[196] CAIBIDIL XXIX.
ALLABHAN THEARLAICH ’SAN EILEAN-SGIATHANACH.
DH’ FHAN an soirbheas fàbharach gus na sheòl am bàt’ anns an robh am Prionnsa ma uidhe mhìl’ ar fhichead bho’n fhearan Uidhisteach, an sin dh’fhas an t-sìde rudaiginn stòirmeil, agus a chum misneach Fhionnaghail a chumail suas thòisich Tearlach air gabhail òrain agus rì innseadh naigheachdan beag’ àbachdach, a chumadh air falbh an fhadachd.
Ma thŭs na chamhanaich cha robh fearann sam bith ’nan sealladh, uime sin cha robh fios aig an sgioba c’àit’ an robh iad. Co dhiù, chum iad oirre air a’ chùrsa bha fo sròin, agus cha b’fhada gus na bhrist beanntaicheann corrach an Eilein-Sgiathanaich tro cheò na maidne. Dh’iarr an stiùradair a bréid a thoirt suas gu ard nan ullag, ’s ma uair a dh’ ŭin’ an deigh sin bha iad aig rinn Rudha-Bhatairnish air taobh siar an Eilein. Cho luath sa theann iad ri fearann chunnaic iad prasgan, de na fir fhreiceadain a bha feitheamh a’ chladaich Sgiathanaich, a chum fògaraich a ghlacadh, agus bho dhìdeann a ghabhail air sgàth nan crìoch sin. Bha sia-ramhach air a taruinnn suas ann an camas far an robh iad so na’n stad, agus air ball chuir iad sios i gus
[197] an d’
fhuair iad an sàile fo druim,
ach,
gu dona,
leibideach,
dhaibh-
féin;
agus gu sealbhach,
do’
n ănrach rìoghail,
cha robh aon chuid ràmh no taoman aca.
Air faicinn sin do na h-
Uidhistich thòisich iad air cruaidh iomradh a mach bho’
n fhearann;
ghlaodh na fir a bh’
air tìr iad a thighinn gu cala air neo gu’
n loisgeadh iad orra,
ach cha do leag na h-
Uidhistich orra gu’
n robh iad ga’
n cluinntinn.
Ann am mineid bha na peileirean a feudaireachd ma chluasan an sgioba:
dh’
iarr Tearlach air Fionnaghal i shuidhe sios air ùrlar a bhàta chum na peileirean a sheachnadh.
Thuirt Fionnaghal gum bu chòir dha féin an ni ceudna dheannamh,
gur e bheatha mòran bu luach-
mhoire na beatha-
sa’.
An sin thuirt Tearlach, “
O cha’
n eagal domhsa!
cha’
n eil a chuspaireachd ro mhath!”
Thuirt e sin ris an sgioba; “
Fhearabh mo chridhe,
suas leatha; ’
s na tugaibh feairt air na daoidhearan,
bheir dŭsan àlach eile,
sibh glan ás gach cunnard.”
Thaitinn na briathran sin gu ro mhath ris an sgioba agus dh’
imir iad am bàta dìreach mar dh’
iarr e,
a’
toirt “
hùgan air cuan nuallach,
gàireach,”
gus an deach iad air tìr anns a Chamus-
Mhòr an Cille-
Mhoire Thròtairneis glè fhagus do thaigh Shir Alasdair Mhic-
Dhòmhnuill (
Shléibhte)
ann am Moghastard.
Bha Sir Alasdair mu’
n àm sin ann an Cille-
Chuimean còladh ri Diuc-
Uilleam,
ach bha a’
bhaintighearna,
a nochd mòr chaoimhneas roimhe sin do’
n Phrionns’
aig a’
bhaile.
’Nuair a tharruinn iad suas am bàta, chaidh Fionnaghal Dhòmhnullach agus Niall mac Eachainn suas gu taigh Mhoghastard, a’ fàgail a’ Phrionnsa ’na thrusgan bainionn ’na shuidhe air ciste air a mhol. ’Nuair a ràinig i ’n talla chuir i fios thun na baintighearn’ gu’n
[198] robh i air son a faicinn.
Air ball chaidh Fionnaghall a ghairm a steach do’
n t-
seòmar,
anns an robh air an àm sin ’
nan suidhe,
bean Mhic-
Dhòmhnuill Chirce-
Post,
agus mac do Dhòmhnull Mac-
Leòid a Bhaile-
mheadhonaich,
gill’
òg ’
bha na oifigeach anns an arm dhearg,
agus a bha mu’
n àm sin ann am Moghastard le prasgan sluaigh,
a’
cumail freiceadain air eirthire Thrŏtairneis de’
n Eilean-
Sgiathanach an earalas gun tigeadh am Prionns’
air tìr sa’
n ionad sin.
Bha mar an ciadna sa’
n t-
seòmar Mr Alasdair Dòmhnullach fear Chìse-
Bòrgh,
a bha ’
n uair sin na shiamarlan aig Shir Alasdair Shléibhte.
Bha’
n duin’ -
uasal sin ann an deagh rùn do Thearlach,
air chŏr is nach bu chunnard ged a gheibheadh e fios gun robh e air sgàth a’
bhaile. ’
Nuair a chaidh na h-
uaislean gu léir sios gu ’
n dinnear,
dh’
fharraid an t-
oifigeach Mac-
Leòid na h-
urraid de cheistean mionaideach de dh’
Fhionnaghal Nic-
Dhòmhnuill; —
Cia as a thainig i?
agus c’
àite bha i dol?
ciod a bha aic anns an eithir?
agus mar sin sìos.
Dh’
fhreagair Fionnaghal,
gach ceist dhiù so gu h-
amaisgeil,
gun dad de na bhreisleich sin a thaisbeanadh,
anns bu dù do mhaighdein òig a bhi ann a leithid sin do chàs.
B’
àbhaist do Mhac-
Leòid ròimhe so gach bàta thigeadh air sgàth cladaich a mhìn-
sgrùdadh rè mhìosan roimhe so,
ach labhair Fionnaghal cho faicheallach,
pòngail is nach do smaontich e fògarach,
de sheòrsa sam bith a bhi na fochar.
Air dhaibh an dinnear a ghabhail sméid Fionnaghal air fear Chìse-Bòrgh do sheòmar air leth, far an d’innis i dha gun robh am Prionns’ air tighinn còladh rithe á Uidhist, agus gun robh e mu’n àm sin aig an tràigh, air éideadh ann an trusgan mnàtha, chum a chur ás
[199] aithne.
Air ball chuir fear Chìse-
Bòrgh air tòir na baintighearn do’
n t-
seòmar far na leig e ris di an diomhaireachd ma dheighinn am Prionnsa bhi cho fagus a làimh.
Cho luath sa chuala ’
bhaintighearn so chaochail i snuagh,
agus ghlaodh i le reachd guil na muineal,
agus deòir le rŏsgan— “
gun robh i-
féin agus a teaghlach shios deth.”
Ach thòisich fear Chìse-
Bòrgh,
a bha dheth féin na dhuine suidhaichte,
ciallach,
air a sìtheachadh,
ag ràdh rithe,
gun tugadh e am Prionnsa dh’
ionnsaidh a thaighe féin,— “
Cha’
n eil annam a nise,”
arsa fear Chìse-
Bòrgh “
ach seann duine,
agus cha dean e mòr mhùthadh co dhiù a dh’
fhàgas mi an saoghal so gun dàil le tobha mu’
m amhaich,
no dh’
fhanas mì ri bàs nàdurrach,
nach urrainn a nis’
a thaobh nan lathaichean gus an tàinig mi ’
bhi fad’
air falbh.”
Air dhaibh a bhi ’nan triùir mar so greis a’ conaltradh ri chéile, ghabh fear Chìse-Bòrgh a chead diubh, mar gum biodh e dol dachaigh, agus thug a bhaintighearna dha, mar gum b’ann gu biadh-siubhail, shearrag fhiona agus còrn, maille ri leth-dusan bhriosgaidean fìnealt, agus cnuac de chàise ghobhar, a bh’air a mheas san àm sin na làn-beoil cho tarbhach agus cho falain sa chaidh riabh am beul duine. Chaidh fear Chìse-Bòrgh sa’ chiad dol a mach a shealltainn air Tearlach. Cha robh am Prionnsa mu’n àm so cho fagus do Mhoghastard sa bha e ’nuair a thàinig e air tìr. Dh’innis Niall mac Eachainn dha roimh làimh gun robh fear Chìse-Bòrgh gu cùram a ghabhail dheth, agus gu threòrachadh gu ionad falaich bu tearuinnte na far an robh e. ’Nuair a chunnaic am Prionnsa fear Chìse-Bòrgh a’ deanamh dìreach air an lagan anns an robh e dha fhalach féin, dh’éirich e agus riuth e na choinneamh le cuaille mòr
[200] de mhaide carraigeach daraich na làimh,
agus dh’
fheòraich e ris,— “
An sibhse Mr Mac-
Dhòmhnuill Chìse-
Bòrgh.”
Thuirt fear Chìse-
Bòrgh gu’
n b’
e, “
O!
ma tà,”
ars am Prionnsa, “
togamaid oirn’
ás a’
so.”
Thuirt fear Chìse-
Bòrgh ris e dh’
fhantainn gus an gabhadh e ùracha bìdh,
agus sgaoil e na briosgaidean agus an càise sìos air lic fa chomhair an airceich Rìoghail,
a thoisich air ithe gu taingeil,
toilichte.
Air do dh’
fhear Chìse-
Bòrgh còrn dheth an fhion a lionadh,
dh-
òl Tearlach air a shlàinte a’
cheart cho sùgach,
àbhachdach,
is “
ged nach b’
fhiamh an tòir.”
Air dha acras a chasg thriall iad air an turas gu taigh Chìse-
Bòrgh far an robh sùil aig Tearlach an òidhche sin a’
chur seachad.
Tacan an deigh sin, ’nuair a mheasadh gun robh fear-Chìse-Bòrgh agus am Prionns’ air imeachd beagan air an turas, dh’eirich Fionnaghal Dhòmhnullach bho ’n bhŏrd gu triall dachaigh, thuirt baintighearn Shir Alasdair (chum an oifigich Mhic-Leòid a chuir á amharas) gu’m b’ fhearr dh’i fantainn a nochd Thuirt Fionnaghal, “nach b’ urrainn i sin a dheanamh, a thaobh a mathair a bhi ann an droch shlàinte, agus gu tŭr na h-aonar anns an àm dhòrainneach so.” An sin thriall i-féin agus Niall mac Eachainn air an tùras. Bha bean-Chirce-Post, a sgalag agus a bean-mhuinntir mu’n àm sin a dol dhachaigh, á Moghastard do Chirce-Post, agus gus an t-slighe a ghabhail car beagan mhìltean ’nam fochar, dh’fhag iad Moghastard ’nan cùignear a’ marcachd, agus cha b’fhada gus an tàinig iad suas ri fear Chìse-Bòrgh agus ris a’ Phrionns’ a bha triall da’n cois agus a bha nise gu bhi siubhal maille riu fad dà mhìle gus an ruigeadh iad ath-ghoirid àraidh a bha iad gu ghabhail thar bealach tarsainn an dùthaich. Bha
[201] Fionnaghal a nis’
air son nach biodh fios aig sgalaig no aig bean-
mhuinntir bean Chirce-
Post (
nach d’
fhuair fathast fios na diamhaireachd)
air an fhar-
athad a bha’
m Prionns’
agus fear Chìse-
Bòrgh gu ghabhail;
air an aobhar sin thug i air Niall mac Eachainn na h-
eich a ghreasad,
agus chaidh iad seachad air a’
Phrionns’
agus air fear Chìse-
Bòrgh ’
nan cruinn-
leum.
Co-
dhiù thug bean-
mhuinntir bean Chirce-
Post fainear cho slaodach sa’
bha’
m boireannach a bha còladh ri fear Chìse-
Bòrgh ’
na trusgan,
agus labhair i mar so ri Fionnaghal Nic-
Dhòmhnuill:— “
Cha’
n fhaca mi riabh cho ladorn amharc ris a’
bhoireannach àrd ud,
faicibh na gàmagan fada tha bhunngaid a’
gearradh!
cha chreid mi nach ban-
Eireannach i,
oir neo fireannach ann an aodach mnà.”
Thuirt Fionnaghal,
gu’
m b’
e a ciad bhaireil a bha ceart,
gu’
m bu bhan-
Eireannach i.
Tacan an deigh sin dhealaich Fionnaghal ri bean Chirce-
Post,
agus mharcaich i-
féin agus Niall mac Eachainn gus an tàinig iad suas ri fear Chìse-
Bôrgh agus ri Tearlach.
Air dhaibh a bhi ’
nan triùir a’
gabhail air an aghaidh bha’
n sluagh a bha tighinn ás an eaglais a’
tachairt riu,
agus a’
gabhal iongantais m’
a airdead agus slaodaichead a’
bhoireannaich a bha coiseachd maille ri fear Chìse-
Bòrgh agus dh’
fheòraich cuid aca gu mionaideach m’
a timchioll:
ach dh’
fhreagair fear Chìse-
Bòrgh iad mar so:— “
O chuideachda dhiamhainn,
agus aindiadhaidh,
nach sguir sibh a’
labhairt mu n- ’
ur gnothaichean saoghalta’
air an Dòmhnach!”
Air cluinntinn so ghabh am pobull seachad gun tuilleadh a labhairt.
Air dhaibh a bhi dol tro àllt a bh’
air an rathad gu’
n drochait,
thog Tearlach a chòta suas gu meadhon a shléisnean;
air a’
[202] cheart àm sin bha pàirtidh Leòdach a bha’
n tòir air féin a’
dol seachad,
agus dh’
aithnich fear ac’
am Prionns’,
oir chunnaic se e roimhe,
ach cha b’
e thoirt suas d’
a nàimhdean a rinn e,
ach feuchainn ri chur ni bu mŏ ás aithne na bha e,
le glaodhach an aird’
a ghutha:— “
Ud!
ud!
a Mhòrag nigh’
n Fhearachair leag do chòta;
is tu a dh’
fhàs mi-
bhanail o’
n uiridh!”
Dh’
fharraid am Prionnsa’
de dh’
fhear Chìse-
Bòrgh ciod a bha’
m balach ag ràdh, ’
nuair a chaidh sin innseadh dha theab e grad sgàineadh le gàiredich;
thuirt fear Chìse-
Bòrgh an sin gu’
m b’
fhearr dha comhairle ’
bhalaich a’
ghabhail an àm a bhi gabhail thar an ath àllt.
Air an aobhar sin,
aig a’
cheud àllt a choinnich iad leag Tearlach le iomal a ghùin tuitean sìos ’
sa’
n t-
sruth.
Thuirt fear Chìse-
Bòrgh gu’
n robh an dòigh ma dheireadh cho olc ris a’
chiad dòigh chum dùsgadh amharais ’
nan tàrladh dha nàimhdean a bhi ga fhaicinn.
Bha’
m feasgar a nis’
air ciaradh,
agus ràinig an triùir, —
am Prionnsa,
Fear Chìse-
Bòrgh,
agus Fionnaghal Nic-
Dhòmhnuill,
taigh Chìse-
Bòrgh m’
a aon uair diag de’
n òidhche.
