CAIBIDIL V.
TURAS IAIN CHOPE GU TUATH.
DH’FHALBH Iain Cope air a thuras do’n Taobh-tuath air an fhicheadamh latha de mhìos dheireannach an t-Sàmhraidh le ceithir cheud-diag fear-feachda, a fàgail an dà réiseamaid thrùpairean ann an Dunéideann, a thaobh is nach b’urrainn na h-eich triall thar mhonaidhean a’s bhealaichean. Thug a leis ceitheir ghunnaidhean mòra, agus mìle mosg air son nan Gàël a bha e’n dùil a dh’ éireadh leis mar bhiodh e dol air aghaidh. Bha dròbh mhòr mhărt ga h-iomain an deigh an àirm agus prăsgan fheòladairean, air son a bhi spadadh mar shluigeadh an fheachd! Thug e leis mar an cianda lòn fhichead latha de dh-aran, nì a chum obair seachduin ris na bha de dh’ fhuineadairean ann an Dunéideann, an Léibhte, agus an Srùidhleadh!
Cha deach e n’a b’fhaide na Crùidh’ air an latha ud, oir b’éiginn da fuireach sa’ bhaile sin gus an tigeadh ceud sac eich de dh’aran a dh’fhàg e na dheighe ann an Srùidhleadh suas ris. A Cruidhe chuir e teachdaireachd gu Morair Ghlinn-Urachaidh agus gu caochladh eile dheth na tighearnan Gàëlach iad an cuid daoine thogail an aobhar Righ Deòrsa. Ged nach d’ éirich na daoin’ uaisle sin leis a’ Phrionns’ le eagal gun cailleadh iad am cuid fearainn dhiùlt iad cobhair no còmhnadh a
Air an dara latha fichead rainig e Amul-Rìgh, agus Drochaid-Thatha air an treas latha fichead rainig e Tranphuir, agus air a chùigeamh latha fichead Dail-na-Ceardaich. Na h-uile latha mar a bha e dol air adhart, bha e faicinn na cùise na bu mhi-choltaiche, an rathad a fàs n’a bu mhiosa, agus sluagh na dùthcha ’fàs ann an droch rùin da, ghoid iad na h-eich a bha giùlan a chuid bidhe air an òidhche; leis an sin, b’eiginn da na ceudan de a chuid pŏcachan arainn fhagail air a chùl, agus na daoine ris an d’earb e’n t-aran so, ged do gheall iad a chuir ann a’ dhéigh; thug iad a cheart aire, nach d’ rinn iad sin, gus an deach e dholaidh. A rithist an uair a dh’fharraideadh e naigheachd ri aon de mhuinntir na dùthcha mu’n Phrionnsa bheireadh iad dha tuairisgeul breugach fo sgàile càirdeis, air chor is fa-dheoigh nach b’urrainn e facal a theireadh iad a chreidsinn, araon bho uasal no chumanta.
’Nuair a ràinig Iain Cope Dail-na-Ceardaich thachair e ri daoin-uasal a chunnaic feachd Thearlaich ann an Gleann-Fionain, be’n duine so a thug a chiad naigheachd chinnteach dha mu thimchioll an fhir àireamh
Bha’n t-arm-dearg mu’n àm so air ruidhinn Dail-Chuinnidh ann am Bàideanach, ma thuaiream fichead mìle bho bhraighe Choire-Ghearraig: agus chuir an naigheach so Iain Cope ann a leithid do ghiorraig ’s gun chuir e-féin agus a chuid oifigich an comhairl’ r’a chéile, ciod bu chòir dhaibh a dheanamh; agus ciod an t-shlighe air ’m bu chòir dhaibh triall? Dh’aontaich iad uile gu’n robh a dhol thar Coire-ghearraig do-dheanta, agus gun robh fuireach far an robh iad gun tairbh sam bith, a thaobh gum faodadh na Gàëil ròidean eile ghabhail agus na Machraichean Gallda thoirt orra; air an aobhar sin se shònraich Iain Cope Inbheirneis a thoirt air, far an robh sùil aig ri prasgan Chaimbeulach, Rothach, agus Chatach, g’a choinneachadh, agus leis an so, bha e smuainteachadh nach gabhadh na Gàëil a dhànadas orra a Mhachair a ghabhail air eagal gu’m fàgadh iad an Dùthaich féin fo mheachain an nàmhaid. Rainig an t-àrm-dearg air éigin Inbheirneis air an naoidheamh latha fichead de’n mhìos, gun fhois aon latha ghabhail bho’n uair a dh’fhàg iad Cruidhe.
title | Caibidil V |
internal date | 1844.0 |
display date | 1844 |
publication date | 1844 |
level | |
reference template | Eachdraidh a’ Phrionnsa %p |
parent text | Eachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich |