[309]

ORAN XVII.

MARBH-RANN DO PHRIONNSA TEARLACH.

LE UILLEAM ROS.

CO’ -SHEIRM.

Soraidh bhuan don t-suaithneas bhàn,
Gu -luain cha ghluais on bhàs;
Ghlac an uaigh an suaithneas bàn
S leacan fuaraidh tuaima thàmh!

AIR bhi dhomh-sa triall thar druim
Air di-dònaich, ’s còmhlan leam,
Leughas litir naigheachd leinn,
S cha sgeulăit a thachair innt’,
Soraidh bhuan, &c.

Albainn àrsaidh! ’s fathunn bròin,
Gach aon mhuir bàittha bàrcadh oirnn,
T-òighre rìoghail bhi san Ròimh,
Tirtan caol chistlìobhta bhòrd!
Soraidh bhuan, &c,

’S trom-leam mosnaich anns gach
S tric mo smuaintean fado làimh
Cluain an domhainn truagh an dàil,
Gur cobhartach gach feòil don bhàs!
Soraidh bhuan, &c.


[310]

Tha mo chrìdhgu briste, fann,
S deòir mo shùl aruith mar àllt,
Ge do cheilinn sud air àm,
Bhrùchd e machs cha mhiste leam.
Soraidh bhuan, &c.

Bha mi seal am barail chruaidh,
Gun cluinnte caisimeachd mun cuairt;
Cabhlach Thearlaich thighnair chuan,
Ach thréig an dàil mi gu -luain,
Soraidh bhuan, &c.

S lionmhor laoch as mili treun,
Than diugh an Albainn as do dhéidh,
Iad fos n-iosal sileadh dheur,
Rachadh dian leat anns an streup.
Soraidh bhuan, &c.

S gur neo-shubhach, dubhach, sgì,
Do threud ionmhuinn anns gach tìr,
Buidhean meamnach bu gharg clì,
Ulamh, àrm-chleasachs an strì.
Soraidh bhuan, &c.

Nis cromaidh na cruitearan binn,
Am barraibh dhŏs fosprochd an cinn,
Gach beò bhiodh ann an srath nam beinn
A caoidh an co’ -dhosgainn leinn.
Soraidh bhuan, &c.

Tha gach beinn, gach cnoc, ’s gach sliabh,
Air am faca sinn thu triall,
Nisair call, an dreachs am fiamh,
O nach tig thu chaoidh nan cian.
Soraidh bhuan, &c.


[311]

Bhan t-àl òg nach fac thu riamh,
G altrum gràidh dhut agus miagh,
Ach thuit an cridhe nisnan cliabh,
O na chaidil thu gu sìor.
Soraidh, bhuan, &c.

Ach biodh ar nùrnaigh moch gach
Ris an is airda ta,
Gun e dhioladh oirngu bràth,
Arn eucoir air an t-suaitheas bhàn.
Soraidh bhuan, &c,

Achs eagal leam ge math a chléir,
S gach sonas gheallair dhuinn lem beul,
Gum faicear sinn asileadh dheur,
A chionn an suaithneas bàn a thréig.
Soraidh bhuan, &c.

Cuireamaid soraidh uainn gu réidh
Leis na dhimicheas an céin,
Dhionnsaidh an àitna laidh an reull,
Dhfhògradh uainn gach gruaim as neul.
Soraidh bhuan, &c.

S bitheamaid toilichtleis na tha,
O nach dfhaod sinn bhi nas fearr,
Cha bhi n-ar cuairt an so ach gearr,
As leanaidh sinn an suaithneas bàn,
Soraidh bhuan, &c.

a’ chrioch.

titleOran XVII
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page