CAIBIDIL XXVIII.
CÒMHLACHADH THEARLAICH A’S FHIONNAGHAIL.
THRIALL am Prionns’ agus O’Neill gu Beinne-Mhaol gun stad: ’n-an turas thàrladh dhaibh tuiteam air bothan àiridh a bhunadh do dh’fhear Airidh-Mhuillinn, (bha e ’n tràth sin m’a mheadhon òidhche.) Rinn am Prionnsa ’shìneadh ann an toman luachrach air cùl a’ bhothain, agus chaidh O’Neill a staigh; ach co a chitheadh e measg nighean na h-àiridh ach a mhaighdean mhaiseach, iomraiteach sin Fionnaghal Dhòmhnullach, nighean do shean fhear Airidh-Mhuillinn, agus piuthar do’n duin’ òg do’m buineadh an àiridh chum an robh iad a nis air tighinn. Chunnaic O’Neill an rìbhinn so roimhe ann an taigh Mhic- ’Ic-Ailein air dha bhi uair eigin roimhe sinn ann an Ormaicleit. Bha fios aige gun robh a mhaighdean so an deagh rùn do’n Phrionns’ agus dh’ fheòraich e dh’i: — “An robh fios aic’ an robh luchd-tòrachd Thearlaich a’ dol a rannsachadh Beinne-Mhaol a màireach.” Thuirt Fionnaghal, “nach rachadh iad ann a màireach, ach gu’n robh iad gu bhi ann an earthar gu beachdaidh.” Thuirt O’Neill a’ sin “gu’n tug e caraide ga h-amharc,” dh’fheòraich Fionnaghal, “an e ’m Prionnsa.” Thuirt O’Neill gu’m b’e; agus air ball chaidh e air toir Thearlaich, agus thainig e steach do’n bhothan; chuir e fàilte shuilbhear air Fionnaghal, a’s rinn e suidh air fàilean a measg nan gruagaichean. Cha b’
Mu’n téid mi na’s faid’ air m’ aghaidh le’m sgeula cuiridh mi sios Eachdraidh Fhionnaghail Nic-Dhòmhnuill ni’s mionaideiche. Bu Nighean i do shean fhear Airidh-Mhuillinn ann an Uidhist-a- chinne-Deas, chaochail a h-athair ma ochd bliadhna roimh’ ’n ăm sin, agus bha a’ màthair air a h-ath phòsadh ri Uisdean Dòmhnullach, Fear Aramadail ’san Eilean Sgiathanach. Bha Fionnaghal mar bu tric a tuinich ann an Aramadal maille ri màthair agus r’a h-oide, Mr M‘Dhòmhnuill, a bha air a’ cheart àm sin na cheannard air a h-aon dheth na cuideachdan a bha’n tòir air Tearlach. Ged do thàrladh do dh’ Fhionnaghal a bhi mu’n àm ud an Uidhist, cha robh i ach air ùr thighinn a nall as an Eilean-Sgiathanach do dh’ Airidh-Mhuillinn a dh’amharc a bràthar a bha fathast a cômhnuidh sa’ bhaile sin ann a fearann athar. A nise, bha Fionnaghall agus baintighearna Mhic- ’Ic-Ailein anabharrach mòr ma chéile, agus a thaobh nach robh Ormaicleit ach tacan beag bho Airidh-Mhuillinn, bhiodh i mar bu tric’ anns a chaisteal maille ris a bhaintighearn. Thàinig i-féin agus caileag a bha còladh ridhe thun ma h-àiridh so (anns na chòmhlaich i’m Prionnsa) m’a bheul an anmoich air dhaibh a bhi air turas do dh’ionad àraidh eile de’n dùthaich, agus a thaobh gun robh an òidhche fliuch, chuir i roipe fantainn ’san taigh-àiridh gu madainn.
Thuirt am facal “gur luaithe deoch na sgialachd,” air an aobhar sin cha do chuir am Prionns’ an céill do dh’ Fhionnaghal an cunnard agus an teanndachd ann an
Air madainn an ath latha thog Fionnaghal agus a bean-mhuinntir orra do dh’ Ormaicleit, chùm a còmhairle chur ri baintighearna Mhic- ’Ic-Ailein mu’n chùis; air dhaibh a bhi dol a null thar an fheoghail eadar Beinne-Mhaol a’s Uidhist a’ chinne-deas, a thaobh nach robh litir-cead-suibhail aig a h-aon aca ghabh an luchd-tòire an làimh iad nan dithis: Chuir na h-oifigich na h-urraid de cheisteachan cruaidhe air Fionnaghal, agus
Air do dh’ Fhionnaghal na lithraichean so fhaotainn chaidh i gun stad do dh’ Ormaicleit a chur a comhairle ri Baintighearna Mhic- ’Ic-Ailein. Gun a bheag a mhaille dheanamh an sin dh’ fhalbh i féin ’sa bhaintighearn’ agus dithis na thriùir do bhaintighearnan òg eile a bha air son sealladh de’n Phrionns’ fhaicinn gu monadh Choradail; air dhaibh a dhol a steach do bhothan na beinne fhuair iad a mhòrachd rìoghail a’ ròstadh cridhe agus grŭdhan caorach air dealg seilich, thug an sealladh so air cuid dheth na baintighearnan òga bu mhaoth-
Fòs, Air dhaibh a bhi gabhail an dinneir thainig teachdaire, a’s anail na uchd, a dh’ innse do’n phairti gun tàinig an dearg-nàmhaid sin, Iain Caimbeul a Mhaim-Mhòir, do Bheinne-Mhaol le feachd lionmhor shaighdearan. Cha luaithe chuir an teachdaire sin an céill uirsgeul féin, na thainig gill’ eile ’g ràdh gun chuir long chogaidh pàirtidh air tìr am an Oirmicleit, agus nach robh iad a’ fàgail cùil no ciall gun rannsachadh, air tì an fhògaraich Rìoghail fhaotainn an làimh. Air cluinntin sin do bhaintighearna Mhic- ’Ic-Ailein, mheas i iomchuidh tearnadh gu baile, air eagal gun dùisgeadh i bhi bho’n taigh an-amharas a measg na pàirtidh. Air dhi am baile ruidhinn dh’ fheòraich caiptin na luinge iomadh ceiste dh’ i ma dheighinn. C’ àit an robh i, thuirt ise gu’n robh i ’g amharc neach tinn uireasach a bh’ air taobh thall a bhealaich. Tacan an deigh sin chaidh Mac- ’Ic-Ailein agus a bhaintighearna a ghlacadh agus an giùlan air luing gu riuge Lunnainn air son a’ chaomhneis a nochd iad do’n Phrionnsa.
B’ éigin do’n Phrionnsa nise dealachadh ris an fhear ma dheireadh dheth a chàirdean dealaidh O’Neill, ghuidh an gille bochd gu dùrachdach gu’n faodadh e dheagh mhaighistear a leantuinn n’a b’ fhaide air
M’a ochd uairean ’san fheasgar, chaidh Tearlach agus a phàirti do’n bhàta, agus sheòl iad bho eirthire Beinne-Mhaol, gun sùil nàmhaid da’m faicinn, agus ghabh iad thar Chuan-sgìth a dh’ionnsaidh an fhearuinn Sgiathanaich. Faodaidh sinn a nis’ a thoirt fainear ged bu tric a chaol-thearainn am Prionnsa féin bho phainntrich a nàmhaid gu’n do thuit a luchd-leanmhuinn gu léir ach Imhear Burc agus O’Suilibhan ’n-an làmhan. An ceann thrì latha an deigh do Thearlach an t-Eilean-fada fhagail thàinig long Fhràngach, le sia fichead fear gu Uidhist a Chinne-Deas, a lŏs a ghiùlan do’n Fhràing, chaidh O’Suilibhan air ball gu bòrd agus dh’ fhalbh e lea, thaobh gun sheòl i air an ŏidhche sin fein, air dhaibh a chluinntinn gu’n dh’ fhàg am Prionns’ an dùthaich. An ceann latha no dhà an deigh sin ghlacadh O’Neill, agus chaidh a chur gu prìosan an Tùir an Lunnainn. Bha Dòmhnull Mac-Leòid fad iomadh latha na fhear-cùirn air feagh bheanntaichean an Eilein-Sgiathanaich; fadheòigh, air a’ chùigeamh latha de mhìos mheadhonach an t-Shàmhraidh, chaidh a ghlacadh, agus a ghiùlan a chùm an Tùir Lunnainnich far na chum iad e ’na phrìosanach fad iomadh latha. Bha Imhear Burc n’a bu shealbhaiche, ghabh e dìdean ann an uamhaig ann an ionad uaighneach de na h-Earadh, a’ tighinn beò mar a b’ fhearr a dh’ fhaod e air iasg a’s sithinn, gu àm nasgaidh na saorsa do gach fògarach sa’ bhliadhna 1747. Chaidh e ás na h-Earadh do Dhunéideann far an deach e ’n séilbh na h-oibreach bu ghnàth leis ro’ àm a’ chogaidh. Chaith e deireadh a laithichean anns a’ bhaille-mhòr sin gu taingeil, toilichte ’g òl leanna agus ag aithris a sgeòil.
title | Caibidil XXVIII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |