ORAN VII.
ORAN EILE AIR LATHA CHUIL-FHODAIR.
LEIS AN DUIN’ -UASAL CHEUDNA.
O! gur mis’ th’air mo chràdh,
Thuit mo chridhe gu làr,
’S tric snithe gu m’ shàil o m’ léirsinn.
O! gur mis , &c.
Dh’fhalbh mo chlaistinneachd uam,
Cha chluinn mi sa’n uair,
Gu mall na gu luath ni ’s éibhinn.
Dh’fhalbh mo, &c.
Mu Phrionns’ Thearlach mo rùin,
Oighre dligheach a’ chrùin,
’S e gun fhios ciod an tùbh a théid e.
Mu Thearlach, &c.
Fuil rìoghail nam buadh,
Bhi ’ga dìobairt sa’n uair,
’S mac diolain le ’shluagh ag éiridh.
Fuil rìoghail, &c.
Sìol nan cuilean a bha,
Ga ’n ro mhath chinnich an t-àl,
Chuir iad sinn’ ann an càs na h-éigin.
Sìol nan cuilean, &c.
Ged a bhuannaich sibh blàr,
Cha b’ ann d’ ur cruadal a bha,
Ach gun ar shluaghainn’ bhi ’n dàil a chéile.
Ged a bhuannaich, &c.
Bha iad iomadaidh uainn,
Dheth gach finne mu thuath,
’S bu mhiste sinn’ e ri uair ar feuma.
Bha iad iomdaidh, &c.
Côig brataichean sròil,
Bu ro mhath chuireadh an lò,
Gun duine dhiu chòir a chéile.
Còig brataichean, &c.
Iarla Chrompa le shlògh,
Agus Bàrasdal òg,
’S Mac- ’Ic-Ailein le sheòid nach géilleadh.
Iarla Chrompa, &c.
Clann-Ghriogair nan Gleann
Buidheann ghiobach nan lann
’S iad a thigeadh a nall na ’n éight’ iad.
Clann-Ghriogair, &c.
Clann-Mhuirich nam buadh,
Iadsan uile bhi bhuainn,
Gur h-e m’ iomadan truagh r’a leughadh.
Clann-Mhuirich, &c.
A Chlann-Dòmhnuill mo ghaoil,
’Ga ’m bu shuaithcheantas fraoch,
Mo chreach uile! nach d’ fhaod sibh éiridh.
A Chlann-Dòmhnuill, &c.
An fhuil uaibhreach gun mheang,
Bha buan, cruadalach, ann,
Ged chaidh ’ur bualadh an am na téugbhail.
An fhuil uaibhreach, &c.
Dream eile mo chreach,
Fhuair an laimhseacha’ goirt,
Ga ’n ceann am Frisealach gasda, treubhach.
Dream eile, &c.
Clann-Fhionnlaidh Bhraidh-Bharr,
Buidheann ceannsgalach, ard,
’Nuair a ghlaoidhte ’n adbhans a’ dh’ éireadh.
Clann-Fhiunnlaidh, &c.
Mo chreach uile ’s mo bhròn,
Na fir ghasd’ tha fo leòn,
Clann-Chatain nan sròl bhi dhéis-laimh.
Mo chreach uile, &c.
Chaill sinn Dòmhnull donn, suairc,
O Dhùn Chrompa so shuas,
Mar ri Alasdair ruagh na féile.
Chaill sinn Dòmhnull, &c.
Chaill sinn Raibeart an àigh,
’S cha bu ghealtair e’ m blàr
Fear sgathaidh nan cnàmh ’s nam féithean.
Chaill sinn Raibeart, &c.
’S ann thuit na rionnagan gasd;
Bu mhath àluinn an dreach,
Cha bu phàigheadh leinn mairt na’n éirig.
’S ann thuit, &c.
Air thus an latha dol sìos,
Bha gaodh a’ cathadh nan sian,
As an adhar bha trian ar léiridh,
Air thus an latha, &c.
Dh’ fhàs an talamh cho trom,
Gach fraoch, fearunn a’s fonn,
’S nach bu chothrom dhuinn lom an t-sléibhe.
Dh’ fhàs an talamh, &c.
Lasair theine nan Gall,
Frasadh pheileir mu ’r ceann,
Mhill sid eireachdas lann ’s bu bheud e.
Lasair theine, &c.
Mas fior an dàna g’a cheann,
Gu ’n robh Achan [Morair Seoras Moireach. ] ’sa chàmp,
Dearg mheirleach nan raud ’s nam breugan.
Mas fior an dàna, &c.
’S e sin an Seanalair mòr
Gràin a’s mallachd an t-slòigh,
Reic e onoir ’sa chòir air eucoir.
’S e sinn an, &c.
Thionndaidh choileir ’sa chleòc,
Air son an sporain bu mhò,
Rinn sud dolaidh do sheoid rìgh Seumas.
Thionndaidh, &c.
Ach thig cuibhle an fhortain mu ’n cuairt,
Car bho dheas na bho thuath,
’S gheibh ar ’n eas-caraid duais na h-eucoir.
Ach thig cuibhle, &c.
Gu ma lom bhios do leac,
Gun bhean, gun bhràthair gun mhac,
Gun fhuaim clàrsaich, gun lasair chéire.
Gun ma lom, &c.
Gun sòlas, sonas, no seanns,
Ach dòlas dona mu d’ cheann,
Mar bh’ air ginealach Chlann na h-Eiphit.
Gun sòlas, sonas, &c.
A’s chì sinn fhathasd do cheann,
Dol gun athadh ri crann,
’S eoin an adhair gu teann ga reubadh.
A’s chi sinn, &c.
’S bi’dh sinn uile fa-dheòidh,
Araon sean agus òg,
Fo ’n rìgh dhligheach ’ga ’n còir duinn géilleadh.
’S bi’dh sinn, &c.
title | Oran VII |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
parent text | Cruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar |