ORAN VI.
LATHA CHUIL-FHODAIR.
LE IAIN RUADH STIUBHARD.
AIR FONN.— “Mort Ghlinne-Comhann.”
O! gur mòr mo chùis mhulaid,
’S mi ri caoine na guin a ta ’m thìr,
A rìgh! bi laidir ’s tu ’s urrainn,
Ar nàimhdean a chumail fo chìs
Oirnne ’s laidir diùc Uilleam,
’N rag mheirleach tha guin aige dhuinn;
B’e sud salchar nan steallag,
Tigh’n an uachdar air chruineachd an fhuinn.
Mo chreach Tearlach Ruadh, bòidheach,
Bhi fo bhinn aig rìgh Deòrsa nam biasd;
B’e sud dìteadh na còrach,
An fhirinn ’sa beul foipe sìos;
Ach a rìgh mas a deòin leat,
Cuir an rìoghachd air seòl a chaidh dhinn,
Cuir rìgh dligheach na còrach,
Ri linn na tha beò os ar cinn.
Mo chreach armailt nam breacan,
Bhi air sgaoileadh ’s air sgapadh ’s gach àit,
Aig fior bhalgairean Shasuinn,
Nach no ghnàthaich bonn ceartas ’na ’n dàil;
Ged a bhuannaich iad baiteal,
Cha b’ann da ’n cruadal na ’n tapadh a bha,
Ach gaoth ’n-iar agus frasan,
Thigh’n a nios oirnn bharr machair nan Gall,
’S truagh nach robh sinn an Sasunn,
Gun bhi cho teann air ar dachaigh sa bha,
’S cha do sgaoil sinn cho aithghearr,
Bhiodh ar dìcheall ri seasamh n’a b’ fhearr;
Ach ’s droch dhraoidheachd a’s drachdan,
Rinneadh dhuinne mu’n deachas ’nan dàil,
Air na frìthean eòlach a sgap sinn,
’S bu mhi-chomhail gu’n d’ fhairtlich iad oirnn.
Mo chreach mhòr! na cuirp ghlé-gheal,
Tha na ’n laidh’ air na sléibhtean ud thall,
Gun chiste gun léintean,
Ga ’n adhlaiceadh fhéin anns na tuill;
’Chuid tha beò dhiu ’n deigh sgaoileadh,
’S iad ga fògar le gaothan thar tuinn;
Fhuair a Chuigs’ a toil féin dinn,
’S cha chan iad ach “reubaltaich” ruinn.
Fhuair na Gaill sinn fo ’n casan,
’S mòr a nàire ’sa masladh sud leinn,
’N deigh ar dùthcha ’s ar ’n àite,
A spùilleadh ’s gun bhlaths againn ann;
Caisteal Dhuinidh ’n deigh a losgadh,
’S e ’na làraich lom, thosdach, gun mhiagh;
Gu ’m b’e ’a caochala’ goirt e,
Gu ’n do chaill sinn gach sochair a b’ fhiach.
Cha do shaoil leam, le m’ shùilean,
Gu ’m faicinn gach cùis mar a tha,
Mur spùtadh nam faoilleach,
’N àm nan luidhean a sgaoileadh air blàr;
Thug a chuibhle car tionndaidh,
’S tha ioma fear aime-cheart an càs;
A Rìgh seall le do chaoimhneas,
Air na fir th’ aig na nàimhdean an sàs.
’S mòr eucoir ’n luchd-orduigh,
An fhuil ud a dhortadh le foill;
Mo sheachd mallachd aig Deòrsa,[Morair Seòras Moireach. ]
Fhuair e ’n lath’ ud air òrdugh dha féin;
Bha ’n da chuid air a mheòirean,
Mòran gìogan gun tròcair le foill;
Mheall e sinne le chòmhra’,
’S gu ’n robh ar barail ro mhòr air r’a linn.
Ach fhad ’sa ’s beò sinn r’ar latha,
Bi’dh sinn caoidh na ceathairn chaidh dhinn,
Na fir threubhach bha sgairteil,
Dheanadh teughbhail le claidheamh ’s le sgiath;
Mur biodh siantan n’ ar n’ aghaidh,
Bha sinn shìos air ar n’ aghairt gu dian,
’S bhiodh luchd-Beurla ’nan laidhe,
Ton-air-cheann, b’e sid m’ aighear ’s mo mhiann.
Och nan och! ’s mi fo sprochd,
’S mi ’n dràsda ri osnaich leam féin
’G amharc feachd an dù-Rosaich,
’G ithe féur agus cruineachd an fhuinn;
Rothaich iargalt a’s Cataich,
Tigh’n a nall le luchd-chasag a’s lann,
Iad mar mhiol-choin air acras,
Siubhal crìochan, charn, chlach, agus bheann.
Mo chreach! tìr air an tainig,
Rinn sibh nis clàr réidh dh’i cho lom,
Gun choirce gun ghnàisich,
Gun sìol taght’ ann am fàsach na ’m fonn,
Prìs na circ air an spàrdan,
Gu ruige na spàinean thoirt uainn,
Ach sgrios na craoibhe f’a blà dhiu,
Air a crionadh fo barr gus a bonn.
Tha ar cinn fo ’na choille,
’S eigin beanntan a’s gleannain thoirt oirnn,
Sinn gun sùgradh gun mhacnus,
Gun éibhneas, gun aitneas, gun cheòl,
Air bheag bìdhe no teine,
Air na stùcan an laidheadh an ceò,
Sinn mar chomhachaig eile,
Ag eisdeachd ri deireas gach lò.
title | Oran VI |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |