[286]

ORAN XI.

A RINNEADH SA’ BHLIADHNA 1746.

LEIS A’ BHARD CHEUDNA.

AIR FONN. —“Let history record. ”

’S FUAR fearrshionnach gach ,
Gach òidhche dorcha, doinnionach;
S tùrsach donn gach ,
Mortaidh trom le ceò:
Ach mosglaibh suas a shlòigh.
S ar nairsteal trŭsaibh chum an cairsteal’,
S carstaibh uaibh ar bròn:
Tha léig ri muirs ri spéir,
Ri bhi aig Æolus, ’s aig Neptun,
S thig gach tlachd na déigh.

Thig soirionn leis an Rìgh
Teichidh sneachd is éireadh uainn
Fògrar dòireann shian,
Thig sòlas, falbhaidh pian
Gach seòrsa de gach fìon,
Thig on Fhraìng na thunaichean;
S gu caisg sinn uilar n-ìot:
Gheibh sinn tuildar miann,
S mar nàimhdean dhfhàg sin uireasach,
Sdlù chuireas sinn ar lìon,


[287]

O sheanachainean nan Clann,
Suas deanaibh eachdraidh éifeachdach!
O sheanachaineans an àm,
Glacaibh dubh as peann!
So abliadhna chòrr,
San tig aghrian le meò-bhlàs blathor
Le gathan chiatach òir:
Bidh driùchd air bharr an fheòir,
Bainis mil gun luach, gun mhargadh,
Airgead agus òr.

Na gabhaibh sìth o Dheòrs’,
Ler dòchas neartmhor, fìrinneach;
Creideibh dìans a chòir,
Gun tig relibh nis leòir;
Na biodh ar dòchas fann.
Gur h-ann a réir mar chuireas sibh,
A bhios ar buinig ann:
O fuirichibh a Chlann,
S chì sibhur n-uiluireasbhuidh,
Da bhuinig le cruathas lann!

Ciod e do cheartsair crùn,
Ach adhairceach bhi sparradh ort?
S co sean ri dchòir o thùs,
Brìos òr-cheaird bhan Renfriù:
Ach bha aon-faileis ann,
De thrustur de dhachd pàrlamaid,
A dhfhoil an crùn ma dcheann:
Ach tog so leatna dsgéith;
An t-Uilleam rinn an t-achdsdhut,
Gum bea-coireach e-féin.


[288]

Dean aithre thùrsach gheur,
S grad thoir air ais na thagad uat;
Dean aithre ghuineachs géill,
S le bròim bruic toilich tfheum:
Cum agad do chuid féin,
S leig uat còir an atharraich,
Gun chlaidheamh gun dad sreup;
Dia, daoine’, is nàdur treun,
Bidh ann a léig mun òighr’,
Thoirt dachaigh, choibhris ceart a threud.

Craobh-sheanchais teaghlaich rìgh,
Na h-iocharain bidh eòlach uimp’;
Craobh-sheanchais teaghlaich rìgh,
Bidh map dhin iomadh tìr;
S ma chuirear car am bidh toinn,
S an t-snàithean dhireach òighreachdail,
Gun toir fainear an fhoill;
Ach gairmidh Dia le sgoinn,
Chum an ionaid dhleasanaich,
Ceart oighre deas an loinn.

Cha n-eil an leith-sgeul ann,
Ach saobhadh fann mi-dhiongmhalta;
S in eugcoir shoiller thann,
Do neach a bheirte dall:
Mas creideamh an aon chùis,
Chionn nach dfhuair e oideachd,
Anns an teagasg a rinn Lùth;[Martin Luthar]
O mam be sin an càs!
Cuim na chuir sibh shì-seanair,
Cho mi-rùineach gu bàs?


[289]

Cha n-eil ar goal dar rìgh,
Ach mar air an t-siùrsaich choitcheannta;
S cuglach staid ar Rìgh,
Cuairt thoirt das bhi sgìth:
Gun dfhogair sibh e rìst
Ler n-iomluas sliochd amhartoir sin,
Le as-caoineachd ar crì;
S na dheigh sin gun tug oghachan,
Do dhAnna crùn a sinnsearachd,
Gun phuinseinich sibh luath.

Os caol na teud a Dheors’!
Air na shéinn thu gu trì rìoghachdan;
Gur mealta an t-achd len chleòc,
Iad thusa, ’na drìgh oirnn;
Tha leth-cheud pearsìs còrr,
Is faigse fuil is tagraidhean,
Na thusa san Roinn-eòrp;
Bu leath-oireach lag, cam,
Am miar boireann o na bhuineadh tu,
Bfhior iomallachsa chrann.

On culluch sin Rìgh Deòrs’,
Mac na craine Gearmailtich!
S e chàirdeas rinns a dhàimh,
Gaol fithich air achnàimh;
Gun dfheann e sinn or béin;
Ghlac as chreach an cealgaire,
S gun mhàrbh e sinn gu léir;
Na daoine cha leis féin,
S ann uime sin gur coma leis,
Go dphronnamaid a chéil’.

An leanabh nach leis féin,
Ge ddheanta da leath chothrom dheth,


[290]

Cha tiomaichd e le phéin;
A chrìgun tlŭs, gun deur:
S amhuil sin mar tha,
G e dchuirta h-uile Breatuinneach,
Gun mhéin, gun chead gu bàs;
O nach leis féin am pàist,
Cha ghluaista neach nach bathair dha,
Gu fàbhar na gu bàigh.

Greos ort a Sheumais chaoimh,
S tus rìghs is a athair talmhaidhuinn
Fon adhar nèamha naomh’;
Gabh tlŭs ri dchlainns bi caoin:
S os leat féin a chlann,
Cuir casg air croìchs air geuragan,
Tha reubadh dhinn nan ceann;
S cuir do threud fo lann;
S na leig a bhi dar geur-leanmhuinn,
Feadh garbhlaich, sléibh, as bheann.

Mo chionsa Seurlas ruadh,
Ceart oighran fhior rìgh dhleasannaich;
Chad toir sinn dutsa fuath,
Gusn cuirear sinnsan uaigh;
Cha dean croich no tuagh,
Glacaireachd, no creachannan,
Gu bràch ar stracadh uat;
Than dig ud ceangailt shìos,
An caigeann ris gach annam dhinn,
Cho daigheann ri Beinn-shiant’.

Och! a Rìgh nan dùl,
Ne leigsneart a ghnà thar cheart;
Ach aon Diata dthriùir,
S ann dut is léir gach cùis!


[291]

Tog dhinn a mhuc sa cùingh,
S a h-àl breac, brothach, uirceanach,
Len cuid chrom-shoc thar tuinn;
S cart gu glan White-hall,
Air chinn an teughlaich rìoghail sin,
Bha finnsir ann an tàmh!

Rinn Mac Mhaighstear Alasdair an t-òran so agus an òran a leannas an deigh latha Chuil-Fhodair air dha féin agus da bhràthair, Aongas beag mac Mhaighistear Alasdair a bhi gam falach ann an còsan chreag Cheann-loch nan uamh.

titleOran XI
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page