CAIB. XXXII.
TURAS THEARLAICH DO BHAIDEANACH: A THEICHEADH DO’N FHRAING.
BHA Tearlach a nis’ air son dol a chŏmhnaidh maille ri Cluainidh agus ri Loch-Iall, a chual e a bhi fantainn ann an ionad fhalaich sheasgair ann am beanntaichean Bhàideanach, air an aobhar sin chuir e duine do’m b’ainn Iain Mac-Coilbhinn, (fear do choitearan Loch-Iall féin,) le litir do Bhàideanach a dh’ -fheuchainn am biodh na h-uaislean air son da dol a chòmhnaidh maille riu.
Air an lathairne-mhaireach an deigh sin ghluais am Prionns’ agus a phàirti do Thorra-mhuilt fagus do dh-Acha-na-Garaidh. Dh’fhàg Fear Ghlinn-Aladail am Prionns’ ann an so, agus chaidh e sìos thun a’ chladaich far an robh e gu bhi ’g amharc air son nan long Fràngach ris an robh sùil gach latha tighinn a nall; agus bha e gu fios a leigeadh gu Tearlach a cheart cho luath sa thigeadh iad. Mu dheireadh a mhìosa bha Tearlach air a chuir thuige gu mòr luasgan ann an Acha-na-Gairidh, le’ chluinntinn gu’n robh dà chiad fear, de Chaim-Beulaich Earra-Ghăël, agus do Ghranndaich Shrath-spé, fo chomanda Chaiptin Ghrannd a Chnocain-duibh a’ tighinn fo làn armachd gu crìochan Loch-
Air an ath latha theirinn am prionnsa (mar bu dù dha bhĭth gu fuar, acrach) Maol-an-t- sagairt, agus chaidh e thar Loch-arcaig; agus rinn e-féin agus a Luchd-leanmhainn taigh falaich de bharrach nan crann ann an Giùbhsach Mhic Dhòil’ -Duibh. Cha b’ fhada bha e chòmhnaidh ann an sin ’nuair a thainig gille ’s litir dha ionnsaidh bho Chluainidh, a dh’ innse dha gu’n robh dùil aig Cluainidh féin tighinn air a thoir gu ruig’ a’ Ghiùbhsach chum a threòrachadh do Bhàideanach far an robh e-féin a’s Loch-Iall a chòmhnaidh. Cho luath sa leugh am Prionns’ an litir “cha d’ rinn e lugha fir òrain,” ach thog e air air ball agus thriall e do Bhàideanach, an dòchas tachairt ri Cluainidh air an rathad a tighinn. Bho ’nuair a dh’fhàg Tearlach Acha-na-Garaidh cha deach e fo thaigh gus an d’ rainig e taigh Mhic-Dhòmhnull na Tulaiche-cruime ri taobh Loch-Lagain, far do ghabh e biadh a’s deoch a’s clò beag cadail. ’Nuair a dh’éirich e sa’ mhadainn, chuinnaic fear na Tulaiche-cruime gu’n robh éideadh air dol gu tŭr gu chùl, agus thug e dha cota-gearr de chlò donn, leine agus daothain bhròg! Rainig e Băideanach air an naoidheamh latha fichead de’n mhìos, agus chuir e chiad òidhche seachad ann an Coir’ -an-Iubhair fo iochdar Beinn-Altair. Tha’n t-àite sin de Bhàideanach
Bha Cluainidh agus Loch-Iall ’nan oghaichean, agus uime sin ro ghaolach air a’ chéile, rinn iad ionad falaich dhaibh féin ann am Meall-an-Iubhair air Beinn-altair, agus bha Mac-a- Phearson Bhracachaidh, a bha pòsda ri piuthar do Chluainidh, a’ cur thuc a bhiadh ’sa dheoch mar chaitheadh iad.
Air an deicheamh latha fichead de mhìos dheireannach an fhoghair (an darra latha an deigh do Chluainidh falbh an coinneamh a’ Phrionnsa) bha Loch-Iall Fear-Bhracachaidh agus dithis eile, a’ cluich air na cairtean ann am bothan falaich Mheall-an-Iubhair a chum cur seachad na h-ùine, ’nuair a bha gill’ ŏg eile da’m b’ainm Ailean Cam-Shron a’ cumail freiceadain air uchdan os-ceann a bhothain. Air dhaibh a bhi co-strì ma “ghlacadh na deich” Thainig Ailean Cam-Shron a staigh le cabhaig a dh’innse gu’n robh cŭignear dhaoine fo’n armachd a’ tighinn a dh’ionnsaidh a’ bhothain, (se sin ri ràdh; am Prionnsa, Fear-Locha-Garaidh, Gilleasbuig Cam-Shron, bràthair Loch-Iall féin, agus a dhà sgalaig, b’iad so na fir a thainig maille ris a’ Phrionnsa bho Acha-na-Garaidh.) Bu diamhain do Loch-Iall a nis’ ionnsaidh thoirt air teicheadh; ged a bhiodh a phăirtidh nàimhdean, mar a shaoil iad a bhi ann, ni bu lionmhoire; bha dà ghunna dhiag agus ceithir dagachan aca làn anns a’ bhothan, agus bha iad an deigh cuid dhiu a chur a mach tro thuill a bh’air a’ bhalla chum làdach chinnteach a losgadh air a phàirtidh a bha dlùthachadh riu, agus cha b’ann gus an robh an t-iarunn-leigte ga
Air ball chaidh Loch-Iall ’an coinneamh na pàirtidh agus air dha fàilte shuilbhear a chuir air a’ Phrionns’ chaidh iad gu léir a staigh do’n bhothan. Ged nach robh am bothan so ro mhòr, no rìmheach, bha e fada bho bhi na thalla dòlum: bha gu leòir a staigh ann de mhuilt-fheoil ùir a’s shàilt, de dh’ìm, de chàise, de dh’aran agus do dh’uisge-beatha. Cho luath sa rinn Tearlach suidhe dh’iarr e cuach a lionadh de dhriùchd Beinn-Altair, air dha sin fhaotainn dh’òl e air stàinte na cuideachda “bho bhalla gu balla.” Air do’n phàirtidh an dìnnear a ghabhail, thuirt Tearlach: “Tha mi nis’ a dhaoin’ -uaisle a cheart cho sona ri Prionnsa.” Dh’fharraid e’n sin do Loch-Iall; “an robh e beò cho sòghar sud bho latha Chuil-Fhodair:” Thuirt Loch-Iall:— “Bha mi fhìn agus mo chairid Cluainidh dìreach mar tha sibh a’ faicinn bho’n uair sin, gu’n a bhi car ni bu mhiosa na so, agus buidheachas do nèimh a luthaig do bhur mòrachd rìoghail-sa’ tighinn a nise ghabhail pàirt dheth na th’againn.
’Nuair a ràinig Cluainidh Acha-na-Garaidh, agus gun am prionns’ a bhi air a chinn: phill e air ais air ball do Bhàideanach; agus rainig e Meall-an-Iubhair dà latha an deigh a’ Phrionns’. ’Nuair a chaidh e steach do’n bhothan agus a chunnaic Tearlach e rinn e iathadh ’na ghlacan agus phòg se e; “B’oil leam” srs esan, “a Chluainidh nach robh thu féin agus do chuid Pearsonach linn latha Chuil-Fhodair; ’s ann bho cheann ghoirid a chuala mi gu’n robh thu cho faisg oirnn an latha sin.”
Mu’n àm sin thuig Cluainidh gu’n robh am Prionnsa na lùim a chin aineirt-cneis, cha robh aon leine ghlan
Air an lathairne-mhàireach, mheasadh iomchaidh Meall-an-Iubhair fhăgail, uime sin ghluais iad gu achadh àiridh Uisge-chill-rath, an deigh dhaibh trì òidhche chur seachad anns a’ bothan ăiridh air an achadh so, a bha ro neo-sheasgair agus ceòthach; chaidh iad iomraich a rithist gu taigh diona a thog Cluainidh gu ro innleachdach ann an Leitir-na-Lic, ma astar dà mhìle na’s faide suas ann an Beinn-Altair. Bha’m bothan so air a dheanamh a meas gharbhlach chlach a’s chràmasg chraobh, ann an aodann beinn’ ard chăs; bha e air iathadh le dìg’ air a bhial-thaobh, agus le creag ard liath air a chùl-thaobh; Bha àit’ air a dheanamh do’n cheò a mach ri aodainn na creige so: agus do bhrì gu’n robh an ceò agus a’ chreag air an aon tuar, ’nuair a sgaoileadh, no dhìreadh e ri aodainn na creige, mar thuirt m’ fhear sgeòil riumsa, “cha dh’ fhuair duine sùil ’na chlaigeann a chuireadh eadar-dhealachadh eadar e-féin sa’ chreag. Thug na h-uaislean an “sìth-bhruth” mar ainm air an taigh-dhiona so, agus gu deimhin bu mhath an t-ainm air e, oir cha b’urrainn do’n na sìochraichean a bhi ni bu shàbhailte ’nam bruth féin na bha luchd-còmhnaidh an talla so!”
Bha ’n sìth-bhruth cho farsuinn is gu’n robh rùm math ann do shianar no sheachdnar. Bu tric a bhiodh ceithrear dhiu so ’g iomairt air chairtean agus an triùir eile ri fearas-taighe; fear a fuine, fear a tiunndadh nam bonach ris an lic, agus fear eile ri cumail freiceadain ma bhraighe na beinne.
Fa-dheòigh air an t-siadhamh latha de Mhìos mheadhonach an fhoghair, thainig dà long-chogaidh Fhràngach a steach do Loch-uan-Uamh da’m b’ainm L’ Hereuz agus La Princessi, a chum am Prionns’ aiseag do’n Fhràing. Chuir iad so air tìr dithis dhaoin’ uaisle, Caiptin Seiridan agus Mr O’ Breine, los am Prionnsa’ fhaotainn a mach: chaidh iad air a’ chiad tarrainn far an robh Fear-Ghlinn-Aladail. Air ball chaidh Fear-Ghlinn-Aladail do dh’ Acha-na-Garaidh far an dh’ fhàg e Tearlach, a thaobh nach robh fios aige gu’n d’ fhalbh e as an sin do Bhàideanach. —Faodaidh sinn a nis’ a smaointeach gu’n robh Fear Ghlinn-Aladail ann am mòr chàmpar ’nuair a fhuair e ’m bothan anns an d’ fhag e Tearlach air a losgadh sìos gu làr leis na saighdearan dearga, gu’n fhios sam bith aige c’àit’ an rachadh e dha iarraidh féin. Bha Fear-Ghlinn-Aladail a nis’ ann an imcheist mhòir, a dol an null ’sa’ nall, ag iarraidh Thearlaich air seacharan, agus mar a faigheadh se e ann an ùin’ ghearr, bha ’n luingeas gu seòladh dhathaigh as aonais, mar rinn an dà long a thainig am meadhon an t-sàmhraidh do Loch-Iù.
Bha Fear Ghlinn-Aladail a falbh air alaban mar so fad thrì latha, gus fa-dheôigh gu’n thachair e ri seanna bhean a dh’innis dha gu’n dh’fhalbh am Prionns’ á crìochan Loch-Iall gu tŭr, agus gu’n robh e nis’ ann am Bàideanach còladh ri Cluainidh. Gun tuile dàlach chuir e
Air an t-slighe do Bhàideanach thachair Cluainidh agus Mac-Coilbhinn ri chéile; chuir Mac-Coilbhinn an céill a theachdaireachd. Phill Cluainidh air ais gun stad a dh’innse sgeul an àigh do Thearlach. Air do’n Phrionns’ an naigheachd so a chluinntinn, air ball theirinn e-féin ’s na h-uaislean le bruthach, agus bha iad air madainn an t-se-amh latha diag ann an Acha-na-Garaidh, far an d’ fhuair iad caisteal Mhic-Dhòil’ -Duibh air a losgadh gu làr, lè pàirtidh dheth an àrm dhearg a thainig a nuas á Cille-Chuimean: co-dhiù leag iad an aineal ann an sin gus na chròm a’ ghrian. ’Nuair a chiaraich an òidhche dh’ fhàg iad Acha-na-Garaidh, agus bha iad ma dha uair sa’ mhadainn ann an Gleann-Camaghair aig ceann Loch-Arcaig. Spad iad bò ann an so, agus rinn iad an suipeir air aran corc’ a’s feòil a’s slige no dha an fhir de dh’uisge-beatha. Ma bhial an latha air an ochdamh latha diag dh’ fhag iad Gleann-Camaghair, agus bha iad ma choinneamh an luingeis aig ceann Loch-nan-Uamh air an ochdamh latha diag de mhìos mheadhonach an fhoghair.
Ghabh Cluainidh agus Fear-Bhracachaidh an cead do Thearlach agus do Loch-Iall ann an so, agus phill iad air an ais do Bhàideanach: bu roghnaiche leo fantainn fo thuinn n’an dùthaich féin no dhol a dh’iarraidh fasgaith ann an tìr choigreich anns nach robh iad cinnteach ri gabhail riu ’nuair a ruigeadh iad.
Air feasgar an naoidheamh latha diag, chaidh am
Chùm Tearlach an luingeas fad thrì latha ann an Loch-nan-Uamh an deigh dha féin agus do na h-uaislean a dh’ainmaich mi dhol air bòrd, a chum gu’m biodh ùin’ aig a’ chuid eile de na Gàëil a bha na’m fògaraich air feadh nan Gàrbh-chrioch cruinneachadh a dhionnsaidh an luingeis, a chum Breatuinn fhàgail mar an ceudna. Uime sin cha bu lugha na trì fichead duin’ -uasal agus cùig fichead sa’ seachd de’n tuath-cheathairn a ghabh an t-aiseag do’n Fhràing maille ri Tearlach. Sheòl iad air an treas latha fichead de mhìos mheadhonach an fhoghair. Bha mhuinntir a chunnaic iad ag aithris, gu’m faichte na deòir a’ tearnadh bho shùilean gach uasail a’s iosail, mar bha ’n luingeas a’ seòladh o thìr, agus iadsan a’ ghabhail an cead do bheanntaichean corrach Alba, ged a bha iad gu léir an dòchas pilleadh air an ais ann an ùin’ ghearr— “Le pannal ghruagach a luaigheadh an clò ruadh gu daigheann.”
Crioch na h-Eachdraidh.
title | Caibidil XXXII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |