CAIBIDIL XXII.
ULLACHADH ROIMH BHLAR CHUIL-FHODAIR.
GED do theich am Prionns’ agus na Gàëil an fhad’ so roi’ armailt Dhiùc Uilleam cha b’ann le rùn an strì a leigeadh gu tŭr ma làr, ach a chum am barrachd sluaigh a chruinneachadh an aghaidh feachd lionmhor an nàmhaid. Bha dùil aca gach latha ri còmhnadh sluaigh a thighinn air tìr as an Fhràing air taobh siar na h-Alba, maille ri iomadh dheth na Fineachan a bha fathast gun eiridh a thigeadh fo’m brataich.
Dh’ fhan Diùc Uilleam bho’n chuigeamh latha ficheadh ciad mhìos an earraich gus an t-ochdamh latha de mhìos dheireannach an Earraich, ann an Obaraidhean, a thaobh nach b’ urrainn na saighdearan dearga dhol air an aghaidh le fuairead na sìde, ach bha’ nis’ an t-aiteamh air glanadh an t-sneachd air falbh de bheinn ’s de shrath, is bha na h-aibhnaichean air traòdhadh. Dh’òrduich an Diùc do ’n armailt màrsail air an ochdamh latha de’n mhìos. Bha nise cabhlach làn bidhe air tighinn le biadh a dh’ionnsaidh na h-àrmailt á Sasuinn, agus bha i seòladh cois an fhearainn a’ leantainn an àirm mar bha iad a’ triall agus a cuir a bhìdh’ air tìr mar bhasa ga ithe. Bha’n armailt air a deanamh suas de chùig réiseamaidean diag a shaighdearan coise, dà réiseamaid
Air an deicheamh latha de’n mhìos ràinig an Diùc agus an t-àrm-dearg baile Bhainbh; thachair dithis de dhaoine Phrionns’ ris anns a’ bhaile so agus air an lathairne-mhàireach dh-orduich an Diùc an crochadh. Air an ath latha ràinig an t-arm-dearg Uisge-Spé, agus roinn an Diùc an armailt nan trì-chuideachdan gu dhol thar an abhainn, chaidh cuideachda dhiu so a null air a’ Bhial-gharbh agus cuideachd eile fo Chaisteal-Gòrdon; agus an treas cuideachd aig Clachan Bhealaidh. Rinn na saighdearan Gàëlach a bha còladh riu an treòrachadh cho math tro na h-uisgeachan is nach deach a bhàthadh dhiù ach ceathrar bhan agus aon trùpair!
Chàmpaich an t-ann-dearg an òidhche sin aig Bruachan Uisge-Spé, agus mhàrsail iad air an ath latha, a b’e di-dòmhnaich, tro Eiligin a null air monadh Aile-bheinn, bha iad a nise ma thuaiream deich mìle fichead bho Inbherneis. Air an ath fheasgar, an cùigeamh latha de’n mhìos, agus co-ainm latha breth an Diùc, ràinig an t-arm Inbheir-Narunn, agus chàmpaich iad anns a’bhaile sin, agus mar onair ri latha’ bhreth thug an Diùc cuibhrinn branndaidh a’s arain a’s chàise do gach saighdear san fheachd, agus thòisich iad air caitheamh na cùirme agus air a bhi subhach.
Air di-dòmhnaich an ceathramh latha diag, ’nuair a chuala Tearlach gu’n tàinig an t-arm-dearg a nall air Uisge-Spé, dh-òrduich e na pìoban a sheinn, agus na
Ma shia uairean sa’ mhadainn air a’ chuigeamh latha diag de’n mhìos thriall an armailt gu Druim-Usaidh a bha ma astar mìle do thaobh na h-airde-n- ear do chaisteal Chul-Fhodair. Air an t-sliabh so chuir am Prionnsa, an àrmailt ann an òrdugh catha a chùm coinneamh a thoirt do Dhiùc Uilleam, a bha sùil aige thigeadh á Inbher-Narunn air an latha sin. Cha robh feachd Thearlaich aig an àm so cho lionmhor sa bha i latha blàir na h-Eaglaise-Brice, iar dha an cunntadh, cha robh iad ach ma thuaiream sia mìle fear. Bha na h-uraid dheth an armailt sgaoilt’ air feadh na dùthcha nach robh fathast air cruinneachdadh; b’ann diu sin: —Na Frisealaich, Fir na Ceapaich, agus a’ chuid eile do Chlann-Dòmhnuill, Clann-Mhuirich, Clann-Ghriogair, cuid mhòr de Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh, agus Clann-Choinnich Iarla Chrompa, A thaobh iad so a bhi gun tighinn fathast chum na h-àraich, bha ’m
Tha Druim-Usaidh na bhlàr comhnard fraoich ma dha mhìle bho Inbheirneis, agus ma dha-dhiag bho Inbheir-Narunn. ’Nuair a sheas na Gàëil le’n aghaidh ri càmpa Dhiùc Uilleam bha Inbheirneis air an cùl-thaobh, Uisge-Naruinn air an laimh dheis, agus raointean Chuil-Fhodair air an laimh chlì.
Chualas Morair Seòras Moireach gu tric ag innseadh gun robh e ro fhad’ an aghaidh na Gàëil a tharruinn suas an òrdugh blăir air an talamh so, a thaobh gu’n robh talamh càthair air taobh deas Uisge-Naruinn bu fhreagarraiche do na Găëil mar làraich chatha, bha e sin na thalamh cho bog is nach deanadh eich an Diùc an căsan a thoirt ás, ni mò bha e freagarrach air son ghunnaidhean mòra. Air an chùigeamh latha diag de’n Mhìos thug Morair Seòras am Prionns’ agus cuid dheth na h-oifigich a dh’amharc an talmhuinn so, dh-aontaich iad gu léir gur e àraich bu fhreagarraich do ’na Gàëil; ach thuirt am Prionnsa gum b’ fhearr leis an armailt fantuinn far an robh iad air eagal gun faigheadh an Diùc séalbh air bail’ Inbheirneis. A thaobh gu’n robh dithis dhaoine aig an Diùc mu’n aon do na Gàëil chaidh a mheas gum b’ fhearr do ’n àrm Ghàëlach Druim-Usaidh fhăgail air an òidhche agus càmp an airm dheirg a chuartachadh ’nuair a bhiodh iad nan cadal, a chum cuir as daibh
’Nuair a dh-aontaich na h-uaislean gu’n robh iad toileach an ionnsaidh a dh-ainmicheadh a thoirt air an arm-dhearg chaidh a shònrachadh nach rachadh acuinn-theine sam bith a ghnăthachadh, ach bualadh orra le claidheamh a’s biodag, ’s am bruanadh thall sa’ bhos, agus a thaobh nach robh an càmp air falbh ach ma naoi mìle, bhasa ’n dùil gun ruigt’ e tacan an deighe mheadhon òidhche, agus gun rachadh obair a bhàis a chrìochnachadh roi’ ghlasadh an latha.
Thog iad an sin orra gu càmp an Diùc a ruidhinn, agus bha’n òidhche glè dhorcha, ni a bha ro fheumail a chum an rùn a chleth air an Diùc, ach a bha gle dhosgainneach air sheòl eile, do-bhrìgh nach b’e ’n rathad mòr a ghabh iad a dh-ionnsaidh a chàimp, ach thar mhonaidhean ard’ a’s lòintean boga, agus bu tric a thuit iad air muin a chéile sa’ gharbhlach le cion léirsinn. Cha robh am màrsail ach gu fìr mhall, agus
’Nuair a bha na bha fagus do laimh dheth an arm Ghàëlach gu léir air cruinneachd bha iad ma thuaiream cùig ceud fear, agus a’ chuid mhor dhiù sin féin ann an staid ro fhann le cion bìdh’ a’s cadail, gu ionnsaidh a thoirt air armailt de shaighdearan ionnsaichte a bha dhà lionmhoireachd riu féin, a dh’aindeoin gach mi-choltais rinn iad gach ullachadh gu bhi nam bad cho luath sa thigeadh iad anns an dòigh bu dual do na Gàëil an nàmhaid a chasg, le claidheamh a’s sgiath agus chaidh iad nan dà chuideachd, a’ chiad chuideachd anns an òrdugh so bho thuath gu deas, Fir
Bha’n t-arm dearg a nis’ a’ teannadh dlù dhaibh ann am fir òrdugh blàir, thog iad a’ chath-ghairm le fathrum nan ceudabh druma, agus chìte an armailt mar ghàradh fada de lasair sholuis le lainnir nam béigeileidean rŭiste ri ghréin. Bha na Gàëil gha’n amharc a dlùthachadh ri uchd catha le na bu mhò ’dh’iongantas no dh’ uabhas agus cha do thionndaidh iad an sùil a null no nall gus na stad nan năimhdean ma uidhe cheud ceum mu’n coinneamh air a bhlàr!
Bha ’n latha ’bha roimhe so tioram agus grianach a nis’ air fàs gruamach le coltas doireinn, agus thòisich frasan gailbheacha meallain air brùchdadh a nios le stòirm bho’n airde-n- ear-thuath ann an agaidh nan Gàël. Thug iad an sin ionnsaidh air faighinn air fuaradh air an àrm-dhearg, ach cha deach’ ac’ air a’ sin a’ dheanamh. An deigh dha’n dà armailt leth-uair a’ dh-ùin a chaitheamh a’ co-strith ma thaobh na gaoithe, stad an dà fheachd air an talamh air na sheas iad air tùs fa chomhair a’ chéile.
title | Caibidil XXII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |