[40]

CAIBIDIL VI.

TURAS NAN GAEL GU GALLDACHD.

ANN an Gleann-Fionain far na thog Tearlach a bhratach air an naoidhamh latha diag den mhìos, chaith e féin agus a luchd-leanmhuinn latha, ri òl agus ri aighear, ri ceòl agus ri dàmhs. Dhfhalbh e as a sin gu Ceann-Loch-iall agus chaidil e air òidhche di-h- aoine anns an Fhasadh-Fhearna, agus air dha fios fhaotainn samhadainn gun tainig Long-chogaidh gu Gearasdan Inbher-Lòchaidh ghabh e thar a bhealach thun na Mòidhe, baile beag leis na Cam-shronaich. Bha e nise faotainn naigheachd gach latha ma dhéibhinn Ian Chope bho shaighdearan Gàëlach a bha ruith air falbh as an arm-dhearg air an òidhche, a chum an cairdean féin a chòmhnadh an àm feuma. Air an t-sia-amh latha fichead chaidh e thar abhainn Lòchaidh, agus aig an drochaidh iosail thainig da cheud as trì fichead de Stiùbhartaich na h-Apunn na chodhail, agus Stiùbhartach Aird-seilair an ceann; stad an fheachd an òidhche sin aig taigh-òsda Leitir-Fhionnlaidh ri taobh Loch-Lòchaidh. Mu mheadhon òidhche thainig teachdaire bho Ghòrdanach Ghlinne-Bucaid gun robh Iain Cope a teannadh ri Bàideanach le rùin a dhol thar Coire-Ghearraig. Air ball ged a bhan òidhche stoirmeil agus


[41] ro fhliuch, thug am Prionnsòrdugh don fheachd iad a dhol agus séilbh a ghabhail air bràigheChoire, agus chaidh e-féin gu caisteal Inbher-Garaidh far na chaith echuid eile den òidhche.

Moch samhadainn thainig Frisealach Ghortulaig gu Caisteal Inbher-Garaidh, air teachdaireachd dhiamhair bho Mhorair Sìm Ceann-Cinnidh nam Frisealach, a dhiarraidh air aPhrionnsa leisgeul a ghabhail air son gun e thighinn ga amharc, a thaobh e bhi lag le aois: anns an àm cheudna ag iarraidh air Tearlach a dhol do Shrath-Tharacaig a chum na Frisealaich a thogail.

Air an ath mhadainn, a be an seachdamh latha fichead den mhìos, am feadh a bhan t-arm-dearg air an turus do dhInbheirneis, chaidh Dòmhnullaich Ghlinne-Garaidh agus Granndaich Ghlinne-Moriston gu bràighe choirre Ghearraig far an robh na Gàëil eile san àm cruinn. Rinn sin armailt aPhrionnsma thuaiream ochd-ceud-diag fear an àireamh. Samhadainn an uair a dheirich am Prionnsa thoisich e air cuir uima dheise Ghàëlich, agus air dha bhi ceangal barr-ialla bhròg, thuirt e gun robh dòchas aige gum biodh greim aig air amhaich Iain Chope, mas deanadh a rithist am fuasgladh!

Air tùs, be miann nan Gàël gun gearradh iad Iain Cope agus a dhaoinecho mìn ri biadh eun,” ach air dhaibh an Garbh-àth-mòr a ruidhinn dhaontaich iad gu léir gum bfhearr dhaibh leigeil do Chope a dhol do dhInhernis, mar a shònraich e; agus gun tugadh iad féin Machair nan Gall orra gu Dunéideann a ghlacadh.

Mar bha na Gàëil a triall gu Galldachd, is gann gun robh gleann, no bealach, gus an robh iad a tighinn anns nach robh leasachadh sluaigh a dol rin àireamh, ach am


[42] feadh a bhan tuath ag éiridh, bha na h-uachdaranan a teicheadh air falbh, no a fuireach as an rathad, mar sin dhfhàg tànaistear Dhiùc Abhaill (don tug Rìgh Seòras òighreachd athar) Caisteal Bhlàir. Uime sin ghabh am fìor oighre a bha air fògradh saFhràing, agus a thainig a nall maille ris aPhrionnsa, séilbh air mar a chòir féin; agus chaith e-féin as Tearlach agus uile chinn-feadhna nam fineachan an òidhche sin gu sòghar ann an Caisteal Bhlàir ann am fìor aigneadh. Ann an so dh-òl Tearlach air slàinte gach ceann-finne fa leth, ann am fior Ghàëlig, a dhionnsaich e le thainig e dhAlba. Air dha fios fhaotainn gun robh muinntir na dùthchair son sealladh dheth a mhòrachd fhaicinn chaidh e mach air leth-oir as na h-uaislean gus an dfhuair iad sealladh dheth.

Air an lath-air-na-mhàireach thòisich am Prionnsa air àireamh a shluaigh agus dhionndrainn e cuid mhath ás an àireamh; air ball chuir e cuid dheth na h-oifigich gan greasad air aghaidh, agus thuig e gur h-e fearg a ghabh iad air son an cumail bho thòiseachadh air feachd Iain Chope, a thug orra fuireach air deireadh! Dhfhan e air an àm sin latha ann an Blàr-Abhall, agus thainig Tighearna Narainn agus caochladh de Chinn-feadhna eile len luchd-leanmhuinn a chum a chuideachadh, maille ri prăsgan gasda de Chlann-Dònnachaidh. An sin ghluais amhòr-fheachd sios Blàr-Abhall agus stad iad an òidhche sin ann am Dun-chaillean agus air an ath latha ghabh Tearlach a dhinnear ann an taigh Narainn, a tha ri taobh an rathaid eadar Dun-chaillean agus baile Pheairt.

Ma fheasgar ràinig e-féin agus an t-àrm baile Pheairt agus ghairmeadh Rìgh-Seumas na Rìgh air Breatuinn


[43] agus Tearlach na òighre rìoghail air a chrùn. An sin thainig a charaid dìleas féin, Diùc Pheairt agus caochladh dhaoin-uaisle eile chuir fàilt air. Bha Tearlach san àm sinn air éideadh ann an deise ghrinn Ghàëlich de bhreacan dearg nan Stiùbhartach air a ghréiseadh le òr boisgeanta; thug tlachdmhoiread a phearsa agus sgéimh a dheise air mòran de shluagh a bhaile a leantainn le luath-ghair éibhinn, as bualadh bhăs, gus na ràinig e a chairtealan a bha e gu ghabhail an òidhche sin ann an taigh dùin’ -uasail sabhaile. Be so achiad bhaile mòr a ràinig Tearlach an Albainn agus gu dearbha bha na h-uile cheann-fath aiga shaoilsinn gum be bheatha gedtheich mòran de luchd-riaghlaidh a bhailair falbh chum a mhòrachd a sheachnadh, air eagal, mur biodh e sealbhach anns na ghabh e os-làimh gun coisneadh iad dhaibh féin diomadh Rìgh Shasuinn. Bann air latha féille a ràinig Tearlach Peairt; agus le feachd nan Gàël, agus muinntir na féille, bham baile cho dùmhail is nach dfhuair cuid mhòr dhiu fo fhasgath taighe air an òidhche sin.

Air an latha màireach chuir am Prionnsapàirtidh air falbh do Dhun-Diagh agus Tighearna Chlann-Raonaill agus Fear na Ceapaich air an ceann; ràinig iad am baile sin ann an glasadh an latha, agus ghlac iad long bheag chogaidh a bhan-an laidhe anns an acairseid anns an robh mòr armachd a bhunadh don rìgh, maille ri phailteas fùdair as pheileirean; ghiùlain iad so air ball suas do Pheairt gu feum an airm Ghàëlich.

Faodaidh mi ann an so innse gur an doChreideimh an t-Shagairt,” mar their iad ris, a bha caraid dealaidh a Phrionnsa, Diùc Pheairt. A thaobh a mhàthair a bhi dheth na chreideamh sin, choisinn sin da mòr


[44] ghamhlas bho dhaoineil a bha de mhuthadh beachd. Goirid ron àm so; feadh a bham Prionnsann an Dùthaich Chlann-Raonaill, thainig òrdugh bho chùirt Rìgh Sasuinn Diùc Pheairt a ghlacadh; agus ghabh dhuin’ -uasal Ghàëlach a bha nan oifigich anns an arm-dhearg, Pàdruig Moireach Uchd-oir-thìre, agus fear do Chaimbeulaich Inbhearaora os-làimh sin a dheanamh, air dòigh, faodaidh mi ràdh, nach robh ro chliùteach dhaibh féin, —Chuir iad fios thun an Diùc gun robh iad air son an dinnear a ghabhail maille risna thaigh air latha àraid: chuir an Diùc fios thuca, gum bem beatha uair sam bith a thigeadh iad, agus gum biodh e-féin air an cinn. Fa-dheoigh thainig na h-oifigich fhoilleil so, agus cha luaithe fhuair iad crathadh an fhir de làimh mhìn chàirdeil an Dùic na chuir iad an céill an teachdaireachd, agus an turas mun tàinig iad: dhiarr iad air an Diùc a bhi mach còladh riu. Thuirt an Diùc ged a bhan t-òrdugh sin cruaidh gun robh efaicinn gum bfheudar dhafhreagairt, agus dhiarr e comas orra a dhol do rùm beag cùil a bha dheth an t-sheòmar, anns an robh iad gus an dìnnear a ghabhail, ag ràdhnuair a chuireadh se e-féin na uidheam an sin gum falbhadh e leo. Shaoil na slaoightearan nach burrainn e teicheadh gun fhios daibh, agus thug iad comas da sin a dheanamh; chaidh an Diùc còir sios air staidhre cùil a bha treòrachadh tro leas a bhair cùl an taighe agus dhimich e gus an dfhuair e gu badan beag dlù coille bha faisg air. Ged a bha geard dhethn arm-dhearg afreiceadan mu thimchioll an taighe, gu sealbhach cha do mhothaich a h-aon diù dha. Cha deach e fad air astar gus na thachair fear dheth a chuid each féin ris, agus ged a bha e gun srian gun diallaid chaidh an Diùc air a mhuin, agus cha do lasaich
[45] e eang gus an dràinig e taigh a charaid Mr. Moraidh Obair-Charnaig. ’Nach ceart a thuirt am facal,— “Gur feumail a dhol air each mallsan àm nach faighear an saoidh.” Cha tug an Diùc roin àm so ceannfath sam bith do mhuinntir Sheòrais air a ghlacadh; nan tugadh chan fhaigheadh iad cho faisg air sa fhuair iad: ’s en aon ni mun robh iad air son a chuir fo ghlais, fios a bhi aca gum bu duine cumhachdach e aig an robh mòran luchd-leanmhuinn agus shaoil iad a chumail an làimh gus an rachadh an dara taobh dhaibh féins do Thearlach; achs ann a bhrosnaich an ionnsaidh mhi-fhearail so a thugadh air e gu eiridh le fraoch agus graide: agus ann am beagan laithean thog e a chuid daoine ann an aobhar a Phrionns’, a bha mu thuaiream mìle fear ann an àireamh, agus dhfhalbh e-féin air an ceann.

Feadh a dhfhan Tearlach ann an Peairt thainig iomadach ceann-cinnidh len cuid daoine ga ionnsaidh, Tighearna Shrath-Ailein sachuid daoine; Tighearna Ogailbhi, mac IarlAirlie, agus a dhaoine; Tighearna Shruthain agus a dhaoine; Iain Ruadh Stiùbhart Chinne-Chàrdain agus Stiùbhartaich bhraigh Pheairt: agus mòran de thuath Dhiùc-Abhaill; Morair Seòras Moireach le feachd ro lionmhor dheth a chinneadh féin. Bha Morair Seòras na leth sheann-duine mun àm so. Bha e ann am blàr Sliabh an t-Siorraim sabhliadhna 1715. Bha e na shaighdear ro fhòghluimte ann an dòighean an airm; bha uidhir adhearbsaig Tearlach ás a sheòltachd is gu drinn e ard-sheanalair dheth thar chàich gu léir.

Nuair a ràinig Tearlach Peairt cha robh aige na sporan ach aon ghinni òir. Air an aobhar sin dh-òrduich


[46] e buidheann dheth a shluagh a chuir air feagh gach baile mun cuairt a thogail airgeid cìse: mar so thrus e rud math airgeid, agus chuir cuid de dhaoin-uaisle Dhun-éideinn beagan airgeid da ionnsaidh. Thog e ann am baile Pheairt féin cuig-ceud Pund Sasunnach.

Dhfhan Tearlach ann am Peairt ochd laithean atrusadh airgeid agus atogail dhaoine, agus bha Morair Seòras Moireach acuir an airm ann an òrdugh, agus atoirt beagan ionnsachaidh dhaibh mar dheanadh siad iad-féin a ghnàthachadh ri uchd catha; agus fhuair e màlaidean cainbe air an deanamh, a h-aon do gach saighdear, anns an giùlanadh iad an cuid mine oir cha buirrtan fheachd so a chumail suas air dòigh sam bith eile le cion cosgais.

Air di-Dòmhnaich an t-ochdamh latha de mhìos meadhonach an Fhoghair chaidh am Prionnsa agus a chuid uaislean don eaglais, agus tha e air aithris gum be sin a chiad Searmoin Phrostanach a chuale riamh. Am feadh a dhfhan e ann am Peairt bha e còir, caoimhneil ris gach duine rachadh nachainnt, agus thug e litrichean-rathaid, no cead-siubhail, do dhioma fear de luchd na féillechum is nach glactiad féin non cuid, mar bhiodh iad a triall dachaigh gun ionadan comhnaidh fa-leth. Am measg chàich thainig ceannaiche mòr Lunnainneach a dhiarraidh litir-rathaid air, agus an uair a thug e dhà i dhiarr e air a bhig innse do na Lunnainnich nach bfhada gus am faiceadh iad Tearlach Stiùbhart agus na Gàëil ann an cùirt an Righ an Lunnainn.

titleCaibidil VI
internal date1844.0
display date1844
publication date1844
level
reference template

Eachdraidh a’ Phrionnsa %p

parent textEachdraidh a’ Phrionnsa, no Bliadhna Thearlaich
<< please select a word
<< please select a page