[169]

CAIBIDIL XXVI.

IOMA-RUAGADH NAN CEANN-FEADHNA AGUS AN LUCHD-LEANMHUINN.

CHUIR Diùc Uilleam a nise feachd air feadh fearain nam fineachan a dhéirich leis aPhrionnsachum na daoine ghlacadh agus an cuid armachd a thoirt uapa. Chaidh gach slighe ioma-dhruideadh a chums nach tàradh na cinn-feadhna an rìoghachd fhàgail. Bha na trùpairean, aig an Diùc afreiceadan air taobh sear na h-Alba. Bha Mailisi afreiceadan na dìridh eadar machair as Gaëldachd. Thog Mac-Choinnich, Mac-Dhòmhnuill, agus Mac-Leòid, an cuid daoinechum fògaraich a chumail á eileanan Innse-Gall. Bha na Rothaich, Clann-Aoidh, agus na Cataich mar fhreiceadan air an taobh-tuath agus Caim-beulaich Earra-Ghăël a freiceadan an taobh-deas. Bha luingeas Sasunnach acuartachadh cuan Alba air gach taobh, air chor is gum bu deacair do dhuine de na fògaraich bhochda teicheadh air falbh, air chor is gun deach gach prìosan tuath air Port-na-Bann-righ alionadh de dhaoine Thearlaich ann an ùincheithir latha diag an deigh Blăr Chuil-Fhodair. Biad na ciad dhaoin uaislaghlacadh Morair Bhaile-


[170] morina, Iarla Chrompa [Bha Iarla Chrompa le feachd dheth achuid daoine ann an Cat-taobh, a chum nan Catach a chumail bho eiridh le Deòrsa theich Morair Cat féin mun àm sin do Lunnainn, le eagal nanReuballachagus dhfhag e bhana-mhorair na h-ònar ann an Caisteal Dhun-Robain. Smuaintich Iarla Chrompa an duine còir, oir bha e do ghnà ro chaoimhneil, gum bfhearr dha dhol do chaisteal Dun-Robain a chumail cuideachdas ris a bhana-mhorair a bha nis car ùine gun mhirre, gun mhàran. Air dha bhisùgradh ri mìneig na maisethainig na Cataich air a mhuin gur fhios da agus chaidh moran dheth a chuid daoine mharbhadh mun cuairt dan àite, chaidh a chuir air bòrd ann an luing gu ruig Inbheirneis, agus as an sin do Lunnainn. ] agus Iarla Chill-Màrnoc; chaidh an triùir mhathaibh so a chuir ann an long-chogaigh nam priosanaich gu ruige Tùr Lunnainn. Mun cheart àm sin ghlacadh Sir Seumas Ceannloch, Corneileir Gearr Ghreadainn, agus cùignear eile dhe na h-uaislean macrach, a chaidh a ghnàthachadh air an t-sheòl chianda.

Theich Diùc-Abhall gu Deas, agus a thaobh e bhi ann an droch shlăinte beiginn da dhol a dhiarraidh fàrdaich gu taigh Mr Buchannain Dhruim-na-Cille fagus, do Loch-Loamainn, bha bean an taighe sin dìleas da, uime sin bha en dòchas gun nochdadh an teaghlach caoimhneas na airc. Bha fear Dhruim-na-Cille na oifigeach ann an àrm an Rìgh agus chunnaic e mar fhéich air féin an Diùc còir a ghlacadh. Air an dara latha fichead de mhìos deireannach an Earraich chaidh aghiùlan mar phrìosanach gu caisteal Dhun-Breatainn, agus ás a sin gu Léibhte agus á Léibhte gu Tùr Lunnainn. Bha Fear Dhruim-na-Cille an deighe sin air a mheas na leibidean cho suarachs nach òladh duine dheth na h-uaislean a bhana năbachd stòp no cairteal na chòmpanas, ni chìte duine bfhiach na chuideachd, eadhon, air druim an rathaid mhòir!

Air fìr thoiseach a Mhàighe chaidh Mac-an-Leistear


[171]

Bheinne-Sìth, Greamach Dhùn-Treòin, agus Morair Ogilbhie air bòrd ann an saigheach beag ma inbheir Uisge-Tatha, agus chum iad an cuan ri sròin gus an deach iad air tìr gu sàbhailt ann an Lochlainn. Mun gann a chuir iad an cas air cladach ghlach rìgh Lochlain iad, agus chuir e staigh iad mar phrìosanaich ann an seanna Chaisteal dubh Bhaile-na-Buirbhe. Tacan an deigh sinn fhuair iad fa-sgaoil, agus theigh iad don Fhràing far an dfhuair iad dìdeann.

Fad fhichead latha an deigh blàr Chul-Fhodair cha deach duine de dhfheachd an Diùc an còir nan Garbh-Chrioch far an robh achuid mhòr de shluagh Thearlaich a chòmhnaidh, agus a bha nise air cruinneachadh ri chéilechum an ath ionnsaidh thoirt air an àrm-dhearg. Air an ochdamh latha den Mhàigh thug na Cinn-feadhna coinneamh da chéile ann am Mùrlagan fagus do cheann Loch-Arcaig, agus Loch-Iall air an ceann, ged a bha e air a leònadh le puthar abhlàir ma dheireadh, air dhòigh is nach burrainn da gluasad ach air muin eich. Bha na fir ann an deagh mhisneach le sùim mhòr airgeid a thainig thuc as an Fhràing mun àm sin gu cumail suas achogaidh: bhan t-suim so mu thuaiream 38,000 Pund-Sasunnach. Chaidh a shònrachadh gun càmpaicheadh na Cam-Shrònaich, Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh, Fir na Ceapaich, Clann-Raonaill, Stiùbhartaich na h-Apunn, Clann-Ionmhuinn, agus Leòdaich Mhic- ’Ille-Chalum ann an Acha-na-garaidh, air an chùigeamh latha diag den Mhăigh. Chaidh a shònrachadh mar an cianda, gun cuirte fios gu Clann-Mhuirich, Clann-Chatain na h-Abhallaich agus na Frisealach, a bhi deas gu tighinn nan ceann, Mar sin thòisich an tògbhail as ùr; fhuair Loch-Iall trì chiad dheth na Cam-Shronaich cruinn a


[172] chlisge, agus Mac- ’Ic-Alasdair agus Colla Bhàrasdail tri-cheud eatarra nan dithis, dheth na Dòmhnullaich.

Mun ăm sin dhfhag Iarla Loudon Inbheirneis le seachd ceud diag fear agus ghabh e sealbh air Lochabar. Chunnacas iad so atighinn agus theab iad Loch-Iall a ghlacadh le dùil gum biad daoine Cholla Bharasdail, ach thainig teachdaira dhinnse dha gur e suaithneas dearg a bha nam boineidean ann an àiten t-suaithneis bhàin, dhaithnich loch-Iall an sin co bhann, agus mheasadh iomchaidh an t-ôr Fràngach fhalach mun tuiteadh e leis na nàimhdean; agus dhfhalaich iad cuig mìle Ginni dheth ann an àllt aig ceann Loch-Arcaig agus achuid eile fagus do cheann shios an locha chianda. Iar dhaibh an t-airgead a chur ann an àite gléite, theich Loch-Iall agus na h-uaislean eile air falbh ann am bàta, agus thug an tuath an dachaigh orra.

Cho luath sa chuir Morair Loudon an céill fàth a thurais do Lochabar, se sin a thogail an cuid àrmachd, thainig na daoine gu léir agus liubhair siad iad dha le làn thoil.[Bha feachd Iarla Loudon air a deanamh suas de cheitheir dheth na Fineachan Gàëlach féin, Clann-Choinnich Rois, Leòdaich Shiol Tòrmod Dòmhnullaich Shléibhte, agus Rosaich Bhaile nan-gobhann, &c. Be sin an t-aobhar nach robh mòr earbsaig Diùc Uilleam asda mar fheòladairean matha. Thug Tighearna Chuil-Fhodair mun airidh na daoine so a chur a thogail nan arm achum a bhi bàigheil ris na Gàëil eile, agus an gnothach a dheanamh le réite. Osbarr bha fios aige nach tugadh na Gàëil suas an àirm do na Sasunnaich cho fad sabhiodh boinne dheth an fhuil blàth nan cuislean. Bha Tighearna Chuil-Fhodair ro thoigheach ma shiol Alba gu leir. Ràinig en Diùc a dh-eadar-ghuidhe as leth nan Gàël acantainn nach robh coire sam bith aca ris an àr-a- mach, nach robh iad ach a dol a réir comhairl an tighearnan, agus dhiarr e air an Diuc a bhi tròcaireach ri creutaran bochda aig nach robh fios ciod a bha iad adheanamh. Cho luath sa chuir Tighearna Chuil-Fhodair a chùl ris an Diùc thoisich an ua-bheisd air gaireachdaich, agus thuirt e mar so ri fear dheth a chuid oifigeach:— “Bhan t-seana bhean ud ag iarraidh ormsa bhi tròcaireach.” ] Fhuair Caim-beulaich Earra-Ghàël na bha de dhàirm ann an Gleanna-Comhann gun bhuilebhualadh. Cha robh an Diùc idir toilichte leis a so agus chuir e roimhe gun tugadh e air achuid daoine féin (na Sasunnaich) na h-àirm a thoirt bhon chuid


[173] eile dheth na Gàëil a bha le Tearlach ge be àitanns an robh an còmhnaidh. Air an treas latha fichead den Mhàigh dhfhag e Inbheirneis le réiseamaidean thrùpairean, agus feachd lionmhor de shaighdearan coise agus chàmpaich iad ann an Cille-Chumein, ann am fir mheadhon na dùthcha.

A Cille-Chumein chuir an Diùc pairti dheth an arm-dhearg air feadh gach àite den dùthaich mun cuairt. Bha gniomharranan daoine sin cho brùideil, agus cho an-iochdmhor is nach eil iomradh againn air a shamhuil ann an eachdraidh cheud linntean an dòrchadais, no idir a measg chriosdaidhean. Chaidh teine cur ri aitreabh Loch-Iall, Chluainidh, na Ceapaich, Ghlinne-Garaidh, Cheann-Loch-Mùideart, Ghlinne-Goill, Aird-Seile. Chaidh mar an ciadna aitribh na tuath a chreachadh salosgadh, agus an cuid spréidh as àmhlainn a ghiùlan leis na saighdearan dearga gu càmp an Diùc an Cille-Chuimein. Bha na saighdearan areubadh an aodaich dheth na chloinn, agus a toirt nam ban air éiginn! Chaidh àireamh lionmhor de dhaoine neo-chiontach, nach deach riabh air feachd sam bith, a thilgeadh, agus daoine liatha aosda chuir rona mosgaidean mar chuspairean àbhachd. Chaidh iomadaidh a theich a chum nam beann mar dhìdeann a dhì le fuachd as acras. Bu cho lòm a chaidh na Garbh-Chriochan air eirthire siar Inbheirneis fhàsachadh roin deicheamh, latha de dhara Mìos an t-Shàmhraidh is gum faoite


[174] siubhal fad iomadh mìle gun cheò taighe fhaicinns gun gheum , no goireal coileich a chluinntinn!

Chan robh an t-arm-dearg fathast toilichte leis na thog iad de chreachan air fearann nam fineachan a dhéirich le Tearlach, thòisich iad a nisair iomain rompa gach spréidh a bha tachairt nan co-dhail, air chor is gun robh na daoine dhfhan aig a bhaile achogaidh air an aon diol riu-san a thionnsgain an t-àr-a- mach. Uime sin bhan àireamh spréighe a thog iad cho lionmhor is gun deach cunntas cheudan mhărt as each a réic le feachd an Diùc ris na dròbhairean Sasunnach air son leth-chrun an ceann, chaidh an t-airgead so a rinn mar chreich a measg nan saighdearean. Bha chuid eile de ghnìomharadh nan daoine an-diadhaidh, neo-dhaontachail so, cho gràineil ri aithris, agus cho déistinneach ri leughadh, is na chràdh cridhe ri chluinntinn, air chor is gur iomchaidh dhomh an Caibidil acho-dhùnadh.

titleCaibidil XXVI
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page