[255]

ORAN IV.

BROSNACHADH DO NA GÀËIL.

SABHLIADHNA, 1745.

AIR FONN.— “Nan Ceannaichean Glasa.”

A CHLANNA nan Gàël,
Dham bàthaist bhi rìoghail,
- togaibh anàird;
As freasdalaibh an dràsta
Do Thearlach mar dhìlsean,
- togaibh anàird;
Freasdalaibh dha uile
Gun fhuireach ri rìghneas
Na leughaibhur cunnard,
Ach bi muinighinn Chrìosd.
Gu foirmeil tartarach,
Stoirmeil acuinneach
Sunnt gu astar oirbh
S colg gu tapadh oirbh
- togaibh anàird

Mu théid sibh á baile,
Thugaibh thairis durn-eòlas
- togaibh anàird’,
Thugaibh thairis dur mnaibh,
Dur taigheans dur stòras,
- togaibh anàird.
Biodh gach aon fhearna dhithis.
Nàm tighinn gu comh-strì


[256]

Gach gàirdeanna ruigheach
S gach cridhena leòghan
Gu dana, drabasta,
Làmhach, ladorna,
Biodh buaidh gach machair leibh
Sgach àitan tachair sibh,
- togaibh anàird’.

Na cuireadh fuaim fudair
Bonn cùraimnur feòil-sa,
- togaibh anàird,
Namosgaidean -ghorm
Dad mhùthaidhnur dòchas,
- togaibh anàird.’
Nuair théirgeas am fuaim sin,
Dhfhalbh an cruadalsan dòrainn,
Bithidh sibhse nam badabh
Leis a chleachdadh bu nòs duibh
Biodh gach treum-fhear fulangach,
Sàthach, builleanach,
Laidir, curanta,
S cha deann nàmhaid fuireach ruibh,
- togaibh anàird.’

S mòr am fàth misneach dhuibh
Dlighe na còrach
- togaibh anàird;
Cha bhiur cogaisgur n-agairt,
S bidh ceartasgur còmhnadh,
- togaibh anàird.
Chan ionannsur nàimhdean,
Ged tha iad ro threòrach,
Bithidhn cogais gan dìteadh,
Chionn strìochdadh do Dheòrsa,


[257]

Bithidh sìbhse bunailteach,
Fo àmhghar fulangach,
Gun sgath ro chunnartan,
S gabhaidh Dia mar mhuiniginn,
- togaibh anàird.

Ma chinneas leibh gnothach,
S gun cothaich sibh rìoghachd,
- togaibh anàird’.
Théid bhur cliù thar an domhain,
Measg choimheach as dhìlsean,
- togaibh anàird’,
Gheibh sibh pailteass gach dùthcha,
Cha ner dùthchas as ni leibh
Ach raogha gach fearainn,
Gun ghearradh gun chìs air,
Bithidh sibh làisde sòchaireach,
Gun chàs gun dochaireachd
Ach bàigh gur brosnachadh
Gun chàch gur goirteachadh,
- togaibh anàird.

Nuair théid esan a chrùnadh,
Ann an dùthaich a shìnnsir,
- togaibh anàird’.
Gheibh mòran deibh àite.
S cha bhi càirdean air dìobairt,
- togaibh anàird.
Bithidh maithean nan Gàël,
Mar as àill leo gu dìlinn,
Bithidhn ìlseans an uaislean,
Gun bhruailean, gun mhi-thlachd,
Ann an socair shuigheachais,
S iad a ghnà toirt buidheachais


[258]

Agus glòir don Chruthaiche
A shònraich siubhal daibh
- togaibh anàird’.

Ge be dhfhanas ri fhaicinn
Nuair thig ceartas an uachdar
- togaibh anàird’.
Bithidh Eaglais as stàta
Mar bhràithrean gun bhruailean
- togaibh anàird’.
Nuair ghlaodhas iad -chainnt,
Anns gach rìoghachd mun cuairt duibh
Bidh Prionnsa na Crìosdachd,
An air bhur fuasgladh,
Biodh miagh air eaglaisean,
As sunnt air teagasg annt,
S gach ceaird aleasachadh
S iad a ghnà gun easbhuidh orr
- togaibh anàird,

Nissiùbhlaibh le beannachd,
Gun mhaille, gun ghruaimean,
- togaibh anàird’.
As nochaibh sgach àite
Gur Gàëil tha gluasad,
- togaibh anàird’.
Nochdaibh ar spionnadh,
Ur neart asur cruadal,
Gach aon neach a chasas ruibh
Grad thugaibh buaidh air,
Feuchaidh dhfhir Shasuinn
Nach tais anns an ruaig sibh


[259]

Fagaibhs na claisean
Gach fear dhiù a bhuaileas
- togaibh anàird’.

Rinneadh am Brosnachadh so le Alasdair Mac-Aonghais duinuasal a mhuinntir Ghlinne-Comhann; a bha na oifigeach, ann an cogadh Thearlaich.

titleOran IV
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page