[157]

CAIBIDIL XXIV.

GNATHACHADH DHIUC UILLEAM AN DHEIG A BLAIR.

AN deigh do na chath a bhi tharais dhòrduich an Diùc do chuid saighdearan a dhol a chasradh nan daoine bha nan laidhe leòintair an raon. Chaidh na h-oifigich leis na saighdearan air feadh na h-àraich agus thòisich iad air bruanadh gach duinanns am fac iad coltas anail na beatha lem béigeileidean, agus dan gearradh sios len claidheannan, bha na gealtairean brùideil so a deanamh fearas-chuideachd de phian nan treun-laoch a bha nise nan laidhe gun chomas éiridh chum iad féin a dhion, agus thòisich iad air sadadh na falabha taosgadh tro na h-ùr-lotan a bha iad a gearradh anns na daoine leth-mharbh so air a chéile mar chùis àbhachd, gus an robh iad fa-dheoigh (mar bha fear aca féin ag aithris) na bu choltaiche ri feòladairean na ri àrmailt de shaighdearan Criosdaidh. Mar bhan Diùc féin agus triuir no cheathrar dheth achuid oifigeich amarcachd air feagh na h-àraich, thainig e fagus do Ghàël òg a bha na laidhe leòint air uilinn, thog an t-òganach a cheann, agus dh’ -fhoighnaich an Diùc ris co dha bhuineadh e? Thuird an t-òigear gumbuineadh e don Phrionns’ .” Air cluinntinn sin don Diùc dhiarr e air fear dhe na h-oifigeich an t-òganach a mharbhadh, thuirt an t-oifigeach ris gur h-e nach deanadh a leithid air chomhairle duine bha beò,


[158] agus gum bannsa leis gum mòr an dreuchd a bhaige anns an arm a chall gu tŭr seach a bhi na fheòladair dhaoine. Dhiarr an Diùc an sin air fear eile dheth na h-oifigich an t-òganach amharbhadh dhiult am fear so mar a rinn achiad fhear, thainig an sin saighdear an rathad agus dhfharraid an Diùc dheth an robh urchairna ghunna? thubhairt gur robh, agus mharbh an saighdear an t-òigear. Chaill na h-oifigeich a dhiult an gniomh brùideil so a dheanamh fàbhar an Diùc bhon uair sin. Ben gill òg a chaidh a chasradh aig an àm so, Tearlach Friseil, mac a bôige Fhir Inbheir-fhalachaidh.

Mhàrsail an t-àrm dearg ma fheasgar gu Inbheirneis. Be chiad ni rinn an Diùc an déigh dha am baile ruidhinn na saighdearan Gàëlach a ruith air falbh as an àrm dhearg a thearbhadh a measg nam prìosanach, a chum an crochadh, cha bu lugha na sia-diagar fhichead dhiù a chaidh a chrochadh. Am feagh a bha òganach uasal dheth na daoine truagha so a slaodadh ris achroich, thàinig oifigeach Sasunnach, agus shàth e a chlaidheamh anns achorp gun deò, chum a leigeadh ris nach robh a nàimhdeas ciocrach fathast sàsaichte. Mar bha e bualadh a chuirp le lainn, chuir e dheagh dhùrachd do Shasuinn, agus fhuath do dh-Alban céill anns na briathran so:— “A shlaighteir fairich sin! ’s ged a bhiodh do luchd-dùthcha gu léir air an aon diol riut is beag bu mhistan saoghal e; ceannaircich reasgach, agus luchd-brathaidh mi-dhìleas.” Bha na saighdearan Albannach a bhanns an àrm-dhearg acoimhead agus a cluinntinn na brùide so, bhan inntinnean uasal, caomh-chairdeach a bha riabh a lasadh le eud dùthasach air an claoidh nan còm; agus cha burrainn aon fhear dheth na h-oifigeich Ghàëlach cumail air féin na bfaide, ruith e an dàil


[159] an oifigeich Shasunnaich le chlaidheamh rùiste gu ghrad mharbhadh, ann an tiotadh bha chaonnag air a bonn eadar na h-Albannaich agus na Sasunnaich, agus bhan ath chath a dol a thòiseachadh eadar na saighdearan Albannach agus Sasunnach nuair a thàinig an Diùc le pairti thrùpairean san eadraiginn.

Air an ath mhadainn chual an Diùc gun robh tuileadh fathast dheth na Gàëil leointe an cleth ann an cùiltean falaich air feagh na h-àraich, air ball chuir e pàirtidh dheth an armailt a chum am faotainn agus am marbhadh. Fhuair iad air a mhadainn sin ma thrì-fichead sadeich de dhaoine leòinte, agus ghiulanadh iad gu braighe uchdain, far an deach an càradh mar chuspair ro aghaidh prasgan shaighdearan a chuir ás daibh le aon làdach.[Tha daontachd nan Gàël agus an-trocair fir Shasuinn gu soilleir ra fhaicinn, le gnàthachadh Thearlaich an deighe blàr Shliabh-a- Chlamhain agus Dhiùc Uilleam an deigh blàr Chuil-Fhodair. Bha na Gàëil agiùlan an co-chreutairean a béiginn daibh a dhochann ann am braise na caonnaig, air am muin, a chum am fàgail ann an ionadan dìdeinn, le seirce, agus le caoimhneas. Ann an éirig sin bha na Sasunnaich an uair a fhuair iad na Gàëil fom meachainn a cuir ás daibh, chan ann mar dhaoine, ach mar bhiasdan nimhe. Ann an ciad linntean an t-shaoghailnuair a bha clann daoine nan arbhalaich gun eòlas afalbh nam fineachan fiat air an aghaidh an dòmhainn, bha treòcair agus tlus anns na Gàëil mar a chìtear ann an Dànabh nam Féine, agus gu h-àraidh anns achomhairl a thug Oisian air Oscar, a mhac, roiBhlàr Tulach-Soire:— ]

Fhuair Siamarlan Thighearna Chuil-Fhodair naoi-deug dheth na h-oifigeich Ghàëlach nan laidhe leointann am badan beag coille fagus don àraich agus fhuair edòigh air an giùlan air cràgh-leabaidh a dh-ionnsaidh


[160] saibhlean a mhaighstir far an robh e a nochadh gach caoimhneis a bha na chomas daibh, gus am fàirte an giùlan air faibh gun àiteachan comhnaidh féin. Fhuar an t-arm-dearg brath far an robh iad so am falach, agus ghiùlan siad iad a mach gu cùl garaidh, a bha dlù don àite, iar dhaibh an càradh nan sreath ri taobh a chéile, chaidh iarraidh orra bhi gullachadh air son bàis, chaidh cho liugha dheth na h-oifigeich saburrainn gluasad air an glùinean, cha bann a dhaslachadh iochd an luchd-casgraidh, ach a shirreadh tròcair nèamh don anmannan, a bha nis aig iomal na siorruidheachd. Feagh a bha iad mar so crom ag ùrnaidh rin Athair nèamhaidh, chuir aon làdach mhosgaidean crioch air am beatha dhòraineich, agus a chum an obair a dheanamh na bu ro chinntiche thòisich na saighdearan air sadadh nan eanachailean asda le earr nam mosgaidean.

Cha dfhuaradh riabh a mach fìr àireamh nan Gàël a thuit ann am blàr Chuil-Fhodair: ach cha burrainn gun robh iad na bu lugha na mìle fear, agus be sin cùigeamh earrainn na h-àrmailt, nam measg sin bha iomadach duinuasal ainmeil. Thachair air an latha so (mar bu ghnà leis na Gàëil a dhol sios don àraich) gun robh na h-uaislean agus na diùlanaich a bfhearr ann an teas a chatha. Biad na Finneachan de bu mho thuitna Cama-Shronaich, na Stiubhartaich, na Frisealaich, Clann-Chatain, agus Clann-Leain. ’Nuair a bha MacIlleain nan Drumainnean air teicheadh le bheath as an àraich, chunnaic e dìthis dheth a chuid mac air an leòn, agus chaidh, innse dha gun robh an treas fear na laidhe marbh air a bhlàr. “Cha bhi sin gun dioladhars a fear nan Drumainnean, agus ged a bhan t-uasal so cho aosda is nach robh ròine fuilt air a


[161] cheann, ruith e air ais thun na h-àraich, mharbh e aon trùpair agus leòn e fear eile, ach ann an tiotadh an deighe sin thuit e-féin gun eiridh tuilleadh le lainn thrì trùpairean sàite na Chorp. Chaidh iomadaidh eile dheth na h-uaislean Gàëlach a mharbhadh, ach thàr Stiùbhartach Ghlinne-Seile; agus Loch-Iall ás lem beatha.

thrì laithean an deigh a bhlàir bhan Diùc a tional na crice a dhfhàg na Gàëil as an deighe air an raon, agus fhuair a deich canonan fichead, mhìle trì-cheud agus fichead gunna, aon cheud ceitheir fichead as naoidiag claidheamh, seachd diagar fhichead baraille fùdair, agus làn fichead cairt de pheileirean eadar bheag as mhòr. Bha leath-chrŭn air a ghealltain leis an Diùc do na saighdearan air son na h-uile gunna bheireadh iad ga ionnsaidh; tastan air son na h-uile claidheamh, agus sia ginidhean diag air son na h-uile bratach. Ghlac an t-arm-dearg ceithir-diag dheth na brataichean Gàëlach, agus air a ceathramh latha de dhara mìos an t-shàmhraidh bha iad air angiùlan leis na Gillean-sùithidh gu crois Dhunéideinn, agus air an losgadh leis achrochadair!

titleCaibidil XXIV
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page