ORAN X.
DO MHORAIR MAC-SHIMIDH CEANN-CINNIDH NAM FRISEALACH, A DHI-CHEANNADH ANN AN SASUINN.[Chuireadh Mac Shimidh gu bàs sa mhìos Mhàirt 1747. Bha e cho lag le aois is gu’m b’éigin da còmhnadh dithis fhaotainn mu’n do dhìrich e an sgàlan-casgairt. Bha e ’g amharc mar nach biodh fiamh sam bith air roi ’n bàs. Dh’fheuch e faobhar na tuaighe le mheòirean, agus thuirt e gu’m bu dòigh leis gun robh i air deagh ghleusadh air son a’ gnothach, an deigh sin chuir e a làmh na phòc agus thug e mach deich genidhean a thug e do’n fhear-chasgraidh, agus dh’iarr e air obair a dheanamh gu neo-sgàthach, misneachail agus a bhi cùimseach; amaisgeil, gu’m biodh e ro-dhiùmbach air na’m beubanaicheadh e a ghuailean leis an tuaigh, an sin lùb se eféin sìos air an ealaig, agus chuir am fear-casgraidh an ceann deth le aon bhuille! ]
LEIS A’ BHARD CHEUDNA.
AIR FONN—“Hap me with thy Petticoat. ”
’S LIONMHOR blanc a th’ againne
Am Breatuinn suas ri lionadh,
Neach deantair gun ghnìomh chlàidhean,
Gu ceart gu bràch a sgrìobhadh;
Gur h-ann diù ar n-àilleagan,
Ard àrmunn sin na rìoghachd;
Mac-Simidh mòr a bhàsaicheadh,
Le Pàrlamaid na mi-rùin.
Mo chion an t-ùrla bhlà-mhaiseach,
Bha cruaidh a’s tlàth ’s na tioman;
Air réir ’s mar bhiodh an t-aobhar ann,
Bu stàillinn bu phriomh mhéin dut:
Bu bhras ri uchd do nàmhad thu,
’Nuair thàirnnte na lainn lìobhta;
Bu bhàigheil caoin ri d’ chàirdean thu,
Gun àrdan ach an-ìosal.
Bu bheartach an taigh stòrais sin,
De ghliocas còrr bha prìseil;
So sgar tuagh an rògaire,
O’n choluinn chòir bha rìoghal:
Braon bu lugh de thròcaireachd,
A dh’òrduich Dia na fìrinn
Cha n-eil an uchd an fheòladair,
Mac-Dheòrs sa ris an strìopaich.
O bhalaich sin Dhun-bealaich ud!
Searbh shaileir nan cam dhiùidean,
Gu ’n stùr thu ’n reulla-lainnearach,
F’a thuath bu bharand iùil duinn;
Ma gheibh thusa mathanas,
’Na d’ pheaca-brath gu’n sgiùrsadh,
’S cinnteach leam gun shàbhaladh,
Do làn dearbh-bhràthair Iùdas.
T-fhìor mhaighistear cliù-thoilteannach,
Le foill gu ’n d’ rinn thu phògadh,
Gu smăl chuir air na foinealaibh,
An daoimon sin dheagh Lobhat:
Och! ’s Iudasach an t-sloitearachd,
A rinn thu air bhrìob òir oirn!
Gur h-ioma’ neach a dh’ fhoineicheas—
“Co ’n troiteir rinn an dò-bheirt?”
O Leug nam buadhan soilleire!
Fhìor cheann-iùil gach deagh sheanchais!
Bu lìonmhor cuibhil ghoireasach,
Chinn sgoinneil ann a t’eanachainn:
Ei cogadh bha thu misneachail,
Deagh-ghibteannach àrd-mheanmnach;
An sìth bu treòrach gliocas dut;
’S b’ fhior phiseachail do leanbhain.
Fior mhire geal na cruaghach thu,
’S a chruadal nach d’ rinn lùbadh;
Gun dad de mheasgadh truaillidh,
Na d’ mhéin uasail deas na fùirneis;
Bu cho sean do bhualadhs’,
Agus suaicheantas do chùinnidh,
’S nach Criodaidhean chuir tuairgneadh ort,
Ach sluagh sin Bhelsibùba.
O Reulla geal na cùirtealachd!
Chinn lan do shùrd garg rìoghail;
Thug gràdh do’n Tearlach Stiùbhartach,
’S bha dùrachdach d’ a shìnnsir;
Gu ’n thuit thu a d’ mhartoir cùramach,
A’s leth a’ chrùin ’s do rìoghachd:
’S t-anam glan air ùmhlachadh,
Thug thu do Dhia na fìrinn.
Gur grinn am bàs ri ’n d’fhuirich thu,
’S a dh fhuilig thu gu ciatach;
Gur mòr na gibhtean bunailteach,
Sèamh, furasach, thug Dhia dhut,
’Nuair liubhair thu gu furanach,
Do chorp a ghuin ’sa riasladh;
Le d’ ehreideamh daigheann, curaideach,
Do mhuineal do na biastan.
Och, och! na leoghain thréibheach sin!
’S na spioraid threuna, chruaghach,
’Nach bogaich bàs gu eugcoir iad;
Croich geuragan, no tuaghan;
Och ’s glòrmhor, glan, ard éibhneasach!
’N ais-érigh san là-luain sin,
’S Deòrsaich ’s crith le déisinn orr’,
A réicill as na h-uaighean.
’S lionmhor caochan cubhraidh mear,
’S bras shiublachain na t-fhion-fhuil,
Nach ruig mi leas bhi ’g ùrachadh,
Sgrìobh ùghdair siòs do fhriamhach;
Fuil Stiùbhartach a chrùin ud,
Air a dùbladh na d’ chorp prìseil;
’S gach fuil a ’s uaisle flùranan,
Gu léir ’s fiù ’s an rìoghachd.
Gur barail a measg mhucairean
Nach eil biadh mhuc ’s an t-saoghal,
A dh’fhàgas cho lom-luchdmhor iad,
’S cho sultmhor ri feòil dhaoine:
Tha Deòrs a ’s a chuid uirceanan,
An déis na mhurt e dh’uaislean,[Chaidh mu thuaram ceithir fichead fear de na h-uaislean a bh’ ann an cogadh Thearlaich a ghlacadh tacan an deigh blàr Chuil-Fhodair agus an cur gu dìth ann an Sasuinn; B’iad na h-urrachan a b’ airde dhiù sin Iarla Chillmarnoc, Iarla Chrompa agus Morair Bhaile-Morino. Chum a nochdadh do’n leughadair cho cruaidh bhruideil sa chaidh buntain ris na h-uaislean sin cuiridh mi sìos an so a’ bhinn bàis a thug ard mhorair-dearg Shasuinn a mach ’nan aghaidh:— “Is e breathanas an lagha, agus a tha ’n t-ard-mhòd so a luthachadh mar dhìoladh, gu’m bi sìbhsa Uilleam Iarla Chill-Màrnoc, Seòras Iarla Chrompa agus Art Morair Bhaile-Morino, gach duine agaibh air bhur pilleadh air ais do phrìosan an Tùir as an tàinig sibh; agus ás an àite sin feumaidh sibh a bhi air bhur giulain gu ionad a’ cheusaidh, agus a bhi air bhur crochadh air mhuineal, ach cha bhì gus am bi sibh màrbh, oir feumaidh sibh a bhi air bhur gearradh sìos màrbh: an sin feumaidh bhur n-innidh a bhi air a thoirt asaibh! agus a bhi air a losgadh roi làthair bhur gnùis, an sin feumaidh ’ur cinn a bhi air an sgaradh o ’ur cuirp agus a bhi air an roinn ’nan ceithir ceathraidhean; chum an deighe sin gun dean an rìgh ribh mar chi e iomchuidh. Agus gun robh an Dia uile-cumhachdach tròcaireach do bhur n’anmanan!” Dh’fhuilig Iarla Chill-Marnoc, agus Morair Bhaile-Morino am bàs do réir na binne oilteil so, ach fhuair Iarla Chrompa mathanas a’ chrùin. Bha Ban-Iarla Chrompa torrach san àm ’san tugadh binn a còmpanaich a mach agus bha i ann an teanndach cho mòr is nach robh i tiormachadh sùil a latha no dh’òidhche, agus ’nuair a rugadh an leanabh a bh’ air a giùlan (Agusta) bha dealbh tuagh-chasraidh air cùl a muineil, a thaobh an ’uabhais a bh’ air a’ mhnaoidh uasail chur ro’n bhàs oillteile a bhasa cuir air na h-uaislean Albanach a dh’éirich le Tearlach. Bha Agusta pòsta ri Sir Uilleam Moireach, Uchd-oir-thìre. Bha dealbh na tuaghe r’a fhaicinn air a muineal cho fad ’s bu beò i cho nadurrach ’s ged a bhiodh i air a tarrainn le fior dhealbhadair. ]
An muineil cho garbh sturranda,
’S gur gann is urra’ tuagh annt’.
Tha sgairteachd glaodhaich diodhaltais,
Ard dlù, mar bha fuil Abel,
O chreuchd nam Martoir cliùiteach ud,
Thig gort, ’s sgiùrs, ’s plàigh oirbh;
Air gach ball do ’n t-iuiri ud,
A shuidh an cùirt d’an dìteadh;
Gach fianais fheallsa dhùbailte,
Gu sgiursar e trì-filte.
O! ’s garbh a dhialar fàst so,
Air amhaichean nan reubal,
’Nuair thig am Prionnsa flathachas,
’S fearg chathanach na eudann;
Le faobhar a lainn crathanaich,
Gu sgathar sìos gu feur iad;
Bi’dh croich, is tein’ is claidheamh ribh,
Gun fhaighidinn d’ ar ceusadh.
Căr deas do ’n chuibhle bhàmhoir-so,
’S na fuilig àr do Crìosdaidh;
Thoir as an Eiphid sglàmhaich sinn,
Gu fonn Chanàan prìseil;
Air neo, sgrios rìgh Pharo so,
Le claidheamh, plàigh, a’s griosach;
’S cuir Maois a’s armailt thàbhachdach,
Thoirt bàirlinn d’ a bheir cìs deth.
Tha sinne déis ar sàrachaidh,
Ar nàraich’ ’s mòran sgìos oirn;
An dràbhag a ta màireann d’ inn,
Air feadh nan càrn air sìothladh;
Le mheud ’s tha dh’fhìamh ro’r nàimhdibh oirm,
’G ar sealg a ghnà ’s na h-ìnnsean:
Gu ’n d’ rinn iad tràillean grannda dhìnn.
O! Thearlaìch fair reliobha.
title | Oran X |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |