[151]

CAIBIDIL XXIII.

BLAR CHUIL FHODAIR.[Chuireadh an latha so, air a an t-sia-amh latha diag de mhìos dheireannach an Earraich sa’ bhliadhna 1746. ]

BHAn armailt seal ma choinneamh a chéile, gun bhuille gun urchair. Fa-dheoigh, thòisich an iomairt air taobh nan Gàël. Thug iad an cuid gunnaidhean mòra fa chomhair prasgan dheth na nàimhdean anns an robh iad an dùil a bhan Dùic na sheasamh, agus thòisich iad air bras losgadh agus chualas fear dheth na Gàëil féin gu tric ag aithris gumbann le cuimse cho olc is nach buaileadh iad cruach-mhòinair a tarsuinn!” Bha na peileirean a dol céin thar ionad sheasamh nan naimhdean, agus ged a loisg iad ma chend urchair dhiù so cha do rinn iad a dhochann air an eas-caraid ach te dheth na casan a chuir de dhaon duine le peileir fuadain!

Tacan an deigh sin dhfhosgail an t-arm dearg an cuid gunnaidhean mòra fëin, fa-chomhair nan Gàël, chaidh an cuimseachadh riu le Corneileir Beadford, an gunnair a bainmeilea bhann am Breatainn ri linn, chaidh an lionadh le peileirean frois; thòisich a ghunnaireachd is cha be sin a chuspaireachd chearbach, bha gach urchair a cuir na ficheadan dheth na Gàëil ri


[152] talamh, loisg e urchair air prasgan each far an robh am Prionnsa na sheasamh, agus bann le cuimse cho math is gun bhuail an talamh a dhùisg a h-aon dheth na peileirean am Prionnsa ma na sùilean! agus mharbh am peileir eile gillebha na sheasamh ra thaobh.

Leis a ghunnaireachd mhilltich so chunnaic na Gàëil iomadaidh dheth an càirdean gaoil nan sìneadh gun deò air an àilean, agus cha burrainn Clann-Chatain cumail orra féin na bfhaide, agus ged nach robh iad riabh roimhe sin ri aghaidh teine, no ann am blàr, bhrùchd iad air an aghaidh tro theine nan nàimhdean, agus ged a bha iad air an dalladh le ceò an fhùdair is le dlù chur sneachda bha seideadh gu laidir nan aghaidh, rainig cuid aca na nàimhdean, ruith na h-Abhallaich, na Cama-Shronaich, na Stiùbhartaich, na Frisealaich, agus Clann- ’Leain, as an deighe. Ma ùin mhionaid an deighe sin, bha na Fineachan gu léir, ach Clann-Domhnuill, ri aodann nan nàimhdean le claidheamh as sgiath. Ged a bha canoin nan Gall a sadadh pheileirean air feadh nan Gàël mar gharbh-fhras de chlacha-meallainn an Fhaoillich thriall nan laoich gun tioma air an aghaidh, a chum faighinn an ionad tarruinn lann, agus mar gun sgaoileadh ŏsag nam beann an ceò air falbh bharr uilinn nan cnoc, dhiomainn na Gàëil na trì réiseamaidean a bha mun coinneamh rompa, iar dhaibh iad so a chuir bho thapadh, ruith iad air aghaidh cuideachd eile dheth an àrm-dhearg, ach loisg iad so làdach ghunnaidhean caola nan codhail agus achuid dhiù nach do mharbh an teine sin bha na trì béigeileidean sàite còladh nan corp, agus bu ghann a fhuair iosal no uasal diu ás lem beatha.

Bu cho mòr an t-àr a rinneadh a measg nan Gàël


[153] man am sin is gun dfhuaradh ann an iomadach àite dheth an àraich truir as ceathrar dhiu nan laidhe marbh air muin a chéile. Dheth na phrasgan threun de Chlann-Chatain a chuir bain-Tighearna Mhic-an-tòisich fon armachd, cha do phill a dh-aithris an sgeòil ach ma dheichar fhichead agus trùir oifigeach.

