[275]

ORAN IX.

MORAG.[Chitir anns an eachdraidh mar thainig Mòr mar ainm air a’ Phrionns’. Faic taobh-duilleig 202. ]

LUINNEAG.

Agus Mòrag, na -,
S na --ghealladh.

A MHÒRAG chiatach a chuil dualaich,
Gur h-e do luaidh a thair maire,
Agus Mhòrag, &c.

S ma dhimich thu null thar chuan uaine
Gum a luath a thig thu thairis
Agus Mhòrag, &c.

S cùimhnichthoir leat pannal ghruagach
Luaigheas an clò ruadh gu daigheann.
Agus Mhòrag, &c.


[276]

O cha leiginn thu don bhuaile
Ma salaich am buachar t-anart.
Agus Mhòrag, &c.

De cha leiginn thu gu cualach
Obair thruaillidh sin nan caileag
Agus Mhòrag, &c.

Gur h-ì Mòrag ghrinn mo ghuamag,
Aig am beil an cuailean barr-fhionn.
Agus Mhòrag, &c.

S gaganach, bachlagach, cuachach,
Ciabhag na gruagaiche glaine.
Agus Mhòrag, &c.

Do chùl peucach sìos na dhualaibh;
Dhalladh e uaislean lelainnir:
Agus Mhòrag, &c.

Sìos na fheòirneanaibh mu dghuaillean,
Leadan cuachagach na h-ainnir:
Agus Mhòrag, &c.

Do chùl peurlach, òr-bhui, luachach,
Timchioll do chluasanna chlannaibh.
Agus Mhòrag, &c.

A, Mhòrag! gum beil do chuailean
Ormsa na bhuaireadh gun sgainnir.
Agus Mhòrag, &c.

S ge nach iarr mi thu ri dphùsadh,
Gum be mo rùn a bhi mar ruit.
Agus Mhòrag, &c.


[277]

S ma thig thu rìthist am lùbaibh,
S en t-eug a rùin ni ar sgaradh.
Agus Mhòrag, &c.

Leanaidh ma cho dlù ri dshàilean,
Sa ni bairneach ri sgeir mhara.
Agus Mhòrag, &c.

Shiubhail mi cian leat air meòlas,
Agus spailp don stroichd thar main-eol.
Agus Mhòrag, &c.

Gu leanainn thu feadh an t-saoghail,
Ach thusa ghaoil theachd am fharraid.
Agus Mhòrag, &c.

Gun chuireadh air mhisg le dghaol mi;
S mear aotrom a ghaoir ta mbhallaibh.
Agus Mhòrag, &c.

S a Mhòrag gam beil a ghruaidh chiatach;
S glan a fiaradh thar do mhala.
Agus Mhòrag, &c.

Do shùil shuilbhear, shochdrach, mhòdhar,
Mhireagach, chòmhnart, ’s i meallach.
Agus Mhòrag, &c.

Deud cailce, shasda, na rìbhinn,
Snaite mar dhìsnair aghearradh.
Agus Mhòrag, &c.

Maighdean bhòidheach, nam bos caoine,
S ìad cho maoth ri cloidh na h-eala.
Agus Mhòrag, &c.


[278]

Cìochan leuganach nan gucag,
S fàileadh a mhusca da h-anail.
Agus Mhòrag, &c.

S ioma òigear a ghabh tlachd dhiot,
Eadar Arcamh agus Manuinn.
Agus Mhòrag, &c.

S ioma leannan a thaig Mòraig,
Eidir Mor-thìr agus Aruinn.
Agus Mhòrag, &c.

S ioma gaisgeach de Ghàël,
Nach obadh le mghràdh-sa tarrainn:
Agus Mhòrag, &c.

A rachadh le sgiath, ’s le clàidheamh,
Air bheag sgàth gu bial nan cannon:
Agus Mhòrag, &c.

Chunnardaicheadh dolnan òrdaibh,
Thoirt do chòrach, ’mach a dhain-deoin.
Agus Mhòrag, &c.

S iomadh àrmunn làsdail, treubhach,
Ann an Dunéideann, am barail,
Agus Mhòrag, &c.

Na faiceadh iad gnè do dhuais ort,
Dheanadh tarrainn suas ri dcharraid.
Agus Mhòrag, &c.

Mo chinntgun dheanadh leat éridh,
Do Chaiptin fein Mac- ’Ic-Ailein:
Agus Mhòrag, &c.


[279]

Gun theann e roiro chàch riut,
S ni e fàst e, ach thig thairis:
Agus Mhòrag, &c.

Gach duine, than Uibhist a Mùideart,
S an Arasaig dhù-ghorm a bharraich;
Agus Mhòrag, &c.

An Cana, an Eige, ’s am Moror;
Reiseamaid chorr ud shiol Ailein!
Agus Mhòrag, &c.

N am Alasdair,[Alasdair Mac Cholla Chiotaich. ] is Mhontròis’,
Gum ba bhòchdain iad air Ghallaibh.
Agus Mhòrag, &c.

Gun dfhairich Inbher-Lòchai,
Co bu stròicich ann le lannaibh.
Agus Mhòrag, &c.

Am Peairt, an Chill-Saoidh, ’s an Allt-éireann,
Dhfhag iad reubalaich gun anam,
Agus Mhòrag, &c.

Alasdair mor Ghlinne-Comhann,
S bragaid coimheach Ghlinne-garadh.
Agus Mhòrag, &c.

Mar sin is an t-àrmunn Sléibhteach,
Ge da tha e-féinna leanamh.
Agus Mhòrag, &c.

Dhéiridh leat a nall on Rùdha,
Anntrum -chleasach nan seang-each.
Agus Mhòrag, &c.


[280]

Dhruideadh, na Gàëil gu léir riut,
Ge be dhéiridh leat no dhfhanadh.
Agus Mhòrag, &c.

Shuath, deich mìle dhiu air clé-dhuibh,
An cogadh Rìgh Séurlas nach maireann.
Agus Mhòrag, &c.

S ioma clò airn tug iad caitean,
Eadar Cat-taobh, agus Anuinn.
Agus Mhòrag, &c.

Bha càchdiultateachd a luagh dhuibh,
S chruinnich iad-san sluagh am pannail,
Agus Mhòrag, &c.

A ! bu mhaths an luagh-làmh iad,
Nuair a thàirneadh iad na lannan!
Agus Mhòrag, &c.

H-uile clò a luaigh iad riabh dhuibh,
Dhfhag iad e gu ciatach daigheann:
Agus Mhòrag, &c.

Teann, tiugh, daigheann, fite, luaite,
Daite ruadh, air thuar na fala.
Agus Mhòrag, &c.

Greas thairis le dmhnathan luaighe,
S théid na gruagaichean-sa mar riu.

titleOran IX
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
parent textCruinneachadh Taghte de Dh-òranan a Rinneadh do’n Phrionnsa agus na Aobhar
<< please select a word
<< please select a page