[300]

ORAN XIV.

ORAN AILEIN.

LUINNEAG.

Hùg ò ho- ho hoireannan,
Hùg ò ho-s na ri ò,
Hithill ù hòg oireannan,
o ho ri hòg oireannan!

AILEIN, Ailein, is fad an cadal,
Than uiseag agairms an glasadh,
Grian ag èiridh air an leacainn,
S fada bhuam fhìn luchd nam breacan.
Hug o ho-ri, &c.

Ailein duinn gabh sgoinns bi géiridh,
Tionail do chlann, cùimhnich t-fheum orr.
Bidh Alba mhor fo bhinn bhéisdean,
Mar a dion a muinntir féin i.
Hug o ho-ri, &c.

Bheir iad Mòrag [Prince Charles.] mhìn air éigin,
S eagal leam gun dean i géilleadh,
S gum bi sliochd gun an còir féin ac.’
De Bhreatann mhòr no de dh-Eirinn.
Hug o ho-ri, &c.

Mhòrag nam faicinn t-fhear-ceusaidh,[The Duke of Cumberland.]
Ge bann air càbhsair Dhùn-Eideann,
Thàirginn na lainn chaola, gheura,
S dh-fhagainn fhìn e màrbh gun éiridh.
Hug o ho-ri, &c.

titleOran XIV
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page