Nuair a bha chuid eile dheth na fineachan Gàëlach, mar sud a treun-iomairt nan lann anns sachaonnaig bhasmhoir, ach chlù-mhaireannaich so, bha Clann-Domhnuill nan seasamh balbh dhan amharc agus dhiult iad claidheamh a tharruinn a truaill, a chionn nach dhfhuair iad urram na laimhe deise, fàr bu dual daibh seasamh anns gach cath bho latha Allt-a- Bhonaich. Thòisich Diùc-Pheairt air am brosnachadh gu fearra-ghniomh, ag innse dhaibh nan rachadh iad sios le meanmna gaisge Siol-Chuinn, agus iad fein a dhearbhadh sachaonnaig marbàbhaist don aiteam air an sloinntiad, gun goirtan laimh dheas ris an làimh chlì a mach bhuaidh sin, cho fad sabhiodh Gàël air domhainn no seanachaidh a dhaithriseadh sgeula nan cath. Ach cha nfhoghnadh so le Clann-Dòmhnuill, cha rachadh iad ceum air aghaidh, agus ged a loisg an t-arm-dearg làdach ghunnaidhean caola nan aodann cha do tharrunn iad lann na gunna, agusnuair a chunnaic iad gun robh na Gàëil eile gu bhi shios dheth, thug iad am buinn as. ’Nuair a chunnaic, Fear na Ceapaich, an t-uasal treun fiùghantach, a luchd-cinnidh afagail an raoin mar chlaghairean, bha chridhe air a chradh na chòm, agus ruith e na aonair an dàil nan nàimhdean le claidheamh rùiste na laimh dheis agus daga na laimh chlì, a labhairt nam briathran so mar bha e triall:— “Mo Dhia! an do thréig Clann mo Chinnidh mi?” Cha deach e ach tacan air


[154] aghaidh nuair a thilg peileir gunna caoil gu làr e, thog fear dheth achuid daoine suas e agus ghrias e air teicheadh air falbh dheth an àraich le bheatha, thuirt fear na Ceapaich ris an duine e thoirt an aire air féin, agus thug en sin an ath dheann air aghaidh, agus air ball bhuail an ath pheileir e agus thuit e sios gun deò.

Nuair a chunnaic an Diùc gun robh na Gàëil air thì teicheadh, dhiarr e air achuid trùpairean iathadh mun cuairt dhaibh a chum nach taradh iad teicheadh gus an rachadh an tŭr sgrios, thug na trùpairean an ionnsaidh air asin a dheanamh ach cha deach acair, bha na réiseamaidean Macrach, na Fràngaich, agus na h-Eireannaich fathast gun bhristeadh agus loisg iad làdach air na trùpairean a chuir stad air an gluasad gus na thar na Gàëil teicheadh, agus dhfhag iad an ărach nan chuideach. Ghabh a h-aon de na cuideachdan so an rathad mòr gu Inbheirneis, agus achuideachd eile gu làimh na h-airde n-iar-dheas thar uisge-Narainn, agus theich iad a dh-ionnsaidh nam beann mar thearmuinn.

Bha na trùpairean Sasunnach a nis air faotainn ann an òrdugh, agus thug iad ás an deigh nan Gàël, agus a thaobh luas an cuid each fhuair iad a dhol air thoiseach air achuideachd a ghabh rathad uisge-Naruinn, agus sheas iad len cuid each rompanns abheul-àth’, bha na Gàëil a tighinn air an aghaidh cho colgail, neo-sgàthach, len aogaisgean cho neo-athach, is gun dfhosgail na trùpairean bealach nan reang a chum an leigeadh seachad le sìth. Co-dhiù bha aon fhear dhe na trùpairean a dhfheuch ri fear dheth na Gàëil a ghlacadh. Boifigeach an trùpair so, agus bu daor a phàigh e ghòraich. Thog an Gàël air ball a chlaidheamh, agus le aon bhuille ghearr en trùpair sios. Cha dfhoghainn sin leis a


[155] Ghàël chalma neo-mheata, thug en t-uaireadair òir a pòcaid an t-Sasunnaich agus thriall e an deigh chàich. Bha na trùpairean eile gamharc dànadas a Ghàëil so le iongantas, agus cha do ghabh duin acorra mhaille bu lugha chuir air, le eagal gun dùisgeadh iad corraich nan Gàël eile nach robh fathast ach tacan uapa.[Mun àm chianda bha -fhear dhiag as pìobair de Chlann-Rath ateicheadh le cabhag as an àrich. Rinn am pìobair suidhe ann am badan beag de phreis sheilich a bha ri taobh na slighe chum a phìob a phasgadh suasna bhreacan. Cha robh e fàd anns an ionad sonuair a thug trùpair a thainig an rathad an aire dha, agus theirinn e bharr an eich chum a mharbhadh, cha robh arm sam bith air a phìobair ach a bhiodag, agus mun deach an trùpair na earalas bha i sàite gu léirg na chorp. An deigh don phìobair na bhadhairgead ann am pòcaid an t-Sasunnaich a thoirt aiste thòisich e air toirt dheth nam bòtan a bha cho teann ma luirgnean is nach tigeadh iad a nuas le tarruinn; air ball thug am pìobairlàmh air a bhiodaig agus ghearr e na casan dheth an t-Sasunnach ma na glùinean, agus thilg se iad ann an lùib a bhreacain maille ris a phìob. Thug e sin as, an deighe chàich, ach cha dfhuair e fradharc orr’. Ràinig Clann-Rath an òidhche sin Torra-Ghoill ann an Gleanna-Moireaston, far an robh taigh-òsda beag ri taobh na slighe tha treòrachadh gu Cinn-tàile. A thaobh nach robh àite cadail acdo na h-urraid sin a dhaoine anns an taigh-òsdchaidh iad a laidhe anns an t-sabhal; agus thuirt iad ris an òsdair, nan rachadh duine sam bith a chuir bruaillean orra gu madainn, nach biodh aig ach am bàs air son a shaoithreach. Ma mheadhon òidhche ràinig am pìobair Torra-Ghoill na làn fhalas, agus dhfheòraich e dena mhnaoi-mhuinntir a dhfhosgail an dorus dha, am fac i Rathach dhiag [Man àm so bha na Finneachan gu léir aithnichte dha chéile a thaobh a bhreacan sònraichte féin a bhi air gach duine. ] a gabhail sios an Gleann.” ]

Rinn na naimhdean léir-sgrios uabhasach air achuideach den àrmailt a ghabh rathad Inbheirneis, bhan t-slighe cho còmhnard is gun dfhuair na trùpairean suas riubha ann an tiotadh, agus thòisich iad air obair a bhàis. Cha robh fear féilidh no bonaid a bha tachairt riu nach robh iad a marbhadh, agus chaidh mòran de luchd-dùcha chaidh le iongantas a dhamharc a bhlàir a chuir gu dìth ameasg chàich.


[156]

Cha do mhair a mhire-chatha latha Chuil-Fhodair ach ma dhà fhichead mionaid. Bhabhuaidh gu h-iomlan air taobh nan Sasunnach. Ach gu cinnteach biadsan a chaill bu chliùitiche, agus bu treuna fhuaradh na bhuidheann a bhuinig; bha Shasunnach mun aon fhear de na Gàëil, bha ghaoth leo agus iomadaidh gunna mòr a frasadh nam mìle peileir an measg nan Gàël; ach a dhain-deoin gach cùise, nan robh, Clann-Dòmhnuill air dol sios, theagamh gun biodh sgeul eile ri aithris ma dhéibhinn latha Chuil-Fhodair.


Thuirt an cailin gum fac, ach nach deach iad fathast seachad; gun robh iad nan cadal anns an t-shabhal ud thall, “théid mi còladh riuars am pìobair, “cha téidars an cailin, “dhiarr iad gun duine leigeadh air an sgàth gu madainn agus cha bhi e sàbhailt dhut a dhol nan còir, ach ni mis àite laidhe dhut anns a bhà-theach mòran nas seasgaire na thaca-san.” ’Nuair a ghabh am pìobair a bhiadh sa dhrama chaidh e féin san cailin a mach a thaigh a chruibh, bhan òidhche ro fhuar agus thuirt am pìobair gun laidheadh e anns a bhualaidh air bial-thaobh na riabhaich, dhfharraid an cailin, carson a dheanadh e sin? Thuirt am pìobair gun cumadh anail na anabharrach blàthe; mar sin shìn se e-féin anns a bhualaidh air bial-thaobh na agus chuir a bhean-mhuinntir ultach math feòir air uachdar. Cho luath sadhfhàg an cailin am -theach, chaidh am pìobair air cheann a ghniomha, agus mun tàinig an latha chaidh aig air luirgnean an t-Shasunnaich a thoirt ás na bòtan, agus thilge iad anns an fhrasaich air bial-thaobh na riabhaich, agus shuain e na bòtan anns a bhreacan maille ris aphìob. Ma ghlasadh an latha thriall e-féin agus na Sàilich eile air an turas, agus chaidh nighean an taigh-òsd don bhà-theach chum fàilte na madainna chuir air a phìobair. ’Nuair a rainig en t-âitanns an robh fear a cridhe na laidhe, chan fhac i anionad a Gràidhach luirgean an t-Sasunnaich. Bhuail i na basan as thog i ioram na truaighe, chaidh i steach far an robh an t-òsdair anns a ghal, dhfharraid fear an taighe ciod a bha cuir oirre? “Och nan och!” ars ise, “dhith a bhò riabhach am pìobair gu léir bhon raoir, chan eil mìr a làthair dheth ach na casan.” Air ball leum an t-òsdair a mach le thuaigh na làimh, ghlan spăd e bhò agus thiodhlaic se i-féin agus luirgnean caolan t-Sasunnaich san aon uaigh!

titleCaibidil XXIII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page