall air an aghaidh tro gach cruadal gu siùlbhlach, suilbhear, neo-acanach. An latha theich iad bharr an t-Sléibhe, cha’n robh an dùic ach ma astar latha as an deighe, ach air an treas latha chual’ e gun robh an t-àrm Gàëlach astar shia latha an ceann air, agus gum b’ann nan dà chuideachd a thriall iad dhachaigh. Aon bhuidheann air an t-slighe dhìrich gu Inbheirneis, agus am buaidheann eile air rathad mòr an rìgh a ta dol timchioll eirthire cuain [Mu’n cuairt taobh na mara an Siorramachd Mhontroise agus Obaraidhean. ] Mhontroise agus Obaraidhain. Chunnaic e nise gum bu diamhain da bhi leantuinn na ruaige aig an àm sin; bha’n t-sion agus am fuachd an impis gasanan fuara reòta dheanamh dheth a’ chuid saighdearan: agus cha robh beanntaichean bàna sneachda na Gàëldachd a bha nise ’togail an cinn dhosracha ghailbheinn na shealladh a toirt dha ach beag misnich a chum an tòir a leanntainn air luchd nam
Air di-dòmhnaich an siathamh latha diag de chiad mhìos an Earraich, ràinig Tearlach taigh na Mòidhe, tàimheach Mhic-an-Tòisich na Mòidhe, a tha ma thuaiream sia mìle diag bho bhail’ Inbheirneis. Bha Mac-an-Tòisich féin aig a’ cheart àm sin na cheann-armailt ann am feachd Rìgh-Deòrsa, ach bha ’ bhaintighearn aig a’ bhaile, bean-uasal fhoghainteach aig a robh mòr spéis do’n Prionns’ agus a bha an deigh àireamh de Chlann-Chătain a thogail na aobhar ’nuair a fhuair i Mac-an-Tòisich ás an dùthaich. Faodaidh sinn a mheas nach robh arigh a bh’fhearr leis a bhainntighearn’ thighinn a dh’iarraidh cuid na h-òidhch’ oirre na Tearlach Stiùbhart, a bha i bho chian an geall air fhaicinn. Bha rùn air a nise fantuinn ann an taigh na Mòidhe car beagan laithean gus an tigeadh an fheachd a bha mu’n àm so sgaoilte feadh na Dùthcha cruinn cuideachd, oir chaidh innse do Thearlach ann an so gun robh a nàmhaid Morair Loudon le seachd ceud fear ga fheitheamh ann am bail’ Inbheirneis. —Ma
Ghearr Lachunn Mac-an-Tòisich aithghearra talbhainn air feachd a Mhorair agus rainig e’ Mhòidhe na làn fhalas ma chuig uairean sa’ mhadainn dì-luain leis an naigheacd so: —Gun robh Morair Loudon, le cuig ceud fear ann an uighe mìle do thaigh na Mòidhe! Air ball chaidh am Prionns’ a dhùsgadh agus a threòrachadh gu àite falaich ma bhruachan Loch Mòidhe far an tug Loch-iall agus cuid dheth na Gàëil a bha tigh’n na chodhail coinneamh dha; stad iad anns an ionad sin deas gu bualadh air feachd a Mhorair nam b’ fheudar dhaibh. Air an òidhche roimhe sin chuir bain-tighearna Mhic-an-Tòisich seiseir fhear air freiceadan, agus Dòmhnull Friseal, gobha dubh na Mòidhe, mar cheann orra, chuir an gobha an armailt bheag so ann an òrdugh cho math ’sa dh’ fhaod e, thug e orra laidhe sios a measg phreasan bealaidh a bha ri taobh an rathaid le gunnaidhean làna, gach aon uidhe araid bho chéile, dh’iarr e orra losgadh cho luath sa chitheadh iad coltas feachd a tighinn dlŭ dhaibh. Fa-dheoigh, thàinig toiseach armailt a’ Mhorair ann an ionad urchair dhaibh, agus loisg an gobha an làn a bha na sheanna mhosg ghlagaich féin nan còdhail; agus air m’ aluinn, ged a b’e urchair-theab a bha sin, cha b’ann anns ’san fhraoch a chaidh am
Air an latha sin féin, an t-ochdamh de chiad mhìos an Earraich, fhuair Tearlach cuid mhath dheth an àrmailt cruinn, agus ghabh e air aghaidh do bhaile Inbheirneis,
title | Caibidil XXI |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |