[241]

CRUINNEACHADH TAGHTE DE DH-ÒRANAN A RINNEADH DO’N PHRIONNSA AGUS ’NA AOBHAR, LE UGHDARAN EUGSAMHAIL.


[242]

Mheas mi iomchaidh na h-òranan a leannas a chur mar leasachadh ris an leabhar so chum anEachdraidha dheanamh cho iomlan saburrainn mi. Tha iad acur mòran soluis air cŏr agus dùrachd nan Gàël mun àm anns an déirich iad a mach achur an aghaidhean ri cruadalBliadhna Thearlaich.”


[243]

ORAN I.

ORAN AIR BREITH PHRIONNSA TEARLACH.

LE MAC LACHUINN CHILLE-BRÌDE.

AN naigheachd a fhuair sinn an dràst,
A thainig oirnn nuadh don tìr,
Chuir mairtneul air chairtealan uam
Dhfhàg aigeantach, uallach mi,—
Cha bhi sinn tuille nis ,
Aig Deòrsa fada fo chìs,
Thig sonas ri linn aPhrionnsòig
S gheibh fir a thair fògradh sìth.

Rugadh Phenics thall anns an Ròimh,
Sgeul aigeantach mòr ri linn,
Gum bi neart, agus ceart, mar ri treòir
Don fhear sheasas chòir an rìgh;
Théid achuibhle fathast mun cuairt,
S am fear a tha shuas bidh e shìos,
Bithidhm fear a tha streupa gu h-àrd
S fear eile gu làr tuitidh sìos.

Tha rionnag [Bha na Gaeil acumail a mach gun deirich reull anns na speuran cho luath sa rugadh Tearlach. Tha cuid de na seana Ghaeil a chotharraicheas a mach an reull so fo ainmrionnag aPhrionns.” ] abhreithe mar tha,
Toirt fios agus fàisneachd fhior,
Gur mach-ratha thainig an dràst
Chuir Athair nan Gràs gar dion,


[244]

Neach thogasna aghaidh a làmh,
Thigh bhreitheanas mhàn air cinnt,
Thig cogadh air, gort, agus plàigh
As faighinn a bhàis chin bìdh!

Tha Neptun amionnachadh dhà,
Gum beil muir dha cho réidh as tìr
Tha Eolus afeitheamh a ghnà
Sa gleigheadh dha bàigh a ghaoith
Tha Mars as a chlaidheamhna làimh,
Le buaidh chaths gach àitem bi,
Tha plannta nan duilleagan tlàth,
Toirt urraimnan àite féin.

Thig mùthadh air fonn as droch gnàs,
Cha bi dris ann an làr nach crìon
Bidh gach tulachnan iomairean réidh,
S fàs criothnachd air aodainn shliabh,
Cha deann sinn tuilleadh ceann-fàth,
On theirig an fhreumh nach cinn,
Sin an gartlan a ghlanadh on chàrr
Bha bacadh dhuinn fàs nar sìol.

Sgeul eile cha cheil mi an dràst
Cuiridh coille trom bhlà os a cinn,
Cuiridhn talamh gun airceas de bàr
Tacar mara cuir làns gach lion,
Bidh bain aig an eallaichs gach àit,
Mil air bharraibh nan sràbhs gach tìr
Gun ghainne gun airceas gu bràch
Gun ghaillionn ach blàths gach sian.

Rinneadh an t-òran so le Mr Iain Mac-Lachuinn Chille-Brìde, ann an Lathuirn iochdrach. Bha gach duine de Theaghlach Chlann-Lachuinn Chille-Brìde teòm air eachdraidh agus bàrdachd, agus bha e air aithris gum biad sgoileirean Gàelig a bfhearr e bhan Albainn rin latha. Dhfhag iad leth chiad leabharnan deigh sgrìobhta air craicneann mharbh-laogh, agus chaorach, anns an t-sheana ghearra litir Ghàëlich anns bu ghna le seanachaidhean Albainn agus Eirinn a bhi sgrìobhadh. Tha leabharar fhichead dhiu so fathast ri faicinn ann an Leabhar-làn Luchd-lagha Ghlascho, maille ri tri leabhraichean leigheis a bhaig Iain Beaton an t-olla Muileach.

titleOran I
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page