CAIBIDIL XXV.
TEICHEADH THEARLAICH A’ CUIL-FHODAIR.
THEICH Tearlach dheth an raon le Prasgan mharcach m’a thimchioll, maille ri chàirdean agus a luchd-comhairle; chaidh iad a null air abhainn Naruinn tro àth na Faile ma thuaiream ceithir mìle bho’n àraich, stad iad an sin car tacain a’ cuir an comhairle ri chéile ma ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Thuirt cuid dheth na daoin’ uaisle gu’m b’ fhearr dhaibh teicheadh a chùm nam beann leis an armailt far am b’ urrainn iad iad-féin a dhion a dh-aindeon na feachda bu treise b’urrainn Rìgh Seòras a thogail nan aghaidh, gus an tigeadh cobhair as an Fhràing, no gus an naiste sìth eadar iad féin a’s fir Shasuinn. Thuirt am Prionnsa féin nach robh e faicinn tearnadh air a shon ach teicheadh do’n Fhraing far an robh e cinnteach á tearmunn, agus á còmhnadh sluaigh a bheireadh an ath dheannal air Sasuinn maille ris na Gàëil. Gun tuileadh a ràdh, ghabh e chead dheth na Cinn-feadhna agus dh’iarr e orra dhol gu ruige Rua-bheinn ann am Bàideanach agus stad ann an sin, gus an cuireadh e fios da’n ionnsaidh ciod a dheanadh iad an deigh sin.
Air do’n Phrionns’ a’ chead a’ ghabhail de’n armailt, thriall e-féin agus còignear dheth na h-uaislean a thainig thar sàil’ leis as an Fhràing, a chum eirthire sior shiorramachd Inbheirneis a ruidhinn, far an robh sùil aige ri long fhaotainn anns an gabhadh e’n t-aiseag do’n Fhràing. Air an turas so cha robh còladh ris dheth na Gàëil ach aon duine, da’m b’ainm Imhear Burc, duine bochd a chaith greis dheth aimsir ann an Dunéideann mar phortair sràide, agus labhradh e beagan Beurla. Threòraich an duine so am Prionns’, agus a phàirti chum an Torr-dharaich far an robh Mr Tomas Friseal Siamarlan Mhic-Shimidh na h-Airde chòmhnaidh. Ann an so cha’n fhaigheadh iad fàrdach, bha na dorsan duinte agus an teaghlach bho na bhaile. Bha Mac-Shimidh féin man àm sin ’na thaigheadas ann an Gor-tùileig, far an robh e deasachadh cùirm mhòr a bha dùil aig a chaitheamh mar ònair ris a bhuaidh a bha ’m Prionnsa gu chosnadh thar a nàimhdean, ach mu’n deach a bheag dheth na chùirm so ithe, ràinig am Prionnsa, Imhear Burc, agus a’ choignear eile taigh Ghor-tuileig, agus be ’m Prionnsa féin a thug a chiad naigheachd do Mhac-Shimidh, air an truaighe a thug e nuas air a cheann, agus air a theaghlach, ach ged a bha sin mar sin, ghabh am morair ri Tearlach gu suilbhear, agus dh’ iarr e air a bhi tapaidh a mhisneachd a chumail suas nach b’eagal nach cinneadh buaidh leis fathast. Thuirt am Prionnsa gun robh e ann am mòr theagamh ’mun chùis sin. “Cuimhnich” arsa Mac-Shimidh “air cruadal agus buan-leanmhuinn a h-aon dheth na laoich bho’n tàinig thu, Raibeart Brus, a chaill aon bhlăr diag, ach chaidh an dara blàr diag leis agus choisinn e Albainn.” Cha do labhair am Prionnsa
Chunnacas Tearlach agus a chompanaich a dol seachad gu bras astarach tro Chille-Chuimean ma dha uair sa’ mhadainn, agus beagan roi’ shoillearachd an latha răinig iad Caisteal Inbher-Garaidh, cha robh aon chuid biadh no earnais anns an teach so, agus a thaobh gun robh iad sgìth le astar dhà fhichead mìle choiseachd, chaidil iad air an ùrlar nan cuid breacanan. ’Nuair a dhùisg iad ma mheadhon latha cha robh dad aca chuireadh iad gu’m bial, ach cunnaic Imhear Burc slat-iasgaich na sìneadh ri taobh a chaisteil le dubhan a’s driamlach, bha’n t-iasg mu’n àm sin a bristeadh gu dlù san t-sruth, agus chaidh Imhear Burc air tì beagan a ghlacadh. Cha robh Imhear riabh na bhrŏd iasgair, na bheachd féin no dhaoin’ eile, bha e’n dùil co-dhiù gu’n rachadh aig air beagan bhreac a ghlacadh, agus gu sealbhach air an treas siabadh theum e bradan! agus cha b’ fhada gus na mharbh e geadag mhòr eile, an nuair a bhruich iad an t-iasg dh’ith iad e gun aon dad leis ach deoch dheth an fhìr-uisg’ shoilleir anns an deach àrach. Ghabh a phàirti gu léir an cead dheth na Phrionns anns an àite so ach Suilibhan, O’Neill, agus Imhear Burc, a bha gu bhi na fhear-treòraichidh aig Tearlach feadh nan Garbh-chrioch. Cha deach am Prionns’ agus an triùir dhaoine so fada bho na Chaisteal gus an d’ rinn e-féin agus Imhear Burc iomlaid deise a chum am Prionns’ a chuir ás aithne nan tarladh do luchd-brathaidh tighinn dlù dhaibh. ’Nuair a fhuair iad air
Mun d’ fhag Tearlach am baile so thainig Tighearn’ òg Chlann-Raonaill agus feaghainn eile dheth a chàirdean g’a amharc, agus dh’innis iad dha gu’n robh mòran de luingeis Sasunnach air freiceadan anns a chuan a Siar, air an aobhar sin nach b’ ion da sùil a bhi aige ri faotainn do ’n Fhràing, gus a făgadh iad sin an linne. Iar do Thearlach an naigheachd sin a chluinntinn, stad e greis ann an ioma-chomhairl’, fa-dheoigh thuirt e gu’n
Dh-fharraid am Prionns’ de Mhac-Leòid an sin an rachadh e le litrichean bhuaithe gu Sir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shléibhte, agus gu Mac-Leòid Dhun-Bheagain, a dh’ fheuch an nochdadh iad a bheag de chaoimhneas ris na airc, thuirt Dòmhnull Mac-Leòid, gur h-e nach rachadh, gun robh na daoin’ uaisle sin sa’ cheart àm an dlù thoir air a chum fhaotainn an laimh, agus gu’n robh pàirt dheth an cuid daoine cho fagus ri dà mhìle dhiag do’n dearbh bhall dheth an talamh air an robh e na sheasamh. Dh’ fharraid e ’n sin de Dhòmhull an rachadh e leis rathad an Eilein-Fhada far an robh e saoilsinn am biodh e na bu shàbhailte na fanntuinn air tir-mòr. Thuirt Mac-Leòid mar thubhairt e roimhe gu’n deanadh e gach ni a b’urrainn e air a shon.
Air a cheathramh latha fichead de’n mhìos, chaidh ochd-ramhach a chur na h-uidheam aig ceann Loch-nan-Uamh le làn sgioba, a chum am Prionns’ aiseag do dh’ -Uidhist, agus sheòl e-féin a’s Dòmhnull Mac-Leòid, O’Suilibhan, O’Neill, agus am Burcach ma chiaradh na h-òidhche; bha ’n t-shìde man àm an deach iad fa-sgaoil rudaiginn doirbh. Ged a bha Dòmhnull Mac-Leòid na leth sheann duine bha e na dheagh mharaich’ agus shuidh e air an àilm, agus shuidh am Prionnsa sios
Mar sin chum iad oirre, agus thachair dìreach mar thubhairt Mac-Leòid; thog na tonnan gàireach, càir-gheal, an cinn le bairlinn bhristeach, a’s ged a bha Dòmhnuill tric a’s mìnig a gabhail na linne eadar na h-eileanan a’s mòr-thìr, cha robh e òidhche no latha riabh air Chuan-sgìth cho stoirmeil rithe so, agus bha ’n t-sian a dortadh a nuas mar dhìle, ’s an oidhche cho dòrcha is nach robh fios aig duine dheth an sgioba c’àit’ an robh iad, no ciod an t-eirthir a bha fo sròin. Bha iad air uairean fo eagal gun rachadh am bàta tharais, air uairean eile gun tuiteadh iad air cladach an Eilein Sgiathanaich far a biodh iad gu léir ann an làimh. Ma shoillearachd an latha dh’aithnich iad gun robh iad air eirthir an Eilein-fhada. Ghiùlain an stoirm iad ma thri fichead mìle’ dh’uidhe, ann an ùine dheich uairean. Chaidh iad air tìr ann an Ros-innis an Uidhist a chinne-deas, agus air dhaibh am bàta tharruinn, ghlac iad bò, ghrad spad iad i agus dheasaich iad păirt dheth a feòil, bha prais ac’ anns a bhàta agus ceitheir peiceanan de mhîn choirce.
title | Caibidil XXV |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |