[295]

ORAN XIII.

AM BREACAN UALLACH.

LEIS A’ BHARD CHEUDNA.

LUINNEAG.

n clò-dubh,
n clò-dubh,
n clò-dubh,
Bfhearr am breacan.

BFHEARR leam breacan uallach,
Mum ghuaillean, ’s a chuir fa machlais,
Na ge do gheibhinn còta,
Den chlò is fearr thig á Sasgunn.
n clò-dubh, &c.

Mo laochan féin an t-éideadh,
A dhfheumadh an crios da ghlasadh,
Cuachanach an éileidh,
Deis éiridh gu dol air astar.
n clò-dubh, &c.

Eileadh cruinn nan cuachan,
Gur buadhach an t-earradh gaisgeich;
Shiùbhlainn leat na fuarain,
Feadh fhuar-bheann, ’s bu ghasdair faich thu.
n clò-dubh, &c.


[296]

Fìr chulaidh an t-saighdear,
S neo-ghloiceil ri uchd na caismeachd;
S ciatachs an adbhans thu,
Fo shranntraich nam pìobs nam bratach.
n clò-dubh, &c.

Cha mhiosanns an dol sìos thu,
Nuair sgriobar á dhuille claiseach;
Fìor earradh na ruaige,
Gu luathas a chur anns na casan!
n clò-dubh, &c.

Bu mhath gu sealg an fhéidh thu,
N àm éridh don gréin air creachunn;
S dhfhalbhainn leat gu lòghar,
Di-dòmhnaich a dol don chlachan.
n clò-dubh, &c.

Laidhinn leat gu cearbail,
S mar earbaig gum briosgainn grad leat,
Na bullamh air marmachd,
Na dearganachs mosgaid ghlagach.
n clò-dubh, &c.

N àm coillich a bhi dùrdan,
Air stùcan am madainn dhealta.
Ba ghasda tfheums a chùis sin,
Seach mùtan de thrustar casaig.
n clò-dubh, &c.

Shiubhlainn leat a phòsadh,
S bharr feòrnean cha fhrosainn dealta;
Bi sid an t-sunach bhòidheach,
An òg-bhean bha mòran tlachd dhi.
n clò-dubh, &c.


[297]

Baigeanteachs achoillthu,
Da mchoireadh le dbhlàthass le t-fhasgath.
O chathadh, is o chrìon-chur,
Gun dionadh tu mi ri frasachd.
n clò-dubh, &c.

Air t-uachdar gur sgiamhach,
A laidheadh asgiath air a breacadh;
S claidheamh air chrios ciatach,
Air fhiaradh os ceann do phleatan.
n clò-dubh, &c.

S deas a thigeadh cuilbhear,
Gu suilbheara leat fon asgail;
S a dhain-deoin uisgas urchaid,
Na tuillbheum gum biodh ar fasgath.
n clò-dubh, &c.

Bu mhath anns an òidhchthu,
Mo loinn thu mar aodach-leapa:
Bfhearr leam nam brat lìn thu,
Is prìseile thig á Sasuinn.
n clò-dubh, &c.

Sboganta, grinn, bòidheach,
Air banais as air mòd am breacan;
Suas an t-eileadh-sguaibe.
S dealg-guaille a cuir air fasdaidh.
n clò-dubh, &c.

Bu mhath an s an òidhchthu,
Bha loinn ort am beinns an cladach,
Bu mhath am feachds an sìth thu:
Cha rìgh am fear a chuir ás dut.
n clò-dubh, &c.


[298]

Shaoil leis gun do mhaolaich, so
Faobhar nan Gàël tapaidh,
Achs ann a chuir e géir orr’,
Nis beurra no deud na h-ealtainn:
n clò-dubh, &c.

Dhfhag e iad làn -ruin,
Cho ciocrasach ri coin acrach;
S cha chaisg deoch an ìotadh,
Ge bfhìon i, ach fìr fhuil Shauinn.
n clò-dubh, &c.

Ged spìon sibh an crìdhasainn,
S ar broillichean sìos a shracadh,
Cha toir sibh asainn Tearlach,
Gu bràth gus an téid ar tacadh.
n clò-dubh, &c.

Rar n-anam tha e fuaighte,
Teann, luaighte cho cruaidh ri glasan;
S uainn chan fhaodar fhuasgladh,
Gum buainear am fear ud asainn.
n clò-dubh, &c.

Ge dchuir sibh oirne buarach,
Thiugh, luaighte, gur falbh a bhacadh,
Ruithidh sinn cho luath’,
S nas buaine na féidh aghlasraidh.
n clò-dubh, &c.

Tha sinns an t-sean nàdur,
A bhà sinn roimh am an achda;
Am pearsachuns an inntinn,
Sn ar rìoghalachd cha téid lagadh.
n clò-dubh, &c.


[299]

S in fhuil bhan cuislar sinnsir,
S an innsginn a bhan an aigne,
A dhfhagadh dhuinnmar dhìleab,
Bhi rioghail, —O! sin ar paidir.
n clò-dubh, &c,

Mallachd air gach seòrsa,
Nach deònaicheadh fòs dol leat-sa,
Co dhiù bhiodh aca còmhdach,
No còmhruiste lòm gun chraiceann.
n clò-dubh, &c.

Mo chion an t-òg fearragha,
Thar fairge chaidh uainn air astar:
Dùrachd blà do dhùthcha,
S an ùrnaigh gu lean do phearsa.
n clò-dubh, &c,

’S ge dfhuair sibh lamh-an-uachdar,
Aon uair oirn le seòrsa tapaig,
An donus blàr ri bheò-sa,
Ni feòladair tuille tapaidh,
n clò-dubh, &c.

titleOran XIII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page