[214]

CAIBIDIL XXX.

ALABHAN THEARLAICH AIR TÌR-MÓR.

AN deigh dhaibh òidhche gharbh, stoirmeil, a chur seachad, chaidh iad air tìr samhadainn air achùigeamh latha de mhìos dheireannach an t-sàmhraidh ann an àite don goirear a Mhalach-bheag air taobh deas Loch-Neamhais. Air dhaibh a chluinntinn gun robh an dùthaich air air a cuartachadh le nàimhdean; dhfhan iad saMhalaich-bhig fad thrì latha. Air acheathramh latha chaidh Mac-Ionmhuinn an t-Sratha féin agus fear den sgioba dhfheuchainn am amaiseadh iad air uaimh anns an deanadh am Prionnsfhalach, agus chaidh am Prionnsa féin, Mr Iain Mac-Ionmhuinn, agus an triùir eile den sgioba air sàile gu ceann shuas an locha. Air dhaibh a bhig iomradh tiomal air sròin rudha beag a bha rompa, bhuail iad an cuid ràmh air bàtabha ceangailte ri creig, agus chunnaic iad cùigear dhaoine le croisean dearganam bonaideannan seasamh air tìr beagan os-ceann a bhàta. Dhfheòraich na daoine dhiucia ás a thainig iad, agus càite bha iad adol?” Thubhairt guntàinig a Sléibhte, agus gun robh iad adol don choille air toir fiodh tarsuinn, no crannalach bàta.” Air cluinntinn sin do luchd nan croisean, dhiarr iad orraa thighinn gu tìr air ball air neo nach bu shaoghal daibhach na bheadar


[215] clach as òrd,” air dhaibh fhaicinn nach tug fìr an t-Srath feairt orrleum iadnam bata féin agus thoisich iad air cruaidh iomradh a chum an glacadh. ’Nuair a dhluthaich luchd-nan croisean dearga orra, bham Prionnsa air son leum ás a bhàta gu tìr, ach cha do leig Mr Iain Mac-Ionmhuinn leis sin a dheanamh, ach dhiarr e air an sgioba an cuid gunnaidhean a bhi deas gu losgadh, agus a bhi cinnteach gun deanadh iad deagh chùimse, nam be agus gun tigeadh na croisean dearga is teann orr’, “oir,” ars esantha mi cuir romham, ma nochdas iad amhi-mhodh is lugha dhuinn nach téid duine dhiù air an ais a dhaithriseas an sgeul.” Tacan an deigh sin dhlŭthaich iad ri àite den fhearann, a bhair a chòmhdachadh le coille bho shliabh gu tràigh. Thuirt Mr Mac-Ionmhuinn ris aPhrionnsa gum faodadh iad dol air tìr san ionad sin, “oir,” ars esanaon uair is gum faigh sinn a steach a measg na coille, faodaidh na croisean dearga bhi gabhail mum buinn oir neo bheir sinne greadan orra bho chul nan craobh.” Ach cha dhfhan luchd nan croisean ris asin, cho luath safhuair am Prionnsa agus a chuid daoinemeasg nam preas, phill na nàimhdean an taobh ás an tàinig iad.

Chaidil am Prionnsa ma thrì uairean air mulach na h-uchdaich, ann am fusgadh an doire: ’nuair a dhùisg e chaidh e-féin agus an sgioba don bhàta, agus chaidh iad tarsuinn an loch gu eilean beag a bha fagus do thaigh Mhic-Dhòmhnuill Sgotais. Dhfhan Tearlach anns an eilean so, ’nuair a chaidh Mr Iain Mac-Ionmhuinn a null do Sgotais far an robh seanna Mhac- ’Ic-Aileinna thaigheadas sàmhraidh. Thuirt Mr Mac-Ionmhuinn ri Mac- ’Ic-Ailein, gun robh am Prionnsa nisna nàbachd ann a mòr theanndachd, agus gun robh lăn-dòchas aige


[216] ri dion fhaotainn air a sgàth-sanna airc. Gednochd Mac- ’Ic-Ailein caoimhneas do Thearlach ann an Uidhist, cha robh enise, air son urrad as fhaicinn. Faodaidh sinn a bhaireileachadh co-dhiŭ gur e mar chunnaic e bhi geur-leanmhuinn nan daoin’ -uaisle a nochd caoimhneas da roimhe sin, bu choireach ri iargaltas aig an àm so; bha e glè fhuair ri Mac-Ionmhuinn na chonaltradh, agus thuirt e nach robh dôigh sam bith aige-san air fhalach no dhion agus gum be a chomhairle dhìleas-sa dha, e philleadh air ais an taobh ás an tàinig e, agus e-féin fhalach ann an Ròna! eilean beag anns bu ghann a gheibheadh e aon tràth bìdhsan ăm sin. Air cluinntinn sin do Mr Mac-Ionmhuinn, ghabh e chead de Mhac- ’Ic-Ailein le mòr fheirg air son a mhi-fhiùghantais; agus air dha a chùis aithris do Thèarlach, labhair an dìbearach rìoghail mar so:— “Chan eil comas air a MhaighstirIc-Ionmhuinn, tha sinn a nisafaicinn gum feum sinn deanamh air air son féin, an rathad as fearr a dhfhaodas sinn.

Chaidh iad ás an sin thar an loch gu Malach, far an tainig iad air tìr an tùs, agus choinnich Mac-Ionmhuinn an t-Srathagus am fear eile den sgiobiad anns an àite sin. Ghluais iad ás an sin gu taigh Mhic-Dhòmhhuill Mhoroir [Mòr-thir. ] (a bha m’a sheachd mìle bho Mhalaich) taigh beag geal a bhair a thogail air bruachan Loch-Morair. Air an t-slighe d’a ionnsaidh thainig iad gu bothan àiridh far an dfhuair iad doch bhaine, air an robh iad glè fheumach sam àm, fhuair iad ann an sin mar an ciadna buachaille a rinn an t-iùl daibh gu ruige taigh Mhoroir. Ma ghlasadh an latha rainig iad Moroir, ach cha robh aca den taigh ach an làrach lòm; bha e air a losgadh gu làr leis na saighdearan dearga, a chionn


[217] gun déirich fear Mhoroir féin san àr-a- mach. ’Nuair a shoilleirich an latha chunnaic iad am bothan anns an robh fear Mhoroir [Mòr-thir. ] agus a theaghlach a chòmhnaidh, chaidh iad da ionnsaidh agus cho luath sa chunnaic bean Mhoroir [Puithar do Loch-iall. ] am Prionnsa thoisich i air gul, air son a chruaidh-chàis, eadhon, ged a bha i-féin cho ainniseach, le mar chreach na saighdearan am baile, air chor is nach robh aice do theachd-an-tìrna fàrdaich a chuireadh i an làthair nan uaislean agus aPhrionns,’ ach mìos de dhiasg geal fuar, ni a dhith na h-aodhean gu toilichte gun aon mhìr arain leis. ’Nuair a chaisg iad an arcas, threoraich fear Mhoroir am Prionns agus a chàirdean gu uaimh annsna chaidil iad dheich uairean gun dùsgadh. Co-dhiŭ, dhiult fear Mhoroir tuilleadh cùraim a ghabhail don Phrionns, air an aobhar sin cha dhfhan e-fein no chàirdean ni bfhaidair a sgàth.

Dhealach Mac-Ionmhuinn an t-Sratha ris aPhrionnsann an so, agus phill e-fein agus an sgioba dhachaigh, a fagail Mr Iain Mhic-Ionmhuinnna aonar maille ri mhòrachd a chum a threòrachadh tro na Garbh-chrìochan. Ma mheadhon òidhche, thog Mr Mac-Ionmhuinn agus am Prionns orra thar a mhonaidh gu Arasaig, agus ma bhial an latha, rainig iad taigh Aonghais Mhic-Dhòmhnuill Bhòrghadail, a cheud fhardach anns na chuir am Prionnsa suas an deigh dha thighinn air tìr an Albainn. Rinn fear Bhòrghadail aighear mòr ri Tearlach, agus thuirt e ris gum faigheadh e ionad fhalaich dha anns nach faigheadh na bha dhfheachd aig Rìgh Deòrsa gu léir a mach e. Dhealaich Mr Iain Mac-Ionmhuinn ris aPhrionnsann an so, agus air dha a bhì gabhail


[218] an aisig don Eilean-Sgiathanach chaidh a ghlacadh agus a chur air bòrd long-chogaidh gu ruige Lunnainn.

Chùm Aonghas Dòmhnullach Bhòrghadail am Prionnsa an am falach fad thrì latha ann am bùthaig bharraich anns achoille dlù dha. Chualiad an sin gun robh an tòir air tighinn air a luirg cho fad ri Moroir, agus mheasadh iomchaidh, gum bu chòir dha gluasad as a sin gu ionad a buaighnicha bha ma thuaram cheitheir mìle na bfhaide air falbh a meag nan creag aig a mhuir siar air Bòrghadal, ann an sin thogadh bothan fàil agus taobh an fheòir a mach, air chor is gun saoileadh duine nach faca bhi ga thogail, nach robh ann ach toman gòrm do dhobair nàduir. Thainig an long chogaidh a ghlac Mr Iain Mac-Ionmhuinn a steach do Loch-nan-uamh, agus dhfhan i trì lathana laidhe air a h-acair ma choinneamh a bhothain so anns an robh Tearlach a chòmhnaidh, gun urrad as aon sùil a thoirt an taobh a bha e!

Chuala Tearlach a nise gun robh a nàimhdean air iathadh mun cuairt dha, agus mheasadh nach biodh e iomchaidh dha fantainn na bfhaide ma Loch-nan-uamh, air an aobhar sin ghluais e féin, fear Ghlinn-Ealadail agus Iain a bhràthair, agus Iain Mac Fhir Bhòrghadail; ma mheadhon latha bha iad air ard a mhulaich ris an canair Sgorra-beag am braidhe Arasaig; ann an so ghabh iad biadh as leag iad an anail. Ghluais iad as a sin agus rainig iad mulach Fhriogh-Bheinn. Cha robh iad fad ann an sinnuair a thainig teachdaire dhinnse dhaibh gun robh ciad fear-feachda de Chaim-beulaich Earraghàël adìreadh ri taobh na beinne air an robh iadnan seasamh. Cha dhfhan iad an so na bfhaide, Ma mheadhon òidhche air


[219] dhaibh a bhi gabhail tro ghlacaig eadar chnoc, chunnaic iad duine tighinn le leathadnan còmhdhail; thug Tearlach agus na fir eile ceum a bharr an rathaid, agus chaidh Fear-Ghlinne-Ealadail an coineamh an duine, a dhfhiosrachadh co dhiù bu nàmh no caraida bhann. Ach co a bhan so ach an seanna charaide dìleas, Dômhnull Cam-Shròn Ghlinne-Peighinn, an duine a thug a chiad chuid òidhche do Thearlach an deigh blàr Chuil-Fheodair. ’Nuair a dhfhàg Dòmhnull Cam-Shron an taigh thug e leis lipidh mine agus ma thuaram pund de dh-ìm, air son biadh dìreabh, agus cheithir latha cha robh de bhiadh aig aPhrionnsagus aig a dhaoine ach an graine crion nine agus an crioman beag ioma!

Threŏraich Dòmhnull Cam-Shròn iad gu seòlta feadh nam beann, agus air dhaibh a bhi coiseachd na h-òidhche rainig iad ma ghlasadh na maidhe, (air a cheathramh latha fichead de mhìos dheireannach an t-Samhraidh) mulach beinne os-ceann Loch-Arcaig, ris an canair Màm-nan-Calum, àrd dheth am faiceadh iad gluasad nan nàimhdean fad mhìle dhuidhe mun cuairt daibh. Bha fios aig a Cham-Shronach gun deach Mam-nan-Calum a rannsachadh leis an luchd-tòire, air an latha roimhe sin, air an aobhar sin bha fios aige nach rachadh a rannsachadh a rithist gu ceann latha no dhà, uime sin leis siad iad féin sìos gu fois agus chaidil iad. Air dhaibh dùsgadh thog iad orra, agus rainig iad (air a chùigeamh latha deug den mhìos) Coire-nan-Gall, ma chrìochan chnòdeirt agus Loch-Arcaig, an astair sin cha robh aig aPhrionnsagus aig uaislean de bhiadh ach ùlag á poca mine Dhòmhnuill Cham-Shroin, ni leis an dith iad sgonn den ìm!


[220]

Fad lathas òidhche, bha Tearlach agus a luchd-leanmhuinn air fàrsan a measg nam beann a ta nan laidhe eadar ceann Loch-Uthairn agus Loch-Seile. Ma òidhche chitheadh iad lasair nan tinnteannan a bha freiceadanan an luchd-tòireachd a cumail suas, a chum iad féin a gharadh.

Mheasad a nis iomchaidh gum bu chòir Coire-nan-Gall fhàgail agus a dhol gu àite diamhair a bhan aodann cnuic aig ceann shuas Loch-an-ăidh, a bha ma thuaram mhìle air falbh bho gach àit anns an robh na nàimhdeannan laidhe. Anns san iond so dhfhaodadh iad a chuid eile den fheasgar a chaitheamh gun chunnard gun chùram, agus air dhaibh a ruidhinn ghabh iad clò goirid cadail. ’Nuair a dhŭisg iad chaidh Dòmhnull Cam-Shron agus bràthair fhir-Ghlinn-Aladail a chur air falbh gu àiridh a bha fagus daibh a dhiarraidh bìdh agus dhfhan Fear Ghlinn-Aladail agus an Dòmhnullach eile ri faire thar aPhrionnsa bha fathast gun dùsgadh.

Cha do phill iad air an ais gu cromadh na gréine gun dad acair-son an turais ach mhùlachag bheag chàise, cha robh tuilleadh, mo thruaidhe, ri fhaotainn far an robh iad asirreadh! Cha robh an càise ach na bhiadh ro thioram, agus a bhrì nach robh aca dheth ach beagan, agus gun fhios aca càitem faigheadh iad tuilleadhnuair a theirgeadh e, cha robh iad a gabhail ach ro-bheag dheth aig gach trà.

Chunnaic iad a nisan tòir adlùthachadh orra, agus laidh iad sìos far an robh iad gu ciaradh na h-òidhche, an sin ghluais iad le deagh astar gu ruige beinn chăs don ainm Druim-a- Chòis. Air dhaibh a bhi dìreadh na beinne thainig sgioradh an car Thearlaich a theab crìoch


[221] a chuir air a thuras sgìth. Bhan òidhche ro dhorcha, agus an rathad ro chăs, agus chaidh na daoine ann an reang as deigh a chéile, agus Dòmhnull Cam-Shron air an toiseach, am Prionnsas a dheigh, Fear-Ghlinn-Aladail an deighe aPhrionnsa, agus da Iain Dhòmhnullach as deigh Fhir-Ghlinn-Aladail. Air dhaibh a bhi dol seachad air droch cheum leacaich air bial creige shleamhnaich Tearladh agus chaidh e dheth a chasan, ach gu sealbhach rug Dŏmhnull Cam-Shron air a làimh dheis agus Fear-Ghlinn-Aladail air an làimh chlì, agus chaidh acair a thogail suas air a chas-cheum, ged theab iad a bhinan triùirsios le bruthach gun dìreadh.” ’Nuair a rainig iad mulach na beinne, chunnaic iad solus aon de chàmpachan an nàmhaid rompair an t-slige a bha duil aca ghabhail, bha iad mar sin air an iathadh rompanan deigh agus air gach taobh! Shònraich iad co-dhiù dol air an aghaidh a dhain-deoin gach gabhaidh, agus chaidh iad cho faisg air cunnard is gun robh iad a cluinntinn na cainnta bha na nàimhdean alabhairt ri chéile. Dhfhélaidh iad suas ri aodann an ath chnuic, agus dheth an uchd sin chunnaic iad teine Càimp eilena laidhe rompa dìreach air an t-slighe a bha iad a dol a ghabhail, ach bha iad a cuir rompa an ionnsaidh a thoirt air a dhol seachad an so mar an ceudna.

Dhfhan iad air an uchdan gus an robh e ma dha uair sa mhadainn, agus bha lasair theine nan càmp afannachadh, mar a bha solus éibhinn an latha a deallradh, agus aghrian ag éiridh, agus an sin phill gach luchd-freiceadain gun càmpachan a thaobh le solus an latha gun gabhadh iad sûl-bheachd air feagh gach àite mun tiomcheall. A nise bha eadar chàmpa nan nàmhaid amar uillt a chladhaich tuil agheamhraidh


[222] tro aodainn sgàrnaich (no mar their cuid sgàrdan) ach bha e nise tioram le tart an t-sàmhraidh, anns achlais so shònraich na laoich chruadalach an ionnsaidh thoirt air teicheadh bho nàimhdean cìorcach, agus dhìrich iad suas air a màgan ann an leabaidh an uillt agus cha bfhada gus an robh iad á fradharc an eas-caraid.

An deigh dhaibh coiseach ma dhà mhìle thainig iad gu Coire-Choradail air taobh Ghlinn-Eilge de Cheann-Loch-Uthairn, agus air dhaibh tuiteam air glacaig uaigneich, ann an sinn rinn iad suidhe, agusghabh iad beagan den bheagan bìdh a bha aca. Ghabh am Prionns féin sliseag den mhùlachaig chàise agus sgaoil e min chorcair a h-uachdar, biadh, air leis, a bha cho taitneach ri aon aran finealta crineachd a dh-ith e riabh air a chòmhdachadh le mil! An deigh dha an greim sin ithe, dhòl e deoch as a chaochan agus leag se e-féinna shìneadh air an àilean ghòrm agus chaidil e. Chaith iad an ath latha anns aghlacaig so gun bhiadh gun teine gun fhàrdaich.

Air madainn an ath latha chual iad gun robh an t-àite so den dùthaich gu bhi air a chuartachadh le luchd-tòrachd, uime sin thog iad orra na bfhaide gu tuath, agus ma thrì uairean samhadainn, (air an t-sheachdamh latha fichead den mhìos) rainig iad Gleann-Seile ann an Ceann-tàile. Bha nisan cuid bìdh air teirigeachadh, chaidh dithis den phàirti air bìdh a cheannach agus an dithis eile a dhfheuch am faigheadh iad gille dheanadh an treòrachadh thar nam monaidhean gu ruige Poll-, far an cual iad a bha long chogaidh Fhràngachnan laidhe, a thainig a los Tearlach a ghiùlan á Alba gu ruig an rìoghachd sin. Cheannaich


[223] a chiad dithis biadh bho thuathanach ann an Gleann-Seile dam bainm Gillecriosd Mac-Rath, ach dhfharlaich air an dithis eile gillfhaotainn a threòraicheadh iad gu Poll-, a thaobh cuideachdan dheth an arm-dhearg a bhi feagh gach àite den dùthaich, bho Chille-Chùimean gu port an t-Sròim.

Thainig a phàirti bheag so aon uair eile an ceann a chéile, an deigh thighinn tro iomadh gàbhadh, oir cha bu lugha na trì cuideachdan dheth an arm dhearg a chunnaic iad air an turas don Ghleann. ’Nuair a shuidh iad gu biadh ann an glaic uaignaich chunnaic iad duine tighinn le leathadnan dàilna dheanns cha bfhada gus na sheas en taice riu as anailna uchd. Dh-aithnich fear Ghlinn-Aladail an duine, fear do Dhòmhnullaich Ghlinne-Garaidh a bhann; bha e maille riu ann an cogadh Thearlach anns gach blàr a chuir iad, agus bha e na dhiùlach tapaidh, ged a beiginn da teicheadh á dhùthaich féin le eagal nan saighdearan dearga a bhan tòir air a bheatha, agus a bha an deigh athair a mharbhadh an latha roimhe sin. Chuir iad muinntearas air an duine so gu bhi na cheann-iùil daibh air feadh nan dùthchan ma thuath agus phill Dòmhnull Cam-Shron dachaigh gu Dùthaich Loch-Iall.

titleCaibidil XXX
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page