CAIBIDIL XXXI.
TEARLACH FO THEARMUNN CHEATHAIRNEACH GHLINNE-MOIREASTON.
’NUAIR a thainig a’ mhadainn, thuirt an duin’ a’ Ghleanna-Garadh gu’m b’eol da prasgan fhògarach a bha chòmhnaidh fagus do’n àit’ anns an robh iad ’nan seasamh agus ’nan gabhadh iad os làimh an aire ’thoirt air Tearlach, gu’n cumadh iad tearainnt’ e ge b’oil le feachd rìgh Seòras. B’iad so seachdnar cheathairneach ainmeil Ghlinne-Moireaston. Bha iad maille ri Tearlach féin anns gach blàr a thug e; agus an deigh latha chuil-Fhodair chunnaic iad na bh’aca de spréigh air an giùlan air falbh mar chreich do’n nàmhaid; chunnaic iad cuid de’n càirdean d’a mort leis an àrm-dhearg mar bhiastan nimhe, agus cuid eile dhiu d’an giùlan air falbh, mar thràillean gu deireadh an laithean a chaitheamh, ann an daŏrsa measg choigreach gun treòcair ann an tìr chéin. Chunnaic iad an athraichean mar chuspairean àbhachd ro ghunnaidhean nan Gall, am màthraichean agus am peathraichean agus an cuid ban a’ bàsachadh a chin bìdh, agus an leanbanan a chin baine, agus aitribhean còmhnaidh an sinnsir ga’n losgadh gu làr! Leis gach nì dhiu sud bha’n cridheachan
A thaobh gur ann fo thearmunn nan gaisgeach so a bha Tearlach a nise gu dhol; mu’n téid mi ni’s faid air m’aighaidh ann an eachdraidh a mhòrachd rìoghail, aithriseam cuid de ghniomhan euchdach nan Gaisgeach. M’a fhichead latha an deigh blàr chuil-Fhodair, bha seachdnar shaighdearan dearga air thuras á Cille-Chuimein gu Gleann-Eilge. Bha dà each aca so a’ giùlan chliabh làn de dh’aran crionachd agus de dh-fhion. Thachair na saighdearan so ri ceathrar de cheathairneich Ghlinne-Moireaston ann an àite garbh dlù do’n t-slighe, agus gun fhacal a ràdh loisg iad an ceitheir urchraichean còmhladh, agus thuit dithis de na saighdearan
An ceann cheithir latha an deigh so thachair iad ri buachaille a dh’innis dhaibh gu’n tug na saighdearan dearga an croth air falbh bho bhrathar athar Phàdruig Ghrannd, gu’n thachair iad risan air iomain gu Gleann-Eilge, agus gu’n robh iad mu’n ăm fagus do Chnoc-Lundaidh. Cha bu luaithe chuala na ceathairneich so na dh’fhalbh iad nan seiseir air an tòir, agus cha do stad iad gus an deach iad air thoiseach air na saighdearan (a bha ma dheich duine fichead an àireamh agus dithis oifigeach) ann an ionad de’n rachad a bh’air a ghearradh tro phreasan a’s gharbhlach, sheas na ceathairneich os an ceann air a bhruthaich, agus loisg iad làd nan seachd gunna sios air na saighdearan, a ghabh a leithid a’ dh’uabhas is gu’n theich iad air falbh le’m beatha gun sealtainn aon uair as an deigh gus an d’ràinig iad Cille-Cheumein, a’ fagail each air an robh dà chliabh làn arain-chrithneach a’s feòla, uisge-beatha, branndaidh, siùcar, agus pailteas tombaca! ’Nuair a thiodhlaic
Bha’m Prionnsa nise ro dheonach dol a chomhnaidh maile ris na ceathairneich so, n’am b’e is gu’m biodh iad air son da dhol ann; air an aobhar sin dh’fhalbh bràthair Fhir Ghlinn-Aladail, agus an duine mhuinntir Ghlinne-Garaidh ma thrì uairean sa’ mhadainn, (air an naoidheamh latha fichead de’n mhìos,) do’m bheinn anns an robh iad a chòmhnaidh. Air dhaibh na ceathairneich fhaotainn, thuirt bràthair Fhir Ghlinn-Aladail riu, gun robh Tighearn’ òg Chlainn-Raonaill air fògar fagus do’n àite, agus gu’n robh e air son fasgath agus dìon fhaotainn uapa-san, nan deònaicheadh iad sin a thoirt dha. Thuirt na ceathairneich fhiùghantach gu’n deònaicheadh iad le’n uile chridhe, esan a thighinn agus gu’n nochadh iadsan dha gach caoimhneas a bha ’nan comas, agus chur iad fios da ionnsaidh e thoirt coinneamh dhaibh ann an uamhaig Choire-ghŏth ’am Bruthaichean Ghlinne-Moireaston aig uair shònraichte, agus gu’n gabhadh iad cùram dheth. Thog am Prionns’ agus a luchd-leanmhuinn orra agus rainig iad Coire-ghlŏth air a’ cheart uair a gheall iad. Cha robh mu’n àm anns an uaimh dhe na ceathairneich ach an dithis, an Dhòmhnullach agus Alasdair Siseal. Chaidh fear Ghlinn-Aladail a steachd do’n uaimh agus thuirt e riu, gu’n robh Tighearna Chloinn-Raonaill aig an dorus; ach cha bu luaithe a chunnaic iad an duine a bhasa ’g innise dhaibh bu Thighearna Chloinn-Raonaill, na bhuail iad am basan le aighear, agus ghlaodh iad:— “Am Prionns’! Am Prionns’! a bheatha do Choire-
Chunnaic iad a nise nach robh buannachd sa’m bith dhaibh a dhol na b’fhaide gu tuath; agus phill iad air an ais air uisge-Chanaich air an fheasgar sin féin, (an treas latha deug,) agus ma dhà uair sa mhadainn bha iad ann am Fàs-na-Coill ann an Srath-Ghlais: fhuair iad gabhail riu ann an so gu fiùghantach, fiall, ann an taigh Iain Shiseil, tuathanach cothromach, a bha mach le Sisealaich eile na dùthca sin ann an cogadh Thearlaich féin latha Chuil-Fhodair.
Air madainn an t-sheachdamh latha diag thog iad orra, ghabh iad an t-ath-ghoirid, agus bha iad aig Bruthaichean Ghlinne-Moireaston mu dheich uairean ro mheadhon-latha. Chuir iad a’ chuid a bha rompa de’n latha sin seachad air mulach a’ bhearaidh, agus m’u òidhche chaidh iad astar mìle air an aghaidh; agus ghabh iad fasgath ann am bothan àiridh gus an tigeadh an latha. Cha robh nise dad aca a dh itheadh iad, agus chaidh Pàdruig Grannd agus Alasdair Siseal a chur sìos gu srath na dùthcha a dh’fheuch am faigheadh iad biadh r’a cheannach. ’Nuair a theirinn iad le leathad, co thachradh riu ach Granndach Ghlinne-Moireaston, labhair an duin’ -uasal sin riu ma so:— “C’ àit’ ’fhearamh am beil sibh a chòmhnaidh anns na h-amannan truagha so, ’nuair a’s ainmig a tha duin’ agaibh r’a fhaicinn, no cia mar idir tha sibh beò.” Fhreagair Pàdruig Grannd an duin’ -uasal mar so:— “O’ n tha sinn a’ faicinn an nàmhaid a creach na dùthcha, chuir sinn romhainn gu’m biodh ar cuid againn do’n chrich; agus nach saoil sibh féin gu’m bu mhòr am beud mar bidheadh.”
Air madainn an lathairne-mhàireach, (be sin an naoidheamh latha deug de’n mhìos,) thàinig iad far an robh am Prionns’ agus a’ chuid eile de’n phàirtidh, le biadh gu leòir a’s pailteas drama. ’Nuair a ghabh iad gu léir na chaisg an acras, thriall iad air an turas, agus do-bhrìgh gu’n robh an latha, araon, ceòthach, agus fluich; fhuair iad tro Ghleann-Moireaston, agus tro Ghleann-Laoidh gun sùil choimheach da’m faicinn ged a bha nàimhdean a nise da’m feitheamh air gach fàireadh, agus bha iad mu òidhche aig Bhrudhaichean Ghlinne-Garaidh. ’Nuair a rainig iad Uisge-Gharaidh mhothaich iad gu’n robh an àth air éiridh le sileadh na dìle, agus ged a bha’n linne ruigsinn nan achlasan aig na gaisgeich, ’nuair ’chaidh na treun-laoich ’an guailean a’ chéile, thug iad am Prionns agus Fear-Ghlinn-Aladail sàbhailte “gu bruaich!” Air dhaibh tighinn as an uisge dhìrich iad an uchdach agus dh’fhan iad air an àrd réidh na h-òidhche; ged a bha’n t-sian air drùghadh orra gu ruig’ an craiceann.
Air an ath mhadainn bha’n ceò, agus an t-uisge gun chaochlach, ged a bha sin mi-ghoireasach air dòigh, bha e glé shealbhach air sheòl eile, a thaobh nach bu léir do na nàimhdean am faicinn ged a bha iad mu’n àm glè dhlù dhaibh. Choisich iad gu calma agus bha iad m’u dheich uairean sa’n fheasgar aig Acha-nan-sabhal, (air an fhicheadhamh latha de’n mhìos.) ’Nuair a leag iad an aineil ann an so car tacain, ghluais iad gu badan coille a bha ma thuaiream dă mhìle bho Acha-nan-sabhal, agus dh’fhan iad ann an sin rè na h-òidhche fo shiann ’s fo dhoireann.
Air an ath madainn thàinig Dòmhnullach Locha-Garaidh agus Cam-Shronach nan Cluainean ’nan
title | Caibidil XXXI |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |