[250]

ORAN III.

BROSNACHADH NAM FINEACHAN GÀËLACH.

SA’ BHLIADHNA 1745, le A. M. D.

AIR FONN—“An am dol sios bhi deonach.”

THA deagh shoisgeul feadh nan Garbh-chrìoch,
Sùrd air armaibh còmhraig;


[251]

Uird ri dairirich deanamh thargaid
Nan dual ball-chruinn bòidheach;
Chaidh ar seargadh le cam earraghloir,
Sluaigh fior chealgach Seòrais,
Os sgeul dearbha thig thar fàirge,
Neart ro gharbh dar fòirinn.

Thig thar lear le gaoith a near oirn’,
Toradh deal ar dòchuis,
Le mhìlte fear, ’s le armabh geal,
Prionnsa ullamh, mear, ’s è -chaisgt
Mac Rìgh Seumas, Tearlach Stiùbhard,
Oighre chrùin thair fògar,
Gun dean gach Breatuinneach làn ùmhlachd,
Air an glùnda mhòrachd.

Ni na Gàëil bheòdha, ghasda,
Eiridh bhrăs le sròlabh;
Iadnan ciadan uimag iathadh,
S coltas dian [Deé. ] chuir gleòis orr’:
Gun fhiamhs iad fiata, claidheach, sgiathach,
Gunnach, riaslach, stròicheach,
Mar chonafadh leòghanaibh fiadhaich,
S acras dian gu feòil orr’.

Dèanamh ullamh chum ar turais,
S bithibh guineach, deònach;
So an cumasgm bi na builean,
An deantar fuil a dhòrtadh;
Och a dhuine is lionmhor cuiridh
Is fior sturail còmh-strìgh,
A leigir far eile mar chuilean,
Dhfhaotainn fuil air Seòras!


[252]

S ioma neach a théid air ghaisge,
Tha fior lagna dhòchas,
Gus anochdar standard brat-dhearg,
An Rìgh cheart-stha òirnne,
Ge do bhiodh ena fhior ghealtair.
Gur cruaidh rag gu bhròig e,
Ceart cho gairge ris an lasair,
A losgadh as-bhuain eòrna.

Mhoiris sgairteil, foirmeil, bagant,
Gàëil ghasda, chròdha;
Gach aon bhratach sìos don bhaiteal
Len gruaidh laisde ròsg-dearg;
Iad gun fhiamh, gun fheall, gun ghaiseadh;
Rioghail, beachd-bhòrb, pròiseil;
Gu no-lapach ri rinn gaisge,
Spàinntich ghlasnan dòrnabh.

S binn linn plapraich nam bréid bratach,
Srannraich brăs ri mòr-ghaoith,
An glacaibh gaisgeich nan ceum stàideil,
Is stuirteil, sgairteil, mòison;
S lann ghorm sgaiteach, do shàr-shlacan
Geur gu sracadh shrònaige,
Air bac cruachain an fhir bhrataich,
Gu cuir taisair fògradh.

S furbaidh tailceant, ’s cumpa pearsa,
Treun-laoch spraiceil, dòid-gheal;
Piòb da spalpadh suasna achlais,
Mhosglas lasan gleòis duinn;
Caismeachd bhrăs bhinn, bhrodadh aignidh,
Gu dian chasgairt slòigh leis;
Chuireadh tòrman a port baisgeil,
Spioraid bhrasn-ar pòraibh.


[253]

Bidhibh sunntach, lùghor, beumach,
Sgriosach, geur gu feòlach,
S bidh Mars creuchdach, cogach, reubach,
Anns an speur dar seòladh:
Soirbhichidh gach ni gu léir libh,
Ach sibh-féin bhi deònach;
Màrsailibh gun dàil, gun eislean,
Lùghor, eatrom, ceòlmhor.

Màrsailibh, gun fheall, gun airsneul,
Gach aon bhratach-bhòidheach:
Cuideachd shuaicheanta nam breacan,
S math gu căsg na tòrachd:
Nuair a rùisgeas sibh na claiseich
Bidh smuais bhreac feadh feòir libh;
Gaor, as eanachuinn na spadul,
S na liath-shad feadh mòintich.

Sliocraich, slacraich, nan cruaidh shlacan,
Freagra basgar sheannsair;
Nuair a théid a ruaig gun stad libh
Gur ro fada chluinntear,
Feidrich bhuillean, sgoltadh mhullach,
Sìos gu bun an rùmpuill;
Ruaig orruile mar mhuim tuile;
Chuidh chan urriad tionntaidh.

S ioma fear a dhòladh lionta,
Slàinte an rìgh stha oirnne,
Spealgadh ghlaineachan an grìosaich,
S e cur binn air Seòras;
Achs onaraiche anisan gniomh,
Na cùig-ceud mìle bòla;
S fearr aon siola a dhfhuils an fhrìth,
Na galain fhìon air bhòrdaibh.


[254]

Dearbhaidh beachdaidh sibh bhi ceart da,
Eiridh grad ler slòghaibh;
Gun ar mnathan, clann, no beartas,
Cuir stad-feachdn ar dòchas;
Ach gluasad inntinneach, luath, cinnteach,
Rìoghail, liontde mòr-chuis:
Mar an raithneach a dol sìos duibh,
Sgriosadh dian luchd-chlèocan.

Ar ceathairne ghruamach, neimheil,
Làn do mhire cruadail;
S misg dhearg chatha gu barr rathorra,
S craobh dhearg dhathnan gruaidhean,
Iad gun athadh sìos len claidhean,
Ri sìor sgathadh chnuacan,
Lotair dearganaich len gathan
S le fior chrathadh cruadhach.

S e beagan sluaigh is tric thug buaidh,
An iomairt chruaidh achòmhraig,
Deannamaid gluasad gun dad uabhainn
S na biodh fuathas oirnne;
Doirtidh uaislean an taobh-tuath,
Mac Shìm nan ruags Diùc Gòrdon,
Le mharc-shluagh as nuarrant gruainn
S ruaim aimhidh fhuarnan srònaibh.

Chaidh an t-òran so agus an t-òran roimh-sgrìobhte churdon Fhràing a dhionnsaidh Aonghais Domhnullaich tànaisdear thighearna Chinn-Locha Mùideart a bha chomhnuidhmun àm anns an rìoghachd sin. Tha e air aithris gun drinn an duinuasal so a thiondaidh gu Beurla chum is gun tuigeadh am Prionnsabhrìgh, ni a thug moran misnich dha gu tighinn a nall do dhAlbainn. Faic Taob-duilleig 20.

titleOran III
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page