CAIBIDIL III.
TÔGBHAIL NAM FINEACHAN.
BHA’M Prionnsa fathast ann am Bòrghadal fa-dheoigh thainig fios da ionnsaidh; nach faigheadh e, aon chuid, còmhnadh bho Shir Alasdair Mac-Dhòmhnuill Shéibhte, no bho Mhac-Leòid Dhun-Bheagain, thiunndaidh a chùis a mach, dìreach mar thuirt Fear Bhaósdail ris air tùs a thachradh. Bha Donnacha’ Foirbeis Tighearna Chuil-Fhodair, a bha na fhìr nàmhaid do na Stiùbhartaich, agus fad’ air taobh Righ Seòras an deigh iompaidh a chuir a an dà cheann-cinnidh sin, gu’n chlaidheamh a tharruinn gu bràch ann an aobhar Rìgh Seumas; agus an àite còmhnadh a dheanamh leis a Phrionns’, is ann a chuir iad fios do Shasuinn gun tainig e nall do dh-Alba. Ghabh Tearlach gu mòr gu cridhe Sir Alasdair agus Mac-Leoid a’ dhiultadh “éiridh;” agus chunnaic na h-uaislean a thainig a nall as an Fhràing maille ris a chùis cho mi-choltach, ’s gun tug iad a chomhairl’ air an gnothach a leigeadh ma-làr, agus grad philleadh air ais, ach thuirt e-san mar thuirt e ri Uisdean Dòmhnullach— “Le seiseir dhiùlannach chalma dhìleas, theichinn mar fhògarach feadh bheanntaichean Alba, mas pillinn air m’ ais do’n Fhràing.”
Chuir e fios á Bòrghadail a dh’ -ionnsaidh gach Ceann-Fine bho’n robh sùil aige ri cobhair fhaotainn, agus b’e a chiad fhear a thainig ga amharc Dòmhnull Cam-shron Loch-iall; agus air dha a chluinntinn nach tug e nall leis ach seachdnar dhaoine bha e ’cuir roimhe gun chuid, no gnothach, a bhi aige ri cogadh no strì, ged a bha e air son am Prionns’ fhaicinn, chum iompaidh a chuir air tarruinn air ais agus an dùthaich fhàgail mu’n eireadh ni bu mhiosa dha, ’nuair a gheibheadh fir Shasuinn brăth air a dhol-a- mach. Air do Loch-iall a bhi air a thuras do Bhòrghadal a dh-amharc a’ Phrionnsa, ghairm e anns an dol seachad aig taigh a bhràthar Iain Cam-shron an Fhasaidh-Fheàrna, thuirt a bhràthair ris nach bu chòir dha dhol n’a b’ fhaid’ air a cheann-turais, agus na ’n gabhadh e a chomhairle-sa gur ann a leigeadh e a rùineachd ris a’ Phrionns’ ann an litir, “Cha dean mi sin,” arsa Loch-iall, “ged nach eil dùil agam eiridh leis a Phrionns’ no còmhnadh sam bith a dheanamh ris, se ’n rud a’s lugha dh’fhaodas mi dheanamh fhaicinn”— “O bhrathair!” arsa Fear an Fhasaidh-Fheàrna, “ ’S ann domhs’ a’s fearr as aithn’ thu no dhut féin, ma leagas am Prionns aon uair a’ shùilean òrt, bheir e ort gun dean thu gach aon ni is àill leis!” agus b’ amhuil a thachair.
Air do Loch-iall Bòrghadal a ruidhinn chaidh e-féin agus am Prionnsa do Sheòmar diamhair, agus thoisich, am Prionns’ air a bhrosnachadh, suas gu na Cama-Shronaich a thogail; ach thuirt Loch-iall ris gum b’ fhearr dha faighidean a bhi aige gus am faiceadh e cothram n’a b’ fhabharaich, thuirt Tearlach gun robh an cothrom math san àm, a thaobh feachd Shasuinn a bhi cogadh ri cumhachd na Fràinge, agus gu’n robh e làn-chinnteach gu’n ceannsaicheadh beagan Ghàël na bha
Chaidh Loch-iall dachaigh air ball, agus thòisich e air togail nan Canna-shronach, agus a chuid eile dheth a luchd-leanmhuinn ma dha thaobh Loch-Arcaig, agus rinn iomadaidh eile de’n na Cinn-Feadhna mar an cianda. Chaidh a nis’ a shònrachadh, gun robh am Prionnsa gu ’bhratach a thogail ann an Gleann-Fionain [B’ann ris au iolaire theireadh na seana Ghàeil am “Fionan” [fion-eun, no’n t-ian uasal] chaidh am facal a nis atharrachadh gu fìr-eun, is e uasal is ciall do ’n fhacal fion, be fion-dheoch a theirte bho shean ris an deoch rìmhich ris an abair sin an diugh, fion a thaobh gum be na h-uaislean a bhiodh mar bu trice dha h-òl. “Fion-fhuil Chlann-Dòmhnuill,” se sin, fuil uasal Chlann-Dhòmhnuill, &c.] air an naoidheamh latha-diag de mhìos deireannach an t-Sàmhraidh, agus chuir e air falbh litrichean air an t-sé-amh latha de’n mhìos sin a dh’ -ionnsaidh gach Ceann-feadhna
Air an aon-latha-diag de mhìos dheireannach an t-Sàmhraidh, ghluais Tearlach bho thaigh Bhòrghadail, gu taigh Cheann-Loch-Mùideart a bha ma ma thuaiream seachd mìl’ a dh’ uidhe á Bòrghadal dh’ fhan e’ an sin gus an t-ochdamh latha diag, agus an sin chaidh e ann am bàta gu taigh Ghlinn-Ealadail, àite còmhnaidh uachdarain eil de Chlann-Dòmhuill, ri taobh Loch-Seile. Dh-fhàg e Gleann-Ealadail air an ath mhadainn le coig thar fhichead fear ann an trì bàtaichean, agus chaidh iad air tìr air taobh sear Loch-Seile faisg air an àit’ anns an, robh e gu shuaicheantas a thogail.
Bha nam Fineachean a nis a’ cruinneachadh gu brăs as gach taobh, agus chìte prasganan dhaoine fo’armachd a tional as gach àird, a’ gearradh aithghearra-talmhainn thar mhonaidhean, a’s bhealaichean gu Gleann-Fionain, ma aon uair sa’ mhadainn rainig Tearlach féin agus a cuid uaislean an Gleann. Thuit a mhisneach gu làr, cha d’fhuair e roimhe ach ma thuaiream ceud fear-feachda agus na h-urraid de mhnathan sa’ chlann a chruinnich gu sealladh dheth a mhòrachd fhaicinn. Fa-dheoigh, ma uair an deigh mheadhon latha chualas creagan dà-thaobh a Ghlinne, a co-fhreagairt do sgăl nam feadan, agus do thòrman nan dŏs; agus m’a chairteal na h-uarach chunncas a tighinn thar fàireadh, bho sheachd gu ochd ceud Cam-Shronach na’n làn àrmachd agus nan deiseachan ballabhreac, deich pìobairean fichead a’ cluich “Cruinneachadh nan Cam-Shronach” agus dà fhichead fear dheth an àrm-dhearg, a cheap iad m’an ’Chorpaich aca gan
Be’n t-ăite thagh iad a chum an t-suaicheantais a thogail ri crann, uchdan beag a th’ann am meadhon a Ghlinne; dh’eirich Diùc Abhall na sheasamh air an uchdan so, agus dithis dhaoine ’cumail taice ris, oir bha e fann le euslaint’; sgaoil e sin ri gaoith nam beann a “bhratach sholais” a b’ann an ùin’ ghearr gu uamhas agus truaighe a sgaoileadh feadh ghleanntaichean sìochail na h-Alba. Bha bhratach mhòr àluinn so air a deanamh de shioda dearg agus ball geal sròil na meadhon, air an robh dealbh crùn rìgh agus ciste-laidhe; chuir na Gàël fàilt’ air a bhrataich so le sgal cheud seannsair; a’s chrathadh mhìle bonaid, a’s caithream mhòr éibhneis. Thòisich Diùc Abhall an sin ri innse an t-aobhar mu’n do thogadh a’ bhratach; agus mu’n do chruinnich na treun-laoich. —Thuirt e gun tàinig Prionnsa Tearlach a nall le òrdugh athar, Rìgh Seumas, a thogail a shuaicheantas rìoghail ri crann; a chum a dhlighe air rìoghachd a shinnsir a dhainneachadh, agus a thàirge mathanas do gach neach a rinn roimhe so âr-a- mach, no tuath-shreup na aghaidh; nan druidheadh iad a nise ri mheirghe, agus an àirm a thogail na aobhar, a chum a chrùin a thoirt a dh’ aindeoin fir Shasuinn, agus saorsa chosnadh do dh-Alba. An deigh do’n Diùc an sgùilm so a labhairt; chaidh a bhratach a ghiùlain far an robh Tearlach na sheasamh, agus leth-cheud Cam-Shrònach mar ghèard oirre.
An ceam da uair an deigh sin, thainig Mac-Dhòmhnuill na Ceapach le trì cheud Abrach nan ceann. Tacan an deigh sin thainig prăsgan de Shiol-Leòid: agus chàmpaich air an òidhche sin féin ann an Gleann-Fionain, ma thuaiream dà-cheud-diag fear.
title | Caibidil III |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |