[305]

ORAN XVI.

ORAN NA BRIOGSA.

LE DONNACHA BAN MAC-AN-T-SAOIR.

AIR FONN— “SeanTriubhais Uilleachain.”

So tha na briogsa liath-ghlas
Am bliadhna cuir mulaid oirnn,
S en rud nach fhacas riamh oirnn;
S nach miann leinn a chumail oirnn;
S nam bitheamaid uile dileas
Don rìgh bha toirt cuireadh dhuinn,
Chan fhaichte sinn gu dilinn,
A striochda don chulaidh so.

S OLC an seòl duinn am Prionnsòg
A bhi fo mhòran duilichinn,
As Rìgh Deòrsa a bhi chòmhnaidh,
Farm bu chòir dha tuineachas;
Tha luchd-eòlais a toirt sgeòil duinn
Nach robh còir air Lunnainn aige,
S e Hanòbhar an robh sheòrsa,
S coigreach oirnn an duine sin
S en Rìgh sin nach buineadh dhuinn,
Rinn ’ -mheas na dunach oirnn,
Mun ceannsaich e buileach sinn,
Ben t-àm dol a chumasg ris;
Na rinn e oirnn a dhann-tlachd,
A mhì-thlachd, as a dhàimhreit,
Air n-eudach thoirt gun tàing dhinn,
Le ain-neart a chumail ruinn.
So tha na briogsa, &c.


[306]

As òn chuir sinn suas abhriogais,
Gur neo-mhiosail leinn achulaidh ud,
Gar teanadh ma na h-iosgannan,
Gur trioblaideach leinn umainn iad;
S bha sinn roimhe misneachail,
S na breacain fo na criosan oirnn,
Gedtha sinn am bichiontas
A nis acuir nan sumag oirnn:
S air leam gur h-olc an duais
Do na daoine chaidhsa chruadal,
An eudaichean thoirt uapa
Ge do bhuadhnaich Diuc Uilleam leo:
Chan fhaod sinn bhi suigeartach,
On chaochail ar culaidh sinn,
Chan aithnich sinn a chéile
La-féile no cruinneachaidh.
So tha na briogsa, &c.

S bha uair-eigin an t-saoghal
Nach saoillinn gun cuirinn orm,
Briogais air son aodaich,
S neo-aoidheil air duine i;
S gedtha mi deanamh ùis deth,
Cha drinn mi bonn sùlais
Ris an deise nach robh dàimheil
Don phàirti gam buinnin-sa;
S neo-sheannsar achulaidh i,
Gur grannda leinn umainn i,
Cho teann air a cumadh dhuinn,
S nach bfheairrde leinn tuilleadh i;
Bidh putanan na glùinean,
As bucalan gan dùnadh,
S abhriogais air a dùbladh,
Mu chùl-thaobh a h-uile fir.
So tha na briogsa, &c.


[307]

Gheibh sinn adan ciar-dhubh,
Chur dian air ar mullaichean,
As casagan cho shlìogta,
S a mhìnicheadh muillean iad;
Gedchumadh sin am fuachd dhinn,
Chan fag e sinn cho uallach,
S gun toillich e ar n-uaislean,
Ar tuath no ar cumanta;
Cha taitinn e gu bràth ruinn,
A choiseachd nan gleann-fàsaich,
Nuair a rachamaid do dhàiridh,
No dhàit am biodh cruinneagan:
Se Deòrsa rinn an eucoir,
S ro dhìombach tha mi féin deth,
On thug e dhinn ar néideadh,
S gach eudach a bhuineadh dhuinn.
So tha na briogsa, &c.

S bha h-uile h-aon den Phàrlamaid
Fàllsail lem fiosrachadh,
Nuair chuir iad air na Caimbeulaich
Teanndach nam briogaisean;
S gur h-iad a rinn am feum dhaibh
Abhliadhn a thàinan streupag,
A h-uile h-aon diu dhéiridh
G u léiram Milisi dhaibh;
S bu cheannsalach duineil iad,
S an àm an robhn cumasg ann,
Achs gann daibh gun cluinnear iad
A chàmpachadh tuille leis;
On thug e dhinn an t-eudach,
S a dhfhàg e sinn cho-fhaontrach,
S ann rinn e oirn na dhfhaodadh e,
Shaoilidh e chuir mulad oirnn.
So tha na briogsa, &c.


[308]

’S ann a nis tha fios againn
An t-iochd a rinn Diuc Uilleam ruinn,
Nuair a dhfhàg e sinn mar phriosanaich
Gun bhiodagan, gun ghunnachan,
Gun chlaidhe, gun chrios tarsuinn oirnn,
Chan fhaigh sinn prìs nan dagachan;
Tha comannd aig Sasunn oirnn;
O smachdaich iad gu buileach sinn
Tha angar as duilichinn
S an àm so air iomadh fear,
Bhan Càmpa Dhiuc Uilleam,
As nach fheairrd iad gun bhuidhinn e.
Nan tigeadh oirnne TEARLACH,
S gun éireamaidna chàmpa,
Gheibhte breacain chàrnaid,
S bhiodh àird air na Gunnachan.
So tha na briogsa, &c.

titleOran XVI
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page