Bha muinntir an taighe gu léir mu’n àm sin air dol a laidhe, agus cho luath sa’ chuir fear Chìse-Bòrgh Tearlach a steach do sheòmar mòr nan aoidhean, chaidh e thogail bean an taighe, —dhiùlt i air tùs éiridh ag ràdh ris gu’m faodadh e-féin na coigrich a chuideachadh leis gach nìdh sa’n taigh, gu’n ise bhi ’san lăthair. Mas gann a labhair i na briathran sin, thainig a nighean a b’ òige, caileag m’a sheachd bliadhna dh’aois, ’na ruith gu taobh a leapa, agus labhair i mar so:— “A mhàthair! a mhàthair! thug m’athair a bhean a’s mò agus a’s mi-chumair’ a chunna’ mi riabh, leis dachaigh,
[203] agus thug e steach do’
n t-
seŏmar mhòr i cuideachd.”
Thug briathran a phàisd’
air a màthair a shaoilsinn gun tug a h-
athair a h-
aon de na fògaraich a bha gabhail dion air feagh an eilein fo thearmunn,
gidheadh cha d’
fhuair i coire sam bith da còmpanach air son caidridh ’
thoirt do’
n fhalbhanach bhochd,
agus d’
fheòraich i dheth,
an robh fios aig air dad idir m’
a dhéighinn a’
Phrionnsa thruaigh.
Air cluinntinn sin do dh’
fhear Chìse-
Bòrgh ghlac e làmh a mhna ’
na làimh féin,
agus labhair e rithe mar so:— “
A ghràidh mo chridhe! ’
S e so am Prionnsa féin fa d’
chomhair.” “
Am Prionns’ ,”
ars ise “
Mas e théid n-
ar crochadh gu léir cho ard sa’
chuireas fiodh sinn!” “
Ma théid”
ars a fear Chìse-
Bòrgh, “
cha’
n fhaigh sinn bàs ach aon uair,
agus cha’
n urrainn sinn fhaotainn air son aobhair a’
s fearr,
cha’
n eil sinn a’
deanamh ach obair na tròcair mar bhuineadh do gach Chriosdaidh a dheanamh;
bi dol a ghràidh agus cuir dòigh air suipeir;
thoir thugainn aran a’
s ìm a’
s căis,
uidhean a’
s baine,
no aon ni eile th’
agad réidh.” “
Uibhean a’
s baine,”
arsa bean an taighe, “
be sin an t-
suipeir gu dearbha,
g’
a cur fa-
chomhair Prionnsa.” “
A bhean mo chridhe,”
arsa fear Chìse-
Bòrgh, “
Is beag a’
s fios duibh m’
a ghiullachd a’
Phrionnsa bhochd so o cheann tamuill, ’
s ann a mheasas e ar suipeir na cûirm shòghair,
osbarr n’
an deanamaid suipeir shònraichte bhreathnaicheadh na searbhantan gu’
n robh neach ionbhach éigin ’
n-
ar teach:”
greasaibh oirbh leis a bhiadh,
agus thigibh féin gu ’
ur suipeir maille ruinn.” “
Mise gu’
m shuipeir”
ars ise, “
cha’
n fhios dhomhsa cia mar is còir dhomh mi-
féin a ghiùlan aig bòrd maille ri Prionnsa!” “
Ach feumaidh sibh suidhe sìos”
ars a companach. “
Cha’
n ith am
[204] Prionnsa mìr mar bi sibh sa’
n làthair,
agus chi sibh nach do shuidh sibh sìos gu biadh riabh còladh ri duine cho iriosal agus cho suairc.”
Chaidh an t-suipeir a chur sìos gu h-òrdail, agus shuidh iad gu bòrd, le bean Chìse-Bòrgh air làimh chlì a’ Phrionns’ agus Fionnaghal Nic-Dhômhnull air a dheis. Ghabh am Prionns’ a shuipeir gu sunntach agus dh-òl e sgailc bhranndaidh air slàinte na cuideachd: an deigh sin thug e pìob dhubh stobach thombac air lòm, agus thòisich e air gabhail smùid, thuirt e aig an àm ri fear an taighe, gu’m fac a’ phìob iomadh latha dosgainneach, gu’n ghiùlain se i fad’ a’s goirid, gu’n tharuinn am fuachd do’n robh e buailteach rè alabhain sgìth an déideadh na aoradh, agus gu’n robh ceò na pìoba toirt faothachadh dha air uairean; bha’ phìob mu’n àm sin air fàs cho goirid is gu’n tug a luchd-leanmhuinn a “chutag” mar ainm oirr’. Shuidh e féin a’s fear an taighe sìos ag òl gu cridheil agus a gabhail naigheachd a’ chéile gus an robh e trì uairean sa’ mhadainn, an deigh sin chaidh e laidhe agus cha do dhùisg e gus an robh e uair an deigh mheadhon latha an lathairne-màireach.
Sa’ mhadainn ’nuair a chuir fear Chise-Bòrgh fàilt’ air a’ Phrionnsa dh’ fheòraich e dheth, cia mar a fhuair e cadal? thuirt Tearlach ris nach robh cuimhne aige gu’n do chaidil e cho trom no cho fad’ le rugadh e: bha e cho fad gun e-féin a shìneadh air leabaidh shocraich as gu’n robh e air leigeadh leabaidh mhath gu tŭr as a chùimhne. Thuirt fear Chìse-Bòrgh ged nach b’ ann a fàs sgìth dheth a chuideachd, gu’n robh a làn thràth dha bhi deanamh deas air son am barrachd astair, agus ged do dh’ fhàgadh e an taigh anns an trusgan
[205] anns an tainig e dha ionnsaidh gu’
m iomchaidh dha ’
chulaidh a mhùthadh aig a’
chiad chothrom.
M’
a fheasgar an deigh dha a dhinnear a ghabhail,
thog e air gu bhi triall,
agus thug e fainear gun robh bean an taighe,
mar a chuid bu liugha de sheana bhaintighearnan na linne sin ris an t-
snaoisein,
agus air dha a bhi gabhail a chead d’
i dh’
iarr e snòitean ás a bocsa,
thug a’
bhean chòir uasal dha am bocsa làn,
agus dh’
iarr i air a ghleidheadh mar chùimhneachan oirre.
Ghleidh e ’
m bocsa a’
toirt iomadh taing dh’
i air a shon,
agus air son a’
chaoimhneis a nochd i dha bho’
n uair a thainig e dh’
ionnsaidh a taighe. —
Cho luath sa dh’
fhàg am Prionns’
an taigh chaidh bean Chìse-
Bòrgh do’
n t-
seòmar anns an robh e ’
na laidhe,
agus phaisg i seachad na lion-
anardan anns na chaidil e,
agus thug i bòid nach rachadh,
aon chuid an nighe no ’
n cur air leabaidh,
no ann a’
feum sam bith eile, —
gu’
n gleidheadh i seachad iad air son anaird-
laidhe dh’
i féin an uair bu bhăs d’
i.
Ghabh Tearlach a nis’ a thuras gu Port-Rìgh, (astar cheithir-mìle diag bho Chìse-Bòrgh,) far an robh sùil aige ri bàt’ fhaotainn air an gabhadh e’n t-aiseag a null do Rasaidh. Bha bhanacharaid dhealaidh Fionnaghal Nic-Dhòmhnuill, Niall mac Eachainn, agus fear Chìse-Bòrgh ’nan triuir greis de’n t-slighe còladh rìs—thug fear Chìse-Bòrgh deise fiorannaich leis ann am păsgan ’na làimh, agus air dhaibh a thighinn gu badan beag coille chaidh, e féin agus am Prionns’ a steach fo sgăile nan craobh, gus na chuir e dheth an t-éideadh mnatha, agus chuir e uime feile-beag, siste-cot, cota-gearr, osanan cataidh agus bonaid togalach. An sin ghabh fear-Chìse-Bòrgh a chead dheth agus ghabh e féin agus Niall mac Eachainn rompa gu ruige Port-Rìgh, agus
[206] buachaile bhŏ’
a thachair riu aca mar cheann-
iùil.
Ghabh Fionnaghal agus pàisd nighin an t-
ath-
ghoirid agus bha i ann am Port-
Rìgh uair rompa.
Ma chiaradh na h-
òidhche thainig Niall mac Eachainn agus am Prionnsa gu taigh-
òsda Phort-
Righ agus fhuair iad Fionnaghal ga tiormachadh féin ris an teine,
oir fhuair i fras throm uisg’
air a turas.
Anns an taigh so ghabh am Prionnsa biadh a’
s drama,
agus a thaobh gu’
n robh am bàt’
anns an robh e dol a sheòladh do Rasaidh ga fheitheamh aig a’
chladach ghabh e soraidh ghràidh le Fionnaghal agus le Niall mac Eachainn.
[On tha mi dealachadh ri Niall mac Eachainn an so, a thaobh gu’n robh e na bhall ro shònraichte, agus rudaiginn sealbhach ann an deireadh a laithean, tha mi air son gu’m bi fios aig mo luchd-dùthcha air beagan ma thimchioll. B’ann de dh’fhion-fhuil Chlann-Dòmhnuill Niall còir, agus b’e Eachann ainm baistidh athar, air an aobhar sin ghoirte mar leth-ainm ris “Niall mac-Eachainn Dhòmhnullaich,” agus mar aithghearr “Niall mac Eachainn.” Bu cho-dhalta Niall do sheanna Mhac- ’Ic-Ailein. Chaidh fhòghlum air son na sagartachd anns an oil-taigh Albannach am Pàrais sa’n Fhràing, agus bha e ’na bhŏrd sgoileir. Bha spéis mhòr aig a’ Phrionnsa do Niall, a thaobh e bhi suas ris a’ chainnt Fhràngaich, cànan a b’fhearr a thuigeadh e air bith. Bha mac Eachainn bho’n uair a dhealaich e ri Tearlach na fhògarach air feadh na dùthcha, ach gu sealbhach fhuair e null do’n Fhràing air a’ cheart luing anns an dh’fhag Tearlach féin Albainn. Cha mhi-thaitin e ri na Gàëil a chluinntinn gu’n d’ fhuair Niall mac Eachainn mac ri tè dheth na baintighearnan rìmheach thall thar chuan, a bha fa-dheòigh na dhuine mòr, cumhachdach, do’n goirte gu Gallda, —“Marshall Mac Donald, Duke of Tarentum!”] Rug e air lăimh air Fionnaghal an dara h-
uair agus labhair e rithe mar so:— “
Air son na thachair a rìbhinn shuairc,
ged’
tha sinn an dràsda dealachadh,
tha dòchas agam gun tachair sinn r’
a chéile fathast ann an lùchairt rìoghail Lunnainn.
Ann am bristeadh na maidne a’ chiad latha de mhìos dheireannach an t-shàmhraidh sheòl Tearlach á Port-
[207] Rìgh ann am bàta beag fosgailte gu ruige Rasaidh,
bha e air tùs a’
conaltradh ris an sgioba m’
a chaochladh nithibh,
ach fa-
dheòigh chaidil e air ùrlar an eithir,
agus cha do dhùisg e gus an deach i air tìr ann sa’
Ghlàm an eilean Rasaidh,
chuir e suas a chairtealan anns an eilean so ann am bothan chaorach,
agus chaidil e air leabaidh fhraoich.
Anns a’
mhadainn thuirt e riusan a bha ga fheitheamh,
gu’
m bu dosgainneach a bha e caitheamh a bheatha,
ach,
gidheadh,
gu’
m b’
fhearr leis buanachd air an dŏigh ud fad dheich bliadhna seach,
tuiteam an làmhan a nàimhdean,
thuirt e mar an ceudna gu’
m b’
iongantach a bha e cumail ris, “
oir,”
ars esan, “
dh’
fhuilig mi bho latha Chuil-
Fhodair,
na bheireadh bàs air ciad fear, ’
s cinnteach nach ann an diamhanas a choigil Dia mi;
gu cinnteach tha math an dàn domh fathast.”
An deigh do Thearlach fantuinn rè dha latha gu leth ann an Ràsaidh, bha e nis’ air son fhàgail a thaobh e bhi na eilean cumhann anns nach bu duilich a ghlacadh na’n tigeadh a luchd-tòrachd gu tìr ann. Uime sin air feasgar an treas latha de’n mhìos dh’fhàg am Prionns’ an t-eilean anns an dearbh bhàta anns na ghabh e’n t-aiseag d’a ionnsaidh, agus duin’ uasal grinn, Mr Calum Mac-Leòid, mac bràthar do Mhac- ’Ille-Chalum féin mar cheann air an sgioba. Cha deach’ iad ach ma cheud àlach bho thìr, ’nuair a thog na tuinn robach an cinn gu gàireach, is bha ’ghailbheinn a bàrcadh orra cho trom is gu’n d’iarr an sgioba pilleadh gus am fàsadh an t-sìde n’a bu chiùine. Thuirt Tearlach gun robh e fichead òidhche aig fàirge cho garbh rithe sud, iad a ghabhail air an aghaidh, agus chum am misneach a chumail suas thoisich e air seinn ann an
[208] Gàëlig ghlain beagan rann a dh’
ionnsaich e dheth an “
Iorram Dharaich”
bho Dhòmhnull Mac-
Leòid a’
chiad fhear treòraichidh:
mar sin chùm iad oirre ged a bha i sìr thoirt a staigh air gualainn an fhuaraidh,
is cha deach an spùidsear á làimh Chaluim Mhic-
Leòid,
gus na bhuail iad tìr m’
a aon uair diag a dh’
òidhche ri taobh “
Creag mhòr Mhic-
Neacail”
fagus do Sgorabreac sa’
n Eilean-
Sgiathanach.
Chuir am Prionnsa agus an sgioba an cairtealan suas an òidhche sin ann am bà-theach salach a bhuineadh do dh’fhear Sgorabreac a bha m’a dhà mhìle dh’uidhe bho’n àit anns an tàinig iad air tìr. Moch sa’ mhadainn thog am Prionnsa agus Calum mac-Leòid orra ’nan dithis gu triall, agus phill am bàt’ air a h-ais do Rasaidh. ’Nuair a dhirich iad a’ bhruthach dh’fharraid Calum de ’n Phrionnsa. C’ àite robh mhiann air a dhol. “A Chalum,” ars am Prionnsa gu dùrachdach, “Tha mi g’am earbsa féin gu h-iomlan riutsa, treòraich mi gu crìochan Shrath Mhic-Ionmhuinn.” Thuirt Calum Mac-Leòid, gum bu chunnardach a dhol air sgàth chrìochan Mhic-Ionmhuinn, a thaobh am fearann sin a bhi air a chuartachadh le luchd-tòrachd, a chionn Mac-Ionmhuinn agus a dhaoine bhi cogadh ’na aobhar féin. An sin thuirt am Prionns’ “tha thu faicinn a Chalum nach urrainn sinn dad sam bith a dheanamh drâsta gun chunnard, feumaidh tu féin a nise bhi mar am maighistear, agus seasaidh mi-fhìn agad an àite gille. Do réir sin ghabh am Prionns’ an pŏc anns an robh an cuid aodaich a’s anaird air a dhronnaig, agus dh’iarr e air Calum Mac-Leòid imeachd air thoiseach air mar dhuin’ uasal, agus choisich e féin mar ghille màlaid as a dheigh. Thog iad orra mar so gu Srath-Mhic-Ionmhuinn
[209] a bha ma cheithir mìle fichead de ’
n tomhas mhòr Ghàëlach uapa,
gun rathad mòr sam bith ga ionnsaidh ach gabhail tarsuinn thar bheann a’
s ghleann.
Air dhaibh a bhi treun choiseachd ’nan dithis gun seachnadh air garbhlach no còmhnard, thuirt am Prionnsa ri Calum nach robh eagal sam bith air gu’m b’urrainn pàirtidh de’n arm Ghallda breith air, na’m be is nach tigeadh iad ann an imisg urchair gunna dha, ged nach robh e cho ro chinnteach ás a chasan n’an tigeadh pàirtidh dheth an fhreiceadan Ghàëlach n’an caramh. Dh’ fharaid Calum dheth ciod a dheanadh iad na’n tachradh cuid de an luchd-tòrachd riu mu’n ruigeadh iad an Srath, “Ciod ach cruaidh chòmhrag” ars am Prionnsa. “Seadh, ’se sin féin a dheanamaid” ars a Calum Mac-Leòid, “mar a biodh ann dhiu ach ceathrar dh’ fheuchainn féin ri dithis diu chur ri talamh.” “Ma ta,” ars a Tearlach, “ghabhainnse os-làimh an gnothach a dheanamh ris an dithis eile.” Mar bha iad a ghabhal na slighe bha iad a’ deanamh an uile dhìcheall chum cumail á fradharc nan taighean, ach bha fear an dràsta ’sa’ rithist de mhuinntir na dùthcha tachairt orra; —Air dhaibh a thighinn gu glacag uaigneach, thainig fainear do Thearlach, gu’n robh an siste-cot a bha uime, air a dheanam de bhreacan grinn sgàrlaid, le putanan air am fighe le toinntean òir, tuilleadh a’s finealt’ air son gille màileid, uime sin thug e a shiste-cot do Chalum Mac Leòid air son fhir féin. ’Nuair a bha e cuir uime siste-cota Mhic-Leòid, labhair e mar so:— “Tha làn dòchas agam a Chalum gun toir mi dhut siste-cota mòran ni’s fearr na’m fear sin fathast, air son an fhir so.”
[210] An deigh dhaibh ceithir mìle fichead a choiseachd, ràinig iad m’a bhial an latha Eallagol fagus do Chille-ma-Righe ann an Srath Mhic-Ionmhuinn, far na tharladh dhaibh tachairt ri dithis de Chlann-Ionmhuinn a bha cogadh fo bhrataich Thearlach féin ann an Cuil-fhodair, bheachdaich na daoine gu geur air a’ Phrionns’ anns an aghaidh, agus ged a bha mhàileid air a dhruim agus neapaig dhubh shioda air a suaineadh m’a cheann, mar chìte air duine tinn, (bha so air a’ chum a chur ás aithne) dh’aithnich na daoine e air ball, agus cha b’urrainn, iad am bròn a chumail orra féin n’a b’fhaide, ach, ghlaod iad a’ bualadh nam băs; thuirt Calum Mac-Leòid, iad an dosgainn a chumail orra féin, gu’m bu dàcha lethid sin de dhol a mach am Prionnsa’ bhrăth dha nàimhdean, no math a dheanamh dha, air an aobhar sin thug e orra bŏideachadh air a bhiodaig nach innseadh iad do neach sam bith gu’m fac’ iad am Prionnsa. Bha iad a nise dlù do thaigh Mhic-Ionmhuinn an t-Sratha, agus dh’ fharraid Calum Mac-Leòid de Thearlach an robh e air son Mac-Ionmhuinn fhaicinn; thuirt am Prionnsa nach robh anns a’ cheart àm, gu’m b’ fhearr leis a dhol a dh’ionnsaidh taigh duine chòir sam bith eile mu’n àite. Shonraich Mac-Leòid an sin gu’n rachadh am Prionnsa dh’ionnsaidh taigh peathar dha féin, a bha pòsda ri Mr Iain Mac-Ionmhuinn duin’ uasal tapaidh de theaghlach an t-Sratha a bha na chaiptin air Clann-Ionmhuinn ann an cogadh Thearlaich, bho chiad thoiseachadh gu latha Chuil-Fhodair.
Ràinig Calum an sin taigh a pheathar a fàgail a’ Phrionns’ air cùl cnuic, gus am faiceadh e co bha steach, no ciod an fhàilte a gheibheadh e. Thuirt a’ phiuthar ri Calum nach d’ rinn fear-an-taighe ach
[211] dhol a mach o cheann ghoirid agus gu’
m biodh e steach an ceart uair.
Thuirt Calum an sin gu’
n robh e air son òidhche no dha a chuir seachad ’
na taigh,
na’
n saoileadh i nach robh saighdearan dearga sa’
cheart àm air sgàth an àite.
Thuirt a phiuthar ris gu’
m biodh e làn thearuinnt uapa sin. “
O’
n a tha thu saoilsinn sin,”
arsa Calum, “
fanaidh mi,
ach tha fear eile maille rium gille bochd tinn da’
n ainm Luthais Caw,
air na chuir mi muinntearas le eirceas chum mo mhàileid a ghiulan.
Dh’
iarr a phiuthar air an gille thoirt a steach gus an nochdadh i gach caoimhneas ri an-
shocair. ’
Nuair a thainig am Prionnsa staigh thuirt bean-
an-
t-
aighe.” “
O an gille bochd tha truas agam rìs, —
tha mo chridhe blathachadh ri fear a choltais.”
Air ball chuir i sios biadh do na falbhanaich,
ach rinn Tearlach shuidhe gu diùid greis air falbh bho ’
n bhord,
ag ithe dheth na bhiadh bu shuaraich’
a bh’
air a chlàr. —
Air faicinn sin do Chalum dh’
iarr e air gun a bhi cho saidealta,
e theannadh a staigh ris a bhòrd agus a bhiadh a gabhail gu sgairteal.
Thuirt am Prionnsa gu’
m b’
aithne dha oilean n’
a b’
fhearr na toiseachadh comh-
ith ri mhaighistear,
ach le mòran faraich shuidh Tearlach dlù do’
n chlàr. ’
Nuair a ghabh iad am biadh thainig a bhean-
mhuinntir le uisge blàth agus nìgh i căsan Chalum,
an deigh dh’
i sin a dheanamh dh’
iarr Calum oirre căsan a’
ghille ghlanadh mar an cianda a thaobh nach robh e gu math ’
na shlàinte— “
Ma ta,”
ars a bhean-
mhuinntir “
cha ghlan mi gu dearbha;
cha bu leamh ach sin,
mac na cailliche Gallda,
nigheadh e-
féin a chăsan.
Fa-
dheòigh thug bean-
an-
taighe oirre toiseachadh air căsan a’
Phrionns’
ionnlad,
ach shuath i iad cho cruaidh an aghaidh an cuilg,
air chor is gu’
m b’
eigin da iarraidh air Calum ann am Beurla e radh ridhe deanamh air a socair
[212] An deigh sin chaidh an dà aoidh a laidhe, agus chaidh bean-an-taighe chumail freiceadain air cnoc gu faireachadh a thoirt daibh na’m faiceadh i cunnard a’ dlùthachadh. Chaidil am Prionnsa gu’n dùsgadh m’a dhà uair, agus Calum beagan n’a b’ fhaide. ’Nuair a bha iad le chéile an deigh cuir umpa chual iad gu’n robh fear-an taighe a’ tighinn, agus chaidh Calum Mac-Leoid ’na chòdhail a dh’innse dha co bha steach air a chinn. Ré an chuid eile de’n latha bha iad féin agus Mr Iain Mac-Ionmhuinn [fear-an-taighe] a’ cuir an comhairle cuideachd, mu seòl a dheanamh air a’ Phrionns’ aiseag gu tìr-mòr. Fa-dheòigh chaidh Mr Iain Mac-Ionmhuinn far an robh triath na dùthcha, Mac-Ionmhuinn an t-Sratha. A cheart cho luath sa’ chuala an duin’ uasal sin am Prionnsa bhi air ’fhonn agus an geall air fhàgail, air ball chuir e eithir beag gleusta bhuinneadh dha féin fo làn sgioba chum na crìche sin, agus thuirt e gu’n rachadh e-féin ga fhaicinn sàbhailt air taobh thall a’ chaoil—Mu’n deach iad do’n bhàta, chòmhdaich baintighearna Mhic-Ionmhuinn, bòrd ann an uamhaig air a’ chladach agus ghabh i-féin agus a fear, Calum Mac-Leoid, am Prionnsa, agus Mr Iain Mac-Ionmhuinn an dinnear de dh’ fheòil fhuair a’s de dh-aran le pailteas fiona. Shònraich iad an sin gu’m biodh am Prionnsa air aiseag thun na mòr-thìr le Mac-Ionmhuinn an t-Srath’ agus Mr Iain Mac-Ionmhuinn, agus gu’m pilleadh Calum Mac-Leòid dhachaigh,[’Nuair a ghabh am Prionns’ a chead de Chalum Mac-Leòid thug e tarruinn air a sporan, agus thairg e deich ginnidhean òir agus bucal stuic-muineil airgeid dha mar dhuais air son a thurais. Thuirt Calum fiùghantach còir, nach gabhadh e sgilinn òir no airgeid air son a shaoithreach; aig a cheart àm, gu’m bu bheag leis na bh’aig a’ Phrionnsa dha féin, Co-dhiu thug am Prionnsa air gun do ghabh e am bucal mar chùimhneachan, ni ris na do dhealaich Calum cho fad sa bha e beò. ] mu’n rachadh ionndrann o’n
[213] bhaile,
ni a dhùisgeadh amharas an luchd-
freiceadain a bh’ air feagh na dùthcha.
B’
ann m’
a ochd uairean de’
n òidhche a chaidh am Prionns’
agus a’
phàirtidh do’
n bhàta.
Air a’
cheart àm thainig dà long-
chogaidh san t-
shealladh,
agus a réir coltais a’
seòladh an coinneamh a bhàta. ’
Nuair a bha ’
m bàta dŭsan àlach bho thìr,
ghlaodh Calum Mac-
Leòid ri Tearlach e dh’
fhantainn ga madainn,
gus an seòladh an luingheas air falbh dhe an eirthir.
Thuirt Tearlach nach fanadh,
gu’
n rachadh e air aghaidh le dòchas gu’
m biodh a ghaoth féin cho caoimhneil ris ’
s bu ghnà lea,
leis an luinngeas a sguabadh dheth an fhearann gu tŭr.
An deigh sin thog iad na siùil agus chùm iad a cùrsa air Cnòideart,
agus shuidh Calum Mac-
Leoid air cnoc,
agus cha tug e shùil bharr na linne cho fad sa dh’
fhan am bàt anns an robh a’ Phrionnsa gràidh ’na fhradharc.
[Ann an ceann deich latha an déigh do Chalum Mac-Leòid dealachadh ris a’ Phrionnsa chaidh a ghlacadh, agus a chuir air bòrd luinge a rinn a ghiulan gu ruige Lunnainn. Fhuair e fein agus Fionnaghal Nic-Dhomhnuill fa-sgaoil m’an aon àm, agus thainig iad dhachaigh comhladh ann an carbad. ]