[35]

CAIBIDIL IV.

ULLACHADH AN AIRM DHEIRG.

MUN àm so bha Rìgh Seòras farbu chuimhe dhabhith, ann aHanobhar tìr dhùchasach a shinnsir féin, agus bha cuid de Shasunnaich a cuir as a leth gun robh e na bu tlŭsmhoire ris an Rìoghachd sin, na bha e ri Breatuinn. Bha e mar gum biodh e caoin-shuarach ma déibhinn.

Fad an t-Sàmhraidh bha fathunn air feadh na Gàëldachd gun robh am Prionnsa gu thighinn a nall mun tigeadh an t-Sămhainn; ach cha chuala luchd-muinntir an Rìgh an Dunéideann smid dheth gus an dara latha de mhìos dheireannach an t-Sàmhraidh, agus gun sheall Tighearna Chuil-Fhodair litir a fhuair e bho dhuin-uasal Gàëlach do Shir Iain Cope, ceannard an airm-dhéirg.

Mun àm so, bha Iain Cope air a mheas na cheann-feachda cho ionnsaichte agus cho misneachailsa bha ann am Breatuinn gu léir; agus bha aige fo chomannd ann an Alba réiseamaid thrùpairean each, réiseamaid iomlan de shaighdearan coise, agus cùig cuideachdan diag de chaochladh réiseamaidean eile, a bha sgaoilte feadh bhailtean mòra na h-Alba; bha iad a nisair an


[36] gairm ri chéile chum am Prionnsagus na Gàëil a choinneachadh agus a chăsg.

Dh-òrduich luchd-comhairlan Rìgh do dh-Iain Cope aGhàëldachd a ruidhinn gun stad, a chum na Gàëil a chumail air an ais, mum faigheadh iad ùinair fàs ni bu liommhoire agus ni bu treise. Be Tighearna Chuil-Fhodair a h-aon den luchd-comhairle; agus ged do bha e an aghaidh Thearlaich, agus na fhìr charaid do Rìgh Seòras bha mòran dheth a luchd-dàimh as eòlais, agus dheth a chairdean féin cheanair eiridh leis aPhrionns’, agus shaoil leis gun deanadh sealladh de dh-Iain Cope agus dheth fheachdsgapadh nan cearc breacair na Gàëil, agus gun leigeadh iad a chùis ma-làr mas lasadh fraoch cumhachd na Rìoghachd nan agaidh, a thaobh gun robh cinnt aige, nach robh tearnadh air an son, nan cailleadh iad air acheanna ma dheireadh. Rainig an t-òrdugh so Sir Iain Cope ann an Dunéideann, air an naoidheamh latha-diag de mhìos dheireannach an t-Sàmhraidh; a cheart latha anns na thog Tearlach a bhratach ann an Gleann-Fionain. Dhfalbh Iain Cope air acheart latha sin do Shrùidhleadh gu e-féin a chuir air ceann an àirm.

titleCaibidil IV
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page