ORAN XII.
MAR GU’M B’ANN EADAR AM PRIONNSA AGUS NA GAIDHEIL.
LEIS A BHARD CHEUDNA.
AIR FONN—“Good night, an’ joy be wi’ you a’.”
AM PRIONNSA.
MILE marbhaisg air an t-saoghal,
’S carach baoghalach a dhàil;
Cuibhl’ an fhortain oirn’ air caochla,
Cha do chleachd sinn moim ro’ chàch;
Tha sinn a nis’ air ar sgaoileadh,
Air feadh ghleann, a’s fhraoch-beann àrd;
Ach tionailidh sinn fòs ar daoine,
’Nuair a dh’ fhaodas sinn gu blàr.
Misneach mhath a mhuinntir ghaolach,
’S gabhaidh Dia dhuinn daonnan càs;
Cuiribh dòchas daigheann, faoilteach,
Anns an aon Tì ni dhuinn stà:
’S buanaichibh go rìoghail, aorach,
Traisgeach, ùirneach, caoineach, blà;
’S bithidh dìleas chàch a chéile,
’S duinear suas ar creuchdan bàis.
Ach ’s feadar dhomhs’ a nis’ bhi falbh uaibh,
A Ghàëlabh calma mo ghràidh:
Bu mhòr m’ earbsa’ as ar fònadh,
Ge do dh’ fhònadh dhuinn ’s an àr,
’S iomad ana-cothrom a choinnich
Sinn, ’s an choinnidh bha gun àgh:
Ach gabhaidh mis’ a nis’ mo chead dhibh,
Uine bheag: ach thig mi tràth.
Leasaichidh mi fòs ar callsa,
’Churaidhnean gun fheall, gun sgàth;
A dhìlse, dhliodhach, rìoghail, threuna,
A dheanadh euchd ri uchd nam blàr:
’S cinn a’s coluinn chuir o chéile,
Sinn’, ’s sibh-féin a sgaradh fàs;
Ach togaibh suas ar misneach gleusda,
’S cuiream féin r’ ar creuchdan plàsd.
NA GAEIL.
A Mhuire sinn ta air ar ceusadh!
Air dhì céille, sinn gun chàil:
Tearlach Stiùbhart Mac Rìgh Sèumas,
A bhi na éigin anns gach càs:
Gur h-e sin a rinn ar léireadh,
Gur h-e’ s féudar dh’a gu’m fàg:
Sinn na dhéigh gun airm, gun éideadh,
Falbh ’n àinm Dhé; ach thig a ghràidh.
Ar mìle beanachd na d’ dhéigh,
’S Dia do d’ ghleigheadh anns gach àit’:
Muir a’s tìr a bhi cho réidh dhut:
M’ ùrnaigh gheur leat féin os n-àird;
’S ge do sgăr mio-fhortan deurach
Sinn o chéile, ’s ceum ro’n bhàs:
Ach soraidh leat a mhic Rìgh Seumas,
Shùigh mo chéille thig gun chàird.
Chaill sinn ar stùir, ’s ar buill-bhairte;
Thugadh uainn ar n-acair-bàis:
Chaill sin ar cùmpaisd ’s ar cairtean,
Ar reill-iùil ’s ar beachd gach là:
Tha ar cuirp gun chinn, gun chasan,
Sinn mar charcaisich gun stà:
Ach gabh thus’ a ghràidh do t’astar,
Dean gleas tapaidh ’s thig gun dail.
AM PRIONNSA.
Beannachd gu léir le Clann-Dòmhnuill,
Sibh a dh’ fhoirinn orm ’n-am’ chàs,
Eidir eileanan, a’s mhòr-thir,
Lean sibh deònach, rium gach trà:
’S iomadh beinn, is muir, is mòinteach,
A shiubhail sinn air chòrsa bàis;
Ach theasraig Dia sinn air fuar-fhòirneart,
Nan con sròn-ghaoth’ ’bha ri ’r sàil.
Sibh a rinn fo làimh an Trionaid,
Mis’ a dhìon o mhi-rùin chàich:
Mo dhearg nàimhdean neartmhor, lìonmhor,
Chuir a lion feadh ghleann a’s àrd.
A mhead ’s a thaisbean sibh d’ ar dìlseachd,
’S còir nach dìch’nich gu mi bràch;
A bharr, gur sibh is luaithe shìn rium,
Toic air tìr ’s an talamh ard.
NA GAEIL.
Ochan! ochan! cruaidh an dearmad,
Bhi ’g ar tearbadh uat gu’n bhàs
B’e ’n fhoir éibhinneachd, ’s am beartas,
Bhi d’ a t’fhaicinn gach aon là:
Bi ’dh ar rŭisg lan tìm a’ frasadh;
Ar cridh’ lag-chùiseach gun chàil,
Gu ’m pill thus’ a rìst air tais oirn.
Beannachd leat le neart ar gràidh.
AM PRIONNSA.
O! tiormaichidh-sa suas ar sùilean,
’Chomuinn rùnaich ’fuair ar cràdh,
Bi’dh sibh fàs, maoineach, mùirneach,
’N ’ur gàrd dùbailt’ mu White-hall,
’Nuair a bhi’s an reabal lùbach,
Ri bog chrùban feadh nan càrn,
Gu ’m bi sìbhs’ an caithream cùirte,
Lsadail, lù-chleasach, làn-àigh.
title | Oran XII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |