ORAN II.
ORAN NAM FINEACHAN GAELACH.
LE MAC-MHAIGHISTEAR ALASDAIR.
A CHOMUINN Rìoghail rùinich,
Sàr ùmhlachd thugaibh uaibh,
Biodh ar roisg gun smùirnein,
’S gach crìdh’ gun treas gun lùb ann;
Deoch-slànte Sheumais Stiùbhairt,
Gu mùirneach cuir mu’n cuairt!
Ach ma ta giomh air bith ’n ar stamaig,
A chàilis naomh’ na truaill.
Lion deoch-slàinte Thearlaich
A mhéirlich stràic a’ chuach;
B’i sid an ìoc-shlaint’ àluinn,
’Dh-ath-bheothaicheadh mo chàileachd
Ged’ a bhiodh am bàs orm,
Gun neart, gun àgh, gun tuar.
A Rìgh nan dùl a chuir do chàbhlaich,
Oirn’ thar sàl ri luas.
O! tog do bhaideil àrda,
Chaol, dhionach, shàr gheal nuadh,
Ri d’crannaibh bhì-dhearg, làidir,
Gu taisdeal nan tonn gàireach;
Tha Eolus ag ràitinn
Gu séid e rap-ghaoth chruaidh,
O’n aird an ear; ’s tha Neptun dìleas,
Gu mìneachadh a’ chuain.
’S bochd a ta do chàirdean
Le ro mhead t’fhàrdail uainn;
Mar àlach mhaoith gun mhàthair;
No beachainn breac a’ ghàraidh,
Aig sionnach ’n déis a fàsachd’,
Air fàilinn feadh nam bruach.
Aisig cabhagach le d’chàbhlach,
’S leigheis plàigh do shluaigh.
Tha na deé ann an deagh rùn dut:
Greas ort le sùrd neo-mharbh,
Thar dhronnag nan tonn dù-ghorm,
Dhruim-robach, bharr-chas, shiùbhlach,
Ghleann-chlaghach, cheann-gheal, shùgh-dhlù,
Na mothar cùl-ghlas, garbh;
Na cuan-choirean, greannach, stuagh-chorach,
’S crom-bhileach, molach, falbh.
Tha muir a’s tìr cho réidh dhut,
Mar deann thu féin a searg;
Doirtidh iad ’nan ceudan,
Na’n laomabh tiugha, treuna,
A Breatuinn a’s á Eirinn,
Mu d’ standard bréid-gheal dearg:
A ghaisridh, sgaiteach, ghuineach, rìoghail;
Chreuchdach, fhior-luath, ghàrg!
Thig do chinneadh féin ort,
Na tréun-fhir laomsgair gharbh,
Na’m beitheiribh gu reubadh;
Na’n leòghanaibh gu creuchdadh;
Na’n nathraichibh grad-leumnach,
A lotus geur le’n càlg,
Le’n gathaibh faobharach, rinn-bheurra
Ni mòr euchd le’n arm.
’N àm bhrataichean làn éideadh,
Le dealas geur gun chealg,
Thig Dòmhnullaich ’nan déigh sin;
Cho dìleas dut ri d’léine;
Mar choin air fastadh éile;
Air chath-chrith geur gu sealg;
’S màirg nàmhaid do’n nochd iad fraoch,
Long, leòghan, craobh, ’s làmh-dhearg.
Gu neartaich iad do chàmpa
Na Caim-beulaich gu dearbh,
An Diùc Earra-Ghalach [Chìtear anns an “Eachdraidh,” nach robh aig a’ bhàrd an so ach “rann mar dhùrachd,” oir cha d’éirich diùc Earra-Ghàël no iomadaibh eile a th’air an ainmeachadh san òran so; se sin, Clann-Leòid, Clann-Choinnich, na Granndaich, agus Clann-Dòmhnuill nan Eilean. ] mar cheann orr’,
Gu mòrghalach mear prionnsail;
Ge b’e bheir air ionnsaidh,
B’e sid an tionsgnadh searbh,
Le lannabh lotach, dù-ghorm, toirteil,
Sgoltadh chorp gu’m balg.
Gu tarbartach, glan, caismeachdach,
Fior thartarach ’nan rànc,
Thig Cluainidh le chuid Pearsanach,
Gu cuannda, gleusda, grad-bheirteach;
Le spàintichean teannbharrach
’S cruaidh feud ri sgailceadh cheann;
Bi’dh fuil d’a dòrtadh, ’s smuais d’a spealtadh,
Le sgealpaireachd ar lann.
Druididh suas ri d’ mhéirghe,
Nach méirbh an àm an àir,
Clann- ’Ill-Eoin nach meirgich
Airm ri uchd do shéirbheis;
Gu ’tig na fiùrain Leòdach ort,
Mar sheòchdain’s eoin fo spàig;
Na’n tuircabh lann ghorm, tinnisneach;
Air chorra-ghleus streup gun tiomachas:
An réiseamaid fior ionnalta,
’S fàth gioraig dol na dàil;
’M bi iomadh bòchdan fuilteach, foirmeil,
Théid le stòirm gu bàs.
Thig cuiridhean Chlann-Cham-Shròin ort,
Théid meanmnach sìos na d’spàirn;
An fhoirionn ghuineach, chaithreamach,
’S neo-fhiabhach an am tarrainn:
An lainn ghlas mar lasair dealanaich,
Gu gearradh cheann a’s làmh;
’S mar luthas na dreige, ’s cruthas na creige,
Chluinnte sgreud nan cnàmh.
Gur cinnteach dhuibh d’ar coinneachadh,
Mac-Choinnich mòr Chinn-Tàile;
Fir laidir, dhàna, chòimhneala,
Do’n fhior-chruaidh air a foinneachadh,
Nach gabh fiabh no somaltachd,
No sgreamh ro’ theine bhlàr;
’S iad gu nàrach, fuileach, foinnidh,
Air bhoil gu dhol ’na d’chàs.
Gur foirmeil, priòseil, òrdail,
Thig Tòisichean ’nan rânc,
Am màrsail stàtoil, còmhnard;
Gu pìobach, bratach, sròl-bhui:
Tha rìoghalachd a’s mòrchuis,
Gun sòradh anns an dream:
Daoine laidir, neartmhor, crodha,
’S iad gun ghò, gun mheang!
Thig Granndaich gu ro thartarach,
Neo fhad-bheirteach do d’chàmp
Air phrìoblosgadh gu cruadal,
Gu snaidheadh cheann, is chluas diu;
Cho neamhail ris na tìgeribh
Le feachdraidh dian-mhear, dàn’,
Chuireas iomad fear le sgreudail,
’S a bhreabadaich gu làr.
Thig a rìs na Frisealaich,
Gu sgibidh le neart gàrbh;
Na seochdaibh fìor-ghlan, togarrach,
Le fuathas bhlàir nach bogaichear;
An còmhlan fearradh, cosgarach,
’S màirg neach do nochd iad fearg;
A spuir ghlas ag dlùs an dérich
Bi’dh nan éilibh dearg.
Na’n gasraidh ghaisgeil, lasgarra,
Thig Lachunnaich gun chàird;
Na saighdibh dearga, pùiseanta;
Gu claidheach, sgiathach, cuinnsearach;
Gu gunnach, dagach, ionnsaichte,
Gun chunntas ac’ air àr:
Dol ’nan deannamh ’n aodainn pheileir,
Teachd o theine chàich.
Gabhaidh pàirt de t’iorghaills’,
Clann-Iomnhuinn’s òirdheire càil:
Mar thuinn ri tìr a sìor-bhualadh;
No bile lasrach dian-loisgeach;
Nan treudabh luatha, sior-chonfach,
Thoirt griosaich air an nàmh:
A dream chathach, Mhuileach, Shrathach,
S math gu sgathadh chnàmh.
’S mor a bhio’s ri corp-rùsgadh,
Nan closaichean ’sa bhlàr,
Fithich anns an rocadaich
Ag itealaich, ’s a’ cnocaireachd;
Cìocras air na cosgaraich,
Ag òl ’sa ’g ith an sàth.
Och’s tùrsach fann a chluinntir moch-thra,
Ochanaich nan àr!
Bi’dh fuil a’s gaor d’a shuidreadh ann,
Le lù-chleasan ar làmh;
Meangair cinn, a’s dùirn diu;
Gearrar uilt le smuasraidh;
Ciosnaichir ar biui,
D’an dù-losgadh, ’s d’an cràmh;
Crùnair le poimp Tearlach Stiùbhard:
’S Feidric Prionns’ fo shàil.
title | Oran II |